'S Toigh Leam an Tè Dhìleas Dhonn
Contributors
Fieldworkers
Date
13 July 1976
Track ID
101511
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1976.103.B4
Original Tape ID
Summary
In this love song a man says that he likes the faithful girl. He praises her and says that he was crying in case she had married whilst he was away.
Recording Location
County - Midlothian
Parish - Edinburgh
Village/Place - Edinburgh
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn,
Mi om leannan 's fhada leam.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
'S toigh leam an tè dhìleas, dhìleas,
'S mìog-shùile dh'fhàg m' inntinn trom.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
'S toigh leam an tè dhìleas shocrach,
Ceum do choise 's docha leam.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Air do shlàinte dh'òlainn botal,
Ged a chosgadh e dhomh bonn.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Air do shlàinte dh'òlainn buideal,
Ach do chuideachd a bhith leam.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Gura mise tha làn airtneil,
A-muigh air machair nan Gall.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
A-muigh air machair na buaile,
'S coltas mo luaidh chan eil ann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Oidhche Nollaig 's na Bliadhn' Ùire
Gun d' shil mo shùilean gu trom.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Eagal orm mun tèid mi dhachaigh,
Gun tèid air mo chaileig bann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Eagal orm gun toir iad bhuam thu,
Nic an t-Saoir bho Chruachan Beann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Nighean fir a thogadh bàta,
Chuireadh each an càrn 's an crann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Ach ma dh'innseas mi an fhìrinn,
'S e nighean cìobair a th' ann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn,
Mi om leannan 's fhada leam.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Uill, aig nighean a' mhinisteir, nighean Iain MhicRuairidh, 's ann a chuala mi... 's ann a chuala mi am fear ud. Cha robh uiread siud de rainn aice, ach fhuair mi feadhainn eile dhe na rainn bhon uair sin ann an seann phàipear-naidheachd. Bheil fhios a'd, newspaper cutting. Ò, chan eil fhios a'm dè am pàipear-naidheachd a bh' ann, ach... Tha an t-uabhas dhe na cuttings ud agam a-staigh - feadhainn a fhuair mi 's feadhainn a dh'fhàgadh agam 's a leithid sin, 's uaireannan mar sin gheibh mi ceathrannan eile de sheann òrain a chuala mi fhèin mar-thà.
Mi om leannan 's fhada leam.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
'S toigh leam an tè dhìleas, dhìleas,
'S mìog-shùile dh'fhàg m' inntinn trom.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
'S toigh leam an tè dhìleas shocrach,
Ceum do choise 's docha leam.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Air do shlàinte dh'òlainn botal,
Ged a chosgadh e dhomh bonn.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Air do shlàinte dh'òlainn buideal,
Ach do chuideachd a bhith leam.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Gura mise tha làn airtneil,
A-muigh air machair nan Gall.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
A-muigh air machair na buaile,
'S coltas mo luaidh chan eil ann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Oidhche Nollaig 's na Bliadhn' Ùire
Gun d' shil mo shùilean gu trom.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Eagal orm mun tèid mi dhachaigh,
Gun tèid air mo chaileig bann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Eagal orm gun toir iad bhuam thu,
Nic an t-Saoir bho Chruachan Beann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Nighean fir a thogadh bàta,
Chuireadh each an càrn 's an crann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Ach ma dh'innseas mi an fhìrinn,
'S e nighean cìobair a th' ann.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn,
Mi om leannan 's fhada leam.
'S toigh leam an tè dhìleas dhonn.
Uill, aig nighean a' mhinisteir, nighean Iain MhicRuairidh, 's ann a chuala mi... 's ann a chuala mi am fear ud. Cha robh uiread siud de rainn aice, ach fhuair mi feadhainn eile dhe na rainn bhon uair sin ann an seann phàipear-naidheachd. Bheil fhios a'd, newspaper cutting. Ò, chan eil fhios a'm dè am pàipear-naidheachd a bh' ann, ach... Tha an t-uabhas dhe na cuttings ud agam a-staigh - feadhainn a fhuair mi 's feadhainn a dh'fhàgadh agam 's a leithid sin, 's uaireannan mar sin gheibh mi ceathrannan eile de sheann òrain a chuala mi fhèin mar-thà.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good