Search

Iain mac an iasgair.

Date 1969
Track ID 107288
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1969.113.A+B

Original Tape ID

SA1969.113

Summary

The fisherman, his son and the mermaid.

A mermaid told a middle-aged, childless fisherman that if he cooked fish in a certain way and gave it to his wife, they would have a baby. She promised him as much fish as he wanted if she could have their first son when he left school. The man agreed and the baby boy was born. He was named Iain.

Iain was told of the promise when he grew up, and so he left home. On his journey, he met various creatures which gave him the ability to take on their forms whenever he chose. He came to the house of a swineherd, who worked for the king. Iain stayed with the swineherd and did all his work for him, and by turning himself into a rat to get down the chimney he spent every night with the princess.

There was a battle between the king and a neighbouring king, and the swineherd went away to take part. Iain turned himself into a lion on the first two days and beat off the enemy, but he also attacked the swineherd. On the final day, the king left his helmet in the palace, and offered his daughter's hand to whoever brought it back to him. Iain got it and gave it to the swineherd. On the wedding day, the girl said she would only marry the one who was best at doing tricks. When the others finished, Iain demonstrated some of his tricks. No one could beat him, so he and the princess married.

One day the mermaid came and took Iain away. His wife got advice as to how to get him back and did so successfully. The mermaid took him away a second time, and his wife again managed to get him back, helped by his ability to change into a trout. The third time, the mermaid took the princess. Iain was told by an old man that the mermaid's soul was in an egg, which was inside a duck, inside a black sheep. Iain went in search of it. He found the black sheep with the duck and the egg. He went back and found the mermaid in a cave with his wife. He smashed the egg and killed the mermaid.

The story is followed by information about the contributor's father and his storytelling.

Item Notes

The contributor learned this story from his father.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Classification

AT302

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, mar a chuala mise an stòiridh a tha seothach, bha seann duine còir ann agus bha e pòsta, 's cha robh ann ach e fhèin 's a bhean, agus cha do thachair duine a theaghlach a bhith aca. Agus 's e an cosnadh a bh' aig... a bh' aig an duine, a' bheòshlaint a bha e a' dèanamh, 's ann ag iasgach a bhiodh e, agus bhiodh e a' creic an èisg, agus seo mar a bha e a' cumail e fhèin 's a bhean a' dol. Agus bha e a' tighinn suas... bha iad a' tighinn suas gu aois le chèile.

Ach a' bhliadhna a bh' ann a sheothach co-dhiù, cha robh... cha robh an t-iasg ach uabhasach fhèin gann, agus bha... an latha a bha seothach co-dhiù shiubhail e a-nis h-uile h-iolla a b' àbhaist dha bhith a' faighinn iasgach ann agus cha d' fhuair e sìon. Agus bha e a-nis air toirt fairis fad an latha ag obair air fannadh an siud 's an seo feuch am faigheadh e sìon agus cha do thachair sìon ris agus... Ann am beul na h-oidhche 's e air... a' dol a thaomadh nan ràmh 's e a' falbh dhachaigh, dh'fhairich e plumb aig deireadh na s-... a' bhàta a bh' aige, agus thug e sùil agus bha maighdeann-mhara air tighinn am bàrr aig deireadh na... a' bhàta. Agus thuirt i ris:

"Chan eil thu," ars ise, "a' faighinn an èisg idir."

"Ò chan eil," ars esan. "Tha," ars esan, "an t-iasg air a dhol air chall seach mar a bha e," ars esan.

Agus:

"An-tà," ars ise, "ma bheir thu dhòmhsa," ars ise, "an rud a dh'iarras mi ort," ars ise, "gheibh thu an t-iasg," ars ise, "cho pailt 's a bha e riamh," ars ise.

"Dè an rud tha sin?" ars esan.

"Do chiad mhac," ars ise, "nuair a bhios e a-mach às an sgoil.

"An-tà," ars esan, "faodaidh mise sin a dhèanamh," ars esan, "ach chan eil mac no nighean agamsa," ars esan.

"Dèan thusa," ars ise, "mar a dh'iarras mise ort," ars ise, "agus bidh mac agad fhathast," ars ise. "Ach geall thusa dhòmhsa," ars ise, "gum faigh... gun toir thu seachad e," ars ise, "nuair a bhios e," ars ise, "a-mach às an sgoil."

"Ò glè cheart," ars am bodach, "ma-thà, ach tha mi cinnteach gum faod mi sin," ars esan, "nach bi mac no nighean agamsa," ars esan.

"Uill," ars ise, "cuir... cuir a-mach na duirgh," ars ise... "an dorgh," ars ise, "agus a' chiad bheothach a mharbhas tu," ars ise, "cumaidh tu air leth e," ars ise, "agus," ars ise, "nì thu," ars ise, "trì earrannan air," ars ise, "agus trì earrannan air an grùthan aige agus," ars ise, "bruichidh tu," ars ise, "earrann dhiubh sin agus earrann dhen ghrùthan," ars ise, "dhan bhean," ars ise, "trì triopaichean," ars ise, "agus," ars ise, "cha toir... na toir gearradh a dhuine no dhut fhèin cuideachd dheth," ars ise, "ach dhan bhean," ars ise.

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Chaidh a' mhaighdeann-mhara fodha. Agus chuir am b-... am bodach a-mach an dorgh agus cha do thàr e a chur sìos nuair a laigh beothach air. Thòisich e ri dorghadh. Bha e a' dorghadh ann a shin gus an do dhorchnaich i. Agus bha taosg a' bhàta aige de... agus a' chiad bheothach a fhuair e, chaith e suas a thoiseach na... a' bhàta a bh' ann, no co-dhiù... co-dhiù bh' ann geòla no sgoth cha chuala mise e, ach chaith e suas dhan toiseach aige, clìoras a h-uile sìon agus...

Dh'fhalbh e sineach ann am beul na h-oidhche 's bha am bàta... taosg aige anns a' bhàta de dh'iasg. Agus bha na daoine a' gabhail fadachd dheth, gu... bha eagal orra gun do dh'èirich rudeigin dha leis cho anmoch 's a bha e 's nach b' àbhaist dha a bhith cho anmoch siud. Agus chunnacas seothach am bàta a' tighinn agus cha do rinn iad dìreach ach... choinnich iad an sgoth aig... shìos aig a' chladach agus cha do rinneadh ach a tarraing air tìr, i fhèin 's an t-iasg 's a h-uile sìon a bh' innte. 'S cha do thàr am bodach ach an aon bheothach a chaith e dhan toiseach. Rinn iad air a chèile agus thug e seothach leis dhachaigh. Agus dh'iarr i e... mar a dh'iarr a' mhaighdeann-mhara air, co-dhiù, gheàrr e na thrì pìosan agus an grùthan a bh' ann, gheàrr iad na thrì pìosan e fhèin agus chuir e earrann còmhla ris a h-uile pìos dhen bhodach e. Agus chaidh seo a bhruich dhan bhean aige trì turais co-dhiù còmhla, às dèidh a chèile.

Agus thòisich am bodach air iasgach. Bhiodh e ag iasgach a h-uile latha 's bha e a' faighinn de dh'iasg mar a thàirgneadh e. Cha robh cion èisg an uair sin air.

Agus gu dè a chuir e ach chuir e uibhreachd an seothach air a' bhoireannach gun robh i a' fàs trom, agus a h-uile h-uibhreachd a bh' ann 's a h-uile truimead a bh' ann co-dhiù gus... gun do rugadh pàiste gille dhaibh. Agus dh'innis am bodach, dh'innis e dhan... dhan bhean mu dheidhinn a' ghnothaich a bh' ann, mar a thachair dha 's mun mhaighdeann... mhaighdeann-mhara 's a h-uile sìon.

Uill, rugadh an gille co-dhiù 's thòisich air... thogadh... a' toirt an aire dhan ghille, 's bhathar a' cumail a' ghille cho math 's a ghabhadh e, agus dh'fhàs e seo suas. Agus thòisich e seo air a dhol dhan sgoil. Agus nuair a bha e a' teannadh suas ri àm tighinn às an s-... bho... gu aois na sgoile faighinn clìor, cha robh feasgar a thigeadh e dhachaigh nach robh a mhàthair 's athair a' caoineadh. Sguir am bodach a dh'iasgach, an latha ud, agus corra uair a bhiodh e a' dol a-mach. Agus bha e a' cur uabhasach air a' ghille gu dè bha a' toirt orra a bhith a' caoineadh. Agus an oidhche a bh' ann a sheothach co-dhiù thuirt e riutha:

"Dè," ars esan, "a tha a' toirt oirbh," ars esan, "caoineadh," ars esan, "a h-uile oidhche a thig mise dhachaigh? An e," ars esan, "gu bheil mise dachaigh," ars esan, "a tha a' toirt oirbh a bhith a' caoineadh?" ars esan.

"Ò chan e," ars a mhàthair, ars ise.

"Ò chan e, a ghràidhein," ars athair, ars esan. "Na bi eagal sam bith air sineach," ars esan.

"'S dè a-nis," ars esan, "a tha a' toirt oirbh a bhith a' caoineadh?"

Uill, dh'innis an gille seo... dh'innis am bodach an seothach dha mar a bha, mar a thachair 's a h-uile sìon, 's gun do dh'iarr i e air nuair bhiodh e a-mach às an sgoil, 's gun robh e a-nis a' teannadh suas gus a bhith clìoras an sgoil, 's gun robh an t-àm a' teannadh.

"Ò uill, ma-thà," ars esan, "mas ann mar sin a tha," ars esan, "bidh mise a' falbh às a seo," ars esan, "agus chan fhaigh i mise co-dhiù," ars esan.

Agus... ò cha robh air seothach ach seo fhèin. Lean e co-dhiù treis, agus rinn e deiseil... An oidhche a bh' ann a sheo thuirt e riutha iad a bhith a' dèanamh deiseil dha agus gum biodh e a' falbh. Agus... chaidh am bodach... bhiodh iad corra latha a' dol a dh'iasgach. 'S chaidh e a-mach an latha a bha seothach nuair a bha an t-àm aig a' ghille... a bhith ga lìbhrigeadh seachad, agus ràinig e a-mach agus cha robh e fada sam bith air... air ruighinn nuair a thàinig a' mhaighdeann-mhara am bàrr aig deireadh na sgo-... sgothaidh. Agus

"Seadh," ars ise, "an tug thu thugam mo ghealltanas?" ars ise. "Tha... tha an latha suas an-diugh," ars ise.

"Ò cha tug," ars am bodach.

"Ò mura tug," ars ise, "thalla thusa," ars ise, "dhachaigh," ars ise, "agus chan fhaigh thu iasg ach siud," ars ise. "'S math dh'fhaodte," ars ise, "gun tachair... gum faigh sinn fhathast e," ars ise, "gun iasg idir," ars ise.

Agus cha robh aig a' bhodach ach... Thill am bodach dhachaigh agus... Cha d' fhuair e deargan co-dhiù agus... Dh'fhalbh a-nis an gille. Agus bha e a' gabhail air falbh 's cha robh fhios aige cà 'n rachadh e. Ach chùm e co-dhiù air an rathad a bha seothach agus eadar sin agus suas gu m-... meadhan-latha, chuala e bhith ag èigheach às a dhèidh:

"Iain mhic an iasgair, till 's dèan ceart."

Agus thug e sùil air, agus bha leòmhann ann a shin, agus radan, agus calman. Agus chaidh e a-null far an robh iad agus dh'fhaighneachd e dè bha ceàrr an seothach. Agus bha iad air a dhol far a chèile mu dheidhinn sìleanan sìl a bh' air an talamh.

"Siuthad," ars an calman, ars esan, "dèan ceart dhuinn," ars esan, "cò aige tha còir seothach a bhith," ars esan. "no cò gheibh seo," ars esan.

"Uill," ars Iain, ars esan – 's e Iain a thug iad air a' ghille – "Uill," ars Iain, ars esan, "tha mise a' smaointinn," ars esan, "'s chuala mi," ars esan, "bruidhinn air," ars esan, "gun robh sìlean... sìl daonnan air a chur ron chalman ge brith cà 'n laigheadh e. Agus tha mi a' smaointinn," ars esan, "gur ann agadsa a bu chòir seo a bhith," ars esan. "Agus tusa," ars esan, "a leòmhann mhòr robach," ars esan, "nach iomadh," ars esan, "creutair a th' agad air feadh a' mhonaidh an sin," ars esan, "a dh'fhaodas tu," ars esan, "breith air agus ithe," ars esan, "às aonais a bhith a' toirt... dè rud a bha a' dol... na sìleanan an sin a' dol a dhèanamh dhut? Agus thusa cuideachd," ars esan, "a radain mhòir robaich ghlais," ars esan, "'s iomadh cruach mhòr arbhair," ars esan, "a th' aig tuathanaich a-staigh an sin," ars esan, "a dh'fhaodadh tu do bheòshlaint a dhèanamh ann," ars esan, "'s chan eil thusa a' toirt sin bhon chalman," ars esan. Agus," ars esan, "'s ann aig a' chalman," ars esan "a dh'fhàgas mise an sìol," ars esan.

"An-tà, beannachd dhutsa," ars an calman, ars esan, "agus chan eil uair," ars esan, "a smaoinicheas tusa," ars esan, "a dhol nam riochd-sa," ars esan, "nach tèid thu ann," ars esan.

"An-tà," ars an leòmhann, ars ise, "ged tha mise robach glas," ars ise, "mar a tha mi," ars ise,
"chan eil fhios a'm nach fhaodainn feum a dhèanamh dha cuideachd," ars ise, "agus ge nach d' fhuair mi sìol," ars ise, "chan eil uair," ars ise, "a dh'fhaod-... a dh'iarras... a smaoinicheas e air a dhol nam riochd," ars ise, "nach tèid e ann," ars ise.

"An-tà," ars an radan, "on a rinn sibh cho math ris uile," ars esan "carson nach dèanainn-sa?" ars esan. "Chan eil uair," ars esan, "a smaoinicheas e air a dhol na radan," ars esan, "'s dh'fhaodainn deagh fheum a dhèanamh dha fhathast," ars esan, "nach... nach tèid e ann."

Agus dh'fhàg Iain mac an iasgair, dh'fhàg e slàn aca, agus chùm e air. Ach cha robh e fad sam bith air a dhol air aghaidh 's e a' dol seachad air taobh locha nuair a chuala e bhith ag èigheach:

"Iain mhic an iasgair, till 's dèan ceart."

Agus thug e sùil agus bha breac ann a shin agus seabhag agus biast-dhubh, agus iad air a dhol far a chèile mu dheidhinn boiteig a bha a' tuiteam air taobh an locha. Agus thill Iain far an robh iad, agus:

"Siuthad," ars... ars a' bhiast-dhubh, ars ise, "dèan ceart," ars ise. "Cò aige a bhios i seo," ars ise.

"An-tà, shaoilinn fhìn," ars Iain, ars esan, "nach biodh do leithid-sa," ars esan, "agus gura h-iomadh iasg agus easgann mhòr a th' agad," ars esan, "air feadh an àite," ars esan, "anns an loch," ars esan, "a dh'fhaodadh tu ithe," ars esan, "às aonais," ars esan, "na boiteig a tha seo," ars esan, "'s chan eil aig a' bhreac bhochd," ars esan, "sìon aige a gheibh e," ars esan, "mura laigh cuileag air an uisge," ars esan, "no mura tuit boiteag," ars esan "o bruaich an locha. Agus tusa cuideachd," ars esan, "a sheabhaig," ars esan, "'s iomadh eun a th' agad air feadh na h-ealtainn," ars esan, "a bheir thu do leòr às," ars esan, "às aonais a bhith a' toirt seo," ars esan, "bhon bhreac."

"An-tà," ars... ars... "Beannachd dhutsa," ars am breac, ars esan. "Agus chan eil uair," ars esan, "a smaoinicheas tusa," ars esan, "a bhith nam riochd-sa," ars esan, "nach bi thu ann," ars esan.

"An-tà," ars a' bhiast-dhubh, ars ise, "Ged nach d' fhuair sinne," ars ise, "a' bhoiteag," ars ise, "chan eil uair," ars ise, "a smaoinicheas e bhith na bhiast-dhuibh," ars ise, "faodaidh sinn deagh fheum a dhèanamh dha fhathast," ars ise, "nach bi e ann."

"An-tà," ars an seabhag, ars esan, "on a rinn sibh uile gu math dha," ars esan, "carson nach dèanainn-sa?" ars esan. "Cha do rinn e sìon ceàrr ormsa," ars esan, "agus faodaidh mi," ars esan, "deagh fheum a dhèanamh dha," ars esan. "Chan eil turas," ars esan, "a smaoinicheas e a bhith na sheabhag nach bi e ann."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh Iain, agus dhealaich e; dh'fhàg e slàn aca, 's dh'fhalbh... ghabh e roimhe. Smaoinich e an seo aige fhèin gum feuchadh e na... na rudan a bha e a' dol a dh'fhaighinn agus smaoinich e gun rachadh e na chalman. 'S ò bha e siud; anns a' mhionaid bha e anns an iarmailt. Agus thòisich e seothach agus cho fad 's gun robh àite... an t-ài-... bailtean bhuaithe cha b' fhada ga ruighinn e, eadar a h-uile iteag 's a h-uile ruith air a bh' ann.

Agus ràinig e baile a bh' ann a sheothach, agus bha taigh beag iomallach geal a-mach an sineach ann an iomall a' bhaile, agus chaidh e chun an dorais agus bhuail e an doras agus
thàinig fear a-nuas ann a shineach, agus dh'fhosgail e an doras agus dh'iarr e air tighinn a-staigh.

"Tha mi ag aithneachadh," ars am bodach, ars esan, "gura h-e srainnsear a th' annad."

"Ò 's e," ars Iain, ars esan. "Srainnsear a th' annam," ars esan. "Cha robh mi riamh," ars esan, "an seo reimhid," ars esan.

Agus:

"An-tà gu dearbh," ars esan, "bhithinn fhìn," ars esan, "glè thoilichte," ars esan, "nam fanadh tu còmhla rium ann a sheothach," ars esan. "Tha mi," ars esan, "'nam... nam mhucair." ars esan, "aig an rìgh a tha seothach," ars esan, "agus a' biathadh nam muc dha," ars esan, "agus gan cumail air dòigh," ars esan, "agus tha mi a-nist air fàs slac," ars esan, "agus nam faighinn," ars esan, "do leithid a ghille," ars esan, "bhithinn uabhasach fhèin toilichte."

"Ò," ars Iain, ars esan, "faodaidh mise fuireach treis còmhla riut," ars esan, "ceart gu leòr," ars esan. "Tha... chan eil mi ach," ars esan, "ach a' coimhead airson obair, agus 's dòcha gum fan mi," ars esan, "gus an dèan mi mo shùil air feadh an àite," ars esan, "feuch am faigh mi nas fheàrr."

Ò bha seo glè mhath leis a' mhucair. Agus ge brith gu dè na bh' aig Iain co-dhiù de dh'aodach leis, chuir e aige ann am baga e agus chuir e thall ann an àite e, agus fhuair e biadh aig a' mhucair an seothach agus bha iad a' bruidhinn 's a' seanchas mar sineach gus an deach iad a chadal. Agus chaidh iad a chadal.

Agus bha am mucair ag innse dha a-nis gura h-e esan am mucair a bh' aig... a' coimhead às dèidh mucan an rìgh agus gun robh e eòlach gu leòr mu phàileis an rìgh 's a h-uile sìon 's na daoine a bh' ann. 'S bha aon nighean aig an rìgh agus cha robh gillean idir ann.

Agus bha Iain a-nis còmhla ris na lathaichean timcheall 's bha... chaidh e còmhla ris làrna-mhàireach 's sheall am mucair dha gu dè bh' aige ri dhèanamh 's cà robh na mucan a' dol 's a h-uile sìon dhen t-seòrsa sin. Agus tuilleadh às a dhèidh seothach cha ruigeadh a leas am mucair carachadh; dhèanadh Iain fhèin e. Bha e fhèin a' dèanamh a h-uile rud, 's bha e ag èirigh sa mhadainn 's bhiodh am braiceas deiseil aige nuair a dh'èireadh am mucair 's ò bha... bha am mucair uabhasach fhèin toilichte às a leithid tighinn na rathad.

Ach chunnaic e seo... bha e timcheall pàileis an rìgh 's chunnaic e an nighean òg a bha seothach, an nighean a bh' aig an rìgh. Chunnaic e a-muigh i. Agus fhuair e a-mach aig a' mhucair càit an robh i a' cadal sa phàileis. Agus an oidhche a bh' ann a sheothach co-dhiù, nuair a chaidh iad a chadal, dh'fhalbh Iain, agus dh'fhalbh e na sheabhag agus laigh e air mullach a' chan a bha san rùm anns an robh ise agus siud sìos na radan an t-similear a chaidh e. Agus nuair a thàinig e a-mach bha ise san leabaidh na c-... Co-dhiù bha i na cadal gus nach robh, ach leum esan na fhireannach agus chaidh e a-null agus chuir e a làmh oirre agus leig ise sgiamh aiste. Agus siud Iain dhan t-similear na radan air ais.

'S dh'fhairich an fheadhainn a bha shuas i, faisg oirre... a h-athair 's a mhàthair an sin, dh'fhairich iad an sgiamh aice. A-nuas a bha iad agus dh'fhaighneachd iad dè an rud a bha ceàrr. Ò bha cuideigin san rùm. Chuir cuideigin a làmh oirre. Agus thòisich siubhal air an rùm 's thòisich h-uile h-àite bha... shaoileadh a bhiodh duine ann... Shiùbhladh an rùm 's cha robh duine ann.

"Och," ars a h-athair, ars esan, "cha robh ann ach rud," ars esan, "a bha thu a' toirt a chreidsinn."

"Ò chan e, chan e," ars ise. "Dh'fhairich mi dìreach làmh an duine orm."

Ach co-dhiù seothach... Dh'fhalbh...

"Caidil," ars a h-athair, ars esan, "agus na cluinneam diog agad," ars esan, "ach siud," ars esan.

Ach dh'fhalbh iad co-dhiù agus nuair a dh'fhalbh iad co-dhiù thàinig Iain a-mach às an t-similear, agus leum e na dhuine a-rithist agus chuir e a làmh oirre air ais nuair a shaoil leis a bha i na cadal. Agus leig ise an ath sgiamh aiste, agus b' e seo an sgiamh bu mhotha na an tè eile. Agus a-nuas a bha càch a rithist. Agus thòisich siubhal, 's ò bha an duine ann ceart gu leòr 's bha an duine ann 's feumaidh gun robh... gun robh 's bha i cinnteach gun do chuir e a làmh oirre. Agus... ò thòisich a h-athair air siubhal 's thuirt e rithe:

"Leabhra," ars esan, "ma bheir thu ormsa èirigh a-rithist," ars esan, "'s e cuip," ars esan, "nan con a ghabhas mi dhut," ars esan. "Agus," ars esan, "chan eil... chan eil thu," ars esan "gus a bhith aig obair dhen t-seòrsa sin idir, a' toirt a chreidsinn ort fhèin," ars esan, "rud nach eil ann idir," ars esan.

Agus co-dhiù seothach dh'fhalbh e, an rìgh 's a' bhàn-righinn, chaidh iad... chaidh iad suas. Agus cha robh iad fad sam bith nuair a shaoil esan a bha i air tuiteam seachad a-rithist, thàinig e a-rithist a-nall. Leum e na dhuine agus thàinig e a-nall agus chuir e a làmh oirre.

"Uill," ars ise, "chan eil reusan dhòmhsa," ars ise, "a bhith riut," ars ise. "Feumaidh," ars ise, "gur e duine saoghalta a th' annad, ge brith dè an dòigh anns a bheil thu gad fhalach fhèin an seo," ars ise. "Agus chan eil," ars ise, "sìon a reusan dhomh a bhith riut," ars ise.

Agus thuirt Iain rithe gura h-e, gur e duine saoghalta a bh' ann. 'S dh'innis e cò e, gura h-e an gille a bh' aig a' mhucair aig a h-athair a bh' ann. Ach co-dhiù seothach bha e fad na h-oidhche gus an robh an latha gus a bhith ann còmhla ri nighean an rìgh. Agus nuair a bha i... nuair a bha e a' falbh, chaidh i gu drathair a bh' ann agus thug i a-mach briogais às agus i geal, briogais bhàn. Agus thug i dha e airson falbh. Agus dh'fhalbh Iain. Tharraing e 's tharraing e air taigh a' mhucair 's bha e a-staigh mun do dh'èirich am mucair. Rinn e a bhraiceas co-dhiù 's ghabh am mucair a bhraiceas 's bha e a' faighinn deiseil 's chaidh e a-null chun a' bhaga 's chuir e a' bhriogais anns a' bhaga. Chaidh e a-null chun a' bhaga air leisgeul air choreigin 's thòisich e ri siubhal 's thug e a-mach a' bhriogais às.

"A Dhia m' anam," ars am mucair, ars esan, "m' eudail," ars esan, "cà 'n d' fhuair thu a' bhriogais?" ars esan.

"Dè a' bhriogais?" ars Iain.

"A' bhriogais bhàn a th' agad an sin," ars esan.

"Hod a Dhia," ars Iain, "tha gu leòr againne dhiubh seo," ars esan.

"A Dhia, bhiadh 's aodach," ars esan, "nach toireadh tusa dhomh i."

"Dearbh fhèin e, bheir," ars esan, "gheibh thu dìreach dhutsa sa mhionaid i," 's shìneadh
a' bhriogais dhan mhucair.

Agus chaidh Iain chun nam mucan co-dhiù nuair a fhuair iad am braiceas seachad 's a h-uile sìon 's... Agus ò bha am mucair, chuir e air a' bhriogais 's thòisich e ri walkadh a-mach 's a-staigh timcheall.

Ach co-dhiù an oidhche sin nuair a chaidh Iain a choimhead oirrese:

"Ò nach bu tu an t-ifrinneach," ars ise, "a' bhriogais thug mi dhut a-raoir," ars ise, "nach fhaca mi," ars ise, "air a' mhucair an-diugh i."

"Chan fhaca," ars Iain, "A' bhriogais thug thu dhòmhsa a-raoir," ars esan, "chan i a bh' air a' mhucair idir," ars esan.

"Ò Dhia, 's i," ars ise. "Tha mi ga h-aithneachadh," ars ise.

"Ò chan i," ars Iain.

Agus:

"Ò," ars ise, "chan eil feum a bhith a' bruidhinn riut," ars ise.

Ach co-dhiù seothach bha e còmhla... bha e còmhla rithe an oidhche gus an latha, agus fhuair e an t-seacaid an oidhche sin. Agus làrna-mhàireach nuair a bha e a' siubhal a' cheas fhuair... fhuair am mucair an t-seacaid mar a fhuair e a' bhriogais. Agus an oidhche sin co-dhiù chaidh Iain, chaidh e às dèidh nam mucan. 'S e bha a' falbh às dèidh nam mucan tuilleadh 's gam faicinn air dòigh 's gam biathadh 's a h-uile sìon dhen t-seòrsa sin, agus cha robh am mucair a' dèanamh car. Cha robh e ach na dhuine-uasal a' falbh 's a' spaidhigeadh leis a' bhriogais bhàin 's an t-seacaid aige... aig Iain, a fhuair e o nighean an rìgh. An oidhche sin nuair a ràinig e, fhuair e an ath aghaidh airson na deise:

"Ah," thuirt i, "chan eil sìon a dh'fheum dhomh," ars ise "a bhith a' bruidhinn riut," ars ise. "Aon sìon," ars ise. "'S iad a bh' ann."

"Ò chan iad," ars Iain, "a bh' ann idir," ars esan. "Tha gu leòr dhiubh siud an taobh againne," ars esan. "Gu leòr againne dhen t-seòrsa ud," ars esan.

Agus:

"Ò," ars ise, "cha toir mi feart ort," ars ise.

Ach co-dhiù seo... tha... chaidh e... dh'fhalbh e dhachaigh sa mhadainn. Agus chaidh e a bhiathadh nam mucan. Cha d' fhuair e sìon an oidhche sin, ach chaidh e a bhiathadh nam mucan co-dhiù, agus nuair a thill e dhachaigh feasgar:

"A ghràidhein," ars... ars am mucair, ars esan, "tha droch naidheachd air tighinn dhan àite," ars esan.

"Dè an naidheachd a tha sin?" ars Iain, ars esan.

"Tha," ars esan, "cogadh gus a-màireach," ars esan, "eadar an rìgh a tha seo," ars esan, "agus fear eile," ars esan, "a tha... tha san àite sin," ars esan, "agus mura cùm e," ars esan, "cogadh latha ris," ars esan, "tha a leithid seothach a shuim airgid aige ri phàigheadh dha."

"'S a bheil iad," ars Iain, "a bheil e a' dol ga dhèanamh?"

"Ò tha," ars esan. "Agus feumaidh mise mi fhìn a dhol ann," ars esan, "ge nach faighinn," ars esan, "ach buille an-dràsta 's a-rithist a thoirt do chuideigin aca," ars esan. "Feumaidh mi fhìn a dhol ann."

Agus:

"Ò nach eil sibh glè cheart," ars Iain, ars esan. "Ach chan eil rathad agam air a dhol ann. Feumaidh mise," ars esan, "a bhith aig na mucan."

"Ò," ars am mucair, "chan eil turas agadsa ann. Cha bhuin thu dhan rìoghachd seo ann," ars esan. "Ach," ars esan, "feumaidh mise a dhol ann."

Agus thug e làmh air claidheamh beag meirgeach a bh' air an tobhtaidh an sineach agus thòisich e air a thrumaigeadh agus a chur air dòigh. Ach co-dhiù dh'èirich Iain tràth sa mhadainn agus... Bha e a' coimhead air nighean an rìgh an oidhche sin agus dh'innis i dha an naidheachd a bh' air tighinn dhan àite. Agus... tha... thàinig e sineach dhachaigh eadar sin agus beul an latha agus fhuair e a bhraiceas air dòigh agus dh'èirich am mucair agus dhreasaig e e fhèin agus:

"Leabhra," ars am mucair, ars esan, "chan eil dùil a'm," ars esan, "nach... nach cuir mi orm a' bhriogais bhàn."

"Ò gu dè eile, a Dhia, a nì thu," ars Iain, "ach a cur ort," ars esan. "Nach ann airson a cur ort a fhuair thu i?"

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Dh'fhalbh... dh'fhalbh am mucair. Fhuair e deiseil. 'S dh'fhalbh iad 's an t-armachd uile 's an rìgh 's a h-uile sìon... duine a bh' ann. Dh'fhalbh Iain chun nam muc agus nuair a fhuair e air... air dòigh dhe na mucan dh'fhalbh e agus leum air falbh na sheabhag. Agus bha e a' gabhail foghair. Bha e gan leantail mar a bha iad a' dol air aghaidh agus chunnaic e seo a' bhuidheann eile a' tighinn nan coinneamh. Agus nuair a bha iad dìreach gu bualadh thàinig Iain a-nuas gu talamh agus leum e na leòmhann, 's a-mach a ghabh e às dèidh na buidheann a bha a' tighinn thuca agus thugadh tom gun tulaich orra. An fheadhainn nach robhar a' gearradh bhathar a' marbhadh 's an fheadhainn nach robh air am marbhadh bhathar gan crathadh a-thall 's a-bhos. Agus ghabh iad an ratreut agus thill iad, ach dh'èigh iad gum biodh... biodh... an [???] a-màireach fhathast.

Agus dh'fhalbh... nuair a chunnaic am mucair an leòmhann, a-mach a ghabh e. Thug e aghaidh air an taigh. Agus nuair a thill an leòmhann chunnaic e... chunnaic Iain am mucair leis a' bhriogais bhàin, agus e a-mach às a dhèidh a ghabh e. Agus rugadh air a' mhucair agus chuireadh ann an dìg ann a shineach e agus thòisich lointeadh air, ga tharraing air ais 's air aghaidh agus a h-uile turas a leigeadh am mucair sgiamh às bhualadh Iain a spòg air. Agus dh'fhàgadh ann a shin am mucair leth-marbh, 's e air toirt fairis. Agus dh'fhalbh Iain 's leum e air falbh na sheabhag 's cha robh an ath sgeul air... air an leòmhann. Agus chaidh e dhachaigh, agus chuir e air dòigh na mucan 's fhuair e air dòigh iad 's bha e dìreach air tighinn dachaigh nuair a dh'fhairich e 'och is och' a' tighinn. Agus thàinig am mucair dhachaigh.

"Ò dè tha ceàrr oirbh?" ars Iain, ars esan. "An ann air ur leòn a tha sibh?"

"Ò chan ann, a ghràidhein," ars esan, "ach ge nach ann fhèin," ars esan, "fhuair mi riasladh gu leòr," ars esan. "Ach a ghalathad bhochd," ars esan, "rinn i deagh fheum dhuinn," ars esan. "Na dhèidh sin," ars esan, "thug i tom..."

"Dè 'n rud a bh' ann?" ars Iain.

"Bha, leabhra," ars esan, "leòmhann chaothaich a thàinig," ars esan, "dìreach," ars esan, "nuair a bha sinn gu bualadh," ars esan. "Agus thug i... rinn i marbhadh sgràthail," ars esan, "air an taobh eile nar coinneamh-ne agus cha deach i an comhair duine," ars esan, "air an taobh againne ach mise," ars esan. "Ach tha mi cinnteach," ars esan, "gur ann airson a' bhriogais bhàn a bhith ormsa," ars esan, "a... a chuir i a-mach am measg chàich uile mi," ars esan.

"Saoil a-nis an do gheàrr i sibh?" ars Iain, ars esan.

"Ò cha do gheàrr, a ghalathad," ars esan. "Cha do gheàrr i idir mi," ars esan. "Cha robh i ach a' bualadh a spòig orm 's gam chumail nam shìneadh," ars esan.

"Hod," ars Iain, ars esan. "Mur do rinn," ars esan, "tha sibh ceart gu leòr."

"Ò tha," ars esan, "ach tha mi air mo chlaoidh aice."

"'S a bheil sibh," ars esan... "Do rinn sibh ri... rèite?" ars Iain.

"Ò cha do rinn," ars esan. "Tha againn ri dhol ann a-màireach fhathast."

"Ò tha mi cinnteach," ars... ars Iain, "nach meantraig sibhse ann."

Agus... tha...

"Ò Dhia," ars esan, "'s mise a nì sin. Chan eil fhios a'm dè mar a bhios mi sa mhadainn. Faodaidh mi bhith glè mhath sa mhadainn."

Ach dh'fhalbh Iain co-dhiù agus dh'innis... Chaidh e a choimhead air nighean an rìgh an oidhche sin. Agus bha an eachdraidh ann aicese mar a... mar a thàinig an leòmhann 's a h-uile sìon 's nach robh fhios aca o Dhia cò às a thàinig i. Agus... Uill, dh'innis Iain dhi an uair sin mu dheidhinn an rud, agus na gibhtean a bh' aige.

Agus dh'fhalbh... A-nis an làrna-mhàireach dh'fhalbh iad air ais. Agus nuair a fhuair Iain na mucan air dòigh, dh'fhalbh e mar a dh'fhalbh e an-dè na sheabhag às an dèidh, agus bha e a' gabhail alladh riutha 's bha e a' falbh a' flaigheadh anns an iarmailt os an cionn. Agus chunnaic e seo a' bhuidheann eile a' tighinn. Agus nuair a bha iad dìreach gu bualadh mar a bha iad an-dè, thàinig Iain a-nuas gu talamh 's leum e na leòmhann. 'S a-mach a ghabh e às dèidh an fheadhainn eile, ach ma dh'fhalbh Iain às dèidh an fheadhainn eile dh'fhalbh am mucair nuair a chunnaic e an leòmhann. Agus thug Iain tom... an leòmhann thug i tom... far an fheadhainn... thug e tom gun tulaich far an fheadhainn eile. Agus nuair a bha e sgìth, ga sg-... gan reubadh 's gam marbhadh 's gam pronnadh, fhalbh, tharraing e an uair sin. Agus thug e an aire dhan mhucair agus e a' toirt bhuaithe na bh' aige. Agus dh'fhalbh Iain às a dhèidh. Agus chunnaic am mucair an leòmhann a' tighinn. Agus ràinig i 's rug i air a' mhucair 's chrathadh 's bhualadh ris an talamh e agus thòisich i air a shlaodadh thall 's thòisich i air a shlaodadh a-bhos. Agus mu dheireadh bha a' bhriogais bhàn a bh' air, cha dèante a-mach co-dhiù bha i bàn no dubh leis mar a bha e le poll 's leis a h-uile seòrsa a bha far an robh e ga shlaodadh. Agus nuair a bha e seachd sgìth ag obair air dh'fhalbh e an uair sin 's leum e air falbh na sheabhag agus cha robh an ath shealladh air... air an leòmhann cò an taobh a ghabh i no às tàinig i. Ach ràinig Iain an taigh 's chaidh e chun nam mucan 's chuir e air dòigh iad 's chuir e a-staigh iad. Agus tharraing e an uair sin dhachaigh agus bha e treis a-staigh mun tàinig am mucair, agus 'och is och' aige a' tighinn 's e air... e air a chlaoidh 's air a thoirt fairis.

"Cha do dh'èirich... An e... an e an leòmhann," ars Iain, "a rinn seo oirbh an-diugh?"

"Ò 's i, ghalathad," ars esan, "'s i, ach cha do gheàrr i idir mi," ars esan. "Ach," ars esan, "tha... bha i glè... rinn i glè mhath rinne," ars esan. "Tha càch," ars esan, agus... "Ach na dhèidh sin," ars ise... ars esan, "cha do rinn iad sìth. Tha againn ri bhith ann a-màireach fhathast."

"Ò dhuine, dhuine," ars Iain, ars esan, "nach eil e neònach? Feumaidh," ars esan, "nach dèan i... dèan i sìon orra," ars esan.

"Ò tha, tha, 's ise a th' ann an sin," ars esan, "Tha i a' marbhadh mòran de dhaoine orra," ars ise, "ach chan eil i a' marbhadh duine air an taobh againn," ars esan, "ge brith gu dè an leòmhann a th' ann," ars esan.

"Ò nach coma dhuibh," ars Iain, "gu dè an leòmhann a th' ann nuair a tha i a' dèanamh," ars esan, "feum dhuibh," ars esan, "mar sin," ars esan. "Nach eil e neònach," ars esan, "nach eil i a' g-... a' gabhail thugaibhse," ars esan, "mar tha i a' gabhail gu càch," ars esan.

"Ò chan eil," ars am mucair. "Cha do rinn i duine... sìon air duine againne," ars esan, "ach mise an aon duine nam aonar," ars esan, "air sàillibh a' bhriogais bhàn a tha seothach a bhith ormsa," ars esan.

Agus:

"Hod, chan ann," ars Iain. "Chan eil ann ach... Math dh'fhaodte," ars esan, "gur e an tè... nòisean a choreigin a ghabh i dhibhse i bhith às ur dèidh," ars esan.

Ach co-dhiù 's ann mar seothach a bha. Nuair a fhuair iad an suipeir co-dhiù 's a chaidh iad a chadal, dh'fhalbh Iain. Chaidh e a choimhead air nighean an rìgh. Agus nuair a ràinig e seothach bha an eachdraidh aice sineach mar a rinn e 's an dìol a rinneadh air a' mhucair 's a h-uile sìon. Agus bha Iain an sineach gus an robh a' mhadainn gus a bhith ann. Agus dh'fhalbh e dhachaigh.

Agus fhuair e... rinn e a bhraiceas, 's bha a bhraiceas aige deiseil nuair a... nuair a dh'èirich am mucair.

"Bheil sibh a' meantraigeadh air falbh an-diugh?" ars Iain.

"Ò tha, a ghràidhein," ars esan. "Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gur e an-diugh," ars esan, "an latha mu dheireadh a bhios againn," ars esan, "nach dèan iad an còrr co-dhiù," ars esan.

Agus:

"Ò glè cheart," ars Iain, "ma-thà. Agus feumaidh mise," ars esan, "falbh chun nam muc, ma-thà, 's ma tha sibhse a' falbh a sin."

Dh'fhalbh am mucair co-dhiù 's dh'fhalbh Iain nuair a dh'fhalbh esan, dh'fhalbh e chun nam mu-... chun nam mucan 's chuir e air dòigh iad 's dh'fhàg e ann a shiud iad gus an tilleadh e a-rithist. Agus dh'fhalbh Iain na sheabhag mar a b' àbhaist dha. Ach air a rathad a' dol air aghaidh às an dèidh, thug e an aire dha feadhainn dhe na daoine nan ruith air ais. Agus cò bha na ruith air ais ach am mucair. Agus thàinig... thàinig e a-nuas... thàinig e... thàinig e a-nuas agus dh'fhaighneachd e dhan mhucair dè bha ceàrr. Thachair e ris. Thàinig e a-nuas na sheabhag agus leum e na dhuine sa mhionaid 's dh'fhaighneachd e dè bha ceàrr. 'S thuirt e gun do dh'fhàg an rìgh an clogad a-staigh agus gun tug e... gun robh an nighean aige ri thoirt... ri fhaighinn aig an fhear a bheireadh thuige an clogad. Agus nuair a chuala Iain seo cha do rinn e ach leum air falbh na sheabhag mar a bha e riamh. Agus tharraing e air taigh an rìgh, air pàileis an rìgh. Agus bhuail e aig an doras. Thàinig ise a dh'fhosgladh an dorais.

"Dè tha ceàrr?" ars ise.

"Tha," ars ise [sic], "clogad d' athar," ars esan, "air fhàgail a-staigh," ars esan, "'s tha e a dhìth air," ars esan.

Agus:

"Thig thusa a-staigh mar seo," ars ise.

"Ò Dhia," ars esan, "cha tèid," ars esan. "Bheir dhomh," ars esan, "an clogad."

Agus:

"Thig a-staigh mar seo," ars ise, "ge nach... ged a chuireadh iad an ceann dheth," ars ise.

Agus chaidh e a-staigh agus bha i fhèin 's a màthair ann an rùm ann a shin.

"Siuthad," ars ise, "dèan cleas dhuinne," ars ise, "ann a shineach," ars ise, "mum falbh thu," ars ise.

"Ò Dhia," ars esan, "chan eil math dhomh," ars esan, "agus an clogad a dhìth air d' athair," ars esan.

"Chan eil e gu diofar," ars ise. "Dèan cleas," ars ise, "dhuinne mum falbh thu."

Dh'fhalbh e 's leum e na bhreac air a' bhòrd. Sgaoil e na h-iuchraichean air a' bhòrd. Chruinnich e seo agus leum e na dhuine.

"Siuthad," ars ise, "dèan fear eile," ars ise.

Agus dh'fhalbh e agus leum e na chalman, agus... air a' bhòrd agus laigh e air a gualann... aicese agus laigh e sin... leum e sin agus laigh e air gualann na bàn-righinn. Agus leum e sineach agus th-... chaidh e na dhuine air ais.

"Seo a-nis," ars esan, "bheir dhomh an clogad," ars esan.

"Ò gheibh thu sin," ars ise.

Dh'fhalbh i 's thug i a-nuas clogad a h-athar 's thug i dha e, 's a-mach a ghabh Iain leis. 'S cha b' urra dha falbh leis agus cha b' urra dha a dhol ann an riochd sam bith ach na dhuine. Chunnaic e feadhainn, thachair feadhainn ris 's iad a' tighinn. Agus cò bha a' tighinn ach am mucair. Thug am mucair an aire dhan... rudeigin aig Iain.

"Dè th' agad an sin, Iain, a ghràidhein?" ars esan.

"Tha clogad an rìgh," ars Iain, ars esan.

"Ò bhiadh 's aodach, nach toireadh tusa dhòmhsa e."

"An-tà, 's tusa, a Dhia, a gheibh sin," ars esan.

Agus shìn e dha an clogad, dhan mhucair. Agus thòisich am mucair a' smìdeadh leis a' chlogad air an fheadhainn a bh' air a dhol seachad, gun robh an clogad aigesan. Agus dh'fhalbh am mucair leis agus ràinig e an rìgh agus an clogad aige.

"A Dhia, nach eil a Dhia Mhòir gam fhaicinn," ars an rìgh, ars esan. "Cha robh duine eile anns an rìoghachd agam," ars esan, "a bheireadh thugam an clogad na bu luaithe," ars esan, "na an seann mhucair a bh' agam," ars esan. "Ach chan fhaod mise dhol às... à cois m' fhacail," ars esan. "'S esan a dh'fheumas an nighean fhaighinn."

Ò ghràidhein, bha am mucair cho toilichte 's nuair a bhuail... nuair a thàinig iad sin... fhuair an rìgh an clogad chaidh iad air aghaidh. 'S thachair an dà bhlàr ri chèile 's ma thug Iain tulach air... tom orra an-dè 's ann a rinn e mess orra an-diugh oir 's mu dheireadh gun do dh'èigh iad an t-sìth. Agus cha robh... Bha an cogadh seachad tuilleadh. Cha robh an còrr ri bhith ann.

Ach co-dhiù seo, 's ann mar seothach a bha. Chaidh iad dhachaigh agus... Ràinig Iain, dh'fhalbh e mar a b' àbhaist dha na... na sheabhag agus ràinig e na mucan agus chuir e air dòigh iad. Agus nuair a fhuair e air dòigh iad co-dhiù thill e dhachaigh agus bha am biadh aige deiseil ron mhucair nuair a thàinig e. Agus cha do rinn e sìon air a' mhucair air an latha a bha sineach, ach thàinig e dhachaigh.

"Seadh," ars... ars Iain. "Fhuair sibh an latha an-diugh gu cuimir, gu math," ars esan.

"Ò fhuair, a ghràidhein," ars esan, "fhuair. Cha deach i nam chomhair an-diugh," ars esan, "ach th-... thug i... rinn i toll... thug i toll gun tulaich," ars esan, "às an fheadhainn eile," ars esan, "'s dh'èigh iad an t-sìth an-diugh."

"Ò dhuine," ars Iain, "nach math sin," ars esan.

Agus:

"Ach feumaidh mise," ars... ars am mucair, "fhaicinn mu dheidhinn a' ghnothaich a tha seo," ars esan.

"Dè seo?" ars Iain.

"Ò nach eil nighean... nach eil... Feumaidh mi," ars esan, "nighean an rìgh fhaighinn a chionn 's gur mi thug an clogad chun an rìgh."

"Ò ghràidhein," ars Iain, "nach sibh tha lucky."

"Ò 's mi," ars esan, "ach 's ann air do shàillibh-sa tha mi lucky," ars esan.

"Ò glè cheart," ars Iain. "Tha sin math gu leòr," ars esan. "Agus nuair a choisinn sibh a h-uile rud," ars esan, "tha sibh ceart gu leòr agus bidh sibh glic," ars esan, "agus chì sibh mu dheidhinn sa mhionaid."

"Ò ghràidhein, 's mise a dh'fheumas sin a dhèanamh," ars esan.

Cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Thòisich am mucair air faighinn deiseil a h-uile latha tuilleadh airson nighean an rìgh a phòsadh, 's banais a bhith ann. Agus... Ò thòisich, 's bhathar a' cruinneachadh 's a' faighinn deiseil airson na bainnse 's thàinig an seothach latha na bainnse. Agus bha Iain gus a bhith oirre mar a bha a h-uile duine eile. Agus chruinnicheadh an oidhche sin, oidhche na bainnse co-dhiù, nuair a bha... An t-àite anns an robh iad, chan eil fhios a'm cà robh iad ach, an t-àite anns an robh iad cruinn co-dhiù bha e làn 's bha a h-uile duine ann, 's bha an rìgh ann 's bha a' bhàn-righinn ann 's bha... bha an nighean ann. Agus bha am mucair ann agus gur h-e... gur h-e bha a' pòsadh. Ach co-dhiù thuirt an nighean an seo:

"Uill," ars ise, "tha facal no dhà agamsa ri ghràdh," ars ise, "cuideachd," ars ise. "Thug m' athair seachad mise," ars ise, "gun m' fhaighneachd," ars ise, "co-dhiù bha mi toilichte 's gus nach robh," ars ise. "Ach," ars ise, "tha... tha mise," ars ise, "an duine... an cleasaiche as fheàrr an seo a-nochd," ars ise, "'s e a phòsas mise," ars ise, "agus," ars ise, "chan e gu dè thuirt m' athair idir," ars ise.

Ò thòisich fear an sineach ri c-... dèanamh car an sgairbh 's thòisich seasamh claidheimh 's cò bha nam meadhan ach am mucair. Agus bha an nighean a' leigeil leotha, 's a' leigeil leotha. Agus bha iad seachd sgìth an seothach agus thuirt ise ris:

"Gabhaibh a-nis air ur socair a-nis agus tha fear ann a sheo," ars ise, "'s bheir sinn air," ars ise, "cleas a dhèanamh."

Agus thàinig i far an robh... thuirt i ri Iain:

"Thalla a-nis," ars ise, "dèan cleas an sin a-nis," ars ise.

Dh'fhalbh e agus leum e air bòrd a bh' ann, 's chaidh e na bhreac, agus sgaoil e na h-iuchraichean air a' bhòrd, 's chruinnich e a-rithist 's leum e dheth agus chaidh e na fhireannach.

"Bheil duine agaibh," ars ise, "a nì siud?" ars ise.

Agus, ò cha robh duine.

"Siuthad," ars ise, "dèan fear eile."

Leum e sin na chalman agus leum e gu guala... a' ghuala aicese an toiseach 's chaidh e sin gu guala na bàn-righinn 's leum e an sin gu guala an rìgh. Leum e às 's leum e na dhuine air ais.

"Siuthad," ars ise, "dèan fear eile."

Dh'fhalbh Iain... dh'fhalbh Iain 's leum e na leòmhann. Ach nuair a chunnaic am mucair an leòmhann, a-mach a bha e agus leagadh anns an doras e agus stampadh fo na casan e mun d' fhuair... mun d' fhuair e clìor. Agus co-dhiù no co-aca chaidh a' bhanais air aghaidh. Agus phòs Iain agus nighean an rìgh.

Uill, cha robh air seothach ach seo fhèin. Cha robh gille aig an rìgh idir. Cha robh aige ach i fhèin de chloinn, an nighean. Agus bha e... aca ri bhith còmhla riutha fhèin agus nuair a bhiodh esan marbh gum biodh e na rìgh ann a shiud.

Bha iad ann a sheothach a-nis. Bha iad ann a shin. Bha e a-nis... Dh'fhàg e bhuaithe a' mhucaireachd 's a h-uile sìon a bh' ann. 'S cha chreid mi nach d' fhuair am mucair beagan na b' fheàrr an dèis an stampadh a fhuair e. Bha e fhèin a' dèanamh seòrsa de ruith orra. Ach... ach co-dhiù bha Iain 's bha e fhèin 's a' bhean òg bhiodh iad... bhiodh iad a-mach daonnan. Agus bha iad am feasgar a bha seothach, bha iad shìos mun chladach agus... feasgar brèagha ann, agus an t-oighre ann 's bha iad shìos aig a' chladach dìreach agus thàinig a' mhaighdeann-mhara mu chuairt agus dè ach sgiobadh air falbh Iain.

"Thalla," ars ise, "'s fhada o fhuair mi còir ort," ars ise, "mun... mun deach do ghin-... ghineadh am broinn do mhàthar," ars ise. "Agus tha thu agam a-nis," ars ise.

Ò leig an tè... a' bhean aige, leig i na ràin 's na lasagan às, 's dh'fhalbh i dhachaigh. Thòisich i air rànaich. Dh'fhaighneachd dè bha ceàrr 's dh'innis i mar a dh'èirich dhaibh. Agus thuirt a h-athair rithe:

"Thalla thusa," ars esan, "gu seann duine a tha san àite shìos an seo," ars esan. "Tha e ann an leithid seo a dh'àite," ars esan, "agus faighneachd dha," ars esan, "gu dè nì thu. 'S neònach leamsa," ars esan, "air neo tha fhios aige air."

Dh'fhalbh i 's chaidh i sìos.

"Uill," ars an seann duine sin rithe, ars esan.

Dh'innis i dha mar a dh'èirich dhi, 's i fhèin 's a companach."

"Uill," ars an seann duine seo rithe. Thuirt e: "Faigh thusa," ars esan, tubhailte gheal," ars esan, "agus theirig chun a' chladaich," ars esan, "far... far an do chaill thu... far an tugadh air falbh do chompanach," ars esan. "Agus faigh ceòl," ars esan, "agus bheir leat ugh, agus," ars esan, "tòisich," ars esan, "ri seinn a' chiùil agus ri ruidhleadh an uighe," ars esan, "air ais 's air aghaidh air... air an tubhailte, agus tha e glè neònach leamsa," ars esan, "air neo thig i," ars esan. "Agus ma tha cleasan aig an duine agadsa," ars esan, "mar tha thu ag ràdh," ars esan, "tha e furasta gu leòr e faighinn clìoras i. Nuair a thig i," ars ise [sic], "stad thusa," ars esan, "a sheinn a' chiùil agus a ruidhleadh an uighe. Agus iarraidh i ort," ars esan, "leantail ort. Agus canaidh tu rithe," ars esan, "gun lean ma chuireas i na bheil os cionn an dà achlais do chompanach a-mach."

"Agus," ars esan, "faodaidh tu an uair sin treis a thoirt air," ars esan, "agus sguir a-rithist," ars esan, "agus canaidh tu... nuair a... nuair a sguireas tu a-rithist," ars esan, "nuair a dh'iarras i ort tòiseachadh air ais," ars esan, "canaidh tu ma chuireas i a-mach... a-mach na bheil os cionn na h-imleig dheth, agus ma tha cleasan aig an duine agadsa," ars esan, "tha e furasta gu leòr dha falbh."

Uill, 's ann mar seo a bha. Dh'fhalbh i 's fhuair i tubhailte, 's thug i leatha ugh 's bha ceòl aice. Ge brith gu dè an ceòl a bh' ann, cha chuala mise e. Ach thòisich i ri seinn a' chiùil agus ri ruidhleadh an uighe. Agus bha i treis ag obair agus chunnaic i sin smùid aicese a-muigh pìos a-mach bhuaipe. Agus chaidh i sin fodha, agus an ceann greise seo thàinig i am bàrr bìdeag an taobh a-muigh dhith. Agus sguir ise a sheinn a' chiùil agus a ruidhleadh an uighe.

"Siuthad," ars ise, "ruidhil an t-ugh 's seinn an ceòl," ars ise.

"Nì mi sin," ars ise, "ma chuireas tu," ars ise, "na bheil os cionn an dà achlais dhem chompanach a-mach air do bheulaibh," ars ise.

"Nì mi sin," ars ise.

Agus dh'fhalbh i 's chuir i a-nuas e dìreach an com leis an dà achlais.

"Siuthad a nis," ars ise.

Rinn i e agus sheinn i sineach an ceòl agus... tha... sguir i dheth a rithist. Agus:

"Siuthad," ars ise, "ruidhil an t-ugh 's seinn an ceòl air ais."

"Nì mi sin," ars ise, "ma chuireas tu na bheil os cionn na h-imleig dheth a-mach," ars ise.

"Nì mi sin," ars ise.

Agus sgioblaich i suas e agus dh'fhalbh Iain na sheabhag a-mach dhan iarmailt. Sgioblaich ise leatha an tubhailte 's an t-ugh 's a h-uile sìon a bh' ann 's tharraing i a-mach on chladach. Agus laigh Iain air a' ghlas shuas agus thàinig e a-nuas na fhireannach na coinneamh.

Uill, chaidh iad dhachaigh a-nist. Agus bha iad a' dol timcheall an sineach. Cha robh iad a' dol an comhair a' chladaich. Cha robh iad a' dol a dh'àite. Agus bha iad ùine nan ùineachan an uair sin mun deach iad chun a' chladaich. Ach am feasgar a bh' ann a sheothach, ge brith gu dè a chuir an rathad iad, no cà robh iad a' dol, co-dhiù chaidh iad rathad a' chladaich. Agus thàinig a' mhaighdeann-mhara agus sgiobadh air falbh Iain air ais.

"Thalla," ars ise. "Ma theich thu orm an triop ud," ars ise, "cha teich thu orm an triop seo," ars ise.

Uill, dh'fhalbh ise dhachaigh, 's fhuair i an t-... i an t-inneal a bh' aice... na h-inneil a bh' aice reimhid, an t-ugh 's an tubhailt agus an ceòl. Agus thòisich i air. 'S bha i ag obair ann a shin 's ag obair 's cha robh tuar air sìon. Ach nuair a bha i gu toirt fairis an seo thug i sùil... thug i an aire dhìse ag èirigh a-muigh pìos math a-mach. Agus thuirt i... thàinig i... leig i leatha 's lean i oirre, agus thàinig i sineach am bàrr bìdeag a-mach bhuaipe. Agus sguir ise a sheinn a' chiùil agus a ruidhleadh an uighe. Agus:

"Siuthad," ars ise, "ruidhil an t-ugh 's seinn an ceòl."

"Nì mi sin," arsa nighean an rìgh, ars ise, "ma chuireas tu," ars ise, "na bheil os cionn an dà achlais dhem chompanach a-mach."

"Cuiridh," ars ise, "ach sin fhèin na gheibh thu dheth," ars ise.

Agus dh'fhalbh i agus i ga sgioblachadh suas agus chuir i a-nuas na b' fhaide e agus siud Iain na bhreac anns a' mhuir, agus sgaoil e na h-iuchraichean air feadh an t-sàil agus thòisich ise air òl an uisge, an t-sàil, 's na h-iuchraichean agus fhuair sìlean de... dhith air tìr. Leis an stuadh a bha i a' cur dhith fhuair sìlean air tìr agus leum Iain air falbh na sheabhag. Agus sgioblaich ise leatha a h-uile sìon a bh' ann an uair sin.

Uill, chaidh iad dhachaigh an uair sin agus... Bha iad an uair sin a-rithist aig an taigh 's bha iad a' faireachdainn nach rachadh iad an comhair a' chladaich. Ach latha dhe na lathaichean co-dhiù, ann an ceann ùine mhòir às a dhèidh sin, bha iad aig a' chladach. Agus thàinig a' mhaighdeann-mhara mu chuairt agus sgiob i air falbh a' bhean aig Iain.

"Thalla," ars ise, "ma bha cleasan aigesan," ars ise, "chan eil gin agadsa," ars ise. "Agus mura d' fhuair mi esan," ars ise, "gheibh mi thusa."

Uill, cha robh fhios aig Iain o Dhia gu dè rud a dhèanadh e. B' fheàrr le Iain e fhèin a bhith ann; ge brith gu dè mar a gheibheadh e clìoras i, chan fhaigheadh ise idir clìoras i. Agus chaidh e chun an t-seann duine bha seothach anns a' bhaile, agus thuirt an t-seann duine ris:

"Uill," ars esan, "'s ann," ars esan, "ann... ann an ugh," ars esan, "ann am... a th' ann am broinn lacha ann am broinn caora dhubh," ars esan, "'s ann," ars esan, "ann an Rìoghachd nam Fear Mòra," ars esan, "'s ann tha a' bheatha aig a' mhaighd-... a' mhaighdeann-mhara," ars esan. "Ach," ars esan, "ged a tha e fad air falbh," ars esan, "ma tha na h-uiread," ars esan, "a dh'innleachdan agadsa 's a th' agad," ars esan, "de chleasan," ars esan, "cha bhi thusa," ars esan, "fada ga ruighinn," ars esan.

Uill, an làrna-mhàireach co-dhiù, fhuair... rinn Iain deiseil 's dh'fhalbh e, 's cha robh e ach a' flaigheadh anns an iarmailt an sineach gus an do ràinig e an rìoghachd a bha seo, ge brith cà robh i. Cha chuala mise riamh cà robh i ach gun cuala mi Rìoghachd nam Fear Mòra oirre. Agus thòisich e ri siubhal na beinne, 's bha e a' faicinn caoraich 's bha e a' faicinn feadhainn dhubha 's bha... a' phaidhir an seo a' cur air an druim 's a' leum na fhireannach 's a' gearradh an sgòrnain aca. Cha robh lach no lach, no sìon. Ach am beul na h-oidhche 's e air dubh-thoirt fairis, bha... thug... shaoil leis gum faca e beothach dubh shìos aig taobh an locha a bha sin. Agus thàinig e nuas na sheabhag agus 's e caora dhubh a bh' ann agus laigh e air a druim sineach agus leum e na dhuine agus rug e oirre. Agus mar a bha e air toir... air fàs cho sgìth air a bhith a' marbhadh nan caorach cha do rinn e ach an sgòrnan aice ghearradh agus dìreach mun deach e na fhaireachadh, phlap an lach a-mach agus bhuail i anns an locha.

Uill, leig e às i agus leum e na sheabhag, 's bha e a' flaigheadh os cionn an locha 's leum an lach an seothach, nuair a thàinig i am bàrr, dh'fhalbh i air an iteig 's bhuail e an lach anns... anns an druim agus mharbh e i. Agus nuair a dh'fheuch e i cha robh ugh no eun innte.

Dh'fhalbh e seothach agus chaidh e dhan locha. Chaidh e na bhiast-duibh agus thòisich [?sguidilearachd] an locha, agus a dh'olc no dh'èiginn dhan d' fhuair e e, fhuair e an t-ugh anns an locha far do rug an lach e nuair a bhuail i anns an locha. Agus nuair a fhuair e an t-ugh thàinig e gu tìr an uair sin.

Agus thòisich e ri falbh an uair sin. Fhuair e chun a' chladaich agus bha e a' leantail a' chladaich. Agus thuirt... dh'innis am bodach dha, mar a dh'innis e a h-uile sìon dha, gur ann an uamh a bha i a' fuireach air an oidhche. Nuair nach biodh i air a' mhuir gur ann san uamh... ann an uamhachan a bha iad a' cadal, agus gur ann san rìoghachd ud a bha mòran dhiubh. Agus bha Iain a' falbh agus e a' siubhal a' chladaich, agus bha e gu toirt fairis co-dhiù, ach shaoil leis... shaoil leis an seo gum faca e ribheag chaol de smùid ann an taobh a' chladaich roimhe. Agus lean e air gu fàilidh sìos agus 's e sin a bh' ann. Bha smùid ann. Rinn e a-mach gur e smùid a bh' ann, agus thuirt e na inntinn fhèin, "Seo an t-àite aice."

Agus dh'fheuch e gu fàilidh sìos gu beul na h-uamha a bh' ann, agus bha uamh ann a shin agus thug e sùil a-staigh. Ghìog e a-staigh anns an uaimh agus 's e an cosnadh a bh' aig a' bhean aige fhèin, ceann na maighdinn-mara na h-uchd agus i ag obair air... air siubhal na gruaige aice. Agus chunnaic e a' mhaighdeann-mhara.

"A Dhia," ars a' mhaighdeann-mhara, "tha amharas agam gu bheil rudeigin thugam," ars ise. "Tha," ars ise, "mo chridhe air fàs goirt," ars ise. "Feumaidh mi," ars ise, "an ceann a thoirt asad."

Agus dh'fhalbh esan agus rug e air an ugh agus bhuail e an ceann aige ris... ris a' chloich ri thaobh. Agus:

"Ò," ars ise, "tha mi a' dol a thoirt a' chinn asad."

'S dh'èirich i na seasamh dìreach 's anns an àm an tug i tighinn mu chuairt, dìreach thug e dhi an t-ugh ann an clàr na bathais. Thuit i na sgleog 's leig an tè a bha a-staigh sgiamh aiste. Nochd Iain a-staigh. Seo nuair a chunnaic i cò a bh' aice.

Chuir e seachad an oidhche sin ann an uamh na maighdinn-mhara, agus nam biodh iad... nam biodh ise cho fileanta ri Iain cha bhiodh iad fada a' dol dhachaigh, ach cha robh rathad aicese, agus 's e bàta a fhuair iad a-nall o Rìoghachd nam Fear Mòra, co-dhiù, a thug... thug dhachaigh chun an àite aca fhèin iad. Agus thàinig iad an sin dhachaigh, agus bha a h-uile sìon dòigheil an uair sin. Agus nuair a fhuair iad air dòigh, cha do dh'fhairich mise gun deach Iain no a bhean riamh tuilleadh an comhair a' chladaich. Co-dhiù fhuair e clìoras an tè bha às a dhèidh 's gus nach d' fhuair, ach mharbh e a' mhaighdeann-mhara co-dhiù.

Agus sin mar a chuala mise an sgeulachd a bha sin agus cha do... cha do dh'fhairich mi gun do thill Iain a' coimhead air athair no air a mhàthair riamh. Agus sin mar a chuala mise i ma-thà.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Ò uill, tha sin math dha-rìribh. Agus cò aige a-nis a chuala sibh i seo?

DA: Ò chuala aig m' athair. 'S ann aige a chuala mi... a bha mi a' cluinntinn an roinn bu mhotha.

AI: 'S an robh i seo aig duine sam bith eile a bharrachd air ur n-athair?

DA: Ò cha chuala mise duine riamh ga gabhail ach e fhèin.

AI: Agus 's ann dìreach mar a ghabh sibh an sineach i 's ann a...

DA: 'S ann. Sin mar a chuala mise i.

AI: Aidh.

DA: 'S ann.

AI: Ò sin agaibh [???] gu dearbh.

DA: Sin mar a chuala mise, mar a ghabh esan, dìreach 's ann mar a thog mise i mar a bha i aigesan.

AI: Agus dè a-nist... an robh sgeulachd sam bith ann a bhiodh ur n-athair ag innse nas trice na tè eile?

DA: Ò cha robh. Cha robh. Fhuair e... nam biodh feadhainn a' cèilidh... Cha toireadh e taing ged a [???] sin ann a chuala sinn reimhid, ach nam biodh cèiliche às ùr a-staigh a bha fhios aige nach cuala iad sgeulachd, ghabhadh e sgeulachd a bha e... a bha e cinnteach nach cuala e reimhid. Ach ma bha feadhainn ann a chuala na sgeulachdan reimhid cha ghabhadh e gin dhe na... dhe na ghabh e reimhid dhaibh. Bhiodh e a' feuchainn an robh tè aige nach cuala iad.

AI: Sheadh. Sheadh. Ò uill, tha sin math.

DA: Sin mar a bhitheadh. Ach air ar son-ne, ma bha sinn a-staigh, an teaghlach, cha robh odds aigesan co-dhiù chuala sinn no nach cuala. Chan ann dhuinne a bha e gan gabhail ach dha na cèilichean a thigeadh an rathad an taighe.

AI: Sheadh. Ò uill, tha sin math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good