Search
Dualchas – Sgeulachdan is Òrain is Eile

Dualchas – Sgeulachdan is Òrain is Eile

Leasan 6

Gnìomh A- Bhideo

Seall air an bhideo seo far a bheil Caitlin ag innse dhuinn barrachd mun cheangal eadar nàdar agus beul-aithris.

Gnìomh B - Fionn MacCumhail agus na Fèinne

Tha Fionn MacCumhail mar 'superhero' nan Gàidheal. Nach èist thu ris an dà chlàradh seo agus bruidhinn mu dheidhinn.

Seo agad ceistean mun chiad chlàradh agus tàr-sgriobhadh mar chuideachadh.

A-nis, cleachd am bocsa rannsaich air an làraich seo fhèin agus feuch ri clàradh a tha a' còrdadh riutha agus a bhuineas dhan àite no dhan eilean aca a lorg.

Gniomh C - Pupaidean Faileasach agus Meanbh Bheothachadh

Dh’ fhaodadh a’ chlann an sgeulachd innse ann an dòigh ùr.

’S e aon dòigh fhurasta sgeulachd à dualchas aithris às ùr le shadow puppets agus dèarrsaidhean a chur air balla ann an rùm/talla dorcha. Dh’ fheumadh tu toilet rolls, pàipear/film trom fhaic thu, pinn permanent marker agus tordsaichean. Tha stiùireadh an seo.

No dh'fhaodadh tu dealbh a thoirt beò le pìos pàipeir is peansail. Tagh caractar bho sgeulachd no òran agus seo agad beagan stiùireadh.

Gniomh D- Comic/Role Play Drama

Dh’fhaodar comic sìmplidh a dhèanamh gus sgeulachd aithris. Seo aon dòigh pasgan a dhèanamh air duilleag pàipeir gus leabhran beag a dhealbh.

Dh’fhaodar app ‘Comic Life 3’ a chleachdadh airson comic a dhèanamh.

Airson role play, dh’fhaodadh tu sgriobt sìmplidh a dheasachadh m.e. agallamh a nì neach-naidheachd le diofair chreutairean/ taibhsean/ charactaran à eachdraidh na sgìre agad