Search

'S ann mu Thuath Fada Tuath

Date October 1966
Track ID 107640
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1966.94.B1

Original Tape ID

SA1966.094

Summary

The bard tells of leaving North Uist twenty years ago and going to Glasgow. He decided to return home and took the train to Oban, in order to board the 'Hebrides'. He describes the joy of seeing the hills of North Uist from the ship.

Item Notes

Composed by Finlay Morrison.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Language

Gaelic, Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

'S ann mu thuath, fada tuath
Muir mun cuairt dhi gun dàil
Gur h-i Uibhist rùn mo luaidh
'S eilean buadhmhor gu fàs.

Tha fichead bliadhn' a-nis ann 's còrr
Bhon a sheòl mi air sàl
Chuir mi cùl ri tìr nam beann
'S measg nan Gall ghabh mi tàmh.

Thug mi bòid nach fanainn ann
Cha robh 'n cainnt rium cho blàth
'S ghabh mi 'n t-each-iarainn le pròis
Dhan an Òban Dimàirt.

'S ghabh mi Hebrides air ball
Chrath Iain Caimbeul mo làmh
'S nuair a dh'fhuasgladh a cuid bhall
Gun robh srann aic' air sàl.

'S an uair a sheòl i à Port Rìgh
Gur h-i m' inntinn bha àrd
Faicinn bheanntanan mu thuath
'S eilean uaine mo ghràidh.

'S ann a deas oirnn tha Bheinn Mhòr
Cnocan Rònaigh as fheàrr
Eubhal 's cleòc oirre mun cuairt
'S a cuid fhuarain fo sàil.

Tha na h-ìghneagan cho ciùin
Math air [?tùrnaig dhe] gach seòrs'
Bheir iad faram air cleith-luaidh
'N àm bhith suathadh a' chlò.

'S fheudar dhòmhsa sguir dhem dhàn
Chan eil bàrd an-diugh beò
Nach bi moladh tìr nam beann
Na bheil ann sean is òg.

'S ann mu thuath, fada tuath
Muir mun cuairt dhi gun dàil
Gur h-i Uibhist rùn mo luaidh
'S eilean buadhmhor gu fàs.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good