Search

Am madadh-ruadh, am madadh-allaidh agus an t-ìm.

Date January 1966
Track ID 108006
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1966.16.A3

Original Tape ID

SA1966.016

Summary

The fox, the wolf and the cask of butter.

A fox and a wolf found a cask of butter on the shore. They agreed to hide it until they could take it home. The wolf, however, went back regularly, saying he was going to a christening, and eventually ate all the butter.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIain: Bha siud ann reimhid Madadh-ruadh 's Madadh-allaidh, a bha a' fuireach còmhla. Agus bhiodh iad a' falbh a h-uile latha a chruinneachadh bìdh dhaibh fhèin, an dòigh a b' fheàrr a dh'fhaodadh iad. Bha iad latha de na làithean, chaidh iad mun cuairt a' chladaich, agus dè fhuair iad ann an tiùrr an làin ach casg ime. Ò bha iad air an dòigh, agus thuirt iad ri chèile:

"Nist, bheiridh sinn suas às... à tiùrr an làin agus tiodhlacaidh sinn e, gus am faigh sinn cothrom air a thoirt dhachaigh."

"Glè mhath," ars am fear eile.

Agus thug iad suas e agus chladhaich iad toll agus chuir iad ann an casg ime, agus dh'fhalbh iad dhachaigh.

Ach an làrna-mhàireach dh'èirich am Madadh-allaidh tràth agus thuirt e ris a' Mhadadh-ruadh:

"Tha mise a' falbh on taigh an-diugh."

"Cà 'il thu a' dol?" ars am Madadh-ruadh.

"Tha mi a' dol gu baisteadh," ars esan.

Agus dh'fhalbh e. Agus thug e greis mhath dhen latha air falbh agus nuair a thill e thuirt am Madadh-ruadh ris:

"Seadh, tha thu air tighinn."

"Tha," ars am Madadh-allaidh.

"Dè an t-ainm a thug sibh air an urra?"

"Thug," ars esan, "Mu Bheul."

"Seadh," ars am Madadh-ruadh.

Agus cha robh an còrr mu dheidhinn sin.

An làrna-mhàireach, bha am Madadh-allaidh air a chois air ais. Agus thuirt e ris a' Mhadadh-ruadh:

"Tha mise a' falbh on taigh an-diugh air ais."

"A bheil?" ars am Madadh-ruadh.

"Tha," ars esan.

"Cà 'il thu a' dol an-diugh?" ars am Madadh-ruadh?

"Tha mi a' dol gu baisteadh," ars esan.

"Ò seadh," ars am Madadh-ruadh.

Agus dh'fhalbh am Madadh-allaidh.

Agus nuair a thill e, thuirt am Madadh-ruadh ris:

"Tha thu air tighinn, a laochain."

"Tha," ars am Madadh-allaidh.

"Dè an t-ainm a thug sibh air an urra an-diugh?" ars am Madadh-ruadh.

"Thug sinn Mu Leth air," ars esan.

"Seadh," ars am Madadh-ruadh.

Agus cha robh an còrr mu dheidhinn sin gus an làrna-mhàireach. Bha am Madadh-allaidh air a chois air ais, agus e ga dheisealachadh fhèin airson falbh.

"Tha mise a' falbh on taigh an-diugh air ais," ars esan.

"A bheil?" ars am Madadh-ruadh.

"Tha," ars esan.

"Cà 'il thu a' dol an-diugh?" ars am Madadh-ruadh.

"Tha mi a' falbh gu baisteadh," ars esan.

"Òbh, òbh, òbh," ars am Madadh-ruadh. "Nach ann a tha na baistidhean."

"'S ann," ars esan.

Agus dh'fhalbh e. Agus nuair a thill e:

"Tha thu air tighinn, a laochain," ars am Madadh-ruadh.

"Tha," ars am Madadh-allaidh.

"Dè an t-ainm a thug sibh air an urra an-diugh?" ars esan.

"Thug," ars esan, "Sgrìobadh a' Mhàis."

"Òbh, òbh, òbh," ars am Madadh-ruadh. "Nach iongantach na h-ainmeannan a bha sibh a' toirt orra."

"Seadh," ars am Madadh-allaidh. "Tha iad glè iongantach."

Ach co-dhiù, cha... cha robh an còrr mu dheidhinn sin an oidhche sin, ach an làrna-mhàireach, bha am Madadh-allaidh a' dol a bhith aig an taigh. Agus thòisich iad air còmhradh agus thuirt an dala fear ris an fhear eile:

"Nach eil an t-àm againn a-nist falbh feuch am faigh sinn dhachaigh an casg ime?"

"Ò gu dearbh, tha," ars am fear eile. "Agus 's fheàrr dhuinn falbh."

Dh'fhalbh iad co-dhiù agus ràinig iad an t-àite agus fhuair iad an casg. Agus bha an casg falamh.

"Òbh, òbh, òbh," ars am Madadh-allaidh, "nach eil seo fhèin iongantach. Cha robh fios aig duine beò a-nist gun robh seo am falach againne ach aig an dithis againn fhìn, agus 's e gnothach uabhasach iongantach a th' ann, agus 's e a' bhinn a bheir mise a-mach air a' ghnothach:

(Masa tusa dh'ith an t-ìm 's gura tu...)

Masa mise dh'ith an t-ìm 's gura mi,
Chiorram chiotam, chiorram chatam, chiorram chiù;
Ach masa tusa dh'ith an t-ìm 's gura tu,
Galair dombhlais orra bhronn-ghlais anns an ùir."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good