Search

Prògram Choinnich

Date 17 November 1997
Track ID 11614
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 17.11.1997

Summary

A discussion of Jack Fleming and an exhibition of his work.

Christina MacKenzie talks about an exhibition of the artist Jack Fleming's work in Aberdeen Art Gallery. The pictures in this exhibition are all connected to two voyages he undertook in World War II as an officer in the Merchant Navy where he almost lost his life, both times.

Item Subject/Person

Fleming, Jack

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Aberdeenshire

Parish - Aberdeen

Village/Place - Aberdeen

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Thug am fear-ealain Jack Fleming iomadh bliadhna a' teagasg ann an Sgoil Ealain Ghlaschu. Bha e fhèin ri tarraing dheilbh fad a bheatha. Tha cuid dhe na deilbh aige an-dràsta rim faicinn ann an Ionad Ealain Obar Dheathain. Deilbh air leth a tha seo. Deilbh a tharraing e fhad 's a bha e na oifigeach sa Chabhlach Mharsanta aig àm an Dara Cogaidh. Tha na deilbh stèidhte air dà thuras mara gu sònraichte. Dà thuras anns an do theab e a bheatha a chall. Tha Cairistìona NicCoinnich air a bhith a' toirt sùil air na deilbh. Tha i a-staigh còmhla rium an Obar Dheathain an-dràsta. Madainn mhath, a Chairistìona.

Cairistìona NicCoinnich (CN): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Uill, tha... tha mi cinnteach gu bheil na deilbh fhèin iongantach agus annasach, ach tha an sgeulachd a th' air an cùl iongantach agus annasach cuideachd, nach eil?

CN: Tha. 'S e sgeulachd... uill, sgeulachd, 's dòcha, grunn a bha sa chogadh, ach bha e air dà bhàta [?sònraichte]. Bha e air an Rothley agus St David, agus chaidh na dhà às an rathad.

CM: Agus na deilbh a th' againn ann an seo an-dràsta, a bheil mòran dhiubh ann?

CN: Tha mu dhusan gu leth ann. Ach tha feadhainn aca a th' air a dhèanamh le watercolours, agus tha feadhainn aca air a dhèanamh le dìreach charcoal, agus tha cuid dhiubh a chaidh a dhèanamh nuair a bha e sìos 's suas an cost, eadar an Eadailt agus Afraga a Tuath. Agus an fheadhainn a chaidh a dhèanamh nuair a chaidh iad às an rathad, tha iad gu math stark.

CM: An e sin... am faod sinn sùil... am faod sinn sùil, 's dòcha, a thoirt orra. Tha iad ann an dà... dà earrann, nach eil? Tha an fheadhainn a bh' ann co-cheangailte ris an Rothley 's tha feadhainn eile ann co-cheangailte ris an St David, nach eil?

CN: Tha. Uill, an Rothley an toiseach. Bhuail torpedo innte deich latha an dèidh dhaibh a dhol gu muir, agus chaidh i fodha taobh a-staigh deich mionaidean, agus chuir iad seachad còig latha agus còig oidhche air raft, am measg suailichean mòra 's sharks 's a h-uile rud. Agus tha an sgeulachd air innse na fhacail fhèin. Bha iron rations aca, 's bha briosgaidean aca, 's bha pileachan Horlicks aca. A bheil cuimhn' agad air a siud?

CM: Chan eil.

CN: Agus... ach bha an t-uisge gu math gann. Agus chunnaic bàta Spàinntich iad, agus cha robh an cunnart seachad fhathast dhaibh. Nuair a thàinig an raft suas gun a' bhàta Spàinntich, chaidh i an lùib am propeller, agus bha na sharks a' dannsa timcheall orra. Agus air dòigh air choreigin, rinn iad a' chùis, agus anns na facail aige fhèin: We celebrated by having a sip of water each. Nise, 's iongantach mana robh... bha e sgràthail.

CM: Agus airson, 's e deilbh a thog e a rèir a chuimhne air mar a bha a' tachairt... air mar a thachair an sin, aig an àm a bha sin fhèin. 'S e deilbh a tharraing e aig an àm a bha sin fhèin a tha rim faicinn an seo, nach e?

CN: 'S e, a' chuid mhòr dhiubh. Feadhainn aca, rinn e dìreach sgeidsichean agus rinn e an-àirde a-rithist iad an dèidh dha tilleadh às a' chogadh. Agus am bàta eile a chaidh fodha air an robh e, 's e bàta-ospadail a bh' innte, St David, agus chaidh... bha cuid dhe na sgeidsichean aige ann am bucas, bucas bhriosgaidean, 's chaidh sinn a chall nuair a chaidh am bàta fodha. Ach fhuair e air ais iad, agus 's e sin sgeidsichean a bha e a' dèanamh air pìosan pàipeir no rud sam bith a bh' aige timcheall air. Agus tha feadhainn dhen a sin ann cuideachd. Chan eil fhios a'm. Bha buaidh mhòr aige orm.

CM: Agus na deilbh a bha e a' dèanamh aig an àm a tha sin, mar a tha thu ag ràdh, bha e gan dèanamh fhad 's a bha e air bòrd a' bhàta a bha seo, bàta a bha seo, bàta-ospadail a bh' innte, man a tha thu ag ràdh, ach an dèidh sin chaidh a bomaigeadh, nach deach?

CN: Chaidh. Chaidh a bomaigeadh 's chaidh dà fhichead 's sia-deug às an rathad innte. Agus chan eil fhios a'm. Tha e duilich dhomh bruidhinn air. A bheil fhios agad, tha e a' toirt a-steach ort an sgrios a tha sa chogadh. 'S e sgrios mhòr a th' ann an cogadh, 's tha sinn a' call an t-uabhas. Agus tha na deilbh a bha e a' dèanamh, can, a' dol sìos 's suas a' chost, tha iad cho sìtheil 's cho grinn, agus na dealbhan a bha e a' dèanamh dhen a' chogadh fhèin, tha iad cho... tha e dìreach sgràthail nuair a chì thu iad. Tha feadhainn ann, chì thu... nuair a chaidh an Roth-... nuair a chaidh an Rothley fodha... Rothley fodha, chì thu na Gearmailtich a' nochdadh an-àirde sa bhad, agus tha gunna aca, 's tha iad ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh an captain aca, 's thuirt iad, chaidh an captain às an rathad. Cha deach, ach thuirt iad sin riutha. Agus man a thuirt e fhèin: They left us in a gentlemanly fashion. Fhios a'd, dh'fhalbh iad. Bho nach do mharbh iad iad, bha iad a' smaoineachadh gur e gillean uasail a bh' anns na Gearmailtich.

CM: Agus na deilbh a tha seo, cuid dhiubh, tha iad... a bheil iad fhathast mar a bha iad, air na pìosan pàipeir sgrìobhaidh gorm a bha seo? A bheil feadhainn dhen a sin ann fhathast?

CN: Tha feadhainn aca ann. Tha mu dhusan ann dhiubh, ach 's e scraps de phàipearan a th' ann. Fhios a'd, aithnichidh tu gun robh iad air a bhith anns a' mhuir, no tha iad air a bhith tro tòrr. Tha iad sin... ach chì thu iad fon an fheadhainn a rinn e bho thill e. Na h-ìomhaighean a thog e. Chì thu iad. Tha iad a-staigh fon an fheadhainn mhòra a rinn e nuair a thill e.

CM: Mar sin dheth, bha e gan dèanamh, bha e a' dèanamh, mar a chanas tu fhèin, sgeidsichean fhad 's a bha e anns a' chogadh, fhad 's a bha e air an dà thuras a bha seo gu sònraichte, 's chleachd e na sgeidsichean sin airson deilbh cheart a dhèanamh co-cheangailte ri sin nuair a thill e.

CN: Tha mi a' smaoineachadh gur e dòigh a bh' ann dha air faighinn seachad air na bha a' dol timcheall air. Fhios a'd, na inntinn fhèin, gum feumadh e rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn na bha a' tachairt timcheall air. Bha iad a' call caraidean, agus bha dìreach sgrios mhòr ann.

CM: Nise, tha mi cinnteach an-dràsta gur iomadh duine a bha an duine seo a' teagasg ann an Sgoil Ealain Ghlaschu 's nach robh dad a dh'fhios aca gun robh càil no seo na eachdraidh idir.

CN: Sin an seòrsa duine a bh' ann. Tha e coltach, a rèir an teaghlach aige, nach biodh e a' bruidhinn mu dheidhinn mòran idir, agus nam bitheadh, gum biodh e ga dhèanamh le fiamh a' ghàire. Agus... ach chan e sin na h-ìomhaighean a th' anns a... a th' anns na dealbhan a rinn e. Agus tha mi cinnteach às gu bheil na mìltean a' coiseachd timcheall Bhreatainn, agus even anns a... ann an sgìre a' chraobh-sgaoilidh agaibh fhèin, gun do thachair rudan a cheart cho uabhasach, agus 's e an ceist a th' ann, dè man a thàinig iad air ais 's a thòisich iad air beatha nàdarrach a-rithist, an dèidh na thachair dhaibh, agus nach e sin deireadh na cogaidhean anns an linn a tha seo, gu bheil cogaidhean a' dol air adhart fhathast. Air an news an-diugh sa mhadainn, chuala tu fhèin na naidheachdan an-diugh sa mhadainn, man a tha a' tachairt, agus 's e sgrios mhòr a th' ann, a th' ann an cogadh.

CM: Mar a tha thu ag ràdh, tòrr dhaoine agus an fheadhainn a dh'aithnicheas sinne a bha air a bhith an sàs ann an tòrr dhe na rudan seo, cha robh iad deònach a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn idir. Bha iad ga dhùnadh air falbh. 'S e an dòigh a bh' aig Fleming, a-rèiste, a bhith a' faighinn 's dòcha thairis air a sin, a bhith ga chur sìos air pàipear, agus a' dèanamh... a' dèanamh ealain dheth.

CN: Uill, 's e sin a bha mi a' smaoineachadh nuair a bha mi a' dol timcheall air na dealbhan a bha e a' dèanamh, 's fhuair e a-mach e, mar gun canadh tu, às an siostam aige le bhith a' dèanamh seo. Tha grunn ann agus tha mi a' creidsinn na mìltean ann nach robh an cothrom sin aca, agus fhuair cuid eile a-mach e ann am bàrdachd, agus mar sin. Sin an fheadhainn a bha fortanach, 's dòcha, gun robh an tàlant aca. Ach fhios agad, nuair a smaoinicheas tu air, dè man a tha duine a' dol tron a sin 's a' tighinn air ais, agus a' tòiseachadh air teagasg ann an Glaschu?

CM: Uill, 's dòcha gu bheil ceist againn an sin airson uair air choreigin eile. 'S dòcha ceist nas fharsaing. Dìreach, ciamar a tha... ciamar a tha daoine...

CN: [???] nach eil gu leòr ag èisteachd, a Choinnich, a chanadh leotha fhèin, uill, tha cuimhn' agamsa siud a' tachairt dhòmhsa no seo a' tachairt dhòmhsa, 's thachair siud dhòmhsa. 'S e a' cheist, dè rinn sibh mu dheidhinn no dè man a fhuair sibh air adhart às a dhèidh?

CM: Ceist mhath gu...

CN: Ged a bhitheadh tu... ged nach biodh ann eadhon ach dìreach tubaist rathaid no mar sin, tha sin dona gu leòr. Ach 's iongantach mana robh call beatha 's mana robh... mana robh murt agus... bha e sgràthail man a thachair dhaibh.

CM: An taisbeanadh sin ann an Gailearaidh Ealain Obar Dheathain, gun an deicheamh latha dhen a... dhen a' Bhliadhn' Ùir, gu dearbha, agus tha e fosgailte fad... tha. Uill, a Chairistìona, tapadh leatsa gu dearbha airson sùil a thoirt air dhuinne, 's beagan smuaintean ann an sin cuideachd, smuaintean 's dòcha a dh'fhaodadh sinne sùil a thoirt air uair air choreigin eile. Dìreach dè a' bhuaidh a th' aig cogadh air duine. Ciamar a tha duine a' faighinn thairis air cogadh. Dè na dòighean a th' aig daoine a bhith a' faighinn air ais gu beatha nàdarrach. An urrainn beatha nàdarrach a bhith aca às dèidh seallaidhean cogaidh fhaicinn.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good