Search

Prògram Choinnich

Date 15 February 1995
Track ID 1340
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 15.02.1995

Summary

Museum nan Eilean in Stornoway.

The new Museum nan Eilean in Stornoway will open with an exhibition featuring some of the Uig Chessmen and some of the artefacts discovered in the Western Isles. One version of the story behind the discovery of the Uig Chessmen is related here.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha a h-uile dòchas ann am beagan mhìosan gum bi taigh-tasgaidh ùr ga fhosgladh ann an Steòrnabhagh ann an seann thogalach Àrd-sgoil MhicNeacail air Sràid Fhrangain. 'S e togalach a tha seo a tha mòran air a bhith a' feitheamh ris bho chionn fhada. Tha e air an t-uabhas airgead a chosg a thoirt chun an ìre seo, 's nuair a dh'fhosglas e, bidh iasad aig an taigh-tasgaidh de dh'fhir ainmeil à Leòdhas, Fir-tàileisg Ùig. Còmhla rium an-dràsta tha Ruairidh MacIllEathain a tha an sàs anns an obair tasgaidh. A' chiad cheist, a Ruairidh, dè an ìre aig a bheil sibh?

Ruairidh MacIllEathain (RM): Uill, tha luchd-obrach a-staigh fhathast. Tha iad a' cur crìoch air rudan san taigh-thasgaidh, agus tha sinn an dòchas gum bi an taisbeanadh a' fosgladh deireadh an Ògmhios le... leis na fir-tàileisg.

CM: An e taigh-taisbeanaidh math a bhios ann... taigh-tasgaidh math a bhios ann?

RM: 'S e. Tha a h-uile goireas ann a thaobh smachd a chumail air an àrainneachd a dh'fheumas tu airson taigh-tasgaidh. Tha sinn a' dol a thòiseachadh le, mar a thuirt thu, taisbeanadh mu dheidhinn nam fear-tàileisg. A bharrachd air sin, 's e Bliadhna an Arc-eòlais a th' ann am-bliadhna seo, agus bidh rudan ann a fhuair iad anns na h-Eileanan Siar air feadh nam bliadhnaichean. Mar eisimpleir, Taisgeal Adabrog. Tha sin gu math ainmeil. Bidh Tuagh Siùiliseadar ann. Bidh iad rudan a fhuair iad fon uisge ann an Ùig. Bha feadhainn a' cladhach ann a shin fon uisge, agus fhuair iad stuthan, 's bidh sin air an taisbeanadh. Bidh mòran stuthan ann, agus tha mi a' smaoineachadh gum bi taisbeanadh gu math inntinneach dhan a' mhòr-shluagh againn.

CM: A' tilleadh gu na fir-tàileisg fhèin, tha iad an-dràsta... tha iad ann an dà àite, nach eil?

RM: Tha sin ceart, ann an dà àite. Tha a h-aon-deug dhiubh ann an Dùn Èideann, agus an còrr ann an Lunnainn, sa... ann am Museum Bhreatainn. Uile-gu-lèir, tha ceithir fichead 's a trì-deug pìosan, ach chan e fir-tàileisg a th' annta uile-gu-lèir. Tha fir-dàmais ann - 's e sin draughtsmen - agus bucall crios. A h-uile pìos, 's ann à ìbhri uàlras a tha e, agus tha iad gu math grinn.

CM: Cuir nar cuimhne an sgeulachd mu dheidhinn Fir-tàileisg Ùig, airson 's e rud a th' ann a tha sinn... a tha sinn air... uile air a bhith a' cluinntinn mu dheidhinn, na h-Uig Chessmen, mar a th' aca orra ann am Beurla, 's chanadh duine gur e sin an aon rud a chaidh fhaighinn a-riamh ann an Leòdhas. Cuir nar cuimhne beagan dhen an sgeulachd.

RM: Uill 's e Fir-tàileisg a' Bhealaich Bhàin a th' aca air na fir-tàileisg ann an Ùig. Tha dhà no trì sgeulachdan ann, agus chan eil cinnt gu deimhinn cò às an tàinig iad, no fiù 's ciamar a lorgadh iad. Ach aon sgeulachd, 's e sgeulachd mu dheidhinn an gille ruadh. Agus bha am balach seo, bha e na chìobair ann an Ùig, agus aon latha thàinig bàta a-staigh gu Loch Thamnabhaigh, agus bha e a' coimhead air a' bhàta a bha seo, agus thàinig gille far a' bhàta. Chaidh e a-staigh gu eathar beag, agus thàinig e gu tìr, 's bha poca air a dhruim, agus bha seo a' cur iongnadh air a' ghille ruadh, 's chaidh e ga choinneachadh. Agus thòisich iad a' bruidhinn. Agus thuirt an gille a thàinig far a' bhàta gun robh e a' ruith air falbh bho na daoine a bh' air a' bhàta. Droch dhaoine a bh' annta. Bha iad ag òl 's a' guidheachdainn, 's bha iad dona ris, agus bha e ag ràdh gun robh e airson a dhol dhachaigh. Agus bha am poca seo aige, làn de na fir-tàileisg, leis an robh na seòladairean a' cluich. Dh'fhosgail e am poca. Choimhead an gille ruadh a-staigh, agus mar a thachair iomadach uair eile, bha e a' sanntachadh cuid a choimhearsnaich, agus mharbh e an gille a bha seo.

Thiodhlaic e e, an gille, agus chuir e am poca air falach. 'S chaidh e gun a' mhaighstir, fear Maighstir MacCoinnich a bha a' fuireach ann am Baile na Cille, 's thuirt e gun robh bàta a-staigh sa bhàgh, nach bitheadh e glè mhath buidheann fhaighinn agus am bàta a chreachadh. Agus thuirt Maighstir MacCoinnich ris:

"Uill, an robh thusa a' smaoineachadh gur e sin an seòrsa duine a th' annamsa? Tha thu fada ceàrr. Mach à seo leat, agus na till gun an sgìre seo tuilleadh."

'S le sin, theich e, agus cha robh e airson na fir-tàileisg a thoirt leis, agus tha iad ag ràdh gun do thiodhlaic e na fir-tàileisg sa ghainmhich.

Bliadhnaichean às dèidh sin, chaidh a ghlacadh airson droch-bheart ann an Steòrnabhagh, no àite mar sin. Chaidh a chur fo bhinn a' bhàis, 's bha e a' dol a bhith air a chrochadh air Cnoc na Croiche ann an Steòrnabhagh. Agus dìreach mus deach a chrochadh, dh'aidich e gun do mhurt an gille a bha sin. Ach cha robh duine a' gabhail ris, agus le sin...

Thachair seo, tha iad ag ràdh, anns an t-seachdamh linn deug, agus cha d' fhuaradh na fir-tàileisg gu ochd ceud deug fichead 's a h-aon-deug. 'S le sin, airson dà cheud gu leth bliadhna, cha robh iomradh air na fir-tàileisg.

CM: Sgeulachd mhath.

RM: Deagh sgeulachd a th' ann, agus...

CM: A bheil i fìor?

RM: Uill, cò aig a tha fios. Tha feadhainn ag ràdh gur e bàta às an Fhraing a thàinig a-staigh dhan a' bhàgh.

CM: Mar sin dheth, gus an tuig sinn seo, chan eil duine ag ràdh gur e fir-tàileisg a bh' ann a bha muinntir Ùig a' cleachdadh, no a chaidh an dèanamh ann an Ùig.

RM: Uill tha an sgeulachd sin ann cuideachd. Tha feadhainn a' smaoineachadh dòcha gun robh factaraidh no rudeigin mar sin ann an Leòdhas airson fir-tàileisg a dhèanamh. Bha sin a' tachairt ann an àitichean eile. Tha feadhainn a' smaoineachadh gur ann à Innis Tìle a thàinig iad. Ach tha a' mhòr-chuid a' smaoineachadh gur ann à Lochlann a thàinig iad. 'S dòcha gur e stoc a bh' aig cuideigin a bha gan reic agus gun do chaill e iad.

CM: A bheil iad coltach ri feadhainn a chaidh am faighinn, no a chaidh am fàgail, ann an àite sam bith eile?

RM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil... dòcha gu bheil fear coltach riutha ann an Lochlann, agus 's dòcha, mas e mo chuimhne, anns an Eadailt. Ach chan eil mòran dhiubh timcheall. Agus thuirt cuideigin gur e sàr fhir-tàileisg an t-saoghail a bh' annta. Tha iad gu math ainmeil.

CM: Ò tha iad ainmeil. Tha fhios agam air a sin. Agus sin as coireach gu bheil iad shìos ann an sin 's gu bheil iad gu math duilich dhuibhse am faighinn a-nuas an seo, nach eil?

RM: Tha. Tha sinn gu math toilichte gu bheil sinn a' faighinn an uiread dhiubh cuideachd anns an taigh-tasgaidh.

CM: Airson, 's e nithean prìseil a th' annta, nach e?

RM: Tha iad gu math luachmhor. Chan urrainn dhomh a ràdh dè cho luachmhor 's a tha iad, ach faodaidh sinn a ràdh gu bheil iad gu math luachmhor. Cha do dh'innis mi fhathast dìreach cuin no ciamar a chaidh... a fhuair iad na fir-tàileisg ann an ochd ceud deug fichead 's a h-aon-deug. Tha aon sgeulachd ann. Fear Calum MacLeòid, a bha a' fuireach ann am Peighinn Dhòmhnaill ann an Ùig, agus gun deach e a-mach am feasgar a bha seo a lorg a' chruidh. Agus chunnaic e bò a' putadh le h-adharcan, a-staigh gu bac gainmhich, agus bha na pìosan beaga a bha seo a' tuiteam a-mach às a' ghainmhich. Chaidh e dhachaigh airson cliabh, agus thug e dhachaigh leis na fir-tàileisg.

Tha feadhainn ag ràdh cuideachd gun robh e a' smaoineachadh gur e iodhalan a bh' annta, 's gun tug e seachad iad gun a' mhinistear. Agus às dèidh sin, tha feadhainn ag ràdh gun tàinig fear à tìr-mòr, à museum, agus gun do dh'fhalbh e leis na fir-tàileisg airson deich not air fhichead. Tha feadhainn eile ag ràdh gun do cheannaich fear Captain Ryrie à Steòrnabhagh iad, airson an aon phrìs. Às dèidh sin, chaidh iad a Dhùn Èideann, ann an... seo uile ann an ochd ceud deug fichead 's a h-aon-deug, agus gun do cheannaich fear Forrest iad. Seòrsa dealer a bh' ann, ann an neònachasan. An dèidh sin, cheannaich urrasairean Museum Bhreatainn iad anns an t-Samhain ochd ceud deug fichead 's a h-aon-deug airson ceithir fichead not 's a ceithir. Bha seòrsa de rup ann agus bha iad air an tairgsinn airson ceud not 's a còig, ach chaidh an reic airson ceithir fichead not 's a ceithir.

Ach cha d' fhuair Museum Bhreatainn iad air fad, oir ron a sin cheannaich fear Maighstir Kirpatrick deich dhiubh. Agus a bharrachd air sin, fhuair e aon phìos eile à Leòdhas fhèin. Chan eil fhios ciamar, ach fhuair e easbaig à Leòdhas. 'S le sin, bha aon phìos deug aige. Sin an fheadhainn a chaidh gu... dhan a' mhuseum ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug ceithir fichead 's a h-ochd. 'S le sin, tha iad air a bhith ann a shin on uair sin.

CM: Agus 's e aon dhe na rudan a chòrdadh e ribh, tha fhios agam, agus sibh a' toirt na fir-tàileisg a-nuas dhachaigh, mar gum b' eadh, mas e agus gu bheil duine sam bith ag èisteachd aig a bheil gin a sgeulachdan eile, oir tha sibh a' smaoineachadh gur dòcha gu bheil sgeulachdan eile ann co-cheangailte ris na fir-tàileisg nach eil air a bhith air am foillseachadh gu ruige seo.

RM: Uill, tha sinn an dòchas gu bheil. Bha mi a' bruidhinn ri Anna NicFhionghain à Comann Eachdraidh Ùig, agus tha ise ag ràdh gur e... gu bheil e iongantach, chan eil iomradh san àite mu dheidhinn nam fear-tàileisg. Shaoileadh tu, tro bheul-aithris, gum bitheadh rudeigin ann, ach tha e doirbh dìreach facal fhaighinn mun deidhinn. Agus tha i a' smaoineachadh gur e an t-adhbhar airson seo, gun deach trì bailtean am falamhachadh ann an... dìreach beagan às dèidh na fir-tàileisg a bhith air an lorg. Calum MacLeòid a bha seo, bha esan a' fuireach ann am Peighinn Dòmhnaill. Bha dà bhaile eile ann: Capadal agus Baile Neacail. Agus chaidh a h-uile duine a bha a' fuireach anns na bailtean sin air an gluasad gu Suaineabost ann an Nis. Agus tha sinn a' smaoineachadh gu bheil feadhainn ann an Nis fhathast aig a bheil buinteanas dhan an teaghlach a bha seo.

Niste, bha Anna, bha i a' dèanamh rannsachadh dìreach an-dè fhèin, agus tha sinn glè chinnteach gun d' fhuair sinn an teaghlach a bha seo, agus tha sinn a' smaoineachadh gun do chaochail Calum MacLeòid dòcha ro ochd ceud deug 's an dà fhichead, ach tha a bhanntrach air ainmeachadh ann an clàran Nis, Màiri MacLeòid, agus bha ceathrar teaghlach aice ann a shin. An tè bu shine, Catrìona, phòs ise fear Aonghas Dòmhnallach, agus bha iad a' fuireach ann an ceithir-deug 's còig-deug Suaineabost. Agus tha sinn a' smaoineachadh, dòcha, gu bheil na càirdean ann fhathast, agus ma tha fiosrachadh sam bith acasan, bhithinn uabhasach toilichte cluinntinn bhuapa. Cuideachd, tha sinn a' smaoineachadh cuideachd, dòcha gun robh... gu bheil feadhainn air an Rathad Ùr ann an Nis, agus ma tha fiosrachadh sam bith aig duine ann a shin cuideachd.

Ach tha Bill Lawson air a bhith a' dèanamh rannsachadh cuideachd, agus tha esan a' smaoineachadh... chan eil fhios cò tha a' fuireach ann an dhà air fhichead Suaineabost, ach tha esan a' smaoineachadh, dòcha, gum bi deagh cheangal aig na daoine sin ri Calum MacLeòid.

CM: Tha mi an dòchas nach eil na daoine sin a' tuiteam bho na sèithrichean aca...

RM: Tha mi an dòchas nach eil.

CM: ...a' gabhail na Cornflakes an-dràsta.

RM: Ach tha fios a'm... tha fios a'm gu bheil mi... mu dheidhinn sin. Ach bhiodh e glè mhath cluinntinn bhuapa.

CM: Gu dearbha. Bhiodh e uabhasach math cluinntinn bhuapa, agus mas e 's gu bheil duine ann an sin ag èisteachd agus gu bheil... gun tàinig gin a sgeulachd tro na ginealaichean, bhiodh sinn ro-thoilichte cluinntinn bhuapa gu dearbha.

Cuin a-nise a tha sibh an dòchas na fir-tàileisg a bhith a-bhos ann an seo? Cuin a tha sibh an dòchas a bhios an taigh-taisbeanaidh... an taigh-tasgaidh ùr a' fosgladh?

RM: Uill tha sinn an dùil riutha deireadh an Ògmhios, agus gum bi... tha sinn an dòchas gum faigh sinn a-staigh dhan an taigh-tasgaidh ron a sin, ach gum bi an taisbeanadh a' fosgladh deireadh an Ògmhios.

CM: A Ruairidh, mòran taing dhut airson na h-eachdraidh inntinnich sin innse duinn ann an seo anns a' mhadainn an-diugh. Agus mas e 's gu bheil duine sam bith ag èisteachd aig a bheil eachdraidh no sgeulachdan co-cheangailte ris na fir-tàileisg, bhiodh Ruairidh, agus sinne, uabhasach toilichte an cluinntinn.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good