Search

Prògram Choinnich

Date 20 November 1997
Track ID 12065
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 20.11.1997

Summary

Recollections on the wedding of Princess Elizabeth to Prince Philip in 1947.

Charles MacKinnon was in the RAF and part of the military on guard duty at the wedding of Princess Elizabeth to Prince Philip at Westminster Abbey in 1947. He recalls the day of the wedding and how his particular unit was given the honour of being part of the guard detail at the wedding.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Bidh gu leòr an-diugh a' comharrachadh gu bheil leth-cheud bliadhna bho phòs a' Bhana-phrionnsa Ealasaid Philip, Diùc Dhùn Èideann, a thàinig bho shliochd na Grèige. 'S iomadh ceum a ghabh iad san ùine a tha sin. 'S iomadh nì a th' air tachairt dhaibh. 'S iomadh nì a chunnaic iad, 's dòcha, ris nach robh dad a dhùil. Bha Philip an-dè fhèin ag ràdh gur e foighidinn le chèile an nì as motha a bha a dhìth airson pòsadh a mhaireadh cho fada, agus, na bhriathran fhèin, bha gu leòr dhen a sin aig a' Bhanrigh Ealasaid. Tha fear còmhla riumsa an-dràsta nach robh fad sam bith air falbh bho Abaid Westminster, san tug iad bòidean a' phòsaidh. 'S esan Teàrlach MacFhionghain. Gille òg tapaidh ann am Feachd an Adhair a bh' ann aig an àm. A Theàrlaich, càit an robh thu air an latha a bha sin?

Teàrlach MacFhionghain (TM): Ò, bha na mo sheasamh agus raidhfil na mo dhòrn airson uair gu leth.

CM: Càit?

TM: Shìos aig far an robh iad a' pòsadh. Westminster. Mar a thachair dhuinne, am buidheann anns an robh mise, bha sinn a' dèanamh, mar a bhios cuimhn' agad fhèin air, an square bashing, bha sinn a' dèanamh sin thall ann an Glouc-... Innsworth, agus an latha a bha am passing out parade againn, Dhia, bha daoine nach b' àbhaist air a' phlatform an sin, agus bha fear dhiubh agus, ò, bha de ring-eachan air na gaoirdein aige. Agus an àite sinn a' coiseachd seachad air, 's ann a thug iad oirnn stad, agus tionndadh an aghaidh, agus stand easy. 'S thòisich an duine sin air bruidhinn agus e a' coimhead dìreach... ò, gun robh e cho impressed, cho dòigheil 's a bha sinn agus ri linn sin gun robh e an dèidh inntinn a dhèanamh suas an uair sin fhèin gur sinn a bhiodh ann an Lunnainn ann an ceann dà mhìos eile aig pòsadh na Bana-phrionnsa. Agus bha làrna-mhàireach sinn air ar cuipigeadh air falbh suas gu ruige Cranwell, 's bha sinne a' smaoineachadh, ò Dhia, bidh seo math. Ach ò, [???], ma bha an square bashing dona ann an Innsworth, bha an truaighe air shuas an siud. Bha sinn air ais 's air adhart, air ais 's air adhart airson sia seachdainean. Thug iad an uair sin beagan de sàmhchair bheag dhuinn. Bhiomaid a-staigh fad latha le plana mòr uabhasach dhe na sràidean 's na h-àiteachan timcheall air Westminster, 's iad ag innse dhuinn càit am biomaid, dè bhiomaid a' dèanamh 's a h-uile sìon. Bha e mar gum biodh tu air ais dhan an sgoil. An uair sin, an t-seachdain mu dheireadh, ò, bha na casan againn goirt.

Ach co-dhiù, thàinig an latha a bha sin, agus bha sinne, bha an toiseach, bha an Nèibhidh suas air thoiseach, 's Royal Marines, an uair sin an t-Arm, 's bha rèisimeidean Gàidhealach 's Gallta ann, 's bha an uair sin, bha sinne, agus às ar dèidh-ne, bha RAF regiment. Bha e... bidh e a' toirt... nuair a chì mise, air an telebhisean, an t-seirbheis cuimhneachaidh, bidh e a' toirt siud na mo chuimhne. Cha robh e... chan eil... cha robh an dà rud ao-coltach ri chèile. Ach ò, thia, fuachd a bh' ann.

CM: Agus, uill, bha sibh ann an sin a' trèanaigeadh fad sia seachdainean, agus an do rinn sibh ruith thairis air ro làimh, aig Westminster fhèin? No dìreach...

TM: Ò, Dhia, bha. Bha. Bha, dà thuras. Agus, ò, bha iad toilichte gu leòr leinn, ach 's e nuair a thàinig an latha, 's e latha uabhasach a bh' ann. Gèile on iar-thuath, agus frasan flin agus clachan-meallain, 's ò Dhia, bha e truagh. Bha e dìreach, latha aognach.

CM: Dè a' chuimhn' a th' agad air an latha, a-rèiste? An tàinig oirbh èirigh tràth?

TM: Ò, Dhia, bha sinn a-mach aig sia uairean sa mhadainn, 's bha e seachad againn mu dhà uair feasgar.

CM: Cuin a ràinig sibh, a-rèiste, Westminster?

TM: Bha, tha mi a' creidsinn gur ann a-null mu... eadar deich agus aon uair deug. Bha sinne uile an siud mun tàinig na h-eich agus na... an fheadhainn a bha a' dol a phòsadh 's an fheadhainn a bha còmhla riutha. Bha sinn uile, a h-uile buidheann a bh' ann, Arm 's Air Force 's a h-uile duine eile, nar seasamh to attention airson uair gu leth. Agus smaoinich thusa sin, agus an latha a bh' ann. Agus fhad 's a bha sinn ann a shin, chan fhaodadh duine gluasad fhad 's a bha gnothaichean a' dol air adhart. Agus an-dràsta 's a-rithist, dh'fhairicheadh tu glag thall an siud, 's glag thall air an taobh eile. Seo agad feadhainn a' dol ann an laigse 's na rifles aca a' tuiteam.

CM: Leis an fhuachd?

TM: Sheadh. Agus cha robh daoine a' gluasad airson an togail no sìon eile. Bha iad ann a shiud.

CM: Dè cho faisg agus a chaidh thusa orra air an latha a bha sin? No 's dòcha gum bu chòir dhomh a ràdh an taobh eile. Dè cho faisg 's a thàinig iadsan air far an robh thusa?

TM: Chanainn faisg air, ò, dòcha... a' teannadh ri ceud slat air falbh bhuainne. Sin a b' fhaisge a bha sinn orra. An rud a bhios mi a' cuimhneachadh an-còmhnaidh, 's e aig doras an àite anns an robh iad a' dol a-staigh a Westminster, bha a' charpet mhòr uabhasach dhearg a bha seo 's ò Dhia, bha faid innte, agus tha fhios gur i bha fliuch, 's tha mi mionnaichte gun robh na casan aicese bog fliuch a' coiseachd oirre.

CM: Agus an robh mòran sluaigh timcheall?

TM: Ò Dhia, bha uimhir mun cuairt... chan eil fhios a'm an robh uimhir mun cuairt 's a bha sinn a' faicinn air telebhisean aig àm tiodhlacadh Diana, ach cha robh e fada goirid air. Bha a h-uile h-àite làn dhaoine, agus feadhainn dhiubh suas anns na craobhan.

CM: Dè thachair, a-rèiste, aon uair agus gun robh am pòsadh seachad?

TM: Ò uill, aon uair 's gun robh e seachad 's gun do dh'fhalbh iad, bha sinne air ar màirdseadh air falbh suas air ais chun nam busaichean, agus thug iad gu ruige stèisean Air Force... dad a-nise... Stanmore Park. Thug iad ann a shin sinn suas 's thug iad dhuinn biadh, agus dh'fhalbh sinn às a sin air ais gu ruige Cranwell. Agus an làrna-mhàireach bha sinn a-mach air parade a-rithist, agus thug iad chun an Adjutant's Office sinn, 's bha againn ri dhol a-staigh an sin, duine mu seach, agus a' dol a-mach air an doras air a' cheann eile, 's cha robh fhios againn gu dè bha a' tachairt. An Dia, chaidh mise a-staigh agus... tha mi a' creidsinn gun robh mi air chrith. Chan eil mòran cuimhn' agam, ach tha mi a' creidsinn gun robh. Agus 's ann a thionndaidh am Flight Lieutenant a bha seo rium, agus thug e dhomh an envelope a bha seo, agus: "There's your pass to Portree. You've got fourteen days leave." Uill, cha mhòr nach toirinn pòg dha.

CM: Bha thu gu math sgìth, a-rèiste, às dèidh an latha a bha sin?

TM: Ò ghiall, bha. A' coimhead air ais, bha mi toilichte gun robh mi ann. Cha robh aig an àm, ach a' coimhead air ais, tha mi toilichte gun robh mi ann.

CM: Ach an-diugh, nuair a chì thu seo air film, agus tha mi cinnteach gun dèan sinn tòrr dhen a sin an-diugh fhèin, agus na làithean a tha romhainn, a bheil thu ag aithneachadh an àite mar a tha e a rèir do chuimhne air an latha a bha sin?

TM: Och, tha tòrr togalaichean an siud às ùr. Ò, faithnichidh mi Westminster fhèin. Tha sin mar a bha e a-riamh 's mar a bhitheas. Ach tha togalaichean eile mun cuairt air sin air an cur ann às ùr. Fhios agad, chaidh tòrr milleadh a dhèanamh an siud air feadh a' chogaidh, agus bha iad gun an t-àite a chur an òrdan a chèile a-rithist mun àm ud. Thug iad, och, tha mi cinnteach gun robh deugnachadh a bhliadhnaichean an dèidh a' chogaidh mun do chuir iad suas feadhainn dhe na togalaichean.

CM: Co-dhiù, tha a' Bhanrigh Ealasaid agus an Diùc, tha iad air a bhith pòsta leth-cheud bliadhna an-diugh, agus ged, mar a bha e fhèin ag aideachadh nuair a bha e a' còmhradh ri feadhainn ann an Lunnainn an-dè, nach robh a h-uile càil sìtheil còmhnard fad na h-ùine, mhair iad còmhla ri chèile, agus a rèir coltais, tha iad a' coimhead glè mhath, gu math dòigheil fhathast.

TM: Ò uill, tha mise a' smaoineachadh gu bheil iad nan eisimpleir do dhaoine air feadh an t-saoghail.

CM: Uill, a Theàrlaich, tapadh leat gu dearbha airson a bhith a' cuimhneachadh air mar a bha thusa gu math faisg air Abaid Westminster air an latha a bha sin leth-cheud bliadhna bho an-diugh nuair a phòs a' Bhana-phrionnsa Ealasaid, mar a bh' oirre aig an àm sin, Diùc Dhùn Èideann, Philip. Tapadh leatsa gu dearbha.

TM: Sin thu, ma-thà, agus mi air mo lathadh leis an fhuachd an latha ud, mar a tha mi an-diugh.

CM: Teàrlach MacFhionghain ann an sin, agus e air an loidhne à Bhatairnis san Eilean Sgitheanach.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good