Search

Òran nan Tunnag

Date 1972
Track ID 105710
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.40.A2

Original Tape ID

SA1972.040

Summary

A humorous song composed when ducks went missing. Places where they could be are suggested.

Item Notes

Composed by Mrs Anna MacKinnon (Anna nighean Aonghais Mhòir/Bean Ghilleasbaig Iain) of Carnan, Iochdar, South Uist.

Item Location

County - Inverness-shire

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Peanaidh NicIllFhialain (PN): ...math, bha ise math.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S rinn i òrain eile cuideachd, an do rinn?

PN: Rinn. Gabhaidh mi Òran nan Tunnagan.

DE: Siuthadaibh ma-thà.

PN: 'S i rinn am fear ud.


'S dì oraidh an 's dì oraidh an 's dì oraidh oraidh ó an
'S dì oraidh an 's dì oraidh an 's dì oraidh oraidh ó an
'S dì oraidh an 's dì oraidh an 's dì oraidh oraidh ó an
A Mhamaidh tha sinn cianail o shiabadh na h-eòin oirnn.

'S a Mhamaidh arsa Dòmhnall, "Cha chòir dhuinn bhith rànaich"
Chan eil an taigh car cofhurtail tha lòn anns gach àite
'S ged tha sinne brònach mu chòmhla na h-àtha
Nach duilghe dhuinn na tunnagan bhith 'n-diugh ann an Cinn t-Sàile.

'S nuair dhealaich iad ri chèile chaidh tè dhiubh do Gheàrrloch
'S an tè chaidh a Chinn Tìre cha till i gu bràth às
Chunnaic an 'Glencoe' anns an Òban a dhà dhiubh
'S gur ann san Eilean Ìleach a dhìrich an ràcan.

Cha tèid mise [?ghrunnachadh] gam lathadh air ur sàillibh
Gun fhios nach ann a dh'fhuirich iad a-muigh ann an Cinn t-Sàile
Ach cuiridh sinne telegraf gu soithichean na ban-righinn
'S a h-uile tè dham [?facas iad] address-adh chun a' Chàrnain.

'S nuair thàinig iad dhan dùthaich 's a dh'aithnich iad an t-àite
Thuirt Màiri, "A m' eudailean cè mar a tha sibh?"
A Dhòmhnaill faigh pìobair' is nì sinne bàl dhaibh
'S cha tèid mo thunnag fhìn dhan t-soiree ma bhios badge ann.

'S thuirt Dòmhnall mac Mhìcheil, "Tha pìob aig mo bhràthair"
'S gun toir sinne crùn dhan fhear-chiùil a tha làmh rinn
Tha Iain an [???] ach tha toll air a' mhàla
Ach seinnidh sinne druma, ruidhle-fullachain dhan ràcan.


DE: Sheadh. 'S ciamar a-nist a rinn i am fear sa?

PN: Tunnagan a chaidh air chall air... air boireannach bochd a bha siud, agus sin agaibh mar a rinn i an t-òran.

DE: Seadh. Agus cuin a bha am boireannach seo beò co-dhiù?

PN: Ò Shìorraidh. Bha i air bàsachadh mun robh mise air tighinn gu aois co-dhiù.

DE: Tha cuimhn' agaibh oirre, a bheil?

PN: Chan eil. Chan eil. Chan eil. Bean Ghilleasbaig Iain.

DE: Feumaidh gun robh i glè mhath air òrain.

PN: Bha i math air na h-òrain. Bha. 'S e bana-bhàrd a bh' innte. Fhios agaibh... chan eil fhios a'm an aithnte dhuibh Mrs MacKay shuas ann an... ann an Gearraidh na Mònadh. 'S e ogha dhi a th' innte sineach. Tha i pòsta aig... tha i pòsta aig a' mhaighstir-sgoile. Tha e retired. Alec Iain MacKay. Agus 's e a seanmhair a rinn e, agus tha i fhèin na ban-bhàrd, Mrs MacKay a tha seo. 'S iomadh òran... 's nach i rinn Òran na Rations.

DE: 'S tha ise beò fhathast?

PN: Ò ghiall, tha. An t-ogha aice.

DE: Agus nì i òrain?

PN: Nì. 'S e ban-bhàrd a th' innte.

DE: 'S an dèan i seinn?

PN: Ò cha chreid mi gu... cha chuala mi i riamh a' seinn.

DE: Ò glè mhath.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good