Search

Mar a fhuair Caol Reatha ainm.

Date 10 August 1953
Track ID 13605
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.174.4

Original Tape ID

SA1953.174

Summary

How Kylerhea got its name.

Two of the Fingalians were fighting in the sea between Glenelg and An Corran Ruadh (now known as Kylerhea). The name comes from one of the Fingalians known as Reatha.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Sleat

Island - Skye

Village/Place - Kylerhea

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Rev. John Anderson: Rinn na Fianntaichean mòran tadhail eadar Gleann Eilg agus na Garbh Chrìochan. Gheibh sinn na h-ainmeannan aca fhathast ann an sin, mar a tha ainm Gharaidh ann an Gleanna Garaidh. Agus bha e air innse cuideachd gun robh dithis dhen fheadhainn chalma - Reathan 's fear eile - gun robh iad a' sabaid air a' mhuir eadar Gleann Eilg agus... Gleann Eilg... dè seo a their iad ri Gleann...? Gun robh iad a' sabaid latha air a' mhuir ann a shin eadar Gleann Eilg agus an Corran Ruadh. Sin an t-àite ris an can iad Caol Reatha air taobh an Eilein Sgitheanaich an-diugh. Agus theirear fhathast gus an latha an-diugh ris a' phìos mara a th' ann an sin deas air Caol Reatha, Iomaire nam Fear Mòra, oir bha na Fianntaichean ann an sin, a-null 's a-nall, agus bha iad suas mu Chinn t-Sàile, a chionn am fear a bha ag iarraidh a dhùrachd fhaighinn, bha e ag ràdh:

"Thèid mi dhachaigh, dìreach dhachaigh
Thèid mi dhachaigh, Chrò Chinn t-Sàile."

Gus am biodh e air a thiodhlacadh ri taobh Diarmad an Àigh, am fear bu bhrèagha... duine bu bhrèagha a bha dhe na Fianntaichean riamh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good