Search

Prògram Choinnich

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 15.10.1997

Summary

The Inverness Gaelic Society.

Inverness held its first National Mòd 100 years ago [1897]. The Gaelic Society in Inverness was the organiser of the event. The society holds various Gaelic activities throughout the year to encourage the use of the language.

Fred Macaulay and Hugh Dan MacLennan form part of the society's committee. They give an insight into the society's background and explain why it was established.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Inverness

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Inverness

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha ceud bliadhna bho bha a' chiad Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis. Aig an àm sin, bha a' Ghàidhlig mòran nas làidire sa bhaile na tha an-diugh. Gu dearbh, bha Comann Gàidhlig a' bhaile air a bhith a' dol còig bliadhna fichead. Tha e air a bhith a' dol aig diofar ìrean neart bhon uair sin, agus mar a chuala sinn bho chionn beagan sheachdainean, tha prògram làidir aca airson a' gheamhraidh seo fhèin. Tha susbaint gach òraid a thèid a thoirt seachad dhan a' Chomann a' nochdadh ann an còmhdach-cruaidh agus cuid dhe na seann leabhraichean sin a-nis gu math luachmhor. Tha mi airson beachd fhaighinn air eachdraidh a' Chomainn, agus dè an t-àite a th' aig leithid a chomann mar a tha sinn a' gluasad a-steach dhan an tritheamh millennium. Còmhla rium, Fred MacAmhlaigh, a th' air a bhith na bhall airson barrachd bhliadhnaichean na leigeadh e dhomh ainmeachadh ann an seo an-dràsta; Ùisdean MacIllFhinnein, Leas-rùnaire a' Chomainn an-dràsta. Madainn mhath, Fred agus Ùisdein.

Fred MacAmhlaigh (FM): Madainn mhath dhut fhèin.

Ùisdean MacIllFhinnein (UM): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Uill, tha mi duilich. Cha b' urrainn dhomh siud a leigeil seachad, Fred. Ach tha seann, seann leabhar agad ann an sin mar phàirt dhen eachdraidh, nach eil?

FM: Ò tha, agus tha e annasach mar a tha e a' tighinn a rèir an latha an-diugh. Tha sinn ann a sheo an-dràsta a' feuchainn gu làidir ri stèidh a thoirt dhan a' Ghàidhlig nach robh aice riamh, agus sin an dearbh chuspair air a bheil a' chiad leabhar seo a-mach - mar a tha a' Ghàidhlig, cho beag seasamh 's a bh' aice, 's mar a tha i air searg, 's mar a dh'fheumas iad rud air choreigin a dhèanamh airson gnothaichean a chumail a' dol. Shin agad bliadhna Achd an Fhoghlaim, a' bhliadhna a chuidich 's a chuir às dhi tuilleadh 's tuilleadh 's tuilleadh.

CM: 'S e a' mhìorbhail, a-rèiste, gu bheil sinn fhathast ga bruidhinn ann an seo an-diugh.

FM: Ò dìreach mìorbhailt. Mìorbhail. Nuair a smaoinicheas tu air, cha robh fiù ainm na Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim. Cha robh guth oirre.

CM: A dh'aindeoin gach nì a thachair, tha sinn fhathast ga bruidhinn.

FM: 'S tha sinn fhathast ga bruidhinn. 'S ghabh iad rithe - dè bh' ann? - sia bliadhna an dèidh... an dèidh dhan Achd a chur air bhonn. Ghabh iad rithe an uair sin, gum faodadh i a bhith air a teagasg, nan togradh am maighstir-sgoile, am measg - dad ort a-nist, dè bh' ann? - sewing, cooking and kindred subjects.

CM: Sin agad e.

FM: Sin agad ìre na Gàidhlig agad. Sin an luach a bhathar a' cur oirre, 's bha i mar sin gu an dèidh a' Chogaidh Mhòir, dìreach gu bliadhna an dèidh a' Chogaidh Mhòir, 's e a' chiad uair a dh'aontaich iad gum biodh Gàidhlig air a teagasg, ach mar chainnt choimheach, cainnt neo-dhùthchail, fhios agad, nach buineadh dhan dùthaich seo idir, cuide ri Laideann 's ri Greugais 's Fraingis 's rud sam bith dhen t-seòrsa sin.

CM: Carson a chaidh Comann Gàidhlig Inbhir Nis a stèidheachadh?

FM: Bha, gun robh iad air an leamhachadh leis a... leis an t-suidheachadh anns an robh i 's nach robhar a' cur luach oirre, agus na bh' ann a-rithist, fhios agad, ri fhaighinn ann am pàipearan, 's mar a tha iad fhèin a' ràdh, fhios agad, an rud a bha fa-near dhaibh, 's e gun toireadh iad... gun cuireadh iad luach oirre, agus gun dearbhadh iad dhan an t-saoghal mhòr gur e a bha seothach ach cànan a b' fhiach gleidheadh. Chan e a-mhàin a gleidheadh ach a beathachadh.

CM: Agus aig an àm a bha sin, a-rèiste, dè cho cudromach 's a bha an Comann?

FM: Ò bha... bha gu mòr an Inbhir Nis. Fhios agad, 's e na h-urracha mòra, tòrr dhiubh, fhios agad, a chaidh an sàs ann, agus tha e dìreach, anns an leabhar a tha seo, chì thu na daoine a bh' ann. 'S e Cluainidh, Mac a' Phearsain, 's e... 's e bha na cheann-feadhna orra, a' tòiseachadh. Agus aithnichidh tu na h-ainmeannan an seo. Tha Chieftain John Murdoch air fear dhiubh. John MacIntosh MA, 's Thomas MacKenzie. Nist, na daoine sin, feadhainn dhiubh, 's ann ann an sgoiltean sa bhaile... Bha MacKinnon Bannatyne ann a shin. 'S ann anns an Acadamaidh Rìoghail a bha e ann a sheo. 'S fear eile, duine làidir eile a bha na rùnaire orra, 's e Uilleam MacÀidh. Chan e athair Ruairidh a bhiodh ann idir, ach a sheanair, cha chreid mi. Seanair... seanair.

CM: An e an Caiptean Uilleam a bhiodh ann?

FM: Eh... pass, mar a chanas iad. Chan eil mi cinnteach.

UM: Chan e. Chan e.

FM: Cha chreid mi gur e.

CM: Co-dhiù, sin feadhainn dhe na daoine mòra a bha an sàs ann, ach bha e ann an dòigh cuideachd rudeigin nach eil an-diugh - bha e a' suathadh ri gnothaichean poilitigeach aig an àm a bha sin cuideachd, nach robh?

FM: Ò gu dearbh, bha. Agus, fhios agad, fear dhiubh air a' cheann thall a bh' agad, 's e Fraser MacIntosh. Thàinig esan a-staigh ann a shin fhèin.

UM: Ball-pàrlamaid.

FM: Ball-pàrlamaid an uair sin. 'S bha seasamh aca 's bha iad a' faighinn cuideachadh. Bha iad seòlta, ma thogras tu, mar a bha iad a' dol timcheall air. Ach bha an inbhe aca fhèin, agus bha e furasta dhaibh an uair sin a dhol am measg nan daoine mòra a-rithist 's cuideachadh fhaighinn às a sin. 'S bha iad làidir, bha iad treun, nuair a chuir iad seo air chois.

CM: Uill sin mar a chaidh a chur air chois. Sin cuid dhe na daoine a bha an sàs ann. Ùisdein, thusa na do leas-stiùiriche an-diugh. Dè an t-àite a th' aig comann mar seo ann an Inbhir Nis an-diugh?

UM: Uill, mar a tha Fred ag ràdh, an seòrsa àite a bh' aca, na h-urracha mòra, 's dòcha gur e rud a bu chòir dhuinn a ràdh an-diugh, gur e na h-urracha beaga a tha an sàs anns a' ghnothaich, gu bheil a' chùis, a' chuibhle air a dhol mun cuairt ann an iomadach dòigh, agus tha an saoghal agus saoghal na Gàidhlig agus saoghal na Gàidhealtachd air atharrachadh, ach ann a bhith a' coimhead air na h-amasan, mar a bha Fred ag ràdh, na h-amasan a chaidh a chur ron a' bhuidhinn aig a' chiad dhol a-mach, tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a cheart cho fìor agus cho cothromach an-diugh, gum bu chòir do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis a bhith... tha e ceart, tha mi a' smaoineachadh, a bhith a' leantainn na h-aon amasan. 'S e na h-aon amasan a th' againn an-diugh 's a bh' aca an uair...

FM: Tha e cho susbainteach an-diugh 's a bha e riamh.

UM: Tha iad a cheart cho feumail agus a cheart cho cothromach, tha mi a' smaoineachadh.

CM: Ach dè an t-àite a th' aig a' Chomann, am measg na de bhuidheannan Gàidhlig, Gàidhealach, poilitigeach, agus eile a tha a' dol an-diugh?

UM: Uill a thaobh eachdraidh, 's e Comann Gàidhlig Inbhir Nis tè dhe na buidheannan as sine a th' ann a thaobh ballrachd ann an saoghal na Gàidhlig, a' dol air ais gu eighteen seventy-one, mar a thuirt thu fhèin. Tha sin aca mar eachdraidh. Tha an t-àite fhèin aca, tha an t-àite aca a chruthaicheas iad dhaibh fhèin, taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig, agus 's dòcha nach eil sin cho follaiseach 's a bu chòir dha a bhith. Agus 's e sin a th' air cùl... ged a dh'fhoillsich sinn dìreach an t-seachdain seo fhèin bileag fiosrachaidh do dhaoine a tha ag innse dè tha ron a' bhuidhinn, dè tha sinn a' dèanamh fad na bliadhna, agus dè lùigeamaid a dhèanamh anns na bliadhnaichean a tha romhainn, agus seach gu bheil thu fhèin ann a shin 's bileag agad, faodaidh tu deich notaichean a thoirt do Fred 's bidh thu na do bhall.

CM: Uill, sin a bha mi a' dol a ràdh. Stobadh pìos... stobadh sin air... stobadh sin air mo bheulaibh agus...

UM: Dà cheud agus ballrachd-beatha.

CM: Ah uill...

FM: Bhiodh fichead... fichead na b' fheàrr a h-uile bliadhna, saoilidh mi.

CM: Tha mise a' smaoineachadh gu bheil...

FM: 'S cuiridh sinn dà leabhar thugad.

CM: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil gealltanas nas fheàrr, a bhith... dìreach tè fhaighinn airson deich fhèin. Ach 's e an dealbh a th' agamsa, an ìomhaigh a th' agamsa de Chomann Gàidhlig Inbhir Nis an-diugh: obair sgoilearachd, buidheann beag de dhaoine, 's dòcha nach eil na tha sin de bhuntanas aca ris a' mhòr-shluagh. A bheil sin ceart no ceàrr?

UM: Uill 's dòcha gu bheil sin ceart gu ìre. The ceithir cheud gu leth ball ann. Sin na th' againn de bhuill aig an ìre seo, ach lùigeamaid gum biodh barrachd ann, shaoilinn, thairis air na bliadhnaichean. 'S e sgoilearachd prìomh amas na buidhne thairis air an bliadhnaichean, agus sin an dòigh anns an robh a' chùis ag obair, agus tha iad a' dèanamh obair ionmholta ann a bhith a' cruthachadh nan leabhraichean 's a h-uile càil eile mar sin.

CM: Uill, tha a' chiad fhear dhe na leabhraichean agadsa an sin, Fred. An dùil an e sin, aig deireadh an latha, an rud as cudromaiche mu dheidhinn a' Chomainn, gu bheil iad air an stòras luachmhor a tha seo fhàgail?

FM: Ò chan e. Leanaidh na leabhraichean gun dragh, ach tha tòrr eile san amharc, fhios agad, a' leudachadh seo, agus gus gu bheil sinn dìreach an rud a bha thu a' gearan air, ann an dòigh, nach eil sinn a' bruidhinn ris... ris na daoine anns an fharsaingeachd, uill tha seo ag atharrachadh, 's tha mi an dòchas gum bi, leis na leabhraichean, gum bi eadhon cèisean againn le bhidio, aig an aonan àm. 'S dòcha gun tig tè an ath-bhliadhna. Chan eil sinn a' gealltainn fhathast. Chì sinn.

UM: Tha na planaichean ann airson cùisean a leasachadh, agus...

FM: Ach rud a dh'fheumainn a ràdh, 's e às aonais Ùisdein Barron anns na bliadhnaichean mu dheireadh, nach biodh sgeul air a seo. Chùm an duine sin, cha mhòr leis fhèin, na leabhraichean a' tighinn a-mach. Fhios agad, bha na coinneamhan ann mar a b' àbhaist, 's bha iad math, ach às aonais Ùisdein cha bhiodh... cha bhiodh sìon dhen a seo againn aig an ìre seo. Cha bhiomaid idir cho... cho lugha nàire a' dol air n-adhart.

CM: Uill, mo thaing dhan an dithis agaibhse gu dearbh airson a thighinn a-steach ann an seo, dìreach a dhèanamh sgeulachd ghoirid...

UM: Fàg na deich notaichean air a' bhòrd.

CM: An e sin duais airson a thighinn a-steach [???], duais ballrachd? Ò, rinn Caley Thistle a' chùis a-raoir cuideachd. Bha thu toilichte. Mo thaing dhan an dithis agaibh airson a thighinn a-steach ann an seo, còmhla rium an-diugh. Dìreach sùil ghoirid a thoirt air Comann Gàidhlig Inbhir Nis. 'S dòcha gum bu chòir dhuinn sùil nas fharsaing agus aig doimhne tòrr nas fhaide a thoirt uair air choreigin eile. Fred MacAmhlaigh agus Ùisdean MacIllFhinnein, agus iad a' toirt àite sònraichte do dh'Ùisdean Barron.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good