Search

Prògram Choinnich

Date 18 September 1997
Track ID 13381
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 18.09.1997

Summary

The New Zealand Shipping Company.

The New Zealand Shipping Company started sailing out of New Zealand 125 years ago. Angus Finlayson talks about the company and his working years with them. There will be a large re-union of workers in Christchurch and it is expected that 700 people will attend. The company ceased in 1971/72 when they were taken over by P&O.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha dòchas gun tig na ceudan mòra a New Zealand aig toiseach na bliadhna a tha a' tighinn a chuimhneachadh nan làithean a bha iad a' seòladh aig an New Zealand Shipping Company. Tha cuimhn' agamsa mi fhìn a bhith a' faicinn feadhainn aig an taigh bhon an t-seòladh agus geansaidh dubh orra le suaicheantas a' chompanaidh. Tha còrr math agus fichead bliadhna a-nis bho chaidh iad a-mach à bith, ach tha mòran dhaoine aig a bheil cuimhne mhath air na làithean a bha bàtaichean a' seòladh fad an tìde eadar an dà dhùthaich. Tha Aonghas Fionnlasdan air an loidhne còmhla rium à New Zealand. Bha esan e fhèin a' seòladh aig an New Zealand Shipping Company. Ciamar a tha thu, Aonghais?

Aonghas Fionnlasdan (AF): Tha glè mhath, a Choinnich, tapadh leat.

CM: Dè a' chuimhne a th' agad air an New Zealand Shipping Company thu fhèin?

AF: Och uill, b' àbhaist a bhith aig tòrr againn a bhith a... Bhiodh sinn a' seòladh a-mach à Lunnainn, mar gun canadh iad, Nèibhidh Haaland, b' àbhaist dha a bhith a' toirt na job-aichean do bhalaich Steòrnabhaigh gu h-àraid, bhon bha an t-uabhas againn a' seòladh a-mach à Lunnainn an uair sin. Agus bha... och uill, tha grunn aca a-muigh an taobh sa cuideachd, 's tha cuid... tha cuid a-nis an dèidh leigeil an t-seòladh seachad, 's tha iad an dèidh fuireach aig an taigh, ach tha mi a' creidse gum bi cuimhn'... ma bhios... gum bi iomadach fear ag èisteachd ri seo an-diugh, tha mi a' creidse gum bi cuimhne mhath aca cuideachd air làithean a bh' ann, a' seòladh a-mach à Lunnainn.

CM: 'S e turais gu math fada a bh' ann, nach e?

AF: Och 's e. Uill, an uair ud, bha sinn a' toirt deich latha fichead, eadar Liverpool agus... agus Auckland an New Zealand, 's bhiodh sinn a' dol tron a' Phanama, 's an uair sin sìos gu Pitcairn. Ach air a bhiodh sinn air na cargo boats, bhiodh sinn dìreach a' dol gu Panama 's an uair sin sìos a Phacific.

CM: An robh e fiadhaich?

AF: Och, uaireannan. Bha uaireannan a bha, ach an dèidh sin, bha... och uill, bha an t-sìde... 's dòcha gum biodh fairge mhòr ann uaireannan, ach an dèidh sin, air a gheibheadh tu a-steach dhan a... às dèidh Panama 's a' dol a-steach dhan a' Pacific, bhiodh sìde mhath againn man bu trice sìos... sìos... sìos gu New Zealand no Australia, blàths gu leòr.

CM: An e bàtaichean mòra a bh' aig an New Zealand Shipping Company? An e companaidh mhòr a bh' ann?

AF: Ò uill, tha mi a' smaoineachadh... bha... tha e coltach, air a bha iad... air a bha iad a' seòladh a-mach às... air na nineteen fifties agus nineteen sixties, bha e coltach gun robh deich air fhichead aca, thirty aca, a' seòladh a-mach à... Bha pàirt aca a bha a' seòladh... nach robh iad a' tighinn taobh Lunnainn ann. Bha iad air a' MhANZ Line, bha sin am Montreal, Australia, New Zealand run. Bha mi fhìn air a sin cuideachd, air an [?Tekoa]. Agus bhiodh tòrr aca, bhiodh... bhiodh... cha bhiodh iad a' tighinn a-steach a Bhreatainn idir. Bha iad a' fly-aigeadh, mar gun can iad, flags of convenience. Bhiodh iad registered ann am Bermuda, no àite dhen t-seòrsa sin. An dèidh sin, bhiodh... bhiodh criuthaichean à Breatainn a' dol oirre cuideachd, 's bhiodh iad... bhiodh iad... bhiodh iad nan cur air falbh... falbh a Bhermuda, no dha na States, gu 'n togadh sinn an t-soitheach, 's an uair sin bhiodh sinn... bhiodh sinn a' seòladh oirre ochd mìosan deug no ge bith dè cho fad 's a bhiodh an triop.

CM: A bheil cuimhn' agadsa na geansaidhean... na geansaidhean nèibhidh a bha mi a' bruidhinn mu dheidhinn?

AF: Cross flags.

CM: Seadh.

AF: New Zealand Shipping Company 's am Federal Steam Navigation Company, aidh. Och aidh, 's bhiodh tu an-còmhnaidh a' falbh leis na cross flags air do chùlaibh. Chan fhaca mi sin bho chionn bliadhnaichean.

CM: Aidh, ach tha cuimhn'... tha cuimhn' agam nuair a bha mi òg, bhiodh tòrr ga chleachdadh.

AF: Bhitheadh. Och, bhitheadh. Aidh, 's e fasan a bh' ann an uair sin. Bhiodh iad... bhiodh iad an-còmhnaidh... bhiodh iad an-còmhnaidh ort, agus an uair sin bhiodh lèine... bhiodh lèine ort air mullach sin, 's na cross flags an uair sin.

CM: Cuin a sguir an companaidh?

AF: Sguir iad ann an nineteen... uill, sguir iad a' tighinn a-mach an seo ann an nineteen seventy-one, seventy-two. Ach ged a bha iad... bha iad an uair sin, bha iad an dèidh... chaidh an toirt a-nall le Pacific and [?Orient], P&O, agus tha iad... tòrr... uill, chaidh... chaidh a' chuid as motha aca a reic, 's thàinig an fheadhainn a thàinig iad sìos, 's chaidh, tha mi a' creidse... tha mi a' creidse gun robh an New Zealand Shipping Company, gun robh iad... tha mi a' creidse, aig an deireadh, gun robh iad faisg air... às dèidh... às dèidh... às dèidh a' chogadh co-dhiù, fhuair... fhuair iad bàtaichean ùra, agus tha mi a' creidse gun robh a' chuid as motha dhe na cargo ships a bh' aca air fàs aosta co-dhiù, tha mi a' smaoineachadh, ma chaidh an togail anns na nineteen fifties, agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh iad còrr... faisg air còrr air fichead bliadhna, 's bhiodh iad... An uair sin, bha a' chuid as motha aca an uair sin co-dhiù, 's e bh' annta ach conventional cargos, mar gun canadh iad, ach a h-uile càil an-diugh, 's e... lathaichean na containers a-nis, agus 's e sin, tha mi a' smaoineachadh, a chuir... a chuir... chuir iad... chuir iad... chuir iad dìreach na soithichean... na bàtaichean a b' àbhaist a bhith a' tighinn an seo, leis an conventional cargo. Nis, thàinig na container boats 's an uair sin dh'fhalbh a h-uile càil man a bha sinne cleachdte ris, agus chì sinn soithichean an-diugh a' tighinn a-steach anns a' mhadainn le trì cheud, ceithir cheud containers orra aig ochd uairean sa mhadainn 's tha iad a' falbh aig sia uairean feasgar. Agus b' àbhaist dhuinne a bhith a-staigh an Wellington an seo airson còig seachdainean, 's uairean suas [???].

CM: Nise, bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhut, dè... carson a tha an cruinneachadh mòr a tha seo?

AF: Uill, tha an cruinneachadh mòr a bha seo dìreach... uill, feumaidh mi rud beag dhen a' Bheurla a chur a-steach, a Choinnich. A hundred-and-twenty-five years o thòisich an companaidh ag obair a-mach... a' seòladh a-mach à New Zealand, agus tha... tha reunion aca shìos ann an... shìos ann an... ann an Christchurch, an siathamh, an seachdamh 's an ochdamh latha de February an ath-bhliadhn'. Agus bha mi a' bruidhinn ri fear à Auckland an-diugh, a-nochd, John Bain. B' àbhaist esan... b' àbhaist esan a bhith... a bhith na... na oifigear còmhla ris... còmhla ris an New Zealand Shipping Company, agus bha e ag ràdh rium gun robh... gun robh... bha iad an dèidh... bha sia ceud freagairt aca air fhaighinn, registration forms aca air fhaighinn. Ach a-nise, chan eil an fheadhainn... feumaidh tu deposit a phàigheadh mus cuir iad air an registration list thu, agus bha iad ag ràdh rium gun robh, far am bi an oidhche mhòr aca air an t-seachdamh latha, oidhche Shathairne, an t-seachdamh latha de February, that's the company dinner, chan urrainn dhan hall a ghabhail ach ceithir cheud duine.

CM: 'S e an rud mu dheidhinn seo, tha cothrom ann do dhaoine às na h-Eileanan agus à Alba a dhol ann an sin, agus a' phrìs tòrr nas saoire na 's àbhaist dha, nach eil?

AF: Uill, bha mi... bha mi a' faighneachd dha... bha mi a' faighneachd dhan fhear a bha seo, an robh... an robh fifty percent reduction anns a' fare aca, ach tha e coltach nach eil sin ach dìreach a' travel-aigeadh ann an New Zealand fhèin, [?Transit] New Zealand. Ach bha e ag ràdh rium gun robh an Durham Association - Durham, D U R H A M - shìos ann an Lunnainn, no taobh Lunnainn, tha trì fichead duine a' tighinn, à association a tha sin, agus bha iad ag ràdh... bha e ag ràdh rium gur iongantach mana robh... mana robh economy fare de nàdar air choreigin aca a' tighinn a-mach, ach feadhainn a tha a' tighinn a-mach, chan eil iad a' tighinn a-mach... tha iad a' tighinn a-mach airson seachdain no dhà. Chan eil e... tha tòrr aca nach eil... nach eil a' bodraigeadh a thighinn air special group, group booking. Tha feadhainn a' tighinn a-mach a tha a' dol a stad an Auckland 's an Wellington 's àitichean dhen t-seòrsa sin.

CM: Co-dhiù, tha na ceudan mòra gu bhith cruinn ann an sin aig a' cho-chruinneachadh a tha sin, ann am February?

AF: Tha mi a' smaoineachadh gum bi sia, seachd ceud ann.

CM: Uill, tha mi cinnteach gur iomadh facal a thèid a ràdh ann an sin aig an àm a tha sin.

AF: Uill, b' fhìor chaomh leinne, gu dearbha, nam b' urrainn dha duine a thighinn. Nis, ma tha duine sam bith bho na h-Eileanan airson a thighinn sìos, tha fax number aig an stèisean agad fhèin, a Choinnich, agam, agus ma tha duine sam bith aca airson a thighinn sìos, faodaidh iad fax a chur thugainn, ach ma tha iad airson a thighinn, dh'fheumadh iad... dh'fheumadh iad freagairt... bha John Bain ag ràdh rium a-nochd gum feumadh iad freagairt uaireigin mu, ò, meadhan October at the latest.

CM: Uill, tha àireamh a' fax againn ann an seo, ceart gu leòr, 's mas e 's gu bheil duine ga iarraidh, bidh sinn ro-thoilichte a thoirt dhaibh. Aonghas Fionnlasdan ann an sin air an loidhne à New Zealand, agus 's iongantach mana bi iomadach sgeulachd ann an siud.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good