Search

Prògram Choinnich

Date 29 August 1997
Track ID 10526
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 29.08.1997

Summary

A description of 'an t-uthar' a particular time in the middle of the year.

There was a particular time in the middle of the year, the last three weeks in July and the first three weeks in August, which was known as 'an t-uthar' and Marion MacLeod gives a description of this time. Usually this was a time of close, muggy weather when it was necessary to be especially watchful in regard to people's health and their food. People were careful about how they handled food. There were illnesses which were particular to this time of the year. She mentions the 'cnatan-uthair', a type of cold which resembled whooping-cough. She tells how difficult it was to make butter from the milk and also how people avoided killing animals at this time of year. When there was a death the funeral was carried out much quicker than normal as a result of the balmy weather and the lack of any cooling in the breeze. Marion had a saying that January lent three days to 'an t-uthar' and 'an t-uthar' paid back its gratefulness with three days to January. She also maintains that 'an t-uthar' and the 'dog days' are not fully equivalent terms.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Bha mi a' gabhail ceum coise air Sràid Chromwell ann an Steòrnabhagh an latha roimhe nuair a dh'fhaighnich tè dhomh an robh fhios agam dè a' Bheurla a bh' air an t-uthar. Cha robh. Ach nuair a thàinig mi air ais dhan an oifis, chaidh a ràdh rium gur e dog days a chanadh cuid ris an àm seo dhen a' bhliadhna. Mar a bhithinn-sa ga chluinntinn, a' cheala-deug mu dheireadh san Iuchar, a' chiad cheala-deug san Lùnastal. Àm a tha bruthainneach, nuair a dh'fheumas daoine a bhith faiceallach mu iomadh nì. Bha e 's dòcha tòrr nas cudromaiche a bhith mothachail air a seo nuair nach robh leithid a nì ri reothadair sna dachaighean againn. Tha cuimhne mhath aig Mòr NicLeòid air na cùraman a dh'fheumadh a bhith air daoine aig an àm a tha seo dhen a' bhliadhna sna lathaichean a chaidh seachad. Ciamar a tha thu, a Mhòr?

Mòr NicLeòid (MN): Tha gu math, tapadh leibh.

CM: Tha mise ag ràdh a' chiad... an ceala-deug bho dheireadh anns an Iuchar, a' chiad cheala-deug dhen an Lùnastal. Tha mi a' tuigsinn gu bheil sibhse ag ràdh gu bheil e nas fhaide na sin?

MN: Uill, bha sinn a' cluinntinn gun robh. Na trì seachdainean mu dheireadh dhen an t-samhradh, agus a' chiad trì seachdainean dhen an fhoghar. Bha sin a' toirt leis sia seachdainean gu lèir, 's bha sinn a' cluinntinn gum b' e sin an t-uthar, 's gum b' e sìde mhì-fhallain a bh' ann, sìde bhruthainneach, agus gun robh an t-uthar a' gabhail, mar gum bitheadh, smachd air dèiligeadh dhaoine ris a' bhiadh, agus ris a... slàinte nan daoine, 's gum feumte a bhith sònraichte faiceallach air gach rud sin, gu 'm biodh an t-uthar seachad.

CM: Tha mi a' creidsinn gur e an t-adhbhar a tha a' toirt oirnn a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn seo, 's e fìor aimsir uthar, mas e sin an dòigh a chanainn e, a th' air a bhith againn air a' bhliadhna seo, nach e? Tha e air a bhith gu math bruthainneach aig amannan, nach eil?

MN: Tha. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil uthar na bliadhna sa nas coltaiche ris an uthar na bha bliadhnachan a chaidh seachad, a thaobh bruthainn agus dìth fionnarachd. Agus a-nise, mus tàinig na cisteachan-reòthte, agus na gnothaichean eile a th' againn an-diugh, bhathas air leth faiceallach. Cha deigheadh beathach caorach no beathach mairt a mharbhadh gu 'm biodh an t-uthar seachad, bhon cha robh dòigh gleidhidh an uair sin air a' bhiadh ach an salann. Agus mun dèanadh an salann a' ghnothaich fhèin, bha grodadh air tòiseachadh anns a' bhiadh. Bha sin a' milleadh a' bhìdh, agus ri linn sin bhathas a' seachnadh a bhith a' marbhadh bheathaichean airson biadh an teaghlaich gu 'm biodh an t-uthar seachad. Cha robh e sàbhailte.

CM: Tha mi a' tuigsinn cuideachd gur e àm dhen a' bhliadhna a bh' ann agus cha bhiodh duine ag iarraidh a bhith tinn idir, airson cha robh e furasta faighinn seachad air. Nach eil sin ceart?

MN: Uill, bha tinneasan ann aig àm an uthair nach robh ann aig àm sam bith eile dhen a' bhliadhna. Ainmichidh sinn aon aca - cnatan-uthair. Nise, cha b' e àrd-theasach fala a bh' anns an tinneas sin idir, ach treamhlainn trom de chasadaich. Agus nan tigeadh e air naoidhean no air seann duine, air am biodh sac broillich no cuimh, bha e gan lagachadh gu mòr 's gan cur air ais, 's bha iad fada gun faighinn cuidhteas e. Agus mar sin, bhathas mar gum biodh feagal ron an uthar. Agus nam biodh leanabh ann an teaghlach nach robh ri tighinn air adhart gu math, bhathas sònraichte iomnach mu dheidhinn an leanabh sin, timcheall àm an fhoghair, bhon cha robh an leanabh sin cho làidir airson seasamh ris an tinneas 's a bhiodh leanabh a bha na bu treise, agus bha uaireannan ann nach dèanadh e a' chùis air idir, 's gun robh an tinneas a' dèanamh a' chùis air an leanabh.

CM: Nach robh an triuthach cuideachd na bu mhiosa aig an àm sin dhen a' bhliadhna?

MN: Bha an triuthach na bu mhiosa. Agus bha an cnatan-uthair a bha seo cho trom agus gun robh e duilich eadar-dhealachadh a chur eadar e agus an triuthach. Bha eadhon an sgread a bh' anns an triuthaich aig amannan anns a' chnatan-uthair, agus bha e leanmhainneach 's a' seasamh fada.

CM: An robh... rud eile a bhiodh sinn a' cluinntinn aig àm an uthair cuideachd, 's e sin bainne, agus rudan co-cheangailte ris a' bhainne a dh'fheumadh daoine a bhith faiceallach mu dheidhinn, agus cha robh na rudan àbhaisteach a' tachairt dhan a' bhainne a bha daoine a' gleidheadh, an robh?

MN: Cha robh. Uill, 's e am bainne, b' e sin annlann an teaghlaich, agus bhathas an urra ris gu mòr, agus an còrr nach robhas ag iarraidh airson feumalachd an latha, bhathas ga shuidheachadh. Bha sin a' ciallachadh, ga chur ann an soithichean airson gum faighte an t-uachdar dheth airson an t-ìm a dhèanamh. Agus bha an t-uthar cho bruthainneach agus mus tigeadh - ma gheibh mi air a chur ann an dòigh cheart - an t-uachdar gu uachdar, bha am bainne air binndeachadh 's air fàs tiugh, agus cha robh an t-uachdar air faighinn an-àirde. Agus gu math tric air a gheibhte chun na mèise airson an t-uachdar a thoirt dhith, 's e am miùg a bhiodh air a h-uachdar, 's bha sin a' ciallachadh gun robh iad às aonais an ime airson na greis a bha sin.

Ach bhite a' taghadh an àite a b' fhuaire a bha a-staigh - 's e taighean-dubha a bh' ann an uair sin - agus 's e an sabhal an t-àite a b' fhuaire a bha a-staigh, a bhuineadh dhaibh. Agus aig an àm sin cha bhiodh càil anns an t-sabhal. Cha robh an t-arbhar air a thoirt a-steach. Agus bhiodh iad a' gleidheadh nan soithichean uisge ann airson an cumail fuar, agus bhiodh ciste no bucas mòr ann anns am biodh iad a' gleidheadh nam miasan bainne. Ach a dh'aindeoin sin, bha a' bhruthainn a' ruighinn air a' bhùrn 's air a' bhainne ge be càit am bitheadh e, bhon bha e san èadhar. Cha robh fionnarachd sam bith ann. Agus ged a dh'fhaodadh osagan gaoithe a bhith ann, man a bhitheadh ann tron an uthar, cha robh fionnarachd anns a' ghaoith. 'S e bruthainn a bh' ann.

Ach bhiodh iad ag ràdh gun robh am Faoilleach a' toirt iasad de thrì latha dhan an uthar - lathaichean fionnar, fiadhaich, fliuch.

CM: Uill tha cuimhne... tha mi a' tuigsinn sin, airson tha cuimhn' agam, nuair a tha sibh ag ràdh sin, caravan a bhith agam ann an Ùig turas agus ann am meadhan an Lùnastail thàinig a' ghèile a tha seo 's chuir e a h-uile càil a bh' ann bun os cionn. Dìreach, sheas e dhà no thrì lathaichean 's cha robh a' chòrr a ghuth air.

MN: 'S e sin a-nise, bhiodh iad ag ràdh, an t-iasad a bha am Faoilleach a' toirt dhan an uthar, ach gun robh an t-uthar a' pàigheadh a chomain, a' toirt trì lathaichean socair, sèimh dhan an Fhaoilleach ann am measg a' ghaillinn a bha nàdarrach dhan an Fhaoilleach a bhith ann.

CM: Uill, saoilidh mi gur e sin a b' fheàrr leam na an rud a th' againn an-dràsta. Ach rud eile cuideachd a bha... dòigh eile anns an robh e a' bualadh air beatha agus bàs dhaoine, airson nuair a bha bàs ann an teaghlach, bhathas a' dèiligeadh ris ann an dòigh diofraichte cuideachd, nach robh?

MN: Ò bha. Bha. Dh'fheumadh an t-adhlacadh a bhith ann na bu luaithe. Agus bha cleachdadh anns na h-eileanan agus ann am measg nan Gàidheal, nuair a bhàsaicheadh duine anns an uthar, a bhith a' cur soitheach le salann garbh na laighe air broilleach a' chuirp, gu 'n deigheadh a chur fon talamh. B' e sin...

CM: A bheil fhios carson a bha seo?

MN: Bha iad fhèin dhen a' bheachd gun robh e a' dèanamh na h-uimhir de chumail air ais air an rud a bha a' tachairt dhan a' chorp nuair a bha an anail ga fhàgail.

CM: Mar sin dheth, bhiodh an t-adhlacadh ann gu math luath, taobh a-staigh ceithir uairean fichead?

MN: Bhitheadh, bhitheadh. Bhitheadh, an uair sin. Nise, bha... nam biodh gearradh air cas... man a bhiodh a' chlann an uair sin casruisgte fad an t-samhraidh agus pìos math dhen an fhoghair, bhiodh gearraidhean air na bonnan aca. Agus dh'fheumte a bhith sònraichte faiceallach, fritheilteach air na gearraidhean sin aig an àm sin dhen a' bhliadhna - gan glanadh 's a' cur acfhainn slànaich orra, agus gan cumail còmhdaichte, bhon bha e na bu dualtaiche gum mùireadh iad an-àirde ann an at na bha e gun slànaicheadh iad, man a bhiodh nàdarrach dhaibh a dhèanamh aig àm eile dhen a' bhliadhna. Agus mar sin, bha tòrr uallaich ann an cois an uthair, a thaobh slàinte agus biadh.

CM: Uill tha, gu dearbha. Bha sinn a' bruidhinn air tinneasan. Bha sinn a' bruidhinn air feòil. Bha sinn a' bruidhinn air bainne. Bha sinn a' bruidhinn air bàs. Mar sin, 's e àm dhen a' bhliadhna a th' ann... chan e àm càilear dhen a' bhliadhna a bh' ann, an e?

MN: Chan e. 'S e àm iomnach a bh' ann, anns a h-uile dòigh. Cha robh sinn an uair ud air a thighinn air adhart ann an gnothaichean man a tha sinn an-diugh le leigheasan 's cisteachan-reòthte 's na rudan sin. Ach an-diugh fhèin feumaidh sinn a bhith faiceallach. Ged a tha a h-uile càil dhen a sin againn, cha robh de... anns an t-sìde a th' ann a sheo, a tha a' gabhail gnothaich ri slàinte an duine, agus ris a' bhiadh, agus ged a tha gnothaichean air a thighinn air adhart, feumaidh sinn fhathast a bhith faiceallach le mar a tha sinn a' dèiligeadh gu h-àraid ris a' bhiadh.

CM: Airson, air sgàth gu bheil bucais-reòthaidh againn, air sgàth gu bheil na goireasan 's na h-uidheaman sin againn, 's dòcha gu bheil sinn a' toirt... cha mhòr a' toirt a chreidsinn oirnn fhèin nach eil seo a' tachairt, ach tha na h-aon nithean a' tachairt fhathast, nach eil? Mana bi sinn faiceallach.

MN: Ò tha. Feumaidh sinn a bhith... feumaidh sinn a bhith faiceallach. Ach tha aon rud ann. 'S urrainn dhuinn an-diugh, mar gum bitheadh, ma tha sinn ag iarraidh, beathach mairt a mharbhadh, no beathach caorach a mharbhadh 's a chur dhan a' chiste-reòthte. 'S urrainn dhuinn sin a dhèanamh. Ach an taobh a-muigh dhen a sin, nuair a tha sinn a' làimhseachadh biadh ann an rathaidean eile, man a bhios iad ag innse dhuinn, biadh amh agus biadh bruich, gum feum iad a bhith air an cumail bho chèile anns an làimhseachadh.

CM: Chan e rud ùr a tha sin ann, a-rèiste.

MN: Ò chan e. Ò chan e. Chan e rud ùr a tha siud idir. Ach dìreach man a bha sinn a' bruidhinn air, cha bhiodh iad ri marbhadh... cha bhiodh feòil ann tron an fhoghair. Bha iad a' leigeadh an fhoghair... an t-uthar seachad gu math mus dèanadh iad feòil, man a chanadh iad fhèin.

CM: Nise, anns an dealachadh, a bheil freagairt sam bith agaibhse dhan a' cheist a chaidh a chur ormsa an t-seachdain... an latha roimhe, dè a' Bheurla a th' air an uthar? Cha chuala mise facal Beurla air a-riamh, ach nuair a thàinig mi air ais 's a rinn mi beagan rannsachadh, 's e dog days a bh' aca. An cuala sibhse càil mar sin a-riamh?

MN: 'S e facal Sasannach a th' anns na dog days.

CM: 'S e, 's e.

MN: Seadh, 's e tha mi a' minigeadh, buinidh e do Shasainn, dhan an rìoghachd. Chan e Beurla a tha mi a' minigeadh, ach buinidh e do rìoghachd Shasainn. Agus bha na h-uimhir a dh'eadar-dhealachadh anns an àm. Bha na dog days, man a chanadh iad fhèin, acasan a' tòiseachadh na bu tràithe na bha an t-uthar againne, agus man a bha sibh a' bruidhinn air ron a seo, cha robh e a' leantainn cho fada. Tha mi a' smaoineachadh gur e dà sheachdain a bh' acasan dheth.

CM: Mar sin dheth, tha mi fhathast a' lorg facal airson an t-uthar, ann am Beurla.

MN: Uill, chan urrainn mi ur cuideachadh ann a shin. Cha chuala mise càil a-riamh air ach an t-uthar fhèin.

CM: Cha chuala no mise. Ach ceist inntinneach, agus mas e 's gu bheil duine sam bith agaibh ag èisteachd aig a bheil facal a bharrachd air dog days air an uthar - 's e sin mar a bha mise air a chluinntinn, ceithir seachdainean, ach mar a tha e aig Mòr, sia seachdainean - ma tha facal agaibh feuch an tog sibh am fòn 's an innis sibh dhuinne. A Mhòr, ceud mìle taing dhuibh airson a thighinn a-steach a chuimhneachadh air mar a bha sibh a' dèiligeadh ris an uthar sna lathaichean a dh'fhalbh.

MN: Tapadh leibhse.

CM: Mòr NicLeòid.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good