Search

Alasdair agus am fuamhaire.

Date March 1970
Track ID 11579
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1970.45.A2+B1

Original Tape ID

SA1970.045

Summary

A shipwreck survivor escapes a giant on a captive mare and marries the king's daughter, breaking a spell on the mare.

A man named Alasdair was the only survivor of a shipwreck. He came to a giant's house and worked there as a servant. The giant went away for periods and eventually for a week. Alasdair was not to look in the cauldron or to go to either end of the house. He planned to leave, but looked in cauldron first. Flesh fell from one side of his face and a voice called to him from the end of the house. A talking mare gave him a hood to cover his face and told him to look in the cauldron again, and the rest of his flesh fell off.

The giant returned and they fled, chased by the giant. The mare told Alasdair to take an apple from behind her ear and to throw half behind him. A great forest sprung up and the giant had to go home for axes to cut a path through. When he was finished, a crow warned him not to leave them hidden, so he went home again. When he next drew near, Alasdair threw the other half of the apple and a great cliff rose up. The giant went home for a crowbar to get through the rock. The crow gave the same warning. The third time, hair from the mare's tail was thrown, and a great a loch appeared. The giant tried to empty it by taking three great mouthfuls of water, and burst.

They then came to a town. The mare gave Alasdair fine clothes to put on and they rode through the town, passing a palace. The king's daughter fell in love with him and persuaded the king to let them marry. The mare told Alasdair he mustn't forget her on his wedding day. He did forget, and went to see her next day, but she was gone. He cried, but a girl there told him he had broken a spell that had turned her into a mare. They went to the palace - she was the king's niece.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Village/Place - Ardmore

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT314

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, chuala mise eachdraidh air gille bha siudach. 'S ann aig muir a bha e agus 's e... 's e wreck-adh a rinneadh air. Agus cha robh... far an robh e... chaidh iad... far an deach e air tìr cha d' fhuair duine ann ach e fhèin. Agus bha e a' wander-eadh a-nist air falbh. Cha robh fhios aige cà 'n deachadh e. 'S ann sna rìoghachdan thall a thachair e dha.

Agus bha e a' falbh an sineach air feadh an àite agus e a' siubhal, agus am feasgar a bh' ann a sheothach, e a' coiseachd 's a' dol air aghaidh, am beul na h-oidhche, chunnaic e solas bhuaithe, agus rinn e dìreach air an t-solas a bh' ann a sheo. Agus chaidh e chun an taighe, agus cha b' fhada gus an cualas am fith, fath fuagaich air barraibh an Albannaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's air balgam dhe d' fhuil, a mhic an Albannaich.

"Ach thig a-staigh agus chan eil fhios nach dèanainn gnìomh dhut na b' fheàrr na sin fhathast."

Uill, chaidh an gille a-staigh, agus bha fuamhaire mòr an sineach a-staigh, agus dh'iarr e air tighinn a-nuas, agus dh'fhaighneachd e cò às a tha e. 'S dh'innis an gille dha mar a thachair dha 's a h-uile sìon.

"Ò seadh," ars esan. "Uill," ars esan, "ma bhitheas tu ceart," ars esan, "faodaidh," ars esan, "gun dèan mise," ars esan, "deagh ghnìomh riut fhathast," ars esan. "Bidh mi fhìn 's tu fhèin ceart gu leòr," ars esan, "ma nì thu suas, mar a dh'iarras mise ort."

"Ò glè cheart," ars esan. 'S e Alasdair a bh' air an duine.

Co-dhiù seothach thàinig àm suipearach, agus dh'fhaighneachd e dheth:

"Co dhiubh," ars esan, "as fheàrr leat air do shuipear," ars esan, "gad de chailleachan marbha," ars esan, "no pìos de bhradan fìor-uisge?"

"Uill," ars an gille, ars esan, "ge brith gu dè nì mi air a' bhradan fhìor-uisge, gu dearbh cha dèan mi sìon air cailleachan marbha," ars esan.

"Siuthad, ma-thà," ars esan, "ròstaich dhòmhsa," ars esan, "a trì de chailleachan marbha," ars esan, "agus ròstaich pìos de bhradan fìor-uisge dhut fhèin."

Uill, dh'èirich an gille 's thòisich e air an ròstadh ris an teas, teine mòr air, agus coire mòr gu h-àrd air an teine, crochte an sin. Uill, ròst e seothach, agus rinn e cho math 's a b' urrainn dha, agus thug e chun an fhuamhaire a chuid fhèin dhe na cailleachan. Agus:

"Ò uill," ars am fuamhaire, ars esan, "feumaidh mi ghràdh gur e deagh làmh a th' annad," ars esan. "'S fhada nach d' fhuair mi," ars esan, "rud," ars esan, "cho math ri... air obrachadh ris," ars esan. "Agus," ars esan, "bidh sinn," ars esan, "glè cheart," ars esan, "mi fhìn 's tu fhèin fhathast," ars esan.

Uill, fhuair e... shealladh an t-àite-cadail dha. Chaidh e gu a chadal. Dh'èirich e anns a' mhadainn, 's thug e làmh air a' bhracaist a dhèanamh 's rinn e na cailleachan marbh 's am bradan fìor-uisge mar a rinn e a-raoir, agus thug e am bracaist dhan fhuamhaire.

"Ò gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ort," ars am fuamhaire, ars esan. "'S e Dia fhèin a chuir mu... nam rathad thu," ars esan. "Tha treis o nach d' fhuair mi an seòrsa bracaist," ars esan, "gun mi fhìn a bhith an sàs innte."

Agus ghabh iad am bracaist co-dhiù, agus:

"Tha mise a-nist," ars am fuamhaire, "a' falbh," ars esan, "agus math dh'fhaodte gum bi feasgar no anmoch ann mun tig mi," ars esan, "ach na biodh diofar sam bith," ars esan, "eagal sam bith ortsa," ars esan. "Tha thu ann a sheo," ars esan, "agus bheir thugad fhèin biadh," ars esan, "a bhios a dhìth ort," ars esan.

Agus sheall e anns a' choire a bh' air teine, agus sheall e a dh'ìochdar an taighe agus sheall e a dh'uachdar an taighe, agus thuirt e ris:

"Ach co-dhiù," ars esan, "air do bheò no air do bhàs," ars esan, "na seall sa choire mhòr," ars esan, "agus na teirig a dh'uachdar an taighe 's na teirig a dh'ìochdar an taighe," ars esan.

"Ò cha tèid," ars Alasdair.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh am fuamhaire. 'S ged a bha e na fhuamhaire fhèin bha Alasdair ga mhiss-adh air falbh fad an latha. Cha robh aige ach e fhèin, 's chan fhaigheadh e an taigh a shiubhal 's chan fhaigheadh e siud a dhèanamh 's chan fhaigheadh e seo a dhèanamh. Ach co-dhiù bha... rinn e biadh dha fhèin. 'S am beul na h-oidhche thàinig esan.

"Ò seadh," ars esan. "Gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ort," ars esan. "Tha thu romham an seo fhathast," ars esan, "agus 's mi tha toilichte," ars esan. "Agus 's e Dia fhèin," ars esan, "a chuir nam rathad thu," ars esan.

Agus bha gad de chailleachan marbha aige a' tighinn air a mhuin, agus rinn e... dh'iarr e an uair sin an t-suipear a dhèanamh. Agus rinn Alasdair an t-suipear dha mar a rinn e a-raoir, na cailleachan-marbha 's am bradan fìor-uisge.

Uill, bha iad ag obair mar seothach, 's bha... dh'fhalbhadh am fuamhaire, 's math dh'fhaodte gum biodh e latha air falbh, 's bhiodh e dà latha air falbh, 's math dh'fhaodte nach biodh e ach treis de latha air falbh, a rèir 's mar a rachadh dha.

Ach an triop a bha seothach co-dhiù, thuirt e ris a... ri Alasdair:

"Nist," ars esan, "tha mi..."

Sheall e an toiseach anns a' choire mhòr, agus sheall e a dh'ìochdar an taighe agus sheall e a dh'uachdar an taighe.

"Nist," ars esan, "tha mise a' falbh an-diugh," ars esan, "agus math dh'fhaodte," ars esan, "gun toir mi seachdain air falbh," ars esan. "Agus," ars esan... "ach," ars esan, "air do bheò no air do mharbh," ars esan, "na seall sa choire mhòr," ars esan, "agus na seall a dh'ìochdar an taighe agus na seall a dh'uachdar an taighe, ach cùm losgadh foidhe," ars esan, "fon choire," ars esan.

"Ò glè cheart," ars Alasdair.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh am fuamhaire. Agus bha Alasdair a-nist a' dol fo uidheam fhèin.

"Saoil a-nist... Tha deagh theansa agam a-nist air teicheadh ma bhios e seachdain air falbh. 'S fheàrr dhomh an t-àite fhàgail buileach agus teicheadh air falbh feuch am faigh mi àite Crìosdail a thoirt a-mach."

Ach studaig e aige fhèin co-dhiù, mum falbhadh e gum faiceadh e gu dè bha sa choire, agus gum faiceadh e dè bh' anns... anns gach ceann dhen taigh. Agus 's e an rud a rinn e, dh'fhalbh e agus dh'èirich e agus bha e air e fhèin a sgioblachadh airson tarraing. Agus sheall e anns a' choire. Agus nuair a thog e an liod às a' choire 's a sheall e ann an seothach dh'fhalbh a h-uile grèim feòil 's craiceann a bh' air an dàrna taobh dhe aodann agus thuit e anns a' choire.

Agus dh'èigh guth a bha shuas ann an ceann eile an taighe:

"Thig a-nuas an seo cho luath 's a rinn thu riamh, agus greas ort. Tha am fear ud air dìochuimhne a dhèanamh agus tha e a' dol a thilleadh."

Dh'fhalbh Alasdair agus chaidh e sìos agus bha fàlairidh ann a shin.

"Thalla," ars ise, "cho luath 's a rinn thu riamh," ars ise, "agus siud currac agad," ars ise, "agus bheir leat e," ars ise. "Agus," ars ise, "thèid thu suas a cheann eile an taighe," ars ise, "agus bheir thu a-nuas an cuman fliodh a th' aig na mucan an sin," ars ise, "thugamsa," ars ise. "Agus nuair a bhios tu a' dol seachad air a' choire," ars ise, "coimhead ann leis an taobh eile dhe d' aodann."

'S ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh Alasdair, agus nuair a bha e a' dol seachad air a' choire thog e an liod agus sheall e leis an taobh eile ann, agus thuit an taobh eile dhan choire còmhla. Dh'fhalbh e 's chaidh e suas 's bha cuman an sineach, fliodh, shuas aig mucan, a bh' ann an ceann eile an taighe, agus thug e leis sìos e, agus thug e sìos chun na fàlairidh e.

"Siuthad," ars ise, "a-nist faigh deiseil," ars ise, "agus beartaich mise," ars ise, "agus bi sinn a' falbh à seo," ars ise. "Tha am fear ud air tilleadh," ars ise, "agus ma gheibh e grèim ortsa an seothach," ars ise, "tha sinn marbh le chèile," ars ise. "Bidh thusa marbh," ars ise, "agus bidh mise marbh cinnteach," ars ise, "a chionn," ars ise, "gun do rinn mi sìon riut," ars ise. "Agus," ars ise, "cùm an currac sin," ars ise, "mu do cheann, agus cha deifir dhut," ars ise. "Bidh thu ceart gu leòr fhathast."

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Tharraing e an currac uime 's fhuair e... bheartaich e ise 's tharraing e a-mach i 's dh'fhalbh e. Leum e anns an dìollaid 's dh'fhalbh e fhèin 's an fhàlairidh. Agus bha iad a' falbh.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud," ars ise, "air an taigh a ruighinn, agus tha e air ar n-ionndrainn," ars ise, "agus tha e dìreach air... air aghaidh a chur às ar dèidh."

"Ò uill," ars Alasdair, "chan eil comas air."

"Ach," ars ise, "feuchaidh sinn ris," ars ise, "cho math 's a thèid againn air," ars ise.

'S ann mar seo a bha. Lean iad romhpa 's bha iad a' falbh. Agus cha b' fhada seothach gus an cuala iad an èigh aigesan às an dèidh.

"Ah ha," ars ise, "tha am fear seo a' teannadh oirnn," ars ise. "Feuch thusa a-nist," ars ise, "ailleagan na cluaise deise agamsa," ars ise. "Cuir do làmh a-staigh an ailleagan na cluaise agam, agus gheibh thu ubhal ann a shin, agus bheir às i. Agus," ars ise, "dèan dà leth oirre, agus cùm agad," ars ise, "an dàrna leth dhith," ars ise, "agus nuair a bhios esan, nuair a dh'iarras mise ort," ars ise, "a caitheamh," ars ise, "caithidh tu," ars ise, "far do ghuaille deise i," ars ise, "agus na seall às do dhèidh air na chunna tu riamh."

'S ann mar seothach a bha. Agus thàinig esan a-nist oir 's gun robh an talamh a' dol air chrith cho... Agus thuirt ise ris:

"Caith an ubhal," ars ise.

Uill, thilg Alasdair an ubhal far a ghuaille deise agus dh'fhàs a' choille bu dlùithe agus a b' àirde agus nach robh rathad aig creutair air faighinn troimhpe no air faighinn seachad ann mura tigeadh eun-adhair troimhpe. Agus thàinig esan chun na coille.

"Thalla," ars esan, "tha a' chiad chuid," ars esan, "a dh'innleachdan bradaig an seo," ars esan. "Ach," ars esan, "'s math an airidh," ars esan, "tha mo chuid innleachdan fhìn," ars esan, "gam chur ro mo shròin an-diugh," ars esan, "nuair a dh'ionnsaich mi dhi e. Ach," ars esan, "nam biodh mo thuagh bheag agus mo thuagh mhòr agamsa," ars esan, "cha bhithinn-sa fada a' dèanamh rathad tron choillidh. Agus 's fheàrr dhòmhsa tilleadh dhachaigh gan iarraidh."

Dh'fhalbh e agus thill e dhachaigh. Agus fhuair e an tuagh bheag agus an tuagh mhòr agus thug e leis iad, agus thill e [???] an iar às an dèidh-san. Ràinig e a' choille. Agus thuirt ise ri Alasdair, nuair a thill esan, thuirt e ri... thuirt i ris:

"Tha am fear ud," ars ise, "air tilleadh dhachaigh," ars ise, "agus gheibh sinn pìos air aghaidh," ars ise, "mu... mum faigh e," ars ise, "rathad a dhèanamh dha fhèin troimhe siud."

Thàinig e chun na coille co-dhiù, agus thòisich e air gearradh rathad. Agus gheàrr e seo rathad tron choillidh, oir 's gum faigheadh e troimhpe. Agus dh'fhalbh e a' dol a chur am falach na tuagh bheag agus na tuagh mhòr, agus thàinig feannag os a chionn.

"Gràc, gràc," ars ise, "mas tu a chuireas ann iad cha tu a bheir às iad."

"An-tà, chan eil fhios a'm fhìn," ars esan, "a rud bhig, ghrànda, ghlais," ars esan, "ged nach toireadh tusa às iad," ars esan, "nach fhaod thu innse do dhuine eile," ars esan, "a bheireadh às iad," ars esan. "Agus 's fheàrr dhòmhsa tilleadh dhachaigh leotha," ars esan, "agus gum bi iad agam," ars esan, "nuair a chuireas mi feum orra."

Dh'fhalbh e agus thill e dhachaigh. Agus ràinig e an taigh 's dh'fhàg e an tuagh bheag agus an tuagh mhòr a-staigh, agus dh'fhalbh e. Ràinig e a' choille 's chaidh e tron choillidh, 's thòisich e air... Tha mi cinnteach gur ann a' ruith a bha e, no bith gu dè bha e a' dèanamh, gun robh e a' toirt bhuaithe na bh' aige co-dhiù airson gum faigheadh e breith orra. Agus thàinig e seothach cho faisg orra a-rithist agus gun robh iad ga chluinntinn ag èigheach.

"Bheir mise ortsa... nuair a bheireas mise oirbhse nach bi agadsa ach [?gigean air gach goigean], agus chan esan as fheàrr... chan esan as miosa ach tusa a dh'fhalbh còmhla ris."

Uill, thuirt ise ris a-nist:

"Nist," ars ise, "faigh deiseil," ars ise, "agus nuair a dh'iarras mise ort," ars ise, "caithidh tu," ars ise, "an leth eile," ars ise, "far do ghuaille deise," ars ise, "agus," ars ise, "na coimhead às do dhèidh air na chunna tu riamh."

Agus nuair a thòisich an seothach an talamh a bhith a' dol air chrith thuirt ise ris:

"Caith an ubhal," ars ise.

Dh'fhalbh esan agus chaith e an ubhal. Agus dh'fhàs an sgalla an uair sin roimhe bu chaise agus a b' àirde agus bu ruighne, agus nach robh creutair mhàthar air t-... air saoghal a rachadh seachad oirre ach eun-adhair.

"Thalla," ars esan, nuair a ràinig e an sgalla, "tha an dàrna chuid," ars esan, "a dh'innleachdan bradaig an seo," ars esan. "Ach," ars esan, "'s e mi fhìn as coireach," ars esan, "nuair a dh'ionnsaich mi dhi e," ars esan. "Tha mo ghnothaichean fhìn," ars esan, "gam chur ro mo shròin an-diugh," ars esan. "Ach," ars esan, "nam biodh mo ghèimhleag bheag agus mo ghèimhleag mhòr agamsa," ars esan, "cha bhithinn-sa fada a' dèanamh rathad tron s-... tron sgalla seo," ars esan, "'s a' dèanamh steapannan anns an sgalla seo," ars esan, "a gheibhinn dìreadh seachad oirre. Agus 's fheàrr dhomh," ars esan, "tilleadh dhachaigh gan iarraidh."

Thill e. Ràinig e an taigh 's fhuair e a' ghèimhleag bheag 's a' ghèimhleag mhòr, agus tharraing e air ais. Agus ràinig e seothach. Chaidh e tron choillidh an rathad a gheàrr e innte, 's ràinig e an sgalla, agus thòisich e air gearradh na sgalla, a' dèanamh steapannan suas tron sgallaidh, gus an do rinn e chun a' bhàrra, agus nuair a chaidh e chun a' bhàrra aice, dh'fhalbh e a' dol a chur na gèimhleige bige agus na gèimhleige mòire am falach gus an tilleadh e.

Agus thàinig an fheannag mu chuairt, agus thuirt i... thòisich i air gràc os a chionn:

"Gràc, gràc," ars ise, "mas tu a chuireas ann iad cha tu a bheir às iad," ars ise.

"An-tà, rud bhig, ghrànda, ghlais," ars esan, "chan eil fhios a'm," ars esan, "ged nach toireadh tusa às i," ars esan, "nach innis thu do dhuine eile," ars esan, "a bheir às e. Agus," ars esan, "'s fheàrr dhòmhsa," ars esan "tilleadh dhachaigh leotha," ars esan, "agus nuair a chuireas mi feum orra," ars esan, "gum bi fhios a'm cà 'm faigh mi iad."

'S e seo an rud a rinn e. Thill e dhachaigh, agus ràinig e an taigh, 's dh'fhàg e a' ghèimhleag bheag 's a' ghèimhleag mhòr a staigh, agus thill e [???] an iar às an dèidh air ais.

Agus ràinig e a-nist a' choille. Chaidh e troimhpe, 's ràinig e an sgalla 's dhìrich e i, 's chaidh e seachad oirre.

"Uill," ars ise, "tha am fear ud," ars ise, "air an sgalla... air tighinn seachad air an sgallaidh," ars ise. "Ach tha aon innleachd eile againn," ars ise, "agus mura dèan sinn an gnothach air anns an innleachd sin," ars ise, "cha bhi againn ach droch theansa, mura toir sinn a-mach àite," ars ise, "mum beir e oirnn."

Uill, dh'fhalbh e. Lean e iad, agus thuirt ise ris-san an uair sin:

"Feuch a-nist," ars ise, "an t-earball agamsa," ars ise, "agus," ars ise, "snàithlean," ars ise, "dhen ghaoisid," ars ise, "a tha a' fàs ann an cridhe an earbaill," ars ise, "am fear a tha san fhìor chridhe aice," ars ise, "rib às e, agus cùm agad e gus an iarr mise ort a leigeil às."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Rinn Alasdair sin 's fhuair e... Smeuraich e an t-earball aice gus an d' fhuair e dìreach an snàithlean a bha a' tighinn a-mach à cridhe an earbaill aice, agus thug e às e, agus bha e aige na làimh.

Uill, nuair a thàinig esan an àite-èigheach dhaibh agus a thòisich an talamh an seothach ri dol air chrith fo casan-se - 's ann gann gun robh i ga seasamh fhèin - thuirt i ri Alasdair...

[Stad sa chlàradh an seo.]

Thuirt ise ris:

"Nist," ars ise, "leig air falbh," ars ise, "far na glùine ceàrra e."

Agus dh'fhalbh esan agus leig e air falbh far na glùine ceàrra e. Agus dh'fhàs an locha bu mhotha agus bu doimhne agus a b' fhaide 's bu leatha nach fhaca duine riamh a leithid, ach gun robh e [???] a bhith na chuan. Agus thàinig esan chun an locha.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud air tighinn chun an locha," ars ise, "agus mura dèan sinn an gnothach air anns an triop seo," ars ise, "cha bhi againn ach droch theansa."

"Ò ha-a," ars esan. "Tha seo," ars esan, "a' chuid mu dheireadh," ars esan, "a dh'innleachdan bradaig air a chur ro... ro mo shròin," ars esan, "agus mi fhìn bu choireach," ars esan, "nuair a dh'ionnsaich mi dhi e," ars esan. "Ach," ars esan, "nam biodh mo shluasaid bheag agus mo shluasaid mhòr agamsa," ars esan, "cha bhithinn-sa fada a' taomadh an locha 's nach toirinn gu àite-grunnachaidh e. Ach," ars esan, "bha mi latha dhe mo lathaichean," ars esan, "a thaomainn an loch 's a bheirinn gu àite-grunnachaidh e le trì srùbagan. Agus chan eil fhios a'm," ars esan, "san latha a bheil e ann an-diugh," ars esan. "Tha an t-astar glè fhada," ars esan, "a dhol a thilleadh dhachaigh," ars esan, "ach chan eil fhios a'm," ars esan, "anns an latha a th' ann an-diugh," ars esan, "cha rachainn an ìre mhath dha," ars esan.

Chaidh e co-dhiù, chuir e e fhèin ann am figear airson... Sheas e aig bruaich an locha agus chuir e a dhà òrdaig an ceannaibh a shlios agus thòisich e ri gorradaich os cionn an locha, agus thug e seothach an srùbag a bha seothach às an locha, agus spùt e a-mach air an taobh eile e, agus bha garbh loch an sin e fhèin. Agus bha e a' coimhead air an loch.

"Uill," ars esan, "nan dèanainn cho math air na dhà eile," ars esan, "tha mi a' smaointinn gun toirinn gu àite-grunnachaidh e."

Agus dh'fheuch e seothach an dàrna tè, agus thug e a-mach an t-srùbag a bha sineach agus chuir e a-mach còmhla ris an tè eile air a chùlaibh e. Bha seo e fhèin na chuan a-nist. Agus thug e treis a' coimhead air an loch.

"Uill," ars esan, "ma nì mi cho math e leatha seo," ars esan, "no... no nan dèanainn beagan na b' fheàrr," ars esan, "bheireadh," ars esan... "gheibhinn tron loch," ars esan, "le grunnachadh."

Uill, chaidh e ris gu math agus chaidh e ris cho math agus gun tug e tuilleadh 's a' chòir às, agus spreadh e.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud air spreadhadh," ars ise. "Faodaidh sinn gabhail air ar socair a-nist," ars ise.

"Ò glè mhath," ars Alasdair.

Agus thàinig Alasdair a-nuas an uair sin agus thòisich e ri coiseachd na ceann-se. Agus lean iad romhpa. Agus bha iad a' falbh. Bha e a' ride-adh treis 's bhiodh iad a' coiseachd treis. Ràinig iad seothach... nochd iad an seothach ri baile.

"Uill," ars ise, "tha sinn... tha baile an seo romhainn," ars ise. Agus:

"Tha," ars Alasdair.

Agus ràinig iad iomall a' bhaile.

"Nist," ars ise...

Bha... thàinig iad gu p-... gu seòrsa de phàirc a bh' ann.

"Nist," ars ise, "fàg thusa mise anns a' phàirc a tha seo," ars ise. "Agus thèid suas," ars ise, "agus gheibh thu," ars ise... "feuch am faigh thu àite... àite anns am fuirich thu," ars ise, "rathad a' bhaile."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Ràinig iad a' phàirc agus ghabh Alasdair 's thug e a-staigh ise dhan phàirc. Agus:

"Thig thu a-nist," ars ise, "a h-uile feasgar," ars ise. "Thig thu mu chuairt an seo," ars ise, "agus a... an toireadh tu... an gabhadh tu raighd dhìomsa," ars ise, "timcheall an àite," ars ise.

"Thig," ars Alasdair.

Uill, chaidh e suas. Fhuair e àite-fuirich shuas an àite an sineach 's... airson chaidh e na sheirbheiseach ann. Agus bhiodh e a h-uile feasgar a' tighinn a... thàinig e a-nuas an ath fheasgar an seothach a choimhead oirrese, agus thug ise deise dha nach... cho àlainn 's a chuireadh duine riamh air fhèin, agus dhreasaig e e fhèin suas, agus dh'fhalbh e leathase. Thug e dhi botal fìon 's buileann cruithneachd 's chìr e le calg an aghaidh a cuilg i, 's dh'fhalbh e leis an fhàlairidh. Agus:

"Tha a-nist," ars ise, "pàileis rìgh ann a sheo. Tha rìgh a' fuireach an seo," ars ise.

"Bheil?" ars Alasdair.

"Tha," ars ise. "Agus gabhaidh sinn," ars ise, "'s cuiridh sinn cuairt air... air," ars ise, "mar... mar a chuir sinn air gach àite."

Co-dhiù, dh'fhalbh iad 's chaidh iad suas. Chaidh iad mu chuairt pàileis an rìgh. 'S bha nighean òg aig an rìgh an sin, agus chunnaic i am marcaiche a bha seo. Ò chan fhaca i duine riamh cho àlainn 's cho [???] ris. Agus dh'fhalbh iad 's chaidh iad air ais, agus chunnaic i a' phàirc. Agus thuirt ise ris:

"Nist," ars ise, "chunnaic nighean òg an rìgh an-diugh thu," ars ise, "agus tha i air tuiteam ann an trom-ghaol ort," ars ise, "agus cha stad cinn 's cha [???] gus am pòs i thu," ars ise.

"An-tà, tha mi cinnteach," ars Alasdair, "nach pòs i mise."

"Ò pòsaidh," ars ise. "Ach," ars ise, "bi thusa a' tighinn a h-uile feasgar an seo," ars ise, "agus gum faigheadh tu... gun toireadh tu raighd dhòmhsa," ars ise, "timcheall an àite."

Uill, bha Alastair an sineach a h-uile feasgar a' dol timcheall 's dh'fhàs nighean an rìgh 's thòisich i air a h-athair 's dh'fheumte... dh'fheumadh i an duine a bha seothach a phòsadh, 's dh'fheumadh i a phòsadh.

Agus 's e seo an rud a rinneadh co-dhiù. Leig a h-athair cead agus thug e... Phòs i co-dhiù an seothach Alasdair. Bhiodh e a' toirt dhìse raighd a h-uile h-oidhche timcheall dhan fhàlairidh. Agus oidhche ron bhanais aige seothach thuirt i ris:

"Nist," ars ise, "bidh thu a' pòsadh an ath-oidhch'," ars ise, "ach air na chunna tu riamh," ars ise, "na fàg mise an dìochuimhne."

"Ò gu dearbh, chan fhàg," ars Alasdair, "'s cha... cha bu chòir dhomh. 'S ann," ars esan, "air do shàillibh a tha mi beò an seo an-diugh," ars esan.

Uill, eadar a h-uile b-... [?earalaich] a bh' ann, chaidh latha na bainnse 's a thòisich cruinneachadh 's... agus fhuair... fhuair... thug a h-athair dhi an dàrna leth dhen rìoghachd agus cha robh ann a nigheanan ach... ach i fhèin gun phòsadh, agus an còrr dhi nuair a bhiodh esan marbh, dhen... dhen t-àite a bh' aige.

Co-dhiù seothach chaidh a' bhanais air aghaidh, Agus cha tug Alasdair smaointinn riamh air a dhol air fiathachadh chun na fàlairidh, 'son mar a bha a h-uile sìon, mar a chaidh e na bhoil anns a h-uile sìon a bh' ann 's... agus an làrna-mhàireach an seo an dèidh na bainnse 's ann a studaig e dè rinn e.

Agus dh'fhalbh e. Ghabh e air falbh, 's chaidh e sìos 's ràinig e a' phàirc, 's cha robh sgeul air an fhàlairidh. Agus bhuail e e fhèin ri cnoc ann a shin agus thòisich e ri lasagaich; thòisich e ri caoineadh, mar a rinn e. Agus bha e ann a shineach, a' caoineadh 's a' lasagaich gus an robh e an impis tuiteam na chadal. Agus chuala e sgal gàire air a chùlaibh, agus thug e sùil agus bha am boireannach a bh' ann a shineach na seasamh air a chùlaibh.

"Dè tha ceàrr ort, a dhuine?" ars ise.

"Ò 's coma sin," ars esan. "Cha dèan e feum dhòmhsa a bhith ga innse a dhuine sam bith," ars esan, "dè tha ceàrr orm. Tha gnothach mòr ceàrr orm," ars esan, "agus chan eil ann ach math an airidh," ars esan, "ged a bhiodh e ceàrr orm."

"Dè," ars ise, "a dh'èirich dhut?"

Uill, dh'innis e dhi mar a bha.

"Ò seadh," ars ise. "Èirich thusa, [?'ille mhath]," ars ise, "agus... suas," ars ise. "Agus rinn thusa feum dhòmhsa," ars ise, "cheart cho math 's a rinn mise feum dhutsa," ars ise. "Fhuair mise bho na geasaibh," ars ise, "a chuireadh orm," ars ise, "agus tha mi clìor an-diugh," ars ise. "Agus mura biodh tusa air siud a dhèanamh," ars ise, "chan fhaighinn idir asta," ars ise. "Agus thugainn thusa," ars ise, "agus till," ars ise, "gu do bhean fhèin," ars ise.

Uill, dh'fhalbh an dithis aca air achlais air achlais suas an rathad. Agus lùb iad a-null gu pàileis an rìgh. Agus chunnaic an rìgh an seothach esan a' tighinn agus chunnaic muinntir na pàileis uile e a' tighinn agus am boireannach a bha seo aige.

"Ò nach eil thu, Dhia mhòir," ars an rìgh, "gam fhaicinn," ars esan. "Tha e a' tighinn," ars esan, "agus bean eile aige," ars esan, "an dèidh dhomh," ars esan, "an rìoghachd," ars esan, "a sgrìobhadh," ars esan, "air an nighinn a tha seo," ars esan.

Agus bha e na sheasamh anns... bha e na sheasamh anns an doras. Agus bha e a' sìor choimhead oirre, an rìgh. Agus dh'fhalbh e seothach, nuair a bha iad a-nall pìos thuige, dh'fhalbh e ann an deannaibh nan cas nan coinneamh. Agus nuair a ràinig e, chàirich e a dhà làimh mu amhaich a' bhoireannaich. Agus cha robh fhios aig muinntir na pàileis o Dhia gu dè bha ceàrr.

Uill, thàinig iad dhan phàileis 's dh'fhaighneachdadh an uair sin. Nighean-bràthar dha a chaidh a ghoid aig an fhuamhaire o chionn a leithid seothach a dh'ùine, agus 's i a bha seothach. Agus ma rinneadh banais a-raoir 's ann a rinneadh a' bhanais a-nochd. Agus bha ise còmhla riutha agus còmhla ri bràthair a h-athar, ris an rìgh. Agus bha Alasdair agus a bhean agus a h-uile duine a bh' ann, agus bha mise mi fhìn còmhla riutha agus... ach fhuair mi dhachaigh. Thalla a-nist.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Uill, uill. Agus seo tè de sgeulachdan ur n-athar cuideachd?

DA: 'S e. Ò 's e.

DE: Ò uill, tha i math. 'S ann aige bha a' chuimhne.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good