Search

Prògram Choinnich

Contributors
Date 17 November 1997
Track ID 11640
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 17.11.1997

Summary

Information about the Royal Scottish Geographical Society.

A member of the Royal Scottish Geographical Society talks about the Society and how it was formed. She also talks about some of the work in which the society is involved today. The society proposes to establish a branch in Inverness which would serve the north of Scotland.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha Comann Rìoghail a' Chruinn-eòlais ann an Alba an dòchas ionad a stèidheachadh ann an Inbhir Nis airson ceann a tuath na dùthcha, ann an ùine gun a bhith ro fhada. Comann a tha seo a tha a' dèiligeadh ri cruinn-eòlas agus càirdeas eadar daoine, àitichean agus an àrainneachd. Tha an comann a' creidse gur e dòigh a tha seo a bhith ga dhèanamh cothromach, rannsachadh cruinn-eòlais a bhith ga dhèanamh, foghlam a bhith ga bhrosnachadh, deasbad a bhith ga chur air adhart eadar daoine. Cuideachd, a bhith ri toirt taic do shiubhal air feadh na cruinne. Amas farsaing, ach dè tha iad dha-rìribh a' ciallachadh? Tha Isa Caird na ball. Tha i còmhla rium ann an Dùn Dè. Isa.

Isa Caird (IC): Seadh. Madainn mhath, a Choinnich.

CM: 'S e sin a th' ann gu dearbha. Anns a' Bheurla, Royal Scottish Geographical Society. Agus chuala sibh ann an siud seòrsa de shuimeadh suas air na h-amasan. Anns an fharsaingeachd, dè do bheachd air an rud a tha sibh a' feuchainn ri dhèanamh?

IC: Uill, tha e fìor mhath. Chaidh a stèidheachadh ann an eighteen eighty-four. 'S fhada on uair sin. Ach aig an àm sin, bha daoine a' fàs eòlach air an t-saoghal, agus airson mòran fhaighinn a-mach mu dheidhinn. Bha e, mar gum b' eadh, deich bliadhna an dèidh bàs Livingstone 's Mungo Park 's na daoine sin, agus bha na miseanaraidhean a' dol gu seachd àraid a ruige Afraga, agus bha daoine airson faighinn a-mach mòran mu dheidhinn 's a' cluinntinn 's cha robh... cha robh iad a' tuigsinn an e... Afraga, cha robh ann ach dìreach àite anns am biodh daoine a' bruich a chèile ann am poitean. Bha iad airson tòrr eile fhaighinn a-mach mu dheidhinn. 'S mar sin, chaidh a stèidheachadh ann an Dùn Èideann, agus a' chiad... a' chiad duine a bh' aca a' bruidhinn riutha, 's e Stanley, fhios agaibh am fear Sasannach... fear Ameireaganach a thachair ri Livingstone. "Livingstone, I presume." An duine sin. Sin a' chiad fear a bh' aca a' bruidhinn riutha. Agus às a sin, chaidh esan air feadh... chaidh e a Dhùn Dè 's chaidh e a Ghlaschu agus a dh'Obar Dheathain. Às a sin, thòisich an comann a tha seo. Agus tha e caran mar sin fhathast.

CM: Mar sin, 's e comann gu math farsaing a bh' ann. Chan e fear ionadail idir a bh' ann. 'S e comann a bha a' toirt a-steach an t-saoghail gu lèir a bh' ann, nach e?

IC: 'S e, agus a th' ann fhathast, a rèir 's cà 'm bi daoine a' siubhal. Ged a tha an saoghal an-diugh, tha e air map, a h-uile sgath dheth, tha gu leòr àiteachan fhathast ann nach eil duine ro eòlach air, agus bidh daoine a' dèanamh rudan, a' dol chun na gealaich 's a' dol... a' falbh an siud 's an seo le canoes, agus tha sin inntinneach do dhaoine a bhith a' cluinntinn mu dheidhinn. Agus an-diugh, tha leithid... tha iad a' tarraing leithid de dhealbhannan, 's tha e gu math inntinneach a bhith aig cuirm mar seo, agus a' faicinn nan dealbhannan aca.

CM: Agus, uill, carson a tha e? Dè feum a th' air a leithid a bhuidheann an-diugh?

IC: Uill, tha feum ann... bheir e toileachas do dhaoine a bhith ag èisteachd ri na... ri na òraidean, ach a bharrachd air a sin, mar a thuirt sibh mar-thà, tha e a' toirt ùidh do dh'fhoghlam, agus bidh e a' toirt cuideachadh, can, projects 's dòcha a bhios aig luchd-ionnsachaidh, no aig oileanaich. Ma bhios project aca, 's dòcha gun toir e tacsa dhan a sin. Agus a h-uile bliadhna, tha e a' toirt bonn òir do student, oileanach as fheàrr ann an cruinn-eòlas anns an oilthigh, ann an Dùn Èideann 's an Glaschu 's an Obar Dheathain.

CM: Nise, thathas an-dràsta...

IC: 'S an Dundee cuideachd.

CM: Thathas an-dràsta a' bruidhinn air ionad a bhith aca air Ghàidhealtachd. Tha mi a' tuigse gur e rud a tha seo a th' aca... a th' agaibh ann an àitichean eile mar-thà, gu bheil sibh agus sibh stèidhte ann an grunn math àitichean gu ruige seo, nach eil?

IC: Ò, tha. Tha e ann an grunn... cha chreid mi nach eil dusan, ann an dusan àite air feadh Alba, agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh Inbhir Nis na dheagh àite air a shon.

CM: Agus dè seòrsa rud a bhiodh a' tachairt?

IC: Uill, tha iad a' coinneachadh uair sa mhìos, o October gu March, agus cuid a dh'àiteachan bidh dinnear aca aon uair sa bhliadhna. Agus bidh e dìreach a rèir... bidh buidheann dhaoine a' dèanamh suas dè am prògram a tha iad ag iarraidh a bhith aca, 's bidh e a rèir 's cò gheibh iad a thighinn a bhruidhinn riutha. Faodaidh iad a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn Astràilia, no Mount Everest, no Madagascar, no... tha fhios a'm air a... a dh'aithghearr, ann an Dùn Dè, gu bheil lecture gu bhith againn air Ruisia, agus mu dheidhinn an t-àite àlainn a th' ann, agus na duilgheadasan a th' ann a bharrachd air a sin.

CM: Nuair a bhruidhneas sinne air cruinn-eòlas, geography, tha sinn dìreach a' smaoineachadh air dìreach dealbhan de dhiofar àitichean dhen t-saoghal, ach tha e a' toirt a-steach barrachd air a sin, nach eil?

IC: Uill... ò, tha, tha. 'S e... mar a tha a h-uile càil an-diugh, tha tòrr de duilgheadasan na cheann, agus na daoine a bhios... a tha a' ruighinn nan àiteachan agus a tha a' gabhail ùidh ann, tha iad... innsidh iad dìreach mar a tha... mar a tha a' tachairt anns an dùthaich.

CM: Agus 's e rud mu dheidhinn a' chomainn a tha seo, chan eil buntanas aige ri buidheann sam bith, tha e gu tur neo-eisimeileach, agus chan eil e a' tighinn thugad le naidheachd agus dad air cùl an naidheachd sin. Chan eil iad a' feuchainn ri toirt... a bhith a' toirt ort a bhith a' smaoineachadh càil, no a' creidsinn ann an càil. Chan eil... chan eil duine ga riaghladh ach iad fhèin.

IC: Ò, chan eil, chan eil. Chan eil e co-cheangailte ri pàrtaidh no poilitigeach no rud sam bith mar sin. Tha e dìreach na... dìreach leis fhèin. Agus 's e an cruinn-eòlas am bun a bh' aige, agus daoine a bhith a' falbh air feadh an t-saoghail, agus mar sin. Bidh grunn dhaoine a' bruidhinn... tha fear... an cuala thu riamh air fear Bruce Connolly? Chuala mi uair no dhà e a' bruidhinn mu dheidhinn Sìona. Bidh e a' falbh... 's ann air busaichean as trice a bhios e a' falbh. 'S e fear-teagasg a th' ann, ann an Glaschu. Agus tha esan inntinneach. Tha e air a dhol gu Siberia 's àiteachan, Mongolia, 's tha e glè inntinneach èisteachd dìreach ris, agus tha e math air bruidhinn. Daoine mar sin. Daoine eile, 's dòcha... dh'fhaodadh iad... 's dòcha gun tigeadh Michael Palin thuca. Bha sibh a' bruidhinn mu dheidhinn Michael Palin. Dh'fhaodadh... 's daoine mar sin, a rèir...

Ach, an aon rud, feumaidh tu pàigheadh gu mòr airson leithid Michael Palin. Bidh e a rèir 's dè... dè a' chosgais a bhios ann.

CM: Ò, tha agaibh ri bhith a' pàigheadh an fheadhainn a bhios a' tighinn a bhruidhinn ribh?

IC: Uill, a' chuid as... uill, ma tha ainm, mar a chanas iad, ainm mòr, fhios agaibh, feumar... ò, feumar pàigheadh air an son. Ach daoine eile 's dòcha nach fheum, a rèir 's... a rèir 's cò bhios ann. Chuala mi dithis an geamhradh sa chaidh a bha a' falbh le canoes, fear 's bean, agus dearbh bha iad treun. Chaidh iad suas, och, ceann a... suas ceann a tuath Astràilia, agus an uair sin thàinig iad a cheann a deas Alba 's chaidh iad timcheall na h-eileanan uile agus a-mach gu Hiort 's air ais a dh'Uibhist, 's bha e dìreach iongantach gam faicinn às a sin, na seallaidhean a chunnaic iad, agus cho treun 's a bha iad, eadar crocodiles shìos ann an Astràilia agus an droch shìde ann an Hiort.

CM: Chan eil fhios a'm dè bu mhiosa.

IC: Chan eil fhios... uill, chan eil fhios a'm. Cha bhithinn airson a bhith faisg air a h-aon aca, chan eil mi a' smaoineachadh, ann an canoe bheag co-dhiù.

CM: Agus a bheil fhios agad, a-rèiste, nuair a thathas a' bruidhinn air a bhith a' cur ionad air dòigh ann an Inbhir Nis, a bheil sinn a' bruidhinn air gum biodh togalach aig a' chomann agaibh ann an Inbhir Nis? No an e gum biodh an comann dìreach a' coinneachadh ann an togalach sònraichte turas anns a' mhìos?

IC: Ò, tha iad dìreach a' coinneachadh ann an togalach sònraichte anns a' bhaile. Chan eil àite aca dhaibh fhèin. Tha àite aca dhaibh fhèin ann an Glaschu. Tha na headquarters ann an Glaschu a-nist, aig Oilthigh Strathclyde, ach anns na bailtean eile, tha dìreach, tha iad a' faighinn àite a tha freagarrach dhaibh fhèin.

CM: Agus tha Inbhir Nis gu bhith air a' mhap sin, ma dh'fhaodas sinn a chur mar sin.

IC: Tha mi a' smaoineachadh gum bi Inbhir Nis deagh-fhreagarrach agus gun còrd e ri muinntir Inbhir Nis. Tha leithid de rudan air an telebhisean mu shiubhal air feadh an t-saoghail, ach aon rud mu dheidhinn nuair a chluinneas tu òraid, faodaidh tu ceistean fhaighneachd, ge brith cò tha a' bruidhinn riut, agus glè thric gheibh thu a-mach uimhir le na ceistean a dh'fhaighnicheas daoine 's a gheibh thu anns an òraid. 'S chan urrainn dhut ceist a chur air an telebhisean.

CM: Uill, tapadh leatsa gu dearbha airson beagan innse dhomh mu dheidhinn a' chomainn, agus dìreach mar a tha sibh ag obair, agus na h-amasan a th' agaibh. Isa, ceud mìle taing dhutsa. Isa Caird ann an Dùn Dè.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good