Search

Creideamhan iasgach.

Date 12 September 1955
Track ID 1178
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.162.A8

Original Tape ID

SA1955.162

Summary

Fishing taboos.

There was a taboo prevalent in the Highlands at one time that, if one was going out to sea, clothes that had been dyed with lichen would not be worn. They feared that if someone fell out of the boat, he would not re-surface. They also made sure to avoid certain types of people.

The fishermen believed that one should not return for anything that one had forgotten - that would bring bad luck. One time, the contributor forgot his knife, but he decided to return for it. There was a woman at the house, but despite all, they had a successful trip.

One could not turn a boat anti-clockwise. The words salmon and trout were avoided. These taboos were more strictly adhered to on the east coast. It was bad luck to look at the soles of your shoes while on a boat.

Among other taboos, fishermen would not go fishing with non-churchgoers, or unbaptised folk. They also believed that if a suicide was buried within sight of the sea, the herring would not come. This happened in the area about forty years previously, but despite this the herring were very plentiful.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Murdo John MacLean (MM): Agus bha gèilleadh ann an seo uaireigin 's bha e air a' Ghàidhealtachd air fad. Cha chuireadh iad dath crotail idir air aodach duine a bha a' dol gu muir.

Calum MacIllEathain (CM): Ò seadh.

MM: An cuala sibh sin riamh?

CM: Cha chuala, niste, cha chuala. Seadh.

MM: Creidsinn nan d' rachadh duine a-mach air a' mhuir nach tigeadh e an uachdar, nam biodh an t-aodach crotail air, no dath na cloich. Bha iad a' creidsinn ann an sin. 'S chunna mi sin le leus mo dhà shùil fhìn. Cha chuireadh iad... cha chuireadh iad crotal idir ann an aodach nam maraichean. Bhiodh e math gu leòr airson aodach-leaba, no bhiodh e math gu leòr airson aodach cìobair, no aodach nam boireannach.

CM: Seadh, dìreach. Bha rudan eile, tha fhios, nuair a bhiodh iad a' dol gu muir, cha bu toigh leotha tachairt ri mnathan, an robh e ann a shiud mar seo?

MM: Ò, cha bu toigh leotha tachairt ri cuid a dhaoine. Agus chunna mise mi fhìn, 's tha iad beò fhathast, daoine a rachadh gu fìor strì gus an seachaineadh iad pàirt dhen cuid ban-nàbaidhean. Agus innsidh mi sgeul dhuibh air a sin. Bha sinn ris an iasgach ann an seo bho chionn àireamh mhòr bhliadhnachan agus dar a bha mi... cò thàinig a-staigh dar a bha mi deiseil dìreach a' gabhail biadh mus fhalbhainn, cò thàinig a-steach ach boireannach anns a' choimhearsnachd agus i a' sgeul... a' sireadh sgeul air beathach caora. Agus dh'fhalbh mi a-nis. Agus bha rud eile a bha iad a' gèilleadh, duine dar a dh'fhalbh e gu muir nach robh còir aige tilleadh air ais a dh'iarraidh dad sam a dhìochuimhnich e. Chuireadh sin droch shealbh air. Ach an dèidh a dhol pìos air adhart, chuimhnich mi gun do dhìochuimhnich mi mo sgian, agus thill mi. Agus dar a chaidh mi a-staigh, bha piuthar m' athar an dèidh a bhith... teatha a thoir dha Bealag air truinnsear. Agus:

"Uill, a Bhealag," arsa mise, "thill mise," arsa mise, "ach ma chuireas sibhse droch shealbh orm," arsa mise, "[???] cluinnidh sibh e."

Char Bealag na cabhag cho mòr agus gun do dh'èirich i 's char an truinnsear, an rud a bh' ann, char e chaoban air an làr ann an sin, 's dh'fhalbh mi. Och, Bealag air seòl.

Ach char sinn gu muir co-dhiù. Agus fhuair sinn de sgadan gun do chuir sinn cha mhòr am bàta fodha, agus bha a dhà dhe na linn nach b' urrainn dhuinn a tharraing.

CM: Seadh, seadh. A dh'aindeoin a h-uile rud.

MM: Agus dar a thàinig sinn air tìr:

"Cuiridh," arsa mise, "fios gu Bealag a bhith a-nuas ann an seo na h-uile uair a thèid sinne gu muir," arsa mise. "Tha sealbh ceart aig Bealag."

Seallaibh, bha iad a' creidsinn ann an sin. Bha rud eile, chan fhaod sibh bàta a thionndadh an aghaidh na grèine. Ò, chunna mi dar a bha sinn nar balaich nam biodh seann duine anns a' bhàta, bhiodh sinn a' tionndadh na bàta... an eathar an aghaidh na grèine airson corraich a chur orra. Thionndaidheadh iad [???] 's bheireadh iad bhuainn na ràimh 's thionndaidheadh iad am bàta ceart. Droch sealbh. Ò, chunna mi sin tric gu leòr dar a bha mi na mo bhalach. Chunnaic [???]. Gèillidhean. Cha robh dad ann an sin.

CM: Seadh. Agus nam biodh iad ag ainmeachadh, bheil fhios a'd, sionnach no rud sam bith mar sin, air neo geàrr no rudeigin nuair a bhiodh iad ann am bàta? An robh seo a' dol an siud?

MM: Cha bu chaomh leotha e. Cha bu chaomh leotha idir e. Cha bu chaomh leotha am bradan ainmeachdainn, no am breac. 'S cha bu chaomh leotha idir, idir geàrr, agus bha cuid de bhoireannaich nach bu chaomh leotha ainmeachdainn. Agus air an taobh an ear ann an seo, bha e mòran, mòran nas treasa ann, na bha e san taobh sa. Nan canadh sibh air an taobh an ear anns na bàtaichean, ach nan ainmicheadh sibh na beathaichean sin cha mhòr nach tilgeadh iad a-mach air a' mhuir sibh. Agus rud eile, chan fhaod thu coimhead air na brògan agad, air bonn nam brògan agad, anns a' bhàta.

CM: Chan fhaod. Seadh, dìreach.

MM: Dè bha sin ach amaideas.

CM: Ò uill, bha e a' dol... bha e cho làidir 's bha e... tha gu leòr dheth san taobh an ear fhathast an-diugh.

MM: Tha e làn dheth am measg nan iasgairean.

CM: Chan ainmicheadh iad ministear?

MM: Ò, an duine a bhuaileas an leabhar. Agus dad sam bith eile, iarann fuar, buail fiodh. Cha dèan iad ach ministear ainmeachdainn idir ach an duine a bhuaileas an leabhar, seach gum biodh am ministear, seach gum biodh e a' bualadh an leabhair.

CM: Seadh. An cuala sibh riamh a-nis iad a' tighinn... daoine a bhith a' tighinn tarsainn air an rathad orra, nach bu toigh leotha sin?

MM: Cuid a dhaoine 's rachadh iad... Tha cuimhn' agamsa mi fhìn duine a bh' ann an seo, agus char e dochair na inntinn. Cha robh e às a chiall [?gun d' rachadh] smachd againn, ach dh'fhàs e neònach èibhinn, 's cha d' rachadh e... cha leigeadh e le duine sam bith a dhol air taobh na gaoithe leatha, 's bhristeadh e a chridhe, mus d' rachadh bàta taobh na gaoithe dhen a' bhàta aige. 'S balaich òga, fhios a'd, balaich amaideach, rachadh iad air taobh na gaoithe dheth airson ainmein a chur air. Ach na nàbaidhean aige a bha eòlach air, nam biodh iad faisg air, bheireadh iad cothrom na gaoithe dha mus cuireadh iad [???] e. Ò chunna mi an duine sin mi fhìn. Tha cuimhn' a'm air math gu leòr. Tha cuimhn' a'm math gu leòr. Tha. Bha na gèillidhean sin, bha iad a' dol gu làidir. Na gèillidhean sin a' dol gu làidir. Eadar gun robh dad ann no nach robh, chan eil fhios againne, ach bha an sluagh a' gèilleadh dha.

CM: Ò bha sin a' dol sa h-uile h-àite, a' dol sa h-uile h-àite, bha.

MM: Rud eile dha robh iad a' gèilleadh, cha bu toigh leotha a dhol gu muir idir, idir, idir còmhla ri duine nach robh a' frithealadh nam meadhanan, a' dol dhan eaglais. Agus cha d' rachadh iad idir ann am bàta còmhla ri duine air nach d' rachadh uisge baistidh a chur. Bhiodh cuid, tha fhios agaibh, dh'fhaodadh... thigeadh gun òrdugh mar a their sinn, agus bhiodh e duilich baisteadh fhaighinn dha, 's dh'fhaodadh gum biodh iad nan daoine mus d' rachadh am baisteadh, [?dh'fhaodadh nach d' rachadh] am baisteadh idir. Agus bha na daoine sin, bha iad...

CM: Mì-shealbhach, seadh.

MM: Bha.

CM: Ò tha gu leòr dheth sin a' dol an àiteannan air an taobh an ear fhathast?

MM: Ò tha gu leòr dheth a' dol fhathast ann. Gu leòr dheth a' dol fhathast ann. Ach tha e air bàsachdainn a-mach ann an seo, ach a bhith a' bruidhinn air mar a tha sinn a' bruidhinn air an-dràsta.

CM: Agus bha e ag ràdh... bhiodh... an cuala sibh iad a bhith ag ràdh, na daoine a thigeadh rim beatha fhèin, nan cuirte iad am fiana-... fradharc na mara, nach tigeadh sgadan?

MM: Ò chuala mi sin iomadh uair, agus chunna mi le leus mo dhà shùil fhìn e, agus char a chantainn rium, agus chuir mi dearbhadh gun robh sin fada, fada, fada dochair. Thachair a leithid anns an àite a bha seo bho chionn còrr 's dà fhichead bliadhna air ais, agus char an duine a thiodhlacadh ann an cladh Bhad Sgàlaidh. Agus bha an sluagh dhe [???] airson gun d' rachadh a chur ann nach d' rachadh sgadan fhaighinn. Agus cha robh iasgach ann an Loch Bhraoin tric riamh bu mhotha na bh' ann an dà gheamhradh an dèidh sin. 'S bha mise mi fhìn ris, agus lìon mi am bàta cho faisg agus cha mhòr nach tilgeadh sibh clach à crann-tabhaill às a' chladh gun a' bhàta. Chan e aithris... beul-aithris dhaoine eile a th' agam air a sin ach [???] fhios againn fhìn.

CM: Chunna sibh sibh fhèin e.

MM: Ò chunnaic, chunnaic. Chunnaic, chunnaic. Ach bha sin ri chantainn 's bha e ri chreidsinn. Bha iad a' toirt creideas [???] co-dhiù.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good