Search

Thug tuathanach trì comhairlean do dhuine, a chùm sàbhailte...

Date 1970
Track ID 107392
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1970.208.A2

Original Tape ID

SA1970.208

Summary

A farmer gave a man three pieces of advice, which kept him safe.

A man went to work for a farmer, leaving his wife and son at home. The farmer gave him £1 a year and a pair of shoes. He stayed three years and each year he was given advice, for which he paid the farmer £1. The pieces of advice were:

1. Never take a short cut.
2. Never spend a night in a house with an old man and young woman, or vice versa.
3. Think three times before committing any act and never do anything in the day he would regret at night, or vice versa.

The three pieces of advice kept him safe from trouble, and he eventually found that the farmer had put the £3 in wages he earned inside the shoes.

Item Notes

The contributor learned this story from his father.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT910B

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, chuala mise mar a bha siudach duine a bh' ann, agus bha e pòsta, agus bha... bha an saoghal cruaidh air co-dhiù. Cha robh mòran aige dhen t-saoghal. Agus bha aon ghille aige, agus bha e air tighinn suas na chnapach math. Agus 's ann a studaig e seothach co-dhiù gun rachadh e feuch am faigheadh e obair, am bodach fhèin, agus gum fàgadh e a bhean agus an gille a-staigh.

Ach 's e seo an rud a rinn e, co-dhiù. Dh'fhalbh e. Agus 's ann gu tuathanach a chaidh e, pìos math air falbh às an àite. Chan eil fhios a'm an ann san aon bhaile riutha fhèin no cò às a bha e ach bha e air falbh pìos math on taigh co-dhiù.

Agus 's e an tuarastal a fhuair e bhon tuathanach seo not sa bhliadhna agus paidhir bhròg. Agus bha e ag obair a-nist aig an tuathanach a bha seothach. Agus thàinig an seothach ceann na bliadhna. Agus thuirt e ris an tuathanach gun robh e a' smaointinn gum biodh e a' falbh.

"An-tà," ars an tuathanach, ars esan, "ma tha thu a' falbh," ars esan, "bheir mise comhairle ort," ars esan, "ach cosgaidh a' chomhairle dhut not," ars esan.

"Ò seadh," ars am bodach.

"Ma bhios tu air a son," ars an tuathanach.

"Ò bu mhath leam a' chomhairle cuideachd," ars am bodach, "a chluinntinn," ars esan.

"Ò ma-thà," ars an tuathanach, ars esan, "bheir mise comhairle ort," ars esan, "ach cosgaidh i dhut not."

"Ò glè cheart, ma-thà," ars am bodach.

"Uill," ars esan, "ma bhios tu," ars esan, "a' gabhail rathad sam bith," ars esan, "a' falbh air àite sam bith," ars esan, "agus gun tig thu... tha... can gun tig thu air dà rathad, agus tha rathad goirid, salach ann a gheibh thu dhan àite a tha thu a' dol ann," ars esan, "nas giorra," ars esan, "agus tha rathad fada, glan ann. Agus," ars esan, "gabhaidh tu," ars esan, "an rathad fada, glan, 's na gabh an rathad goirid, salach idir," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha.

"Ò ma-thà," ars am b-... ars esan, "'s fheàrr dhòmhsa," ars esan, "fantail bliadhna eile agaibh."

"Glè cheart," ars an tuathanach, "tha mise glè dheònach sin."

Agus 's e seo an rud a rinn e. Dh'fhastaidh e bliadhna eile ann. Agus thug e a' bhliadhna suas. Bha e ag obair còmhla ris an tuathanach 's a' dèanamh obair an tuathanaich an sin, 's ge brith gu dè an obair a bha e ris. Ach bha a' bhliadhna an seothach a' teannadh suas, agus nuair a ràinig an seothach ceann na bliadhna thuirt am bodach gun robh e a' dol a dh'fhalbh, gun robh e airson a dhol dhachaigh. Agus:

"Uill," ars am bodach... ars an tuathanach, ars esan, "bheir mi dhut... bheir mi comhairle eile ort an-dràsta a-rithist," ars esan, "agus cosgaidh i fhèin not dhut," ars esan.

"Ò ma-thà," ars am bodach, ars esan, "bidh mise cho falamh 's a bha mi riamh," ars esan.

"Ò chan eil fhios agamsa," ars an tuathanach, ars esan, "tha... air do thoil fhèin," ars esan, "an gabh thu a' chomhairle," ars esan, "gus nach gabh," ars esan, "ach ma ch-... ma bheir mise a' chomhairle ort," ars esan, "bidh i not ag-... ort," ars esan.

"Ò ma-thà," ars am bodach, ars esan, "ceart gu leòr. Cluinneam i," ars esan.

"Uill, 's e sin a' chomhairle a bheir mi ort," ars esan. "Tha thu," ars esan, "a' gabhail an rathaid," ars esan, "tha thu a' falbh a dh'àite," ars esan, "can gu bheil thu a' falbh a dh'àite," ars esan, "thig an oidhche ort," ars esan, "'s ma thèid thu gu ruige taigh," ars esan, "agus gun ann," ars esan, "ach a' bhean 's an duine," ars esan, "tha an duine sean," ars esan, "agus tha a' bhean òg," ars esan, "gu math òg," ars esan, "nach robh i coltach a bhith aig... aige idir," ars esan, "na fan idir ann," ars esan. "Agus," ars esan, "air an taobh an aghaidh sin a-rithist," ars esan, "ma tha an duine òg," ars esan, "agus a' bhean sean," ars esan, "na fan nas motha ann," ars esan. "Ach," ars esan, "ma tha iad coltach ri chèile ann an aoisean," ars esan, "faodaidh tu fuireach."

Agus:

"Ò ma-thà," ars am bodach, ars esan, "faodaidh mise fuireach bliadhna eile."

Uill, 's e seo an rud a rinn e. Fhuair e a' phaidhir bhròg ach cha d' fhuair e an not. Dh'fhan e bliadhna eile aige. Agus bha e ag obrachadh fad na bliadhna aige seo. Agus thàinig an seo ceann na bliadhna agus thuirt am bodach gun robh e a' dol a dh'fhalbh, 's gun robh e a' dol a dh'fhalbh an-dràsta co-dhiù, co-dhiù bhiodh comhairle ann no às, no gu dè rud a bhiodh ann, gun robh e a' dol a dh'fhalbh an triop seo, gun robh e airson faicinn gu dè mar a bha an fheadhainn a dh'fhàg e às a dhèidh. Agus:

"Ò seadh," ars am bodach... ars an tuathanach. "Uill," ars esan, "bheir mi comhairle ort," ars esan, "ma ghabhas tu i," ars esan. "Chan eil mi ag iarraidh ort a gabhail," ars esan, "mura togair thu fhèin," ars esan. "Ach," ars esan, "ma ghabhas tu i bidh i not ort."

"Ò uill, glè cheart," ars am bodach. "Dòcha gu bheil na brògan agam co-dhiù," ars esan, "'s chan eil an còrr agam airson m' obrach," ars esan, "ach iad sin fhèin."

"Uill, chan eil," ars an tuathanach, "ach na comhairlichean, agus dh'fhaodadh na comhairlichean fhèin," ars esan, "feum a dhèanadh dhut."

Agus:

"Uill, ma-thà," ars am bodach, ars esan, "cluinneam a' chomhairle."

"Uill, bheir mi... innsidh mi sin dhut," ars esan. "Smaointich ma bhios tu a' dol a dhèanamh sìon," ars esan, "rud sam bith," ars esan, "smaointich trì uairean," ars esan, "mun dèan thu e," ars esan. "Agus," ars esan, "na dèan," ars esan, "air an latha gu bràth rud a bhios an t-aithreachas ort air an oidhche air a shon," ars esan, "no idir," ars esan, "air an oidhche a bhios an t-aithreachas ort air an latha air a shon."

"Ò seadh," ars am bodach. Agus: "Uill," ars am bodach, ars esan, "bidh mise a' fàgail," ars esan, "slàn agaibh," ars esan.

Agus dh'fhàg e slàn aig an tuathanach, 's dh'fhàg an tuathanach slàn aige, 's bha e glè thoilichte anns a' bhodach. Agus rinn e suas a' phaidhir bhròg dha, 's chuir e ann am parsail iad, agus an fheadhainn eile a bh' aige. Agus dh'fhalbh an duine a-nist.

Agus bha e a' gabhail air falbh, agus co-dhiù, mar a thuirt an tuathanach ris, thàinig e gu dà rathad a bh' ann a sheothach. Agus nan gabhadh e a-nist an rathad goirid, salach a bha seothach thigeadh e dhan bhaile na bu luaithe na an rathad fada, glan. Ach studaig e air comhairle an tuathanaich, agus ghabh e an rathad fada, glan.

Agus ràinig e seothach am baile, agus thàinig e gu taigh a bh' ann an iomall a' bhaile an sin, agus chaidh e chun an dorais, agus thàinig... bhuail e an doras agus thàinig boireannach òg ann a shin chun an dorais, a dh'fhosgladh an dorais dha, 's dh'iarr i air tighinn a-staigh. Agus dh'fhaighneachd e dhi am faigheadh e cuid na h-oidhche aca, 's thuirt i gum faigheadh.

Agus co-dhiù seothach thàinig e a-staigh, agus nuair a thàinig e a-staigh bha leth-sheann duine na shuidhe an taobh shuas dhen teine.

"An e seothach," ars esan, "an e seo an duine agad?" ars esan.

"'S e," ars ise.

"Ò seadh," ars am bodach.

Ach co-dhiù rinneadh biadh, 's fhuair e a bhiadh. Fhuair e biadh aca, agus nuair a ghabh e a bhiadh, bha an oidhche air tighinn agus thuirt e:

"Ah," ars esan, "chan eil dùil a'm," ars esan, "nach cùm mi romham," ars esan, "gum fan mise... gum fan mi a-nochd idir," ars esan, "ach cumaidh mi romham," ars esan, agus... "on a tha an oidhche cho math," ars esan.

"Ò glè cheart," arsa... ars... ars ise.

Agus dh'fhalbh e agus tharraing e a-mach. Agus bha taigh ann a shin, taigh faisg air an taigh mar gum biodh sabhal no rudeigin. 'S e feur a bh' ann co-dhiù, anns an àite a bh' ann. Agus chaidh e a-staigh agus chunnaic e gun robh feur ann, agus thuirt e na inntinn fhèin:

"Thèid mi dhan fheur agus caidlidh mi ann airson na h-oidhche, agus leigidh mi seachad an oidhche ann a sheo."

'S e seo an rud a rinn e co-dhiù. Chaidh e dhan fheur 's bha e gu h-àrd am mullach an fheur, 's e gu math cosy, blàth ann.

Agus air treis mhath a dh'oidhche seothach dh'fhairich e an doras ga fhosgladh. Agus cò thàinig a-staigh ach ise agus fear eile còmhla rithe. Agus bha iad a-nist, bha iad nan seasamh ris an fheur agus cha tug iad an aire riamh dhan bhodach. Bha an taigh dorcha co-dhiù. Cha tug iad an aire riamh, ach, ge brith gu dè bha eatorra co-dhiù, bha am bodach a' gabhail stoc air a h-uile sìon a bh' ann.

Agus chuir e a làmh sìos, agus thachair an còta aigesan. Bha còta air an fhir... an fhear a bha còmhla rithese. Agus bha... chitheadh tu feadhainn dhe na còtaichean air an robh dà phutan ann a sheothach anns a' chùl aca, agus dh'fhalbh e agus thug e sgian às a phòca agus gheàrr e an dà phutan às a' chòta, agus chuir e... chuir e an dà phutan na phòca.

Ach co-dhiù seothach an làrna-mhàireach, bha beum-sgèithe air a bhualadh gun robh bodach an taighe a bha seothach air a mhurt, air a mharbhadh. Agus chruinnich poileasmain 's chruinnich luchd-lagh timcheall an àite.

Uill, mar a fhuaradh gach duine fhuaradh am fear a bh' aig an tuathanach timcheall an àite. Agus cha robh air a seothach ach dh'fheumte cùirt a dhèanamh. 'S bha esan air a theàirrdseadh. Cha robh fhios cò a mharbh am bodach, ach bha esan air a thoirt suas. Bha... fhuaradh timcheall an àite e.

Uill, chaidh e chun na cùirt, agus chuireadh an case a bha seothach na aghaidh. Uill, dh'innis am bodach dhaibh, thuirt esan ris... riutha, dh'innis e dhaibh mar a thàinig e dhan taigh, agus nach do dh'fhan e idir ann, gun d' fhuair e biadh ann, nach do dh'fhan e idir ann, agus gun deach e dhan t-sabhal a-muigh, agus gun robh e ann am feur anns an t-sabhal, agus gun tàinig boireannach an taighe a-staigh, brith cò am fear a bha còmhla rithe, agus gun robh iad ann a shin. Agus dh'innis e dhi a h-uile sìon mar a thachair.

"Agus," ars esan, "gu dearbhadh a thoirt dhuibh," 's e a' cur a làmh na phòca, 's thug e a-mach an dà phutan. "Siud," ars esan, "dearbhadh," ars esan, "agus brith cò air a bha an còta a bha... a bhuineas na putain sin, 's e sin," ars esan, "duine a rinn an cron," ars esan.

Uill, thugadh... bha esan anns a' chùirt cuideachd, 's thugadh sùil - spotadh an còta aige nach robh... gun robh an dà phutan às a h-aonais. Cha robh ach rinneadh grèim airsan, gur e rinn am murt, gur e seo an duine 's an dà phutan ann a shiud dìreach a' maidseadh a' chòta aige, 's gur e bha còmhla rithese anns an t-sabhal.

Uill, fhuair am bodach, fhuair e sìneadas air choreigin airson na cùirt, agus nuair a fhuair e clìoras iad, thug e aghaidh air an taigh.

Dh'fhalbh e co-dhiù, 's bha e a' falbh fad an latha, 's thàinig an oidhche air, agus bha e treis a dh'oidhche co-dhiù mun do ràinig e an taigh. Agus cha robh na dùnaidhean... cha robh glasan an uair sin a' dol air na dorsan ann. Cha robh riamh orra ach sneic no rudeigin a ghabhadh togail. Math dh'fhaodte gur e sreang a bh' air sneic 's ga... cha robh agad ach an t-sreang a ribeadh 's dh'fhalbhadh an sneic.

Agus chaidh e a-staigh air a sh-... air a shocair fhèin. Bha iad air... bha a bhean air cadal. Cha robh solas no sìon. Ach bha solas mar gum biodh solas na gealaich a-staigh tron uinneig agus dh'fhosgail e doras an rùim anns an robh iad a' cadal gu fàilidh, agus thug e an aire do cheann dubh air a' chluasaig còmhla ri... còmhla ri ceann na mnatha.

Ò bhuail e san inntinn aige sa mhionaid gur e fear air choreigin eile a bha còmhla ris a' bhean aige, agus thug e a-mach an sgian, agus dh'fhosgail e an sgian, agus bha e a' dol a ghabhail [???] dhìreach suas, a' dol a chur na sgeine ann, nuair a smaointich e air comhairle a' bhodaich, comhairle an tuathanaich, e a' smaointinn trì uairean mun dèanadh e rud a bha dùil aige a dhèanamh, agus gun a dhèanamh air an oidhche rud a bhiodh an t-aithreachas air air an latha, no air an latha rud a bhiodh an t-aithreachas air air an oidhche air a shon.

Agus 's e seo an rud a rinn e. Dh'fhalbh e agus dhùin e an sgian agus chuir e na phòca i. Agus tharraing e leis an doras gu fàilidh sìos agus chaidh e a-mach. Tharraing e leis an doras a-muigh agus chaidh e a-mach às an taigh. Agus bhuail e an doras gu làidir. Agus dh'fhairich e seothach a bhean a' tighinn, 's thàinig a bhean agus dh'fhosgail i an doras.

"A Dhia," ars ise, "bheil sibh air tighinn?"

"Tha," ars esan, "mi air tighinn," ars esan. "Cò," ars esan, "a bheil duine... bheil duine agad a-staigh an seo?" ars esan.

"Ò chan eil duine an seo," arsa mise... ars ise, "ach am fear a dh'fhàg thu còmhla riumsa, an gi-... an gille," ars ise. "'S tha e," ars ise, "'na chadal shuas ann a shiud anns an leabaidh," ars ise.

Bha an gille a-nist fad nan trì bliadhna, thàinig atharrachadh sgràthail air, agus cha robh teagamh aig a' bhodach nach e cuideigin a bha còmhla ris a bhean a bh' ann. Agus cha do leig e dad air.

Ach co-dhiù dh'èirich iad 's rinneadh biadh 's a h-uile sìon. Agus thug am bodach làmh air a' pharsail, agus bha na brògan aige ann gam fuasgladh às. Agus a' phaidhir ùr mu dheireadh an seothach a thug e às, dh'fheuch e i agus bha na trì notaichean a choisinn e air a dhinneadh na chiofain ann an sròn na bròige, tè dhe na brògan.

Agus sin mar a chuala mise mu dheidhinn a' bhodaich. Agus bha na trì notaichean aige, agus ge brith gu dè a fhuair e air sàillibh na cùirt a' tighinn dachaigh agus na brògan.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Tha sin math dha-rìribh. Agus an do dh'innis sibh i seo riamh roimhe a-nist? Bheil cuimhne agaibh gun do...

DA: Ò chan eil... chan eil... chan eil fhios a'm. Tha mi cinnteach.

AI: Cha chuala mise co-dhiù agaibh roimhe i.

DA: Cha chuala [?thusa riamh i] co-dhiù.

AI: 'S cò aige chuala sibh i seo a-rithist? An ann aig...

DA: Ò, 's ann aig m' athair.

AI: Aig ur n-athair a-rithist.

DA: 'S ann. Aig m' athair a chuala mise an roinn bu mhotha a chuala mi. 'S ann bhuaithe a bhithinn gan togail co-dhiù. Cha bhithinn ach ag èisteachd ris nuair a bhiodh e gan innse a dh'fheadhainn eile. 'S ann.

AI: Ò uill, tha sin dìreach math dha-rìribh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good