Search

Prògram Choinnich

Date 11 March 1998
Track ID 12786
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 11.03.1998

Summary

Mary King's Close in Edinburgh reopens.

Katie Murray talks about Mary King's Close in Edinburgh which has reopened to the public after 200 years. Ghost stories from the close are discussed.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha dealbh de bheatha an t-sluaigh ann an Dùn Èideann aig deireadh na seachdamh linn deug ri fhaicinn o chaidh seann chlobhsa anns a' bhaile fhosgladh dhan a' mhòr-shluagh bho chionn ghoirid às dèidh a bhith dùinte airson còrr agus dà cheud bliadhna. Clobhsa Màiri King a tha seo, a th' ann an Seann Bhaile Dhùn Èideann. Chaidh Ceitidh Moireach a lorg nan taibhs a thathas ag ràdh a tha sa chlobhsa aig deireadh na seachdain a chaidh. Gu fortanach, thàinig i a-mach às, agus tha i còmhla riumsa an-dràsta air an loidhne. Dè do chor, a Cheitidh?

Ceitidh Mhoireach (KM): Ò chan eil cho dona, a Choinnich.

CM: Am faca tu taibhs?

KM: Ò feumaidh mi aideachadh nach fhaca, 's cha do dh'fhairich mi àileadh taibhs a bharrachd.

CM: Càit a bheil an clobhsa a tha seo?

KM: Tha an clobhsa a tha seo, tha e a' ruith eadar an Àrd-shràid agus far a bheil Stèisean Waverley an-diugh. Tha dìreach, can, mu dhà cheud slat a dh'fhaid anns a' chlobhsa fhèin, agus an latha a th' againn an-diugh, 's ann shìos fon an talamh a tha e, agus, èibhinn gu leòr, 's e togalaichean Comhairle Dhùn Èideann a tha os a chionn. Trì-deug làir dhiubh os cionn a' chlobhsa a tha seo anns an latha a th' againn an-diugh. Ach feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil an Àrd-shràid, gur e sràid àrd a bh' innte, shuas air cnoc, agus bha an clobhsa a bha seo, bha e a' ruith sìos a' chnuic, mar gum b' eadh, agus anns an latha a bha siud, far a bheil an stèisean an-diugh, agus Gàrraidhean Sràid a' Phrionnsa, 's e loch a bh' ann an uair ud. 'S e an Nor Loch a chanadh iad ris, agus 's ann eadar an Àrd-shràid 's an loch a bha seo a bha an clobhsa a bha seo, le còig tenements, ò, cùil bheaga chumhang a' ruith dheth, agus sin agad a-niste Mary King's Close, mar a chanadh iad ris.

CM: Carson a chaidh a dhùnadh anns a' chiad àite?

KM: Anns a' chiad àite, chaidh a dhùnadh leis gun do bhrist galar ris an canadh iad anns an latha a bha siud am Black Plague a-mach às a' chlobhsa a bha seo. Uill, bha e air feadh Dhùn Èideann, ach bha e dha-rìribh gabhaltach anns a' chlobhsa a bha seo far an robh ceithir ceud duine a' fuireach. Agus tha e coltach, a' ghalar a bha seo, gur ann a-staigh a Lìte a thàinig i air bàtaichean a bha a' tighinn à Sìona 's à Japan. Agus a bheil fhios agad gur ann air radain dhubh a bh' air na bàtaichean a bha sin, 's iad a thàinig a-staigh a Dhùn Èideann, agus bha deargannan air na radain a bha seo, agus anns na suidheachaidhean mì-shlàinteil a bha siud anns a' chlobhsa, bha na radain 's na daoine dìreach a' ruith am measg a chèile fad an t-siubhail, 's bha e dìreach gu math soirbh dhan a' ghalar a sgapadh.

CM: Agus, uill, 's e an rud a rinn iad, an rud a b' fhasa dhaibh a dhèanamh - stob iad e aig gach ceann agus dhùin iad e. Nach e sin a thachair?

KM: 'S e sin a thachair, gu dearbh, a Choinnich, agus anns na sia seachdainean a bha sin, an dèidh dhaibh an clobhsa a dhùnadh, nach do chaochail na ceithir ceud daoine a bha a-staigh. Ach tha fios gun robh e dìreach uabhasach a bhith beò anns a' chlobhsa a bha siud. Sgeul agad gun robh thu air do ghlasadh a-staigh fon an t-saoghal a-muigh, agus nach robh cus dòchas ann airson do bheatha.

CM: Can siud rium a-rithist. Ghlas iad a-staigh iad?

KM: Uill, bha na ballaichean a bha seo air an togail aig gach ceann dhen a' chlobhsa, agus cha robh iad idir deònach duine a leigeil a-mach às a' chlobhsa, agus bha am fear-iùil a bh' againn Disathairne, bha e a' ràdh rinn, an dèidh dhaibh an clobhsa a bha seo a dhùnadh dheth, gun d' fhuair iad, mar a chanas iad, an skeleton aig gille òg ann am fear dhe na similearan. Tha fios gun robh e dìreach, a bheil fhios agad, bha e ag iarraidh a-mach à siud ann a... a-mach à siud ann an dòigh sam bith, agus dh'fheuch e ri dhol suas an similear, 's cha deach aige air.

CM: A bheil càil a bheachd againn cò às a thàinig an t-ainm Mary King's Close?

KM: Tha e coltach gur e... an clobhsa a bha seo, gur ann aig fear... Alexander King a bh' air fhèin, agus 's e sin an t-ainm a bh' air a' chlobhsa air thoiseach, ach 's e fear-lagha a bh' ann, agus aig an àm a bha seo - 's e Pàpanach a bh' ann cuideachd - agus cha robh e a' smaoineachadh gun robh an dà rud, gun robh daoine garbh measail air daoine mar sin, aig an dearbh àm a bha siud, mu àm an Reformation, agus dh'atharraich e an t-ainm gu Mary King's Close. Agus cha b' e dlùth-charaid dha a bh' ann am Mary King idir. Cha robh innte ach càirdeas... càirdeas a bha fad às. Ach sin an t-ainm a chaidh a thoirt air a' chlobhsa, agus gu dearbha, tha e gu math ainmeil a-niste.

CM: Dè tha ri fhaicinn ann an-diugh?

KM: Chan eil... 's e glè bheag a tha ri fhaicinn ann an-diugh, feumaidh mi... feumaidh mi ràdh. Ò, bha mise air leth iomagaineach a' dol sìos an siud. Bha mi a' dèanamh dheth co-dhiù gum biodh tu... gum biodh tu a' faireachadh gun robh dampachd ann, àileadh fuaraidh, 's dìreach gairiseachadh a' dol ort. Ach tha mi a' smaoineachadh, ri linn 's gu bheil an togalach mhòr a tha seo os a chionn, tha e gu math seasgair an-diugh, 's chan eil càil ri fhaicinn, ach tha na cùil bheaga a tha seo, tha iad air peant geal a chur air a' chuid mhòr dhiubh, ach chì thu far an robh bùth a' bhèi-... bùth bèiceir - chì thu cumadh an òmhainn ann a shin a-staigh - agus tha e coltach gun robh taigh-òsta aca, agus bha... uill, chì thu na rùmannan beaga bìodach anns an robh iomadh duine beò. Agus chì thu... dìreach shuas faisg air an Àrd-shràid, tha e coltach gun robh taigh-cofaidh ann a shin aig aon àm, far am biodh fir-lagha 's iad sin a bha ag obair anns na cùirtean a bha glè fhaisg air làimh an sin a' gabhail biadh 's deoch.

CM: Tha mi a' tuigsinn, aon dhe na sgeulachdan a chuala thu mu thaibhsichean, gur ann co-cheangailte ris an taigh-seinnse a bha seo a bha e, nach ann?

KM: Tha sin ceart. Chan eil uabhasach fada bhuaithe idir - can, còig bliadhna - agus thug a' chomhairle cead do bhuidheann nursaichean a dhol a chadal an oidhche anns an taigh-òsta a bha seo, an rùm far an robh an taigh-òsta, agus iad ag iarraidh airgead a thogail airson inneal shònraichte air choreigin a bhiodh uabhasach feumail aig na h-euslaintich anns an ospadal aca, agus cha chreid mise nach robh mu shianar dhiubh shìos an sin leis na pocannan-cadail, agus an ath mhadainn thàinig fear a-nuas bhon a' chomhairle 's dh'fhaighneachd e dhiubh ciamar a fhuair iad air adhart - an robh an t-eagal orra shìos an siud idir - agus thuirt iad fhèin gu dearbh nach robh an t-eagal orra idir.

"Ach," ars iad fhèin, "carson nach do dh'innis thu dhuinn gun robh cuirm gu bhith aca shuas an staidhre a-raoir? 'S gann a fhuair a sinn loic cadail."

"Ò," ars e fhèin, "cha robh càil idir a' dol shuas an staidhre a-raoir, 's tha sin cho cinnteach 's a ghabhas e."

Agus a bheil fhios agad dè bha iad a' dèanamh dheth a bh' ann? Bha an taigh-cofaidh a bha seo... ach anns an taigh-cofaidh a bha seo, bha iad a' reic deoch-làidir cuideachd, agus bha iad air a bhith a' cluinnteil na fir-lagha a bha siud dìreach ag ithe 's ag òl, 's a' bruidhinn ri chèile, 's gach rud a bhiodh a' dol nam beatha aig an ìre a bha siud na thaigh-cofaidh.

CM: Chuala iad taibhsean 's cha robh fhios aca air.

KM: Sin agad e, dìreach.

CM: Tha aon sgeulachd eile agad cuideachd mu thaibhs, nach eil?

KM: Tha. A-niste, 's e an stòiridh as ainmeile, tha mi a' creidsinn, mun an nighean bheag a bha seo, a bha beò anns a' chlobhsa, agus bidh feadhainn ga... bidh feadhainn ga faicinn. Tha e coltach, a' chiad turas a chaidh a faicinn, 's ann o chionn còig bliadhna, agus iongantach gu leòr, 's e tè à Tokyo, mar a chanas iad, psychic à Tokyo, a bha shìos anns a' chlobhsa. Cha deach innse dhi idir dè an eachdraidh a bh' air cùl a' chlobhsa, 's chaidh i sìos. Bha i a' ràdh, 'Och, chan eil mise a' faireachadh càil an seo. Cha do thachair càil an seo.' Ach an uair sin, dh'fhairich i an rud a bha seo, dìreach faireachadh a' tighinn thairis oirre 's gairiseachadh, 's an ath mhionaid, tha e coltach gun robh i a' faireachadh an rud a bha seo, grèim air an sgiort aice, agus tha e coltach gum faca ise... 's ga slaodadh sìos gu rùm a bha seo, agus dè chunnaic i ach an nighean bheag a bha seo, le froga ragach glas oirre, agus na gàirdeanan aice làn neasgaidean, agus rinn i a-mach gur e a bha i ag iarraidh ach rud leis an cluicheadh i. 'S chaidh an tè a bha seo a-mach 's cheannaich i doile bheag dhi, 's thug i dhi i, agus leig an nighean às an uair sin i, agus bha i cho toilichte 's a ghabhadh a bhith a' cluich leis an doile a bha seo. Agus on an latha a bha sin, daoine a bhios a' dol sìos gun an rùm a tha sin, cuid dhiubh, bidh iad a' toirt leotha preusant dhan an nighean bheag a tha seo, leis... air choltais gu bheil daoine air a faicinn bhon an latha sin cuideachd. Agus, a bheil fhios agad, tha na rudan ann a shiud. Tha doilichean beaga ann, 's tha teddies ann, 's tha suiteis ann, 's geamaichean - gach rud a chòrdadh ri nighean bheag air am fàgail ann a shin.

CM: Uill, rudan annasach, iongantach ann an Clobhsa Mhàiri King ann an sin. A Cheitidh, tapadh leatsa gu dearbha airson a dhol ann, agus tapadh leat airson a thighinn às agus innse dhuinn dìreach dè a chunnaic thu, dè a fhuair thu a-mach mu dheidhinn. Tapadh leat gu dearbha.

KM: 'S e do bheatha, a Choinnich.

CM: Ceitidh Mhoireach ann an sin, ann an Dùn Èideann, agus tha an clobhsa sin fosgailte do dhaoine aig diofar amannan a-nise.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good