Search

Prògram Choinnich

Date 01 September 1997
Track ID 10339
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 01.09.1997

Summary

A Gaelic immersion course in Falkirk.

Teacher Christopher Dillon explains that about twenty students are involved in a Gaelic immersion course in Falkirk College, that the emphasis is on the spoken language rather than writing and literature, and that the students should be able to hold a conversation by the end of the course.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Stirlingshire

Parish - Falkirk

Village/Place - Falkirk

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha cùrsa bogaidh Gàidhlig dìreach air tòiseachadh aig Colaiste na h-Eaglaise Brice, 's bidh suas ri fichead an làthair. Bidh an cùrsa a' tòiseachadh an Cille Bhrìghde an Ear an t-seachdain sa tighinn. Bha dòchas gum biodh cùrsa an Cille Mhearnaig agus am Peairt, far an robh deich duine fichead air ùidh a shealltainn ann, ach cha robh ùine gu leòr aig na colaistean an cur air dòigh am-bliadhna. Tha Crìsdean Dillon an sàs anns na cùrsaichean. Tha e còmhla rium ann an Inbhir Nis. A Chrìsdein, innis dhomh beagan mu dheidhinn cùrsa na h-Eaglais Bhric an toiseach.

Crìsdean Dillon (CD): Uill, cùrsa na h-Eaglaise Brice, 's e Colaiste na h-Eaglaise Brice a tha ga ruith, ach tha campa aca ann an Sruighlea, agus 's ann ann a shin a tha mi a' teagasg. Niste, thòisich sinn Dimàirt sa chaidh, an cùrsa a tha sin, agus mar a thuirt... mar a thuirt thu fhèin ann a shin, tha suas gu fichead duine a' tighinn chun a' chùrsa. Tha iad a' gabhail na Gàidhlig a h-uile latha. Tha teagasg ceithir uairean de thìde a' dol a h-uile latha. Tha mi fhìn a' dèanamh trì làithean san t-seachdain - Dimàirt, Diciadain 's Diardaoin - agus tha am boireannach ainmeil sin, a thaobh seinn gu h-àraid, Màiri NicColla, a' tighinn a-staigh thuca airson a bhith gan teagasg Diluain agus Dihaoine. Agus mar sin, biomaid an dòchas gun ruitheadh an cùrsa... tha e gu math dian, an cùrsa a th' ann, agus biomaid an dòchas gum biodh iad gu math comasach air bruidhinn, fhios agad, còmhraidhean beaga, chan ann mar rudan dhomhainn mar a tha feallsanachd 's gnothaichean mar sin, ach deagh chòmhradh a chumail suas ri daoine mus tig... mus ruith a' bhliadhna a-mach.

CM: Tha thu ag ràdh, cùrsa dian. Chan e a-mhàin gu bheil e dian dha na daoine a tha ag ionnsachadh, chan eil rian nach eil dian do dhuine... dhut fhèin. Tha thu ag ràdh trì latha anns an t-seachdain, ceithir uairean a thìde anns an latha, a' teagasg mar seo. Chan eil rian nach eil e... nach eil... nach eil e trom.

CD: Uill, tha dòighean ann sin a leasachadh, a bheil fhios agad. Tha thu... chan urrainn dhut dalladh orra fad na h-ùine, no bhiodh iad a' sreap nam ballachan agad, na daoine bochda.

CM: Ach nuair a tha sinn a' bruidhinn air cùrsa bogaidh, ge-tà, dìreach mìnich dhuinn dè tha sinn a' ciallachadh le seo. Dè th' ann an cùrsa bogaidh?

CD: Chan eil mi fhìn dìreach buileach cinnteach. Tha na cùrsaichean a tha seo rudeigin ùr, agus mar sin, feumaidh iad... feumaidh iad ruith greis. Fhios agad, tha cùrsa dhen t-seòrsa anns a' Ghearasdan, 's cùrsa eile ann a sheo ann an Inbhir Nis. Tha mi a' smaointinn gur e, fhios agad, a bhith a' toirt dhaibh de Ghàidhlig nas urrainn dhut mar a tha iad a' dol air adhart, a bhith a' cumail gu h-àraid bruidhinn na Gàidhlig riutha, labhairt na Gàidhlig riutha. Mar a tha tòrr dhe na cùrsaichean air a bhith gu ruige seo, tha daoine caran air a bhith an làimh air sgrìobhadh agus beagan de leughadh 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin, 's a' coimhead air adhart ri exams a dhèanamh, deuchainnean a dhèanamh, 's rudan mar sin, agus tha labhairt uaireannan, fhios agad, chan eil e cho làidir 's gum faodadh e a bhith. Agus 's e seo an rud a tha fa-near dhuinne. Tòiseachadh leis an labhairt, gu h-àraid. Bruidhinn na Gàidhlig an toiseach. Agus an uair sin leughadh, gun a bhith a' dìochuimhneachadh leughadh, agus an uair sin sgrìobhadh aig... mar an treas ìre.

CM: Uill, carson a tha na h-uimhir de dh'ùidh a' nochdadh ann an seo an-dràsta, a bheil thu fhèin dhen a' bheachd?

CD: Uill, tha mi a' smaointinn gu bheil tòrr ùidh a' nochdadh, fhios agad. Tha mi a' smaointinn gun robh ùidh riamh anns a' Ghàidhlig. 'S e an rud a th' ann, gu bheil cothroman a-nist air dùsgadh, agus gu h-àraid, fhios agad, mar a tha na colaistean a' ruith nan rudan a tha seo, a Choinnich, tha, can, màthraichean aig a bheil clann ann an aonadan Gàidhlig, pàrantan, fhios agad, faodaidh iad brath a ghabhail air a seo, a chionn 's tha e caran air a ruith gus gum fàg iad a' chlann anns an sgoil sa mhadainn 's gum bi iad air ais ron chloinn feasgar, a bheil fhios agad, 's iadsan a' dèanamh na Gàidhlig iad fhèin, mar gum b' eadh, ann an uairean sgoile, a tha... a tha a' freagairt orra. Agus cuideachd, a bheil fhios agad, gu h-àraid, can, aig Cille Bhrìghde an Ear... Tha Sruighlea làn ann an dòigh. Chan eil mi a' smaointinn gum b' urrainn dhuinn mòran a chòrr a ghabhail, 's dòcha duine no dithis eile a ghabhail, ach cha b' urrainn mòran a chòrr air a sin. Ach Cille Bhrìghde an Ear, mar eisimpleir, tha bursaries a' dol, agus tha àite ann a shineach airson sianar no seachdnar eile. Fhios agad, chan eil ann ach beagan 's an dusan no mar sin aig Cille Bhrìghde an-dràsta, Cille Bhrìghde an Ear. Tha bursaries bheaga a' dol, a tha a' toirt dha na daoine a tha seo cuideachadh. A bheil fhios agad, gu bheil... dìreach taic-airgid a tha ga dhèanamh comasach dhaibh a dhol a-mach agus an rud a dhèanamh. Tha, mar gum b' eadh, na fees air a phàigheadh 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin.

CM: Tha sin ga dhèanamh nas fhasa dhaibh a dhol chun na cùrsaichean. Ach do dhuine dhe do sheòrsa fhèin an-dràsta, a tha a' feuchainn ri cùrsa a stèidheachadh, tha thu ag obair ann an sin, 's dòcha rud nach... a chaidh fheuchainn ann an àite no dhà, thathas a' feuchainn ann an àite no dhà eile, 's e... chan e rud ùr a th' ann ann an cànanan eile idir, mar a tha sinn... mar a tha fhios againn. Ach can an-dràsta, àitichean mar Peairt, mar eisimpleir, ann an sin. Chan eil iad ga chur air adhart am-bliadhna, ach bha deich duine fichead a' sealltainn ùidh ann, nach robh?

CD: Bha, a rèir mar a chuala mi. Cuideigin a tha sa chlas agamsa, a thàinig a-nuas à Peairt, ann an Sruighlea, 's bha iad ag ràdh gun robh deich duine fichead ann, ach 's e an rud a thachair an sin, a bheil fhios agad, a thachair ann an Sruighlea 's ann an dòigh a thachair ann an Cille Bhrìghde an Ear cuideachd, ach dìreach gun deach... gun deach againn, mar gum b' eadh, air an rud a chur... a chur gu dol. Ach, a bheil fhios agad, bidh Colaiste Pheairt a' coimhead airson cuideigin a thigeadh a-staigh a dhèanamh an deisealachaidh 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin. A bheil fhios agad, lecturers, tutors - taoitearan a thigeadh a-staigh. Agus bha iad dìreach a' faireachdainn nach robh an ùine ann.

CM: 'S a bheil iad, a-rèiste, a' dol ga dhèanamh 's dòcha an ath-bhliadhn'?

CD: Ò chanainn-sa gum biodh iad an làn dhùil. Fhios agad, coimheadaidh iadsan airson cuideigin an-dràsta a nì an deisealachadh a tha a dhìth orrasan airson an rud a dhèanamh. Fhios agad, nach bi a h-uile sìon dìreach cho cabhagach. Tha e rudeigin trom air mo leithid fhìn, fhios agad, a' dol a-staigh a dh'àite, dìreach gad thàirneadh leis a... ris an aghaidh chailc anns a' bhad, a bheil fhios agad. Agus tha mi a' smaointinn, iomadach duine, cha bhiodh iad... cha bhiodh iad ro dheònach a leithid a dhèanamh, ach chaidh agamsa air a dhèanamh, 's tha sinn... tha sinn a' ruith a' chùrsa a tha sin a-nist ann an Sruighlea, 's cuideachd an Cille Bhrìghde an Ear.

CM: Agus àite eile cuideachd a tha a' sealltainn ùidh mhòr anns an obair a tha seo, 's e Oilthigh Phàislig, nach eil?

CD: Tha Oilthigh Phàislig, tha. Bha mise a' teagasg an sin fad... lecture-adh thall fad an t-samhraidh, feasgraichean a' lecture-adh na Gàidhlig, agus tha iad airson sin a chumail a' dol. Tha iad cuideachd airson... tha campa acasan, campus, campa aca shìos ann an Inbhir Àir, Ayr, aig Craigie College, Colaiste Chraigie, agus tha miann mòr acasan a' Ghàidhlig a thoirt air adhart, 's tha mi a' smaointinn a-rithist gur e an suidheachadh a th' ann far am biodh iad airson labhairt na Gàidhlig adhartachadh 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Anns na seann oilthighean an seo - tha mi a' ciallachadh Glaschu, Dùn Èideann agus Obar Dheathain le seo - tha iad rudeigin dualtach air a bhith a' coimhead air an litreachas 's gnothaichean mar sin, 's dh'fhaodadh duine tighinn a-mach le teist ann an... anns na cànanan Ceilteach gun smid, cha mhòr, aige dhen chànan fhèin. Tha iad ag atharrachadh rud beag, ach gu ruige seo, dh'fhaodadh duine teist na Gàidhlig a ghabhail agus gun mòran dhen Ghàidhlig aige no aice, agus tha mi a' smaointinn gu bheil Pàislig a-nist a' coimhead ach an atharraich sin rud beag.

CM: Dè seòrsa daoine a tha thu a' faicinn, anns a' chumantas, a tha a' dol a-steach airson na cùrsaichean a tha seo? A bheil e ro fhurasta sin a ràdh? A bheil mi a' coimhead airson freagairt sìmplidh far nach eil freagairt sìmplidh ann?

CD: Tha. Tha thu a' coimhead airson freagairt sìmplidh far nach eil freagairt sìmplidh ann. Tha a h-uile seòrsa duine. Tha daoine a' tighinn ann a chionn 's gu bheil ùidh aca, can, ann an cànanan - linguists, mar gun canadh tu. Tha a leithid sin a' nochdadh. Ach anns an fharsaingeachd, anns na cùrsaichean bogaidh a tha seo - 's cuimhnich, chan eil iad ach air tòiseachdainn, 's mar sin, tha mi dìreach ag ràdh seo an-dràsta. 'S dòcha gun atharraich mo bheachd mar a thèid an gnothach air adhart rud beag. Tha sinn a' faighinn an deagh rian de dhaoine a tha a' tighinn, dìreach an duine cumanta, mar a chanas iad, fhios agad, aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig, aig a bheil clann, 's dòcha, ann an aonad Gàidhlig, no dìreach aig a bheil ùidh ann an eachdraidh, ann an aithnte na h-Albann 's gnothaichean mar sin. Tha iad a' faireachdainn gu bheil i air lagachadh, air taiseachadh rud beag às, agus tha iadsan airson a bhith air ais an sàs, an grèim anns an aithneachadh a tha seo, a tha iad a' faireachdainn a bhuineas dhaibh.

CM: Uill, 's dòcha gur e rud a dh'fheumas sinn a dhèanamh, a-rèiste, nas fhaisge air àm Nollaig, nuair a tha thu fhèin air a bhith air do bhogadh ann an seo airson greiseag... greiseag fhathast, cantainn riut a thighinn air ais agus innse dhuinn dìreach am beachd leis an do thòisich thu, an e sin a' bheachd a th' agad tighinn gu deireadh na cùrsa. A bheil thusa... a bheil thu a' smaoineachadh, daoine a thèid air a' chùrsa seo, gum bi e comasach dhaibh, ge-tà, a' Ghàidhlig a bhruidhinn gu fileanta?

CD: Ò tha. Tha mise air... bha mise a' dèanamh cùrsaichean oidhche an Inbhir Nis reimhid, agus tha deagh ghrunn, dìreach, can, thairis air trì bliadhna 's iad a' dol gu sgoil oidhche, ach tha an rud air a rian, fhios agad, gun rachadh iad air adhart ann an dòigh comasach, cunbhalach ann a shin, agus tha na daoine sin fileanta, 's tha sibh air a bhith a' bruidhinn riutha air an rèidio, gu dearbh, mar sin, ged nach robh fios agaibh cò às, anns an t-seagh sin, a thàinig a' Ghàidhlig aca. Tha iad air a bhith agaibh air an rèidio, an ìre 's gu math tric, feadhainn dhiubh.

CM: Tha sin math.

CD: Am faod mi... am faod mi dìreach rudeigin eile a ràdh?

CM: Faodaidh.

CD: Fhios agad, a thaobh Cille Bhrìghde 's gin dhe na colaistean, ma tha Gàidheal sam bith ag èisteachd, a bheil fhios agad, agus fios aca air cuideigin a tha san t-suidheachadh a tha seo, a dh'fhaodadh a dhol chun nan cùrsaichean, iad bruidhinn riutha agus iarraidh orra an colaiste as giorra orra fhònadh. Agus cuideachd a thaobh... cha tug mi ainmeachadh sam bith air a' chùrsa litreachais a bhiodh, 's dòcha... a bhithinn an dòchas a' ruith ann an Oilthigh Phàislig. Bhiodh sin airson Gàidheil, agus an teagasg gu tùr anns a' Ghàidhlig. Fhios agad, a' cur seòrsa de stad air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn na Gàidhlig an-còmhnaidh anns a' Bheurla. So, faodaidh iad fònadh a-staigh no rudeigin mar sin dha na colaistean as giorra dhaibh.

CM: Thuirt mi... thuirt mi, 'Ao-hao, a Chrìsdein', agus fhios agam dè bha thu a' ciallachadh le bhith ag ràdh a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn litreachas na Gàidhlig tron a' Bheurla, airson 's e sin a bha gu math tric na h-oilthighean a' dèanamh, nach e?

CD: 'S e, 's e. Agus fhios agad, ann an dòigh, fhios agad, tha iomadach Gàidheal ann, agus tha na h-oilthighean... fhios agad, tha na daoine foghlamaichte 's rudan mar sin, ach tha na cùrsaichean Gàidhlig caran dùinte dhaibh. Fhios agad, chan eil e cho furasta dhaibh a dhol thuca 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Ach tha suim mhòr aca anns an litreachas aca fhèin, a bheil fhios agad, agus bu toigh leotha a dhèanamh. Agus an dòigh anns an robh mise a' coimhead air cuideachd, na daoine a tha seo, na Gàidheil a tha seo, comasach 's mar sin air adhart, fhios agad, mar eisimpleir, mar phròiseact gum faodadh iad bàrd ionadail a ghabhail, no cuspair sam bith a thogradh iad fhèin a ghabhail, anns an robh suim aca fhèin, agus 's dòcha coimhead 's beagan rannsachaidh a dhèanamh mu dheidhinn, gus taitinn a dhèanamh dhaibh fhèin agus rudeigin fhaighinn às aig a' cheann thall.

CM: Uill, a Chrìsdein, mar a thuirt mi, feumaidh tu a thighinn air ais ro àm Nollaig a dh'innse dhuinn ciamar a chaidh cùisean.

CD: Nì mise siud.

CM: Tapadh leatsa gu dearbha. Crìsdean Dillon ann an sin ann an Inbhir Nis.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good