Search

Dealan-dè

Date 29 November 1990
Track ID 100109
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1990.11.30

Summary

John Norman MacLeod discusses a recent trip to Nova Scotia and Cape Breton.

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Iain Tormod MacLeòid (IM): 'S e rud a tha a' dol an-dràsta, tha twinning mar a chanas iad, eadaras Roinn na Gàidhealtachd agus Ceap Breatainn. Tha seo air a bhith a' dol a-niste airson mu còig no sia a bhliadhnaichean. Ach bha cothrom agam a dhol a-null. Bha còmhraidhean agam ris na daoine a tha an sàs... no againn, a bu chòir dhomh a ràdh ann a sheo aig Sabhal Mòr, ris na daoine a tha an sàs ann an Roinn... aig Roinn na Gàidhealtachd bhon an taobh seo dhen an twinning, agus bha mi air tachairt ri daoine bho Cheap Breatainn a bha a-bhos, agus mar sin, bha sinn a' bruidhinn air cothrom aon den an luchd-teagaisg a dhol a-null agus feuchainn ri ceanglaichean, no barrachd cheanglaichean a dhèanamh eadaras ionadan foghlaim eile thall ann an Ceap Breatainn agus sinn fhìn, agus anns an fharsaingeachd dìreach cothrom a ghabhail dhen an twinning a bha seo agus faicinn dè bha a' tachairt thall ann an Ceap Breatainn.

Cailean MacIllEathain (CM): Mar sin, bha mòran obrach agaibh ri dhèanamh thall?

IM: Uill, rinn mi tòrr siubhail cheana. Bha mi thall airson faisg air dà sheachdain, agus bha mi dà latha ann an Halifax, ann an Nova Scotia, Alba Nuadh, agus an uair sin chaidh mi air adhart gu Ceap Breatainn fhèin, Eilean Cheap Breatainn, 's bha mi ann a shin faisg air dusan latha, agus feumaidh mi aideachadh, bha càr agam agus fhuair mi timcheall, 's bha sin math 's bha e feumail airson tòrr dhen eilean fhaicinn, agus cuideachd bha mi a' faicinn daoine ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte dhen an eilean 's mar sin bha e... bha e riatanach càr a bhith agam, 's mar sin fhuair mi timcheall tòrr dhaoine.

CM: An robh thu a' smaoineachadh aig an àm gun robh muinntir Cheap Breatainn airson gum biodh barrachd cheanglaichean eadar iad fhèin agus... agus an Seann Dùthaich, mar a chanas iad fhèin?

IM: Tha iad gu math measail... cluinnidh tu iad a' bruidhinn fad na h-ùine air an t-Seann Dùthaich, 's tha iad uabhasach toilichte daoine a bhith a' dol a-null, agus 's e sin aon rud co-dhiù, agus mar sin bha mi a' faireachadh, air a bha mi thall, bha... thug iad fàilte air leth math dhomh, agus bha sin... bha sin math, 's bha thu a' faireachadh gun robh thu am measg daoine a bha thu... ged nach robh thu eòlach orra, bha thu a' cur eòlas orra ann an ùine gu math goirid, agus rinn iad a h-uile càil cho furasta bhon an taobh sin dheth. Ach bu thoigh leothasan cheana, tha iadsan uabhasach dèidheil gum biodh barrachd cheanglaichean ann, agus feumaidh mi aideachadh gu bheil sinn a-niste cuideachd. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr rudan ann a dh'fhaodas sinn a dhèanamh còmhla. 'S e sin an dòigh a tha mi a' faicinn a tha an twinning a tha seo gu bhith ag obrachadh, eadar-cheanglaichean a bhith ann, chan e air aon taobh no air taobh eile, ach an dà thaobh a bhith ag obair còmhla, agus tha iadsan a' faireachadh cho... air a thig daoine a-null à seo, gu bheil e a' toirt dhaibhsan misneachd. Tha fhios a'm gu bheil eadar-dhealachaidhean mòra ann a thaobh an dà àite ach an dèidh sin, tha sinn gu math dlùth mar shluagh 's a h-uile càil eile, 's tha cuideachd tòrr rudan a tha co-ionnan ann a thaobh an dà àite.

CM: An d' fhuair thu cothrom beachdachadh air suidheachadh na Gàidhlig thall an sin?

IM: Uill, fhuair. Bha fhios a'm air beagan mus deachaidh mi a-null airson tha... o chionn bhliadhnaichean ann a sheo a-niste, tha co-labhairtean 's eile air a bhith a' tachairt 's tha daoine air a bhith a' dol a-null à seo fhèin, agus le oileanaich cuideachd a bhith a' tighinn à Ceap Breatainn gu Sabhal Mòr Ostaig, mar sin tha beagan... bha beagan tuigse agam air a suidheachadh. Ach bha mi a' cluinnteil mus deachaidh mi a-null nach robh cùisean uabhasach math, agus tha eagal orm a ràdh gur e sin a' bheachd a th' agam fhathast. Ach dh'fhaodadh daoine cheana, a thèid a-null an siud air turas, a bhith a' smaoineachadh, air sgàth 's gu bheil thu a' tachairt ri tòrr aig a bheil Gàidhlig, 's dòcha gu bheil thu a' faicinn, dòcha gu bheil thu a' dol gu ionadan far a bheil Gàidhlig air a theagasg no air a bhruidhinn, dh'fhaodadh tu a bhith a' smaoineachadh gu bheil thu ann an àite air leth Gàidhealach. Ach 's e suidheachadh fìor, nach eil a' Ghàidhlig uabhasach fhèin làidir ann an Ceap Breatainn. Tha i a' falbh air leth luath, agus an-diugh tha iad a' bruidhinn air rudeigineach coltach ri ochd ceud, cho beag ri ochd ceud, agus tha sin duilich fhaicinn gu bheil an àireamh air tuiteam cho mòr, airson aig toiseach na linne, bha deich uiread sin ann, a dheich uiread, dìreach an aon àireamh 's a th' againn ann a sheo fhèin an-dràsta.

CM: A bheil seirbheis rèidio aca thall an sin?

IM: Tha, 's bha mi fortanach fhad 's a bha mi thall, mas e fortanach am facal, bha mi air an rèidio dà thuras co-dhiù. Ach 's e aon phrògram Gàidhlig a th' ann, Island Echoes, agus tha tòrr ga èisteachd a-niste, 's e sin an rud, airson tha iad uabhasach dèidheil air a' cheòl, agus 's e cluich clàran 's ceòl às an t-Seann Dùthaich ann a sheo a bhitheas iad, Rosemary NicCormaig, 's tha seo air a bhith a' dol a-niste o chionn bliadhnaichean. Ach a bharrachd air sin, 's e sin aon rud a chuir iongnadh orm, nach robh iad a' dèanamh barrachd air an rèidio a thaobh na Gàidhlig air sgàth 's gu bheil uiread a luchd-èisteachd ann. Bha dùil a'm, dòcha gum biodh barrachd... 's e sin aon chothrom, a chanainn-sa, a bhiodh aca airson daoine a bhith a' cleachdadh... cleachdadh na Gàidhlig thall.

CM: Saoil a bheil cothroman agaibh fhèin oileanaich a thrusadh thall ann an Ceap Breatainn?

IM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil an cothrom ann, ma tha na daoine freagarrach ann. Gu mì-fhortanach, tha mi a' smaoineachadh gur e an trioblaid a th' ann, mar a tha dòcha a bha a' tachairt ann a sheo o chionn bhliadhnaichean, tha ginealach ann a th' air a' Ghàidhlig a chall, agus 's e glè bheag dhen an òigridh aig a bheil a' chànan, agus tha mi a' smaoineachadh an fheadhainn aig a bheil i, gu bheil iad air a bhith ann a sheo mar-thà, tòrr aca. Na triùir a thàinig a-nall. Chan eil cus dhe na h-aoisean a tha sin a bhruidhneas a' Ghàidhlig, no a tha fileanta sa... tha a' mhòr-chuid dhe na tha a' bruidhinn a' chànan 's e... tha iad trì fichead no mar sin. Ach tha oidhirpean air a bhith ann taobh òigridh, agus tha rudan a' tachairt, ach 's e clasaichean a th' ann - chan e gu bheil càil a' tachairt taobh a-staigh structure foghlam, agus bhiodh e math faicinn nam biodh sin a' tachairt acasan cuideachd. Ach dòcha gum bi, dòcha gum bi. Tha sinn an dòchas dòcha gum biodh cothroman ann daoine a' tighinn a-nall co-dhiù airson ùine ghoirid, agus dòcha cùrsa a ghabhail aig an t-Sabhal, no treiseag a chur seachad fiù còmhla ri buidheannan eile cuideachd ann an Alba, 's dhèanadh e feum.

CM: A bheil suidheachadh na Gàidhlig thall ann an Ceap Breatainn na chùis phoilitigeach, mar gum bitheadh?

IM: Tha gu mòr. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Tha poilitigs co-dhiù, tha mi a' smaoineachadh, tha e anns a h-uile gnothach. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a h-uile càil nas poilitigiche. Sin a' bheachd a bh' agamsa co-dhiù. Agus 's e ceist gu math poilitigeach a th' ann an Gàidhlig, tha mi a' smaoineachadh. Tha Canada, mar a tha i co-dhiù, tha i dà-chànanach gu h-oifigeil a thaobh Fraingis agus Beurla, agus tha i ioma-chultarach, multicultural, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin dòcha a' dèanamh trioblainn. Tha iad gu math mothachail air cànanan, agus air cultaran eile, ach gu mì-fhortanach dòcha on a tha, tha iad beagan eagalach a bhith a' dèanamh barrachd airson aon chànan no a bhith a' dèanamh barrachd airson a' chànan eile, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' dèanamh trioblaidean dhaibh. Tha an riaghaltas cheana a' toirt beagan taic dha feadhainn dhe na buidheannan a tha an sàs. Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil feum dòcha air an cuideachadh a tha sin, smaoineachadh cà 'il e a' dol 's cà 'il an t-airgead a' dol, 's chan eil mi a' faireachadh gu bheil an siostam ag obrachadh ceart, gur e sin an rud. Tha tòrr bhuidheannan an sàs ach chan eil dòcha daoine a' tighinn còmhla 's chan eil iad ag obrachadh còmhla.

CM: Math dh'fhaodte gun cuireadh e iongnadh air mòran gu bheil Fraingis ann an suidheachadh nas làidire na tha a' Ghàidhlig thall ann an Ceap Breatainn?

IM: Uill tha sin fìor. Feumaidh sinn a chuimhneachadh, bha Frangaich ann an toiseach, agus 's ann a chaidh tòrr dhe na Frangaich, ghluais iad air a thàinig na h-Albannaich agus na sluaghan eile a-staigh. Ach tha iad air ais, agus tha iad air tòrr a dhèanamh a-niste a thaobh Fraingis anns na sgoiltean, agus mar a thuirt mi, tha an stàit fhèin gu nàiseanta, tha e dà-chànanach, agus tha feadhainn dhe na sgìreachdan an uair sin, na provinces, stàitean, tha iadsan poileasaidhean dà-chànanach aca fhèin. Ach tha na Frangaich air tòrr a dhèanamh agus... tha iad air tòrr a dhèanamh anns na sgoiltean immersion, agus 's e rud... bha sinn fhìn ag ionnsachadh bho sin, tha mi a' smaoineachadh, bho thoiseach, agus tha... ionnsaichidh daoine bho chèile. Ach 's e rud a th' air tachairt bho bhliadhnaichean eile, tha sluaghan eile mar na Mi'kmaq, tha iad fhèin a-niste nas mothachail air dè bu... na h-Innseanaich, dè bu chòir dhaibh fhèin a dhèanamh airson an cànan a bhith aig a' chlann. Agus mar sin, tha tòrr gluasadan a' dol air adhart am measg... a bharrachd air na Frangaich, na sluaghan eile cuideachd.

CM: Dè tha sibhse an dòchas a thig às an turas a bh' agaibh fhèin?

IM: Uill chaidh ceanglaichean math a dhèanamh le ionadan foghlaim thall ann a shin, agus cuideachd, ma tha mi a' tadhal air rudan mar an Clachan Gàidhealach, far a bheil... uill, 's e museum a th' ann, ach tha iad a' cleachdadh Gàidhlig ann a shin, ach bha sinn an dùil gum bu chòir dhuinn anns a' chiad dol a-mach barrachd fiosrachadh a bhith a' dol air ais 's air adhart eadaras an dà dhùthaich, agus bhiodh sin fhèin feumail. Agus cuideachd, tha sinn a' sùileachadh gum bi daoine a' tighinn a-nall à Ceap Breatainn 's a' cur seachad ùine dòcha aig Sabhal Mòr air cùrsaichean Gàidhlig, agus nì sin feum dhaibh. 'S e sin a tha a dhìth orra. Nam biodh fiù fichead fileanta, daoine òga a bhiodh fileanta, dhèanadh sin fhèin feum thall. Tha dìth luchd-bruidhinn orra a tha òg gu h-àraid. Agus bha sinn a' bruidhinn dòcha daoine eile à Sabhal Mòr a' dol a-null 's a' faicinn... agus cuideachd às a' Ghàidhealtachd, agus... ach 's e dìreach an seòrsa rud a bha sin, bha sinn a' bruidhinn air oileanaich a bhith a' dol a-null cuideachd 's a' cur seachad, mar a rinn aon dhe na h-oileanaich againn fhìn, samhradh seachad ann a shin, no a bhith a' dèanamh ùine greis-gnìomhachais thall. Dìreach rudan mar sin. Agus 's e toiseach-tòiseachaidh a bhiodh ann, agus bha iad uabhasach fhèin taiceil mu dheidhinn seo, 's tha mi a' smaoineachadh gun tachair rud no dhà ceangailte ri sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good