'S e Siabost as Bòidhche Leam
Contributors
Fieldworkers
Date
1974
Track ID
106185
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1974.279.A3
Original Tape ID
Summary
A song in praise of Shawbost. The bard remembers his childhood in that part of Lewis. There are many pastoral scenes in the song.
Item Notes
Published in John N. MacLeod's 'Bàrdachd Leòdhais'.
Item Location
County - Ross and Cromarty
Parish - Barvas
Island - Lewis
Village/Place - Shawbost
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
'S e Siabost as bòidhche
Far 'n do thogadh òg mi suas,
Far bheil na cruachan mònadh
'S na beanntan mòr mun cuairt;
Na h-eòin bheaga 's ceòl aca
Air mòinteach seinn an duan:
Bidh 'n uiseag is an smeòrach ann
'S gum b' eòlach mis' orr' uair.
Tha gàrraidhean is buailidhean
Tha sluagh nach eil an-diugh beò
A-nis nan tulaich uaine
Air an cuartachadh le feòir;
Gu iomall na craoibh uaine
Bidh 'm buachaill' ri crodh mòr
Measg ghillean agus ghruagaichean
An uair a bha mi òg.
'S e chuimhne 's òig' a th' agam
Air Leòdhas bhith làn sprèidh;
Air buachailleachd a b' eòlach mi
Làn sòlais bha mo cheum,
Am measg nan gruagach bhòidheach
Le òran aig gach tè,
'S na banchaig dol gu mòintich ann,
Gum b' aighearach an ceum.
Chì thu 'n crodh cho sgiamhach ann
A' biathadh nan laogh òg
Air àirighean gan riarachadh
Measg lèanaich 's canach mòr;
Na caoraich 's iad cho sgiamhach ann
Air lèanaidh 'g ith' an fheòir,
O chiall, na h-uain a' mialaich ann,
Gur brèagha leam an ceòl.
'S e Siabost as bòidhche
Far 'n do thogadh òg mi suas,
Far bheil na cruachan mònadh
'S na beanntan mòr mun cuairt;
Na h-eòin bheaga 's ceòl aca
Air mòintich seinn an duan:
Bidh 'n uiseag is an smeòrach ann
'S gum b' eòlach mis' orr' uair.
Far 'n do thogadh òg mi suas,
Far bheil na cruachan mònadh
'S na beanntan mòr mun cuairt;
Na h-eòin bheaga 's ceòl aca
Air mòinteach seinn an duan:
Bidh 'n uiseag is an smeòrach ann
'S gum b' eòlach mis' orr' uair.
Tha gàrraidhean is buailidhean
Tha sluagh nach eil an-diugh beò
A-nis nan tulaich uaine
Air an cuartachadh le feòir;
Gu iomall na craoibh uaine
Bidh 'm buachaill' ri crodh mòr
Measg ghillean agus ghruagaichean
An uair a bha mi òg.
'S e chuimhne 's òig' a th' agam
Air Leòdhas bhith làn sprèidh;
Air buachailleachd a b' eòlach mi
Làn sòlais bha mo cheum,
Am measg nan gruagach bhòidheach
Le òran aig gach tè,
'S na banchaig dol gu mòintich ann,
Gum b' aighearach an ceum.
Chì thu 'n crodh cho sgiamhach ann
A' biathadh nan laogh òg
Air àirighean gan riarachadh
Measg lèanaich 's canach mòr;
Na caoraich 's iad cho sgiamhach ann
Air lèanaidh 'g ith' an fheòir,
O chiall, na h-uain a' mialaich ann,
Gur brèagha leam an ceòl.
'S e Siabost as bòidhche
Far 'n do thogadh òg mi suas,
Far bheil na cruachan mònadh
'S na beanntan mòr mun cuairt;
Na h-eòin bheaga 's ceòl aca
Air mòintich seinn an duan:
Bidh 'n uiseag is an smeòrach ann
'S gum b' eòlach mis' orr' uair.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good