Search

Boireannach a bha trom air an deoch a' saoilsinn gun robh i...

Date October 1966
Track ID 107551
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1966.99.B2

Original Tape ID

SA1966.099

Summary

A drunken woman thought she was in Hell.

A woman was a heavy drinker. The doctor and her husband tried to cure her. They put her in an old building and the doctor confronted her when she woke up, telling her she was in Hell. She recognised the doctor and asked him how he got there. He told her he had been there for a year. She asked him to get her a glass of whisky, as he knew the place well.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT835A

Transcription

Dòmhnall MacAoidh: Bha fear an siud agus bha a' bhean aige uabhasach fhèin trom air an deoch. Cha robh i a' fuarachadh idir. Cha robh fhios aige on t-saoghal dè a dhèanadh e rithe. Bhiodh an deoch ga dalladh a h-uile latha.

Dh'fhalbh e far an robh an dotair. Dh'innis e dhan dotair an an-shocair a bh' air a bhean.

"Tha i," ars esan, "dìreach air mo chridhe a bhristeadh," ars esan. "Chan eil i a' fuarachadh à deoch."

"An-tà," ars an dotair, "an an-shocair a th' oirre," ars esan, "tha eagal ormsa nach dearg mi air sìon a dhèanamh ris. Ach innsidh mi dhut," ars an dotair, "dè nì sinn," ars esan. "Feuchaidh sinn," ars esan, "ri eagal a chur oirre."

Ach tha amharas agam nach robh sin furasta.

"Thalla thusa," ars an dotair ris an duine. "Thalla thusa," ars esan, "agus faigh botal uisge-bheatha, agus cuir am botal uisge-bheatha air an dreasair far am faigh i e. Agus thalla fhèin," ars an dotair, "cuairt a dh'àite air choreigin. Agus thig mi fhìn," ars an dotair, "feasgar, agus chì mi ciamar a bhios an gnothach a' dol."

Thàinig an dotair feasgar agus bha a' bhean na sìneadh air an ùrlar, dìreach gun dalladh aice leis an deoch.

Bha tobhta mhòr thall, bìdeag an taobh thall dhen taigh. Agus:

"Seo a-nist," ars an dotair, "togaidh sinn a-null dhan tobhtaidh a tha seo i," ars esan, "agus thalla thusa," ars esan, "'s fanaidh mi fhìn," ars an dotair, "còmhla rithe."

Thug iad a-null dhan tobhtaidh i, 's an t-àite cho dubh 's cho dorcha, 's chuir iad na sìneadh ann a shin i, 's chaidh an dotair am falach.

Ach dhùisg ise seothach an ceann poille mòr.

"Ah Dhia Mhòir," ars ise, "cà bheil mi mar seo?"

Fhreagair an dotair thall:

"Tha thu," ars esan, "ann an Ifhrinn."

"Ah Dhia," ars ise, "cuin a thàinig thusa ann?"

"Ò," ars an dotair, "tha mise ann o chionn bliadhna."

"A Dhia, ma-thà," ars ise, "on 's tu as eòlaiche, feuch am faigh thu dhòmhsa glainne uisge-bheatha."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good