Search

Prògram Choinnich

Date 21 November 1997
Track ID 12147
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 21.11.1997

Summary

Information about the descendants of the Seal People.

John MacAulay has been doing research on Sliochd nan Ròn [The Seal People]. According to John's research they were a people of small stature who made homes around the coast of the Western Isles, who travelled in small boats covered with seal skin and who originated in Scandinavia. He maintains that many people in the Western isles are descended from Sliochd nan Ròn.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

Village/Place - The Western Isles

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Bho chionn grunn mhìosan 's dòcha gu bheil cuimhne agaibh Iain MacAmhlaidh à Fleòideabhagh anns na Hearadh ag innse dhuinn mu dhaoine a bhiodh a' tighinn air muir gu na h-Eileanan an Iar ris an canar Sliochd nan Ròn. Seo air sgàth gur e eathraichean beaga a bhiodh iad a' cleachdadh agus bho phìos air falbh gun saoileadh duine gur e ròin a bh' annta air uachdar a' chuain. Tha Iain air a bhith a' dèanamh an tuilleadh rannsachaidh ann an oilthighean Obar Dheathain agus Dhùn Èideann, agus a' sireadh fiosrachaidh à Lochlann fhèin. Tha e air an loidhne agam an-dràsta. Iain, an turas bho dheireadh a bha thu a' bruidhinn rium, bha thu a' dèanamh beagan mìneachaidh air an fhiosrachaidh a bh' agad aig an àm sin mu Shliochd nan Ròn. Dè tha thu air a bhith a' faighinn a-mach bhon uair sin?

Seonaidh MacAmhlaigh (SM): Uill mar a thuirt thu, bha mi air falbh an Oilthigh Obar Dheathain agus ann an Dùn Èideann, agus a' coimhead air stuth a tha iad... bh' aca air a chruinneachadh ann a shin o chionn ceudan bhliadhnaichean air ais, agus bha e glè inntinneach a bhith a' dol tron a sin, 's tha mi air an deagh chuid fhoghlam on uair sin. Och, tha mi a' smaoineachadh gu bheil rudan gu math annasach a' tighinn às, agus rudan ann, 's dòcha, nach do bhuail orm roimhe.

CM: Mar eisimpleir?

SM: Tha, dìreach, tha mi a' smaoineachadh aon rud a tha glè inntinneach, an dèidh dhut a bhith a' bruidhinn ri feadhainn an-ceartuair mu dheidhinn nan daoine beaga sin, agus tha e air a ràdh mu dheidhinn Sliochd nan Ròn, gur e daoine beaga a bh' annta - cha robh iad nan daoine mòra idir - agus gum biodh iad a' fuireach ann an taighean fon an talamh. Agus tha sin, tha mi a' creidsinn, fìor gu leòr, a chionn tha gu leòr seann làraich taighean fo thalamh anns na h-eileanan, agus chan eil càil a dh'fhios aig duine cò bha a' fuireach annta, ach feumaidh gun robh cuideigin annta, agus tha amharas agamsa gur e na daoine beaga seo a bh' ann.

CM: Uill, tuigidh duine carson a bhiodh daoine anns na làithean a bha sin a' fuireach ann an taighean fon an talamh, ge-tà, nach tuig?

SM: Ò uill, bha na taighean, chan ann fon an talamh mar sin a bha iad. 'S ann a bha iad air an togail os cionn na talmhainn le clach, agus bha an uair sin, bha talamh air a thogail timcheall orra, agus gum biodh na taighean sin, bha iad coltach ri cnoc beag nuair a bha iad ullamh dhiubh.

CM: Agus dè seòrsa fiosrachadh an-dràsta a bha thu a' faighinn ann an Obar Dheathain 's Dùn Èideann? Dè seòrsa àitichean far an robh... a bheil fiosrachadh mu dheidhinn daoine mar seo?

SM: Och chan eil mòran fiosrachadh ann, ach gheibh thu beagan a chruinneachadh à seann leabhraichean 's rudan. Ach bha mi ann an Oilthigh Obar Dheathain. Bha mi a' coimhead air feadhainn dhe na h-eathraichean beaga a th' aca ann a shin, agus tha trì ann a shin dhiubh, agus tha iad còrr 's trì cheud bliadhna a dh'aois, agus tha fear dhiubh math dha-rìribh. Tha an fheadhainn eile, tha iad 's dòcha a' tòiseachadh a' falbh às a chèile. Chan eil iad buileach cho math. Ach tha iad a' sealltainn às an dèidh. Ach bha e glè inntinneach a bhith a' coimhead air na h-eathraichean sin, air an dèanamh le cracann ròin. Agus chan eil iad mòr idir, agus dìreach ghiùlaineadh iad aon duine, ach tha e coltach gun robh iad a' siubhal air astar mòr, mòr, mòr leotha.

CM: Càit a bheil sin... a bheil sin ri fhaicinn dhan mhòr-shluagh?

SM: Uill, tha. Fear dhiubh co-dhiù. Tha e ann an taigh-tasgaidh ann an Obar Dheathain, aig an oilthigh.

CM: Marischal College, an ann?

SM: 'S ann.

CM: Ò seadh.

SM: Aidh. Agus tha a dhà eile ann. Chan eil iad cho furasta faicinn, ach le cead faodaidh duine a dhol a choimhead orra.

CM: 'S dè... dè fhuair thu ann an Dùn Èideann?

SM: Ah uill, cha d' fhuair mi na h-uimhir ann a shin, ach 's dòcha nach robh ann ach rud a bha a' toirt tacsa ri na fhuair mi ann an Obar Dheathain. 'S ann an Obar Dheathain, 's ann a b' fheàrr a chaidh dhomh.

CM: 'S dè a-rèiste, a bharrachd air a-rèiste gu bheil thu air eisimpleir dhen an seòrsa eathar a tha thu a' smaoineachadh a bh' aig na daoine a bha seo, a bha a' tighinn a-nall à Lochlann dha na h-Eileanan an Iar - astar fada ann am bàtaichean gu math beag - dè tha thu air fhaighinn ann an sin an-dràsta a tha a' cur ris an fhiosrachadh a bh' agad ron a seo?

SM: Uill, air thaobh nan eathraichean fhèin, chan eil mòran sam bith ach gun robh e, mar a thuirt mi, gun robh e inntinneach a' faicinn nan eathraichean, ach 's e rud a tha mi a' feuchainn ri dhèanamh a-mach an-dràsta, dè cho coltach 's tha, fhios a'd, muinntir nan eilean, can o chionn fhada ann a sheo, ri muinntir Lochlainn, an fheadhainn a th' anns na h-eileanan air taobh an iar Lochlainn, agus seachd àraid shuas air an iar-thuath, anns na h-eileanan, mar a chanas iad, na Lofoten Islands, agus na Vesterålen, eileanan. Agus tha sgeulachdan caran mun an aon t-seòrsa a' tighinn às a sin. A-rithist, gur e daoine beaga a bh' annta, agus iad a' fuireach ann an taighean fo thalamh, agus a' falbh dìreach an cois a' chladaich, a' toirt am beatha às a' chladach 's às a' mhuir. 'S mar sin, 's e an aon... an aon seòrsa dhaoine a bh' annta, feumaidh.

CM: Agus a bheil solas sam bith ga chur air càit an deach iad? Dè thachair dhaibh? An do dh'fhuirich iad ann an seo? An deach iad dhachaigh air ais? Dè thachair?

SM: Uill, tha iad mun cuairt oirnn ann a sheo fhathast, agus nuair a thill mise dhachaigh às Obar Dheathain, bha litir gam fheitheamh ann a sheo, fear a sgrìobh thugam à Sasainn, ach dh'fhalbh e fhèin às Uibhist o chionn bhliadhnaichean air ais, agus bha e air cluinntinn mun an obair a bha mi a' dèanamh, agus chuir e thugam an sloinneadh aige fhèin, a' dol air ais ochd ginealaich, gu fear Calum nan Ròn a bh' ann an Haisgeir, agus bha e air fhàgail air Calum nan Ròn a bha seo, gur ann o Sliochd nan Ròn a bha e fhèin. Agus tha gu leòr a thàinig a-nuas on an duine sin a tha a' fuireach ann an Uibhist, agus seachd àraid timcheall air Solas, 's Taigh a' Gheàrraidh, 's Màlacleit, Grèinetobht, a tha air tighinn a-nuas bho Sliochd nan Ròn. 'S dòcha nach eil càil a dh'fhios aca mu dheidhinn, ach tha iad ann.

CM: Agus, a-rèiste, mas e 's gu bheil thu ag ràdh gur e... gun robh cumadh sònraichte orra, gur e daoine beaga a bh' annta, bu chòir gun aithnicheadh sinn mar sin fhathast iad.

SM: Uill, tha mise a' smaoineachadh, 's dòcha gum faic thu sin ann an aghaidh dhaoine fhathast, nuair a choimheadas tu orra, gu bheil...

CM: Seadh. Siuthad. Tha thu air d' fhaighinn fhèin ann an trioblaid. Cheart cho math dhut a dhol a-steach 's innse ceart.

SM: Cha dèan math dhomh cus a ràdh mu dheidhinn seo. Bidh iad ag èisteachd rium ann an Uibhist.

CM: Siuthad. Lean ort. Thuirt thu e; thòisich thu.

SM: Seachd àraid Clann Iain Dhòmhnaill Aonghais às a' Cheathramh Mheadhanach, 's Clann Dhòmhnaill Ruairidh, 's Clann Iain Chaluim ann an Grèinetobht, 's Clann Ailig Mhurchaidh Chaluim ann am Màlacleit, 's Clann Lachlainn Dhòmhnaill ann am Màlacleit. Gu leòr eile. Agus 's dòcha, ma thòisicheas na daoine sin a' coimhead orra fhèin gu mionaideach, gum faic iad coltas ri Laps no daoine Lochlannach nam measg.

CM: Tha thusa, a-rèiste, a' smaoineachadh gun tàinig iad an seo agus gun do dh'fhuirich iad? Chan eil thu a' smaoineachadh gun deach iad air ais idir, a bheil?

SM: Ò cha deach. Uill, tha e neònach leamsa gun deach iad air ais. Fhios a'd, bha na Lochlannaich ann a sheo, anns na h-eileanan seo, airson timcheall air còig cheud bliadhna, agus chaidh na h-eileanan an seo a thoirt air ais do dh'Alba ann an twelve sixty-six. Uill, chan eil mise a' creidsinn gun do dh'fhalbh na Lochlannaich, fhios a'd, a dh'aon bhuidheann aig an àm, ach dìreach gun... 's iad ann an ceann... an dèidh dhaibh a bhith ann a sheo còig cheud bliadhna, b' iad fhèin muinntir nan eilean an uair sin co-dhiù, agus cha dèanadh iad ach fuireach ann, agus 's ann bhuapa a thàinig a' chuid mhòr againn fhèin.

CM: Mar sin dheth, ged a tha thu ag ràdh gur dòcha gu bheil an fheadhainn sin, gu sònraichte ann an Uibhist a Tuath, gu bheil iad... gu bheil iad air a thighinn bho Sliochd nan Ròn, chan e càil diofraichte a tha sin bhon a' chòrr againn, ach gur dòcha... bha Sliochd nan Ròn, bha iad 's dòcha de shluagh a bha nas lugha na a' chòrr againn, airson, can an-dràsta, nach biodh iad ag ràdh ann an ceann a tuath Leòdhais, na Nisich, gun robh buntanas aca ris na Lochlannaich, ach 's ann a bha iad sin bàn, nach ann?

SM: Uill, 's dòcha gur ann. Ach chan eil mise a' ràdh nach eil iad ann o Shliochd nan Ròn cuideachd, agus gun robh iad a cheart cho pailt ann an Leòdhas 's a bha iad ann an gin sam bith eile dhe na h-eileanan.

CM: Sin agad e.

SM: Bha iad ann an Sealtainn 's ann an Arcaibh cuideachd, 's tha mi air sgeulachdan fhaighinn às a sin cuideachd mu dheidhinn Sliochd nan Ròn.

CM: Cuin a tha thu a' dol a thoirt a h-uile càil a tha seo cruinn còmhla?

SM: Ò bheir e treis fhathast, a Choinnich. Tha tòrr obair ri dhèanamh fhathast, agus... ach... ò tha cùisean a' tighinn ri chèile. Tha.

CM: An rud a thòisich, a-rèiste, mar cha mhòr rud a chanadh cuid ris faoinsgeul, chan e faoinsgeul a th' ann. 'S e th' ann ach...

SM: Ò chan e faoinsgeul a th' ann, agus 's dòcha gur e faoineas a th' ann a bhith a' cumail bodaich bheaga anns a' ghàrradh, ach cha dèan math dhomh cus a ràdh mu dheidhinn sin, a chionn tha iad anns a' ghàrradh agam fhèin. Tha mi a' smaoineachadh, chan eil ann ach pàirt dhen an eachdraidh againn, agus bidh e glè inntinneach a bhith ga fhaicinn 's dòcha air a thoirt ri chèile latheigin.

CM: Uill, Iain, tha mi an dòchas nach bi e buileach ro fhada mus fhaic sinn sin, agus tha mi cinnteach gu dearbha gun toir e dhuinn adhbhar còmhraidh aig an àm, agus mas e 's gu bheil fiosrachadh no beachd sam bith aig duine sam bith eile air a siud, uill faodaidh sibh fios a chur thugamsa, no fios a chur gu Iain. Tapadh leatsa, Iain. Iain MacAmhlaigh ann an sin, ann am Fleòideabhagh anns na Hearadh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good