Search

'S Tha Iomadh Saighdear air Tighinn a-nall

Contributors
Date November 1964
Track ID 106140
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1964.89.B13

Original Tape ID

SA1964.089

Summary

A locally composed lament for a soldier killed in France in the First World War. Details about the subject and the composer are given.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Benbecula

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Kate Monk (KM):

'S tha iomadh saighdear air tighinn a-nall
'S tha mòran, mòran, a dh'fhuirich thall
'S gur h-e mo dhìobhail thu bhith nad shìneadh
A Mhic a' Phì 's gum b' e sin an call.

'S gu bheil do mhàthair gu trom fo bhròn
Is tha do chàirdean air iomadh dòigh
Mun fhiùran àlainn a rinn am fàgail
San Fhràing an càradh an-diugh fon fhòd.

'S bha thu fìnealta, grinn, gun mheang
Gur h-iomadh nìghneag a bh' ort an geall
Bha thu bàidheil is math dhad nàbaidh
Is fiamh a' ghàir' ort sa h-uile h-àm.

'S bha thu maiseach an iomadh dòigh
A' stiùireadh bàta bu mhath do làmh
Cà 'n do dh'àraicheadh riamh san dùthaich
Fear bu chliùitiche na thu bh' ann.

'S bheir an t-soraidh 's an t-soraidh bhuam
A-null far sàile air bhàrr a' chuain
Far bheil thu an càradh glè fhad' bhod chàirdean
Ach fois is tàmh dhut san t-saoghal bhuan.


Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S ann a-nist do bhràthair dhuibh fhèin a rinneadh an t-òran a bha siud?

KM: 'S ann, a mharbhadh sa Chiad Chogadh.

DE: Seadh, dìreach. 'S cò rinn e?

KM: Rinn an tè seo air a bheil sinn a' bruidhinn e. An tè aig am biodh Catrìona a' cluinnteil mòran dhe na h-òrain ann an siudach. Mòr... nighean [???] 'ic Iain 'ic Fhionnlaigh.

DE: Dè an fhine a bh' aice?

Catrìona NicCarmaig (CN): Mòr NicIllFhialain.

KN: Mòr NicIllFhialain. Mòr NicIllFhialain. Nach bochd gun do chaill mi an ceòl.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good