Search

Prògram Choinnich

Date 18 September 1997
Track ID 13419
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 18.09.1997

Summary

Gaelic and the media, as part of 'Gàidhlig 97'.

'Gàidhlig 97' will have a special day to focus on the media and Martin MacDonald tells about the progress he has seen regarding the broadcasting of Gaelic through television and radio. Newspapers use the medium of Gaelic to some extent but there are practical difficulties. Gaelic is now also used on the internet.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Seo Seachdain na Gàidhlig, Gàidhlig Ninety-seven. Diofar chuspairean air an toirt gu ar n-aire gach latha. An-diugh, na meadhanan. Agus còmhla riumsa gus sùil a thoirt air saoghal nam meadhan, mar a tha iad fhèin agus a' Ghàidhlig a' coinneachadh ri chèile, tha Màrtainn Dòmhnallach. Pàipearan, rèidio agus teilidh, tha Màrtainn air a bhith an sàs annta uile. Dè do chor, a Mhàrtainn?

Màrtainn Dòmhnallach (MD): Deagh chor, a Choinnich.

CM: Uill, ciamar a tha a' Ghàidhlig agus na meadhanan a' coinneachadh riutha fhèin anns an latha a th' ann, na do bheachd-sa?

MD: Uill, air raon mòran nas fharsainge na nuair a thòisich mise an toiseach annta. Gabh an còmhradh seo fhèin, a Choinnich. Nuair a thòisich mise aig a' BhBC an toiseach, bho chionn deich... dusan bliadhna fichead, agus nam bithinn airson bruidhinn riutsa, mu rudeigin aig an àm - chan eil fhios a'm am biodh tusa anns a' phram aig an àm, ach chanadh... dhèanadh tu [?brùigeil] air choreigin, tha mi cinnteach - ach nam bithinn-sa airson bruidhinn riut, bha mi ag obair ann an Glaschu aig a' BhBC aig an àm, cha robh stiùidiothan air Ghàidhealtachd idir mar a th' againn an-diugh, far am faod sinn bruidhinn ri chèile - dìreach, bheil fhios a'd, chan eil agad ach am fòn a thogail 's cuideigin fhaighinn gu stiùidio. Dh'fheumainn-sa falbh à Glaschu a Steòrnabhagh. Bhithinn trì latha eadar falbh 's a' tilleadh air ais, agus latha a chur seachad còmhla riut. An uair sin nuair a thillinn a Ghlaschu, 's ann an uair sin a bha na trioblaidean a' tòiseachadh ceart, oir dh'fheumainn an teip a dheasachadh, ach ged a dheasaichinn i, cha bhiodh àite agam far an cuirinn i. Aig an àm ud, nuair a thòisich mi an toiseach aca, tha mi a' smaoineachadh gur ann mu... gur e beagan 's uair a thìde san t-seachdain, uair a thìde gu leth san t-seachdain a bh' againn de Ghàidhlig. Bha leth-uair a' dol a-mach oidhche Mhàirt - 's e recital a bh' ann, ann an... cairteal na h-uarach dheth, seinneadairean a' tighinn a-staigh 's a' gabhail còig òrain, agus an còmhradh eatorra ann am Beurla eadar na h-òrain - agus 's dòcha òraid airson cairteal na h-uarach. An uair sin, Dihaoine, bhiodh leth-uair eile feasgar Dihaoine ann. Seinn an Duan Seo ann uair sa mhìos, agus prògraman eile, bheil fhios a'd, airson feuchainn leis a' bheagan ùine a bh' againn, raon farsaing de phrògraman a thoirt do dhaoine.

'S mar sin, cha bhiodh àite ann airson a' chòmhradh agadsa gu dòcha ceann dà bhliadhna às dèidh sin, nuair a thòisich prògram leth-uair air VHF, a bha dìreach le stuth às na h-Eileanan fhèin. Cha robh mòran ga chluinntinn aig an àm, tha amharas agam, thoradh cha robh VHF aig daoine air rèidio aig an àm sin. Agus an uair sin nuair a thòisich Fred MacAmhlaigh, a bh' air ceann na Gàidhlig, chaidh aige air cairteal na h-uarach eile a h-uile latha a ghoid bhon a' BhBC aig meadhan-latha airson prògram còig mionaidean de naidheachdan a chur a-mach agus prògram goirid de cheòl, a bha beò a h-uile latha, ris an cante Dà Cheathramh agus Fonn. Bidh cuimhne, tha mi cinnteach, aig cuid air sin fhathast.

Agus 's ann an uair sin a thòisich an t-adhartas. Ach fiù 's aig an ìre sin cha robh ann ach dà uair a thìde san t-seachdain. A' coimhead air an-diugh, tha... chan eil fhios a'm cò meud uair a thìde a th' againn san t-seachdain. Tha còrr math, tha mi a' smaoineachadh, 's deich air fhichead a' dol a-mach co-dhiù. Gun teagamh, tha cuid dhiubh air an lìonadh le prògraman a tha a' dol a-mach dà thuras. Agus...

CM: Mar mi fhìn 's tu fhèin an-diugh.

MD: Uill, gun teagamh. Ach a bharrachd air sin, 's e an diofar... a bharrachd air na h-uairean a thìde a bhith ann a bharrachd, 's e an diofar as motha gu bheil am BBC air gluasad air Ghàidhealtachd am measg nan Gàidheal fhèin. Aig an àm ud, 's e Gàidheil Ghlaschu a bha a' searmonachadh, mar gun canadh tu, ris na Gàidheil aig an taigh, agus bha sgaradh eadar an dà bhuidheann, agus cha robh sinn am measg nan Gàidheal ceart aig an àm a bha sin. Bha sinn ann an Glaschu, a bheil fhios agad, am measg na comainn mhòra Ghàidhealach ann an Glaschu, ach cha robh sinn a' faighinn gu na Gàidheil aig an taigh. Agus sin an dà atharrachadh as motha a thàinig air rèidio.

CM: Cha robh teilidh idir ann an uair sin, an toiseach. Glè bheag.

MD: Dìreach air èiginn. Bha e dìreach a' tòiseachadh. Bha Finlay J. air prògraman ciùil a dhèanamh air teilidh, dhà no trì, a-rithist ann am Beurla, 's an uair sin ghabh Fred thairis e, 's thòisich e air prògram ris an cante 'S e Ur Beatha. Nise, aig an àm a ghluais mise gu teilidh, bha mi dòcha ceithir bliadhna air rèidio, agus nuair a ghluais mi gu teilidh, 's e an obair bhliadhna a bh' agam an uair sin, seo dìreach bho chionn - cuin? - nineteen sixty-nine, seventy, an obair a rinn mi fad na bliadhna, 's e sia prògraman a dheasachadh airson teilidh, cairteal na h-uarach, 'S e Ur Beatha. Uair a thìde gu leth a chur a-mach air teilidh. Am-bliadhna fhèin, tha mi air... no bidh mi ro dheireadh na bliadhna, tha mi an dòchas, air rudeigin mar dheich uairean a thìde a dheasachadh airson teilidh. Dìreach ag obair air mo cheann fhìn do chompanaidh teilidh, Grampian, anns an t-seagh... an turas seo.

Ach a' coimhead air teilidh anns an fharsaingeachd an-diugh, aig an àm ud, mar a thuirt mi, bha uair a thìde gu leth san t-seachdain a' dol a-mach, a' meudachadh dòcha gu... uair a thìde 's an leth anns a' bhliadhna a' dol a-mach. An-diugh tha sia uairean san t-seachdain againn a' dol a-mach. Biodh e math no dona, 's e ceist eile a tha sin, 's dòcha.

CM: Agus bha... agus bha sin a-mhàin air a' BhBC aig an àm sin?

MD: Bha, bha. Agus an uair sin, mheudaich e... cho luath 's a chaidh an crann-sgaoilidh ann an Leòdhas fhosgladh, mheudaich... ghluais Grampian gu math luath a-staigh gu Gàidhlig an uair sin. Tha sin bho chionn dìreach faisg air fichead bliadhna air ais. Agus an uair sin, ann an ceann deich bliadhna eile, thòisich STV air criomagan a dhèanamh mu dheidhinn Gàidhlig ann am Beurla, 's an uair sin ghluais iadsan gu Gàidhlig.

CM: Tha e math a bhith a' dèanamh seo, a Mhàrtainn, ged nach biodh ann ach dìreach... nuair a bhios sinn a' gearan 's mar sin, agus tha adhbharan againn a bhith a' gearan, gus dìreach, stad sinn bho àm gu àm agus faicinn an t-astar agus an t-slighe a tha sinn air a thighinn, can, ann an deich bliadhna fichead. Tha aon earrann, ge-tà, agus chan eil mòran atharrachaidh air a bhith ann. Gu dearbha, ann an dòigh, chanadh cuid gur ann a tha e air a dhol air ais, 's e sin Gàidhlig anns na pàipearan-naidheachd.

MD: Uill a' dol air ais gu na pàipearan-naidheachd, bha mise ceithir... ceithir bliadhna aig pàipearan-naidheachd mus tàinig mi faisg air craobh-sgaoileadh, agus ged a... 's ann ann an sgìre Ghàidhealach a bha mi ag obair airson a' mhòr-chuid dhen ùine sin - an t-Eilean Sgitheanach agus Taobh Siar Rois gu h-àraid - agus bha mi a' gabhail a-staigh mòran dhen fhiosrachadh agam ann an Gàidhlig, a bheil fhios a'd, a' bruidhinn ri daoine. 'S e... 's e Gàidhlig bu mhotha a bha iad a' cleachdadh an uair sin. Ach cha robh mi a' sgrìobhadh biod dheth ann an Gàidhlig. Bha na naidheachdan a' dol a-mach ann am Beurla gu na pàipearan. Agus chan eil cuimhn' agamsa gun robh dad air a sgrìobhadh ann an Gàidhlig cunbhalach an uair sin, ach Dòmhnall Donn anns a' Ghazette, an t-Urramach Tòmas MacCalmain nach maireann, a sgrìobhadh colbh anns a' Ghazette a h-uile seachdain. Sin an rud bu chunbhalaiche a' dol a-mach.

Bha irisean nan eaglaisean, na mìosachain acasan, a' cleachdadh earrannan Gàidhlig cuideachd, agus bha pàipear beag aig, tha mi a' smaoineachadh, bha an Gàidheal a' dol fhathast, aig a' Chomunn Ghàidhealach, ach bha sin dìreach leth mu leth, Gàidhlig 's Beurla, agus bha, agus tha fhathast, Gairm a' dol air adhart.

Ach a bharrachd air sin, cha robh... cha robh dad cunbhalach anns na pàipearan-naidheachd. A' coimhead air an-diugh, tha mi cinnteach gu bheil aon leth-dusan Dòmhnall Donn agad, mar gun canadh tu. Aon uair 's gun do thòisich am Free Press, bheothaich sin gnothaichean anns an Eilean Sgitheanach, 's thòisich am Free Press air barrachd Gàidhlig a chleachdadh fiù 's na an Gazette. A' coimhead air an-diugh, tha an Oban Times a' tilleadh gu beagan Gàidhlig a chur ann a-rithist. Bha mòran Gàidhlig anns an Oban Times anns an linn a chaidh, ach bha iad air a chall. Tha iad a' tilleadh ga ionnsaigh. Tha an Inverness Courier a' cleachdadh colbh Ghàidhlig a h-uile seachdain. Tha am Press & Journal, a h-uile Diluain tha colbh Ghàidhlig ann. An Scotsman, air Disathairne. Tha sin air tighinn air adhart gu mòr.

Ach an aon rud, 's e colbhan bheachd a th' annta uile, oir 's e sin an rud as fhasa a dhèanamh ann an Gàidhlig, no colbhan... 's e eachdraidh a bh' aig Dòmhnall Donn. Dh'atharraich am Free Press sin. Chaidh iadsan gu naidheachdan 's beachdan air naidheachdan an latha an-diugh. Ach an aon rud nach eil ann idir, no chan eil e ann ach gu ìre glè bheag, 's e chan eil iad a' cleachdadh Gàidhlig airson nan naidheachdan fhèin. Chan eil...

CM: A bheil cuimhn' agad air Sruth?

MD: Ò Dhia, tha. An do dh'ainmich mi Sruth idir?

CM: Cha do dh'ainmich thu.

MD: Nach do dh'ainmich? Ò, tha cuimhn' a'm air Sruth, ceart gu leòr.

CM: Agus sin an rud a bha againn airson greis nach eil againn.

MD: 'S e.

CM: Pàipear-naidheachd.

MD: 'S e. Bha oidhirp air a dhèanamh ann an Sruth, ceart gu leòr. Bu chòir... bha còir agam cuimhneachadh air Sruth. 'S e. Tha duilgheadas gu bhith ann... tha amharas agamsa nach eil sinn a' dol a dh'fhaicinn pàipear-naidheachd Gàidhlig gu bràth. Tha na meadhanan eile a' gabhail thairis gu ìre bho na pàipearan-naidheachd co-dhiù. Dh'fheumainn a ràdh cuideachd gu bheil an t-uabhas dhe na craobh-sgaoileadairean againn an-diugh, chan urrainn dhaibh dà fhacal Gàidhlig a chur ri chèile air pàipear. Tha iad... a bheil fhios a'd, 's urrainn dhaibh an sgriobt aca fhèin a sgrìobhadh airson tighinn air rèidio, 's leughaidh iad an rud a tha iad fhèin a' sgrìobhadh, ach nan cuireadh tu air pàipear e, tha an t-uabhas de dhaoine eile nach leughadh e.

CM: Seadh.

MD: Sin pàirt dhen trioblaid, tha eagal orm. 'S e... ach 's e an trioblaid as motha a th' ann, nach eil an sluagh mòr gu leòr airson pàipear-naidheachd a chumail a' dol. Dh'fheumadh tu pàipear a bhith agad a fhreagradh air sluagh na Gàidhlig air fad, eadar am Buta Leòdhasach agus na Roinn Ìlich anns na h-eileanan, agus dh'fheumadh e ruith air na Gàidheil a tha a' fuireach air a' Ghalltachd cuideachd. Nise, chan urrainn dhut rudeigin a bhios inntinneach dhan a h-uile duine ann an ceàrn a tha cho farsaing a chur ann an aon phàipear, agus a bharrachd air sin, dh'fheumadh e a bhith freagarrach air òigridh agus seann daoine. Chan urrainn dhut sin a chur ann an aon pàipear ann am Beurla, fiù 's. Sin pàirt dhen trioblaid. Chan eil an sluagh mòr gu leòr. Agus a bharrachd air sin, tha iad eòlach air na naidheachdan aca a leughadh ann am Beurla, agus 's e rud uabhasach doirbh a tha sin a bhristeadh sìos.

CM: Pàipearan, rèidio, teilidh, agus a-nise, fiù 's, an t-eadar-lìon againn.

MD: Tha e coltach gu bheil. Chan eil mise uabhasach eòlach air an eadar-lìon a tha seo. Bidh mi a' leughadh mu dheidhinn ann am pàipearan eile, agus bidh mi ag ràdh rium fhìn, 'Feumaidh mi... feumaidh mi a dhol an sàs anns an rud seo,' 's an uair sin bidh mi ag ràdh rium fhìn, 'Ist amadain, tha thu fada ro shean. Fòghnaidh na th' agad dhutsa de [???],' bheil fhios a'd. Ach tha an t-eadar-lìon againn, agus tha mi... tha fhios a'm gu bheil làraich ann air an eadar-lìon far a bheil Gàidhlig ga chleachdadh, agus far a bheil... far am feum daoine a chleachdadh airson cùisean Gàidhealach a thoirt air beulaibh an t-saoghail. Ach uaireannan bidh e a' cur uabhas orm. Bidh mise a' smaoineachadh gum faodadh sùil a bhith againn ann an ceann deich bliadhna fichead, far nach bi Gàidhlig air a cleachdadh ann an àite sam bith eile ach air an eadar-lìon. Bidh daoine thall 's a-bhos feadh an t-saoghail, 's dòcha, air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre 's gum faod iad sgrìobhadh gu chèile air an eadar-lìon, ach cha chluinn thu duine air an t-sràid ga bruidhinn, no rudeigin dhen t-seòrsa sin. Sin an saoghal uabhasach a tha mi a' faicinn romham nuair a bhios mi airson eagal a chur orm fhìn.

CM: Tha sin inntinneach agus annasach. Ann an aon seagh, thu ag ràdh, anns an t-saoghal a tha romhainn, daoine a tha comasach air a bhith ga sgrìobhadh ach nach eil comasach air a labhairt. Ann an dòigh 's e tha thu ag ràdh mu dheidhinn an fheadhainn a tha an sàs ann an craobh-sgaoileadh an-diugh, gu bheil iad comasach air a labhairt gu ìre, ach nach eil iad comasach air a sgrìobhadh.

MD: 'S e. 'S e. Uill, le sgrìobhadh, tha mi cinnteach... tha mi a' ciallachadh... nuair a tha mi a' bruidhinn air pàipearan-naidheachd, feumaidh pàipearan-naidheachd, feumaidh a' chànan a tha iad a' cleachdadh a bhith cunbhalach a rèir a' phàipeir-naidheachd a tha sin. Chan eil a h-uile pàipear-naidheachd buileach cunbhalach a rèir a chèile. Tha diofar dreach air gach pàipear. Dòcha cuid de dh'fhaclan, fiù 's litrichidh iad ann an dòigh eile. Agus tha seo a' tachairt ann am Beurla. Ach feumaidh iad a bhith cunbhalach taobh a-staigh nam pàipearan.

Ma bheir thu sùil air an fheadhainn againn a tha a' sgrìobhadh ann am pàipearan an-diugh, chan eil sinn... chan eil duine againn cunbhalach anns mar a tha sinn a' litreachadh nam faclan uaireannan. Chan eil sinn a' cleachdadh an aon stoidhle. Gabh am Press & Journal fhèin. Tha mi fhìn 's Aonghas Dòmhnallach ga dhèanamh Diluain mu seach. Nise, tha Aonghas a dh'aona ghnothach a' cleachdadh a' Ghàidhlig a tha e a' bruidhinn. Tha e a' sgrìobhadh ann an dualchainnt Leòdhais. Agus tha mise, ann an dòigh, tha mi cinnteach gu bheil mi a' feuchainn ri Gàidhlig a sgrìobhadh a tha meadhanach eadar a h-uile Gàidhlig, ach gu bheil na gnàthasan-cainnt agam gu nàdarrach, tha mi cinnteach gu bheil iad Sgitheanach.

Ach tha mi... tha amharas agam... gabh facal mar bòidheach. Canaidh a h-uile duine bòidheach. Tha thu ga litreachadh B O I D H E A C H. Ach gu nàdarrach cha chanainn-sa bòidheach idir. 'S e 'buaidheach' a chanainn, agus 's e U A I a bhiodh an àite an O I agam. Ach sgrìobhaidh mi bòidheach ach canaidh mi 'buaidheach'. Leis an aon... anns an aon seòrsa suidheachadh, sgrìobhadh Aonghas bòidheach, tha e ga sgrìobhadh ann an Gàidhlig Leòdhais.

Thug mi greis air aon fhacal obrachadh a-mach an latha roimhe. 'S e èileadh a bh' ann, no fèileadh, no...

CM: 'Feabhladh'.

MD: Can e, 'feabhladh'.

CM: Feabhladh, seadh.

MD: Agus litrich Aonghas mar 'feabhladh' e. Nise, chan eil dad ceàrr air sin. Tha thu a' sgrìobhadh ann an dualchainnt. Ach nuair a thig e gu naidheachdan fhèin, feumaidh a' chànan a bhith co-ionnan feadh... feadh a' phàipeir. Feumaidh a h-uile duine sgrìobhadh anns an aon stoidhle, 's chan eil sin agad ann an Gàidhlig.

Ach chan e sin an duilgheadas as motha, leis an fhìrinn. 'S e nach eil an sluagh mòr gu leòr airson pàipear a chumail a' dol, agus gu bheil iad cleachdte a-nise ri bhith a' gabhail nan naidheachd... a' leughadh nan naidheachdan aca, co-dhiù, ann am Beurla, agus tha e gu bhith uabhasach doirbh an cleachdadh sin a bhristeadh sìos.

CM: Uill tha e follaiseach fiù 's leis a' chòmhradh bheag a tha seo fhèin gu bheil an t-uabhas ann a dh'fhaodamaid a ràdh - barrachd 's na tha sinn air a ràdh ann an seo an-dràsta. An aon rud a tha a' tighinn a-mach às a seo, gu bheil tòrr a bharrachd againn an-diugh air teilidh, air rèidio, agus fiù 's anns na pàipearan-naidheachd - barrachd 's na bha mise a' smaoineachadh... na bha aig aon àm. Màrtainn, tapadh leat gu dearbh airson a thighinn a-steach a dhèanamh beagan cnuasachadh air a sin còmhla rium an-diugh.

MD: Tapadh leat, a Choinnich.

CM: Màrtainn Dòmhnallach ann an sin ann an Inbhir Nis. Agus mas e agus gu bheil sibhse ag iarraidh fiosrachadh sam bith co-cheangailte ri Seachdain na Gàidhlig 's na tha a' dol, tha àireamh-fòn aig Rèidio nan Gàidheal air am faigh sibh an fhiosrachadh a tha sin, neoni ochd neoni a neoni, neoni seachd a seachd, neoni seachd a seachd, agus tha sin fosgailte a dh'oidhche agus a latha an-dràsta.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good