Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 13997
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 11.02.1998

Summary

This week's guest, Murdo Beaton, answers questions about himself.

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): An-dràsta tha sinn a' dol a Phort Rìgh far a bheil cèiliche na seachdain. 'S esan Murchadh Peutan. Madainn mhath, a Mhurchaidh.

Murchadh Peutan (MP): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Dè do chor?

MP: Ò tha mi ann a sheo, ag èirigh 's a' gearan.

CM: Ò uill, chan eil... ma tha sinn ag èirigh, gu cinnteach tha sinn a' gearan, a h-uile duine againn, 's dòcha. Gu math tric, gun adhbhar, gu dearbha. Nise, càit a bheil thu a' fuireach anns an eilean, a Mhurchaidh?

MP: Tha mi a' fuireach anns a' Bhaile Mheadhanach, eadar an Sruthan 's Dùn Bheagain.

CM: Ach... uill, bha mise a' dol a dh'innse mu chuid dhe na h-àitichean far an robh thu fad do bheatha, ach bha mi a' dol a... bhithinn ro fhada mus cuirinn crìoch air a sin. Innis thu fhèin dhomh. Bha thu ann an Afraga, 's bha thu ann an grunn math àitichean, nach robh?

MP: Uill, thug mi greis ag obair ann an Afraga, a' teagasg, agus thug mi greis cuideachd ag obair air a' phoileas ann an Glaschu, agus bha mi an uair sin a' teagasg... thàinig mi dhachaigh 's bha mi a' teagasg ann am Port Rìgh airson còrr 's fichead bliadhna.

CM: Sin agad e. Uill, dè a' chiad chuimhne a th' agad?

MP: Uill, dòcha gu bheil mise neo-àbhaisteach anns an dòigh seo, a Choinnich, ach, a bheil fhios a'd, chan eil mòran cuimhne agamsa idir, idir air nuair a bha mi òg. Chan eil sìon a chuimhn' a'm, mar eisimpleir, air a' chiad latha a chaidh mi dhan an sgoil.

CM: Nach eil?

MP: Chan eil. Chan eil sìon a chuimhn' agam air a sin. Ach a dh'aindeoin sin, tha seòrsa de fìor chuimhn' agam - chan eil fhios a'm an e cuimhne a th' ann no seòrsa de dh'ìomhaigh nam inntinn - air latha agus mi a' coiseachd suas gu taigh mo sheanar agus grèim aig mo sheanair air làimh orm. Nise, chan urrainn gun robh mi barrachd air dòcha dà bhliadhna a dh'aois no trì nuair a thachair seo, ma thachair e dha-rìribh, ach tha e gu math soilleir nam inntinn-sa. Ach rudan a thachair bliadhnaichean às dèidh sin, chan eil sìon a chuimhn' agam orra.

CM: Tha sin annasach.

MP: Tha. Tha. Agus tha mi a' làn-chreidsinn gun do thachair sin, agus tha an ìomhaigh a tha seo nam inntinn fhathast.

CM: A bheil latha no àm ann nuair a bha thu a' fàs suas, a-rèiste, as urrainn dhut a-nis a ràdh a dh'atharraich cùrsa do bheatha?

MP: Uill, a-rithist, cha chreid mi gun robh, a Choinnich. Nuair a... nuair a bha mise a' fàs suas, bha thu a' leantainn ort anns an sgoil 's a' leantainn ort anns an fhoghlam... uill, bha e cumanta an uair sin a bhith a' leantainn ort cho fad 's a gheibheadh tu, agus mar sin, cha robh mòran roghainn agad taobh seach taobh a thionndadh. Ach bliadhnaichean às dèidh sin nuair a bha mi an dèidh a bhith bliadhnaichean air a' phoileas ann an Glaschu, tha cuimhn' agam, shuidh mi sìos agus rinn sinn suas ar n-inntinn gum fàgainn am poileas agus gun d' rachainn a-staigh airson foghlam, agus gun d' rachainn a-staigh airson dreuchd neach-teagaisg, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin, an latha a rinn sinn an co-dhùnadh a tha sin, gur e sin an latha a thug an t-atharrachadh as motha na mo bheatha-sa. 'S e sin an t-atharrachadh aig an robh buaidh agam fhìn air.

CM: Uill gu dearbha, agus chan e rud furasta a bha sin a dhèanamh, tha mi cinnteach. Suidhe sìos 's tu ann an dreuchd, ag ràdh riut fhèin, tha mise a' dol a dh'fhàgail seo, a' dol a thòiseachadh a-rithist.

MP: Shin agad e. 'S ann mar sin a thachair e.

CM: An do ghabh thu aithreachas a-riamh?

MP: Ò ghabh. Ghabh mi aithreachas, tha mi cinnteach. Uill, ged a tha mi a' ràdh sin, feumaidh mi ràdh nach do ghabh mi aithreachas mòr sam bith airson rud sam bith a rinn mi na mo bheatha. Ach tha cuimhn' a'm nuair a thill sinn dhachaigh... bha mi a' teagasg ann an Afraga, mar a thuirt mi, airson dà bhliadhna, 's nuair a thill mi dhachaigh, thug mi bliadhnachan an uair sin 's beagan aithreachas orm nach do thill mi airson tuilleadh a dhèanadh thall an sin, oir bha an obair a bha thall an sin inntinneach. Bha thu a' teagasg daoine bochda, 's bha foghlam mar seo mar dhòigh aca air iad fhèin a thogail a-mach às a' bhochdainn. Agus 's e bochdainn uabhasach anns an robh iad beò.

CM: Dè an dùthaich a bha seo?

MP: Ann an Kenya. Afraga an Ear.

CM: Dè bu mhotha a chuir eagal ort a-riamh?

MP: Ò 's iomadh eagal sin a ghabh mi na mo bheatha. 'S ann a tha iongnadh ann nach do stad am pumpa beag a tha seo na mo bhroilleach o chionn fhada. Uill, tha trì tursan sònraichte a ghabh mi fìor eagal, tha cuimhn' agam. Nuair a bha mi mu deich bliadhna a dh'aois, tha cuimhn' a'm, bha gèile uabhasach ann an oidhche a bha seo, agus chaidh mi a-mach a thoirt a-staigh peile mònach. Ghlac a' ghaoth mi à còrnair an taighe, 's dh'fhalbh i leam. Thog i... thog i mi 's dh'fhalbh i leam. Agus ò, ghabh mi eagal uabhasach. Leig i sìos le glag mi air an rathad mhòr, 's och, bha mi... chaidh mo dhroch mhilleadh. Bha mi sia seachdainean no dà mhìos anns an ospadal às a dhèidh. Agus bhithinn a' smaoineachadh às dèidh làimh cho soirbh 's... bhiodh e a cheart cho soirbh gum bithinn air mo spadadh an t-àm ud. Agus, uill, chuir sin... chuir sin fìor eagal orm, agus 's e a chuir an t-eagal orm a bhith a' smaoineachadh air ais air.

'S tha cuimhn' a'm uair eile, nuair a bha mi air a' phoileas, chaidh mo... bha mi anns a' forensic lab, agus chaidh mo chur suas gu àite far a... chaidh a chantainn rium gun robh murt air gabhail àite ann. Agus cha robh mise a-riamh a' fàs cleachdte ri bhith a' dol a-staigh dha na h-àiteachan sin. Bhiodh e a' cur beagan gairiseachadh orm, 's bha e mar fhasan agam a dhol a-staigh ann an taigh, nam b' ann an taigh a bha e, 's bhithinn a' seasamh 's a' bruidhinn ris na gillean 's a' faighneachd, uill, càit a bheil e. 'S bha mi an uair sin ga mo shocrachadh fhìn 's a' tarraing a-staigh anail mhòr 's a' coiseachd a-staigh dhan t-seòmar. Uill an latha a bha seo, chaidh mi suas, agus 's ann aig fìor mullach staidhre a bha e, 's bha poileasman na sheasamh ann a shin, aig an doras. Bheannaich mi an latha dha, 's choisich mi a-staigh, agus dìreach air cùl an dorais, bha corp boireannach 's bha i air a tachdadh le belt a-mach à còta. Uill, tha mi mionnaichte gun do dh'fhàg mo dhà chas an t-ùrlar. Feagal. Theab mi dìreach, mo chridhe stad. Agus thug mi an aire an uair sin gun robh na seòid eile a bha shuas, bha iad anns a' chidsin 's iad a' dìdearachd a-mach 's plòigh aca orm. Chuir sinn fìor eagal orm, feumaidh mi aideachadh.

Agus an treas turas, bidh mi tric a' smaoineachadh air seo cuideachd. Nuair a bha mi thall ann an Kenya, bhiodh sinn an-còmhnaidh a' dol sìos gu ruige Mombasa, sìos dhan a' ghainmheach 's an costa, air saor-làithean. Agus an turas a bha seo, bha sinn a' tilleadh suas gu ruige Nairobi, 's bha an teaghlach uile cruinn anns a' chàr, agus chunnaic sinn ceithir no còig a dh'ailbheanan ag ithe duilleach ri taobh an rathaid mhòir. Agus stad mi an càr 's dh'fhosgail mi an uinneag, 's thòisich mi a' togail dhealbhan. Agus bha mi mothachail an uair sin gun robh othail 's èigheachd air an fheadhainn a bha am broinn a' chàir, agus thionndaich mi, agus air m' onair, bha an windscreen agam dìreach làn ìomhaigh ailbhean mòr fireann, agus gu dearbha cha robh coltas air gun robh e air a dhòigh. Bha a cheann suas, bha na cluasan aige a-mach, agus, uill, gu fortanach, bha einnsean a' chàir a' ruith 's cha do rinn mi ach a stopadh ann an reverse agus gabhail a-mach à sin comhair mo chùil cho luath 's a b' urrainn dhomh. Ach, fhios a'd, dh'fhaodadh am beathach a bha siud a bhith air ar prannadh 's air ar marbhadh dìreach ann am priobadh na sùla.

CM: Nuair a dh'fheuch thusa às, tha mi a' creidse gun do dh'fheuch esan cuideachd?

MP: Cha do rinn e ach thug e sùil 's choisich e air a shocair far an rathaid an uair sin a-staigh a... lean e càch.

CM: Sin agad e. Uill, a bheil càil ann a bhios a' cur gairiseachadh ort, fiù 's an-diugh fhèin?

MP: Uill, chan urrainn dhòmhsa fhulang idir, idir, idir duine a dhol faisg air na sùilean agam. Tha cuimhn' agam fhathast am faireachadh a bh' agam nuair a bhithinn ag obair air a' mhòine, 's nuair a thigeadh... nuair a rachadh smùr na do shùil. B' fheàrr leamsa fulang leis seach duine a leigeil faisg air mo shùil. Tha e dìreach a' cur gairiseachadh eagallach orm, sin.

Agus rud eile a tha a' cur gairiseachadh orm, bidh mi as t-samhradh bàta beag agam 's bidh mi a' cur chlèibh dìreach airson corra ghiomach a ghlacadh, ò, agus 's beag orm uabhasach a bhith a' togail cliabh agus biast mhòr de chàrnag ann. Tha dìreach na beothaichean a tha sin a' cur gairiseachadh orm a h-uile triop a tha mi gam faicinn.

CM: Carson?

MP: Chan eil fhios agam gu dearbh, ach dìreach chan fhuiling mi idir iad.

CM: 'S dè bhios tu a' dèanamh leotha?

MP: Gan tilgeil a-mach. A' fosgladh a' chliabh 's gan crathadh a-mach dhan a' mhuir a-rithist.

CM: A bheil càil pearsanta agad am broinn an taighe nach dealaicheadh tu ris?

MP: Uill, a-rithist, bha mi a' smaoineachadh air a' cheist a tha seo, 's chan eil mise a' cur luach air rudan pearsanta mar sin ann. Saoilidh mise gur e daoine agus càirdeas agus dàimh mar sin an rud as cudromaiche dhòmhsa. Ach feumaidh mi ràdh gun robh a' bhean agam a' ràdh rium:

"Ò, bi onarach 's innis an fhìrinn, 's can riutha gu bheil na golf clubs agus an cù an aon rud a-staigh seo nach dealaicheadh tusa ris."

CM: Seadh. Dè an handicap a th' agad?

MP: Tha dusan.

CM: Ò, a bheil?

MP: Tha.

CM: Ò, tha thu math air a' ghoilf, a-rèiste.

MP: Dh'fhaodainn a bhith na b' fheàrr, a Choinnich. Dh'fhaodainn a bhith na b' fheàrr.

CM: 'S am bi an cù a' dol còmhla riut?

MP: Ò cha bhi, cha bhi. Bidh e a' dol a-mach air a' bhàta còmhla rium.

CM: Nam b' urrainn dhut cuireadh a thoirt do dh'aon duine sònraichte gu dinnear, cò bhiodh ann agus carson?

MP: Uill, a bheil fhios a'd, sàr laoch, na mo bheachd-sa, an linn a tha seo, tha ùidh mhòr agam ann an Martin Luther King. Fhios a'd, tha e fasanta an-diugh a bhith ag aontachadh leis na beachdan a bh' aig an duine sin, ach 's esan a' chiad duine a sheas suas an aghaidh an rud a bha... an rud a bha a' dol aig an àm. Agus tha mi fhathast, nuair a chluinneas mi na h-òraidean aige, bheil fhios a'd, I have a dream, tha e a' toirt cnap nam amhaich. Agus tha e a' cur iongnadh ormsa, bidh mi a' smaoineachadh tric air a mhisneachd 's cho làidir 's a bha e na inntinn, nuair a bha e a' brosnachadh na daoine a bha ga leantainn gun làmh a thogail ged a bhiodh na saighdearan 's na poileasmain a' gabhail dhaibh le maidean. Bha e a' ràdh:

"By our suffering, we will show them their own cruelty."

Fhios a'd, 's e duine... duine neo-àbhaisteach, a chanadh sin, 's a dhèanadh e. Agus tha mi a' smaoineachadh gun còrdadh e riumsa dìreach beagan còmhradh a bhith agam ri Martin Luther King, nam biodh sin comasach dhomh.

CM: Inntinneach dha-rìribh, agus an seòrsa geur-leanmhainn a tha sin, tha e a' dol air adhart ann an Ameireaga 's dòcha chun an latha an-diugh fhèin. Ach bha mi dìreach a' coimhead an t-seachdain a chaidh, tha mi a' smaoineachadh gur e... an e Burma a bh' ann, no badeigin mar sin, agus na treubhan às na dùthchannan eile a tha ann an sin agus iad a' faighinn an aon seòrsa geur-leanmhainn ga dhèanamh orrasan cuideachd, agus dùthchannan dhen t-seòrsa sin.

MP: Uill bha fear eile air an robh mi a' smaoineachadh cuideachd, duine gu math inntinneach, 's e sin Ludovic Kennedy, agus bha mi a' leughadh o chionn greis leabhar a sgrìobh e a thaobh poilitigs, agus thuirt e seo mu dheidhinn a' Chailleach Iarainn. Fhios a'd, 's e duine lèirsinneach a bh' ann, agus mu dheidhinn Margaret Thatcher, thuirt e:

"The lady's public persona is almost totally repulsive, pretentious, arrogant, raucous, patronising, humourless, vain, histrionic, self-pitying, and partly deranged."

Agus bha mi a' smaoineachadh rium fhìn, nach biodh e math dòcha esan a bhith aig dinnear còmhla rium, agus dòcha anns a' chuideachd cuideachd do bhana-charaid fhèin, Zena Nicoll. Bhiodh... bhiodh feasgar beothail againn.

CM: Ò uill, tha mi cinnteach gum bitheadh, co-dhiù. Uill, nam b' urrainn dhut àite a' phrìomhaire a ghabhail, seach gun do dh'ainmich thu aon dhiubh, airson latha, dè a' chiad rud a mhiannaicheadh tu a dhèanamh?

MP: Ò chan eil teagamh sam bith agamsa dè... dè dh'iarrainn. Nam bithinn... nam biodh an cumhachd agam na mo phrìomhaire airson aon latha 's gum faodainn lagh a dhèanadh, 's e sin lagh a dhèanadh DNA profile a h-uile neach a th' anns an rìoghachd a chur sìos ann an databank, agus...

CM: Carson?

MP: Fhios a'd, dhèanadh e feum mòr, mòr anns an dùthaich a tha seo. Seall thusa an-dràsta, can, shìos ann an Glaschu, tha dà nighean òg a chaidh a mhurt o chionn còrr 's bliadhna, 's cha d' fhuair iad duine fhathast air a shon. Nise, a bharrachd air an t-airgead a tha an rannsachadh a tha sin a' cosg, smaoinich air càirdean na h-igheanan a tha sin. Nan robh DNA profile databank agad, bhiodh tu a' cnagadh doras an duine a rinn sin an ath latha.

CM: Tha taobh eile air a seo ge-tà, a Mhurchaidh, nach eil? 'S e sin Big Brother.

MP: Ò uill, tha. Chan eil mise a' tuigsinn carson. Chan eil eagal sam bith ormsa. Cha leigeadh a leas feagal a bhith air duine sam bith, ach duine a bhiodh ciontach a leithid sin a dhèanadh. Duine neo-chiontach, cha leigeadh e a leas feagal sam bith a bhith air. Agus 's iomadh rud as dìomhaire na sin a tha air faidhle mu do dheidhinn 's mu mo dheidhinn-sa.

CM: Sin an latha a th' ann.

MP: Ò 's e, gu dearbha. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e... gur e rud... an aon fheadhainn a bu chòir a bhith an aghaidh seo, 's e an fheadhainn aig a bheil rudeigin ri chumail am falach.

CM: Bheil fhios agad air a seo, tha mi a' smaoineachadh gu bheil thu a' toirt dhuinn cuspair math airson deasbad an siud. Nam b' urrainn dhut pàirt a bhith agad ann am prògram teilidh, no prògram rèidio, dè am prògram a bhiodh ann? Dè am pàirt a thaghadh tu?

MP: Uill, bha mi a' smaoineachadh air a seo cuideachd, 's bha e uabhasach duilich, 's thuirt mi rium fhìn mu dheireadh, uill 's e Sportscene Match of the Day. Nam b' urrainn dhomh a bhith òg a-rithist, na mo centre forward aig Alba 's mi a' cur hat-trick seachad air Sasainn shìos ann am Wembley.

CM: Seadh.

MP: Chòrdadh sin glè mhath rium.

CM: Seòrsa de dh'Ally McCoist an Eilein Sgitheanaich?

MP: Shin agad e.

CM: Am bi thu a' leantainn a' bhall-coise, a-rèiste?

MP: Och bidh. Bidh mi a' leantainn cha mhòr a h-uile seòrsa spòrs. Tha ùidh mhòr agam ann an spòrs.

CM: Bha e annasach an latha roimhe. Bha iad ag ràdh riumsa gun robh Rangers agus a h-aon duine deug aca air a' phàirc 's cha b' e aon... cha b' e Albannach a bh' ann an duine dhiubh.

MP: 'S e. Tha sin... tha sin a' cur beagan tàmailt orm. Tha sin a' cur beagan tàmailt orm. Ach tha ùidh mhòr agam a bhith a' coimhead air an telebhisean, an goilf, agus cuid dhe na cluicheadairean a th' acasan. Nuair a bha mi a' smaoineachadh air cò bu thoigh leam a bhith aig dinnear, aonan dhe na h-ainmean a thàinig nam inntinn, 's e Arnold Palmer, oir 's e fìor, fìor dhuine uasal a bha sin.

CM: Anns an dealachadh a-rèiste, nam biodh cothrom agad a dhol a dh'aon àite far nach robh thu anns an t-saoghal, dè an t-àite a bhiodh ann?

MP: Uill, bha mi a' smaoineachadh an toiseach gum bu thoigh leam a dhol dha na h-Innsean 's gum faicinn, fhios a'd, a' bhochdainn agus na rudan iongantach a th' anns an dùthaich a tha sin, ach mar a tha na bliadhnaichean a' dol seachad, tha mi ag iarraidh barrachd 's barrachd 's barrachd a dhol a-null a Chanada 's dha na Stàitean, 's gum faicinn ann a shin 's gum faighinn cothrom a bhith a' còmhradh ri daoine, sliochd nan daoine a dh'fhàg na h-eileanan 's a' Ghàidhealtachd o chionn fhada. Agus na seallaidhean, leithid an Grand Canyon 's an Nasa Space Centre. Bu thoigh leam uabhasach sin fhaicinn.

CM: Uill, nam biodh an t-airgead agus an cothrom againn, a Mhurchaidh, choileanadh sinn d' iarrtas ann an sin. Tha mi an dòchas gun tig an latha agus gum faigh thu, 's dòcha, ann. Chan eil e cho daor an-diugh 's a bha e aig aon àm gu dearbha.

MP: Chan eil. Ò, tha dòchas agam gum faigh mi ann fhathast.

CM: A Mhurchaidh, tapadh leat airson a thighinn a-steach a Stiùidio Phort Rìgh an-diugh.

MP: Mòran taing, a Choinnich.

CM: Murchadh Peutan, cèiliche na seachdain sa.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good