Search

Ach Aonghais Òig Rìomhaich

Date c. November 1964
Track ID 107002
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.87.B6

Original Tape ID

SA1964.087

Summary

This lament describes Captain Angus MacDonald's nobility and his leadership of men. The bard uses the image of the fallen tree when describing Captain MacDonald's death. He asks God's protection for the man's family.

Item Notes

Composed by Angus Campbell (Am Bàrd Sgallach). Captain Angus MacDonald drowned in Loch Aoineart, South Uist in 1809.

See:
'Folksongs and Folklore of South Uist' (Margaret F. Shaw ed., 1955) p. 102
'The Uist Collection - The Poems and Songs of John MacCodrum, Archibald MacDonald, and some of the minor Uist bards' (Rev. A. MacDonald ed., 1894) p. 207

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Ach Aonghais Òig rìomhach[sic]
Gheibhte pìob leat is bratach.
Marcrach sunndach each chruidhte
A ghearradh dìreach an t-astar.
'S e mo ghràdh do chorp cùbhraidh
Na laighe air ùrlar an aigeil.
'S ma chaidh d' anam a Phàrras
Na h-Ostail chàraich do leaba.

Dia a ghlèidheadh an cèille
Dha na feucagan uasal.
A dh'fhàg thu nad dheaghaidh
'S e seo am foghar a ghuail iad.
Cha robh leithid an athar
An cliù no maise no 'n uaisle.
Treas pears' na Roinn Eòrp' thu
Nad shuidh an [???] dhaoin' uaisle.

Nuair a chruinnicheadh an campa
Bu tu ceannard nan daoine.
An rud a chanadh tu dhèant' e
Air neo a dh'fheuchadh tu faobhar.
Càit an robh ann an Alba
Do leithid 's 'ad armachd 's 'ad aodach
Aon a labhradh riut dàna
B' e 'n t-eun a b' àird' air a' chraoibh thu.

Thuit a' chraobh is a duilleach
Dh'fhalbh am bun 's gun do chrìon e.
Fo là chaidh do bhàthadh
Gun robh 'n Àrd-Rìgh san fhianais.
Nuair bha 'n uair air a cumail,
Gaoth is sruth mar rinn Dia e.
Chuir siud fairis an t-eathar
Mo chreach, mu letheach an lìonaidh.

Thug thu ràmh dha d' chuid gillean
Cha robh tuilleadh a dhìth ort.
Bha thu 'n dùil mar a b' àbhaist,
Gun robh do shnàmh mar an fhaoileann.
Do shnàmh mar an eala,
A dh'fhalbhas aigeannach aotrom.
Pearsa dhìreach dheas dhealbhach
Do bhochdainn dh'fhalbh thu gun aois oirnn.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good