Search

Prògram Choinnich

Date 26 November 1997
Track ID 11314
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 26.11.1997

Summary

History of witchcraft.

Fifty years after the last woman was sent to prison in Scotland for an offence under the Witchcraft Act of 1735, Dr John MacInnes and Torquil MacRae discuss the history and the tales of witchcraft among the Gaels, and to what extent people still believe it exists.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Bidh sinn a' smaoineachadh air bana-bhuidsichean mar dhaoine a bhuineadh do linntean a dh'fhalbh, ach chuir e fìor iongnadh orm fhaighinn a-mach nach eil ach leth-cheud bliadhna bho chaidh an tè mu dheireadh a chur dhan a' phrìosan agus e air a chur oirre gur e bana-bhuidseach a bh' innte. B' ise Eilidh Duncan, a rugadh ann an Calasraid bho chionn dìreach ceud bliadhna. Chaochail i aig aois leth-cheud 's a naoi ann an naoi ceud deug leth-cheud 's a sia. Chunnaic i bàta a' dol fodha, HMS Barham. Bha call beatha mòr an cois seo, a bha an riaghaltas a' feuchainn a chumail air falach. Bha e cho dìomhair agus nach b' urrainn fios a bhith aice air gun chumhachd mì-nàdarra a bhith aice. Chaidh Achd na Buisneachd bho seachd ceud deug còig-deug air fhichead a chleachdadh airson a cur an grèim. 'S ann air sgàth mar a thachair dhi a chaidh cur às do dh'Achd na Buisneachd, agus a chaidh saorsa a thoirt do spioradalaich a bhith a' coinneachadh gu poblach. Ach bha, agus canaidh cuid gu bheil fhathast, creideamh anns a' bhuisneachd am measg nan Gàidheal, agus chan eil sinn a' bruidhinn a-mhàin air boireannaich. Còmhla rium tha an t-Ollamh Iain MacAonghuis. Iain, an toiseach, a-rèiste, eachdraidh na buisneachd agus nan cumhachdan neo-àbhaisteach a tha seo, dè cho fada air ais 's a tha iad a' dol?

Iain MacAonghuis (IM): Tha cho fad 's a tha ròs againn air eachdraidh nan Gàidheal idir. Bha seo am measg nan Gàidheal mar a tha e am measg, tha mise a' smaoineachadh, sluagh an domhain air fad. Agus mun tàinig an creideamh Crìosdail bha na Draoidhean ann, 's tha iomadach sgrìobhadair ann an Laideann 's ann an Greugais, agus ann an Gàidhlig cuideachd, ag innse dhuinn mun deidhinn. Agus chan fhaod e bhith nach do lean a bheag no a mhòr dhe na seann chreideamhan, dh'fhaodadh tu ràdh, dhen an t-seòrsa sin am measg sluagh an t-saoghail agus am measg nan Gàidheal cuideachd.

CM: Agus... uill, dè chuir às dheth? A bharrachd air gun robhar a' cur na daoine a bha seo, air sgàth gun robh eagal aig daoine romhpa, bha iad gan cur gu bàs, ach an e sin a chuir às dha? An deach cur às dha, a bheil thu a' smaoineachadh?

IM: Chaidh cur às dha ann an seagh, aig àirde shònraichte dhen an t-sluagh. Fhios agad, tha seann dàn ann an Gàidhlig a' dol air ais, 's dòcha, mìle bliadhna gu leth, agus tha an duine a th' ann a' ràdh - 's e Pàganach a bh' ann a chaidh iompachadh 's e a-nis a' creidsinn ann an Dia 's ann an Crìosda - tha e a' ràdh, 's e Crìosda [?aona] Dhraoidh. A bheil fhios agad, bha e air tionndadh, ach ged a dh'fhàg e an seann chreideamh Phàganach a bha sin às a dhèidh, tha e a' cleachdadh an fhacail. Ach tro na linntean, tha faclan ag atharrachadh nan seagh, nam brìgh, agus tha am facal draoidheachd fhèin, tha e againne chun an latha an-diugh, 'Chuir e dìreach draoidheachd orm,' mar gum b' eadh magic, a bheil fhios agad, ach ma sheallas tu anns a' Bhìoball, bha seo am measg nan Eabhrach, 's anns an t-Seann Tiomnadh, far am faigh thu witch agus witchcraft ann am Beurla, anns a' Bhìoball Bheurla, gheibh thu peacadh draoidheachd anns an t-Seann Tiomnadh. Tha faclan eile cuideachd ann.

CM: Tha fhios agamsa, anns an sgìre agam fhìn, anns a' cheàrnaidh anns a bheil mise a' fuireach de Leòdhas, san linn seo fhèin, gun robh e air a ràdh gun robh daoine a' creidse ann an seo, gun robh daoine a' leantainn seo, gun robh eagal aig daoine ro chuid a dhaoine. A bheil thusa a' smaoineachadh, a bheil càil mar sin agadsa co-cheangailte ris an àite far an deach do thogail fhèin, Iain?

IM: Ò uill, tha. A bheil fhios agad, chuala mise na ceudan, na ficheadan co-dhiù, de stòiridhean mu dheidhinn a leithid. Bha. Bha daoine a' creidsinn ann. Bha iad a' creidsinn ann an... gu h-àraid gun robh boireannaich ann a bhiodh a' toirt an toraidh bhon a' chrodh, bhon a' bhainne, agus cha tigeadh... cha robh anns a' bhainne a bha thu a' faighinn bhon a' chrodh ach seòrsa de dh'eanghlas air choreigin, air neo, ma bha coltas nàdarrach air, cha tigeadh ìm air an uachdar, agus gur e na bana-bhuidsichean a bha a' dèanamh sin.

CM: Tha Torcuil MacRath còmhla rium cuideachd. A Thorcuil, a bheil cuimhn' agadsa air daoine a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn seo? A bheil thusa a' smaoineachadh, man a tha Iain, gun robh seo anns a h-uile sgìre?

Torcuil MacRath (TM): Och bha. Bha e anns an dùthaich air fad. Bha e am measg nan Gàidheal bho riamh. Dìreach man a bha Iain a' cantainn, 's e seann chreideamh a th' ann. Seann chreideamh Pàganach. Nise, tha... tha mise mi fhìn an-dràsta, tha mi a' dèanamh dheth gu bheil math agus olc ann. Nise, chan e... chan ann a' bruidhinn bho taobh eaglais no càil a tha mise, ach dìreach air mo shon fhìn, bhon tha fiosrachaidhean air a bhith agam fhìn a tha a' toirt orm... chan e a chreidse idir - tha fios a'm air.

Nise, tha mi glè chinnteach às gun robh daoine ann... tha cumhachd ann, agus tha mi glè chinnteach às gun robh daoine ann a bha a' feuchainn ris a' chumhachd sin a chur gu droch fheum, ma dh'fhaodas mi... faodaidh e bhith nach eil mi ga chur ceart mar sin, ach dìreach, sin cho math 's a thèid agam air a dhèanamh. Ga chur gu droch fheum. Seall an-dràsta... gabh an-dràsta, gabhaidh mi... gabhaidh mi eachdraidh an linn againn fhìn, seall air Hitler. Nise, chaidh feuchainn ceithir turais ri cur às do Hitler, agus a h-uile turas, aig a' mhionaid mu dheireadh, bha smuaintean thuige gum b' fheàrr dha falbh, no bha rudeigin a' cantainn ris falbh. Cha d' fhuair iad a-riamh cur às dha gu 'n do chuir e às dha fhèin. Nise, chan eil teagamh sam bith agamsa nach e cumhachd a bh' aig Hitler mar sin. Agus tha... tha mi a' creidse... cha chuala mise riamh an seanchas ud mu dheidhinn... tha fhios a'm air a' bhattleship a tha sin a chaidh sìos, agus chitheadh am boireannach sin... tha mi a' creidse gum faca am boireannach sin sin. Chunnaic i e... chunnaic i e a' tachairt.

Nise, chunna mise mi fhìn, chunna mi an càr, agus an doras aige fosgailte, fhosgladh 's am boireannach a' tighinn a-mach às, agus mar a chanadh tu, cha robh càr idir ann. Bha càr ann. Tro thìde cha robh càr idir ann, air a chunna mise e. Nise, sin rud air a bheil sinn a' bruidhinn. Ach aon rud a mholainn do dhuine sam bith, 's e gun coimhead airson càil dhen t-seòrsa sin. Ma chì thu e, chì thu e. Ach às bith dè a nì thu, na tèid a choimhead air a shon.

CM: Ach nuair a tha sinn a' bruidhinn air a' bhuisneachd, ge-tà, agus daoine a bha an sàs ann an seo, bha iad a' dol a choimhead air a shon. Bha... bhiodh iad a' cruinneachadh. Bha geasagan aca 's rudan mar sin, nach robh?

TM: Uill, tha sin ann fhathast.

CM: A bheil... a bheil thu a' smaoineachadh gu bheil?

TM: Ò tha. Tha sin ag èirigh an-diugh. Tha daoine a' cruinneachadh timcheall airson... airson rudan dhen t-seòrsa sin, agus chan eil teagamh sam bith agamsa nach eil e comasach faighinn a-steach dha na rudan sin, ach 's e sin am puing a th' agam. Às bith diod a nì thu, na tèid a choimhead airson càil dhen t-seòrsa. Ma chì thu rud dhen t-seòrsa, man a chanas tu anns a' Bheurla, good and well, ach fàg ann a shin e.

CM: Airson tha cuimhn' agamsa tè a bhith... fear a bhith ag innse dhomh sgeulachd mu dheidhinn na tè sa, tè òg an seo, agus gun robhar a' dol ga toirt a-steach dhan an sgoil - dhan an sgoil-dhubh - tha mi a' creidse gur e sin... nach e sin a chanadh iad ris, Iain?

IM: 'S e. Ò 's e, bha sgoil-dhubh. Bha. 'S e sin an t-ainm a bh' aca.

CM: Agus gun tuirt iad rithe: "Feumaidh tu a h-uile stiall aodaich a thoirt dhìot." Agus gun tuirt am boireannach: "Ò thighearna." Agus cho luath 's a thuirt ise sin: "A-mach à seo thu, chan fhaod an t-ainm sin a bhith air a chleachdadh ann an seo idir." Cha ghabhadh iad cuid no gnothaich rithe. A bheil sin coltach ris an seòrsa rud a bhiodh tusa a' cluinntinn, Iain?

IM: Tha, ach a bheil fhios agad, tha mi a' smaoineachadh gum feumadh duine rannsachadh gu math domhainn a dhèanamh ann an eachdraidh nan Gàidheal. Seall an-dràsta am facal buidseach 's bana-bhuidseach agus a leithid. Chan e faclan Gàidhlig a th' annta. Thàinig an reumh buid bhon an fhacal witch ann am Beurla. Agus feumaidh gun do... feumaidh gun do thachair rudeigin ann an eachdraidh Alba 's ann an eachdraidh nan Gàidheal nuair a thug sinne, mar gum b' eadh, air iasad na faclan sin bho na Goill no bho na Sasannaich. Ach chan eil sin ag ràdh, no chan ionnan sin 's a ràdh nach robh ban-fhiosaichean 's boireannaich ghlice agus a leithid am measg nan Gàidheal fhèin. 'S mar a bha Torcuil ag ràdh, a bheil fhios agad, cumhachd sam bith dhen t-seòrsa sin, no cumhachd sam bith a th' aig mac-an-duine, faodar a chur gu droch fheum no gu deagh fheum. Bha...

CM: A bheil... tha thusa a-rèiste a' dèanamh sgaradh eadar an seòrsa rud a bha sin, eadar an dà chuid, eadar buidsichean agus an seòrsa rud a bha Torcuil a' bruidhinn mu dheidhinn ann an dòigh, 's e sin ach fiosachd, nach e?

IM: 'S e, 's e. Bha am facal sin againn, agus can mar a bha Coinneach Odhar, chluinninn-sa nuair a bha mi beag, Coinneach Odhar Fiosaiche, a bheil fhios agad. Cha b' e buidseach a bh' ann. Air an làimh eile, bha a leithid de dhuine ri Coinneach Odhar ann, ceart gu leòr. 'S e Rothach a bh' ann, a rèir coltais. No bha e am measg nan Rothach, air tìr-mòr. Cha b' ann am measg Chlann Choinnich idir a bha e. Agus tha eachdraidh an sineach, ach tha seo sgrìobhte mu dheidhinn ann an còig ceud deug trì fichead agus a seachd-deug, agus chan eil e dearbhte gun deach a chur gu bàs, ach thugadh gu cùirt e. Bha sianar fhear ann, agus còrr agus fichead boireannach. Agus cha b' ann aig ìre ìseal dhen t-sluagh a bha seo idir, ach casaid a chaidh a thogail an aghaidh Raibeart Munrotha agus baintighearna Mhunrotha ann am Foghlais ann an Siorrachd Rois.

Nise, tha am facal fiosachd agus fiosaiche againn, agus tha sinn a' dèanamh sgaradh eadar e agus buidseachd. Air an làimh eile, a' dol air ais chun an t-Seann Tiomnadh, tha fiosachd air a chleachdadh, agus fiosaiche, far a bheil witchcraft agus wizard agus a leithid anns a' Bheurla. 'S tha sgaraidhean ann. Nise, ma... bhathar a' cur gu bàs, air feadh na Roinn Eòrpa, bana-bhuidsichean bhon a' chòigeamh ceud deug. 'S e dithis dhe na Dominicanaich a thòisich air a' chùis, agus thàinig e a dh'Alba 's mhair e às dèidh an Ath-leasachaidh, agus chaidh mòran bhoireannach gu sònraichte a chur gu bàs air a' Ghalltachd. 'S e glè bheag a chaidh a chur gu bàs air a' Ghàidhealtachd, ach dìreach ann an iomall na Gàidhealtachd. Ann an Dòrnach an tè mu dheireadh, ann an seachd ceud deug trì fichead 's a... ò, seachd-deug no rudeigin mar sin.

Ach co-dhiù, bha boireannaich ainmeil ann an dùthchas nan Gàidheal. An triùir a b' ainmeile: Gormail Mhòr na Mòigh... cha b' e. Gormail Mhòr ann an Loch Abar - chante Gormail Mhòr na Mòigh rithe cuideachd; Nighean Duanachain anns an Eilean Sgitheanach; agus an Doideag Mhuileach. Agus cha robh... cha deach casaid a thogail nan aghaidh. Cha tugadh gu cùirt iad. Cha do chuireadh gu bàs iad. Ach bha eagal aig daoine romhpa, ceart gu leòr, a rèir nan sgeulachdan a thàinig thugainn. Ach 's e an rud, mar a bha Torcuil a' ràdh, a bheil fhios agad, cumhachd sam bith dhen t-seòrsa sin, dh'fhaodadh e a bhith math, no dh'fhaodadh e a bhith dona.

CM: 'S e rud a th' ann, 's e cumhachd neo-àbhaisteach a th' ann. A rèir dè chanas tu ris, tha e a rèir dè feum no mì-fheum a chaidh a dhèanamh dheth. An e sin an rud a tha sinn ag ràdh?

IM: 'S e, tha mi a' smaoineachadh. 'S e, tha mi a' smaoineachadh.

TM: Tha mi a' smaoineachadh gur e.

IM: Fhios agad, chan aithne dhuinn dìomhaireachd na h-inntinn ann, no dè a' bhuaidh a th' aig inntinn mac-an-duine. Tha saoghal ann a shin leis fhèin. Ach bha facal am measg nan Gàidheal, 'Na gèill do gheasachd, 's gèillidh geasachd dhut.'

TM: Chuala mi an tè sin.

IM: B' àill leibh?

TM: Chuala mi an tè sin.

IM: Chuala, dìreach. Uill, bha daoine a' creidsinn gun robh mar gum b' eadh... gun robh e air fhàgail agad fhèin an robh thu a' gèilleadh dha na rudan sin.

TM: Tha sin ceart.

IM: Agus bha an eaglais gu sònraichte an-còmhnaidh a' cur an aghaidh a bhith a' dol tuilleadh 's fada dha na gnothaichean a tha sin.

TM: Bha feagal aig an eaglais romhpa.

IM: Bha feagal aig an eaglais romhpa, bha.

CM: A bheil na computers agus saoghal ùr an IT air cur às dhan a h-uile càil a tha seo?

TM: Chan eil.

IM: Chan eil.

TM: Chan eil. Tha fhios... seall an-dràsta, tha mise air do bheulaibh ann a sheo agus ma tha càil a' dol a thachairt dhòmhsa, a tha pearsanta dhomh fhìn, fhios agad, chan e, a bheil fhios agad, càil [?taobh] duine eile, nise, gheibh mise fios mu dheidhinn sin anns mo chadal, mus tachair e. Nise, tha sin air tachairt dhòmhsa a-nuas tro mo bheatha. Nise, cò às a tha sin a' tighinn? Chan eil fios agam, ach a-mhàin gu bheil e ann.

CM: Ò, cha bu toigh leamsa cumhachd mar sin a bhith agam. Chan èirinn às an leabaidh idir.

TM: Ò chan e cumhachd... chan e cumhachd a th' agamsa a tha siud ann. Cha [?tabhaill] i ort.

CM: An e a' phuing a tha thu a' feuchainn ri dhèanamh a-rèiste, chan e càil a th' anns an duine a th' ann - 's e th' ann ach rudeigin bho taobh a-muigh an duine?

TM: Uill, tha e mar seo. Cò aig a tha fios air inntinn an duine? Nise, tha iad air a bhith ag obair air a sin bho thoiseach an t-saoghail, agus cò aig a tha fios air inntinn an duine?

CM: Uill, sin a' phuing a bha Iain a' dèanamh cuideachd...

TM: 'S e, dìomhaireachd an inntinn. Nise, tha fhios agamsa, faodaidh mise an rud a chur air record, man tuirt iad, tric na mo bheatha... uill, cha robh tric, ach treis dhe mo bheatha, bha rudan a' dol a thachairt dhomh 's bha fios a'm air.

CM: An ath thuras a chì thu rud mar sin, innis dhòmhsa e mus tachair e.

TM: Uh...

IM: Tha aon fhacal a bu mhath leam a ràdh. A bheil cothrom agam seo a ràdh?

CM: Tha, tha.

IM: Nuair a bha sinn a' bruidhinn air an tè sin - 's cha b' aithne dhòmhsa mu deidhinn gu 'n do... gu 'n cuala mi e agaibh fhèin - a chunnaic an long-chogaidh a bha sin... a' dol sìos an ann? Agus bha an rud ri chumail dìomhair, ach chunnaic ise e 's thàinig e am follais. Nise, tha mi... cho fad 's as aithne dhòmhsa, tha seo cinnteach. An drùidh eagallach a thachair ann an Aberfan bho chionn - cuin a bh' ann? - deich bliadhna fichead 's còrr. Bha boireannach a chunnaic seo a' tachairt mun do thachair e, ann an Wales, agus chuir i fios gu ùghdarras air choreigin. Tha an rud a th' ann, a rèir coltais, sgrìobhte. 'S bha ise a' feuchainn... chan eil fhios a'm cò i no càil mu deidhinn, ach bha ise a' feuchainn, mar gum b' eadh, ri... ris a' chloinn a shàbhaladh, no an gnothach a chasg air dhòigh air choreigin, 's cha do rinneadh dad mu dheidhinn, 's thachair e. Nise, bha an tè sin, mar gum b' eadh, a' feuchainn ris a... mas e cumhachd no ge brith dè a chanas duine a th' ann - 's ann bhon an leth a-muigh a tha e a' tighinn co-dhiù - bha ise a' feuchainn ri chur an sàs ann an dòigh mhath.

CM: 'S e seo an rud mu dheidhinn. Tha fhios agam air a seo. Tha sinn a' dol... tha sinn a' dol a raon eile ann an seo ann an dòigh, ach tha e inntinneach dha-rìribh. 'S ann às dèidh làimh an-còmhnaidh a chluinneas tu sin. Sin as coireach gun robh mi ag ràdh ri Torcuil, an ath thuras mus tachair rudeigin a tha thu a' faireachdainn, innis dhomh, ach chan eil sin cho furasta, a bheil? Anns an dealachadh.

TM: Chan eil, bhon bidh rud... gheibh mise [???] man gun canadh tu, 's dòcha dìomhair dhomh fhìn, a bheil fhios agad. Sin an rud... sin rud eile mu dheidhinn cuideachd. Ach a-nise, cò às a tha a' chumhachd a' tighinn? Tha mise mi fhìn a' creidsinn, chan e fear... uill, bidh mi a' dol a dh'eaglais ach chan e fear eaglais a th' annam mar sin. Tha mise mi fhìn a' creidsinn, làn-chreidsinn, gu bheil math agus olc ann, agus gu bheil barrachd anns an t-saoghal a tha a-muigh ann a shin na tha thu a' faicinn le do shùil. Ach a-nise, man gun canadh tu, chan eil [???] sam bith agamsa, ach dìreach gu bheil fios a'm gu bheil a leithid a rud ann.

CM: Uill, cha b' e seo an turas bho dheireadh... a' chiad turas a tha sinn air an seòrsa còmhradh seo a bhith againn. Chan e an turas bho dheireadh. Agus tha mi a' creidse gur e an t-adhbhar gum bi sinn a' tilleadh air ais thuige, nach eil an fhreagairt ann, ach gu bheil a h-uile duine le fhreagairt fhèin, seach gu bheil an rud cho dìomhair 's gu bheil e cho duilich. Mas e 's gu bheil duine sam bith agaibhse a tha ag èisteachd aig a bheil sgeulachdan a tha sibh deònach innse dhuinn co-cheangailte ris a seo - rud a dh'fhairich sibh fhèin, no fiosrachadh a th' agaibh mu dhaoine eile - bhithinn-sa ro-thoilichte cluinntinn mu dheidhinn. Tha e aig amannan, chan eil e furasta dhuinn a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn, ach mo thaing dhan a... do dh'Iain MacAonghuis agus do Thorcuil MacRath an-dràsta airson a thighinn a-steach ann an seo, a bhith a' beachdachadh air a' chuspair a tha sin.

TM: Tha mise a' tighinn cho faisg air deireadh an rathaid 's chan eil e gu diofar cò air a bhruidhneas mi tuilleadh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good