Search

Prògram Choinnich

Date 11 February 1998
Track ID 13999
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 11.02.1998

Summary

History relating to a 19th century path in Staffin in the Isle of Skye that is currently being repaired.

Lachie Gillies discusses the history of a 19th century path in Staffin in the Isle of Skye that is currently being repaired. He also gives a description of the path, and tells how important it was to the area at one time, its present state and how repairing it will benefit the community.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmuir

Island - Skye

Village/Place - Staffin

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha obair leasachaidh a' dol an-dràsta air staran ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach. Ceum a' Chadha Riabhaich a chanas iad ris anns an sgìre. 'S e am buidheann Pathway Construction a tha ris an obair a tha seo, às dèidh do dh'Urras Coimhearsnachd Stafainn aontachadh gum bu chòir e a bhith air a dhèanamh. Seo an-diugh, a rèir coltais, an aon staran dhen an t-seòrsa a th' air fhàgail san Eilean Sgitheanach. Tha Lachaidh MacIllÌosa eòlach air an staran. Tha e air an loidhne à Stafainn an-dràsta. Ciamar a tha thu, Lachaidh?

Lachaidh MacIllÌosa (LM): Tha gu dòigheil, a Choinnich. Gu dòigheil.

CM: Càit a bheil an ceum no an staran a tha seo?

LM: 'S e ceum annasach a tha seo. Seann staran. Tha e a' falbh bhon a' chladach thall far an do chleachd am bathar a bhith a' tighinn air tìr, 's tha e a' gabhail suas tro mheadhan na creige, agus tha e a' nochdadh a-mach air bearradh a' Ghàrradh Fhada. Tha e dìreach, an ceum a tha seo ga do thoirt gu meadhan Stafainn uile-gu-lèir. Faodaidh tu a dhol gu tuath no gu deas nuair a ruigeas tu am bearradh a tha seo.

CM: Dè cho fad 's a tha e?

LM: Ò, tha... tha e... ga ghabhail dìreach, chan eil e uabhasach fada idir. Tha an ceum a tha seo a' dol tro na creagan, ceum feòir a th' ann, bealach feòir a th' ann, tha e mu... dòcha ceithir fichead troigh a leud, ach chan eil an cabhsair fhèin a' dol dìreach idir. Tha e a' dol air ais 's air adhart gus an ruig e am bearradh, agus tha am bealach anns a bheil e a' dol troimhe, na creagan, tha iad mu dhà cheud troigh a dh'àirde, 's faodaidh tu a ràdh dòcha nach eil e fada goirid air, nuair a tha e a' dol air ais 's air adhart mar sin gu bearradh na creige, chanainn dòcha gum biodh e glè fhaisg air... ò, chan eil e leth-mhìle. Tha e cairteal a mhìle a dh'fhaid. Tha.

CM: Tha mi a' tuigsinn aig aon àm gur e àite gu math cudromach a bha seo?

LM: 'S e. 'S e, oir 's e an aon dòigh air bathar fhaighinn on a' chladach gu na taighean. 'S e dòigh a b' fhasa agus a b' aithghearra... Gabh mo leisgeil. 'S e dòigh a b' fhasa 's a b' aithghearra airson faighinn gu na taighean, oir cha robh rathad an uair sin eadar Stafainn agus Port Rìgh ann, agus bha am bathar uile-gu-lèir a' tighinn air tìr aig a' chladach, agus cha robh an ceum a th' aca an-diugh, an rathad a th' aca an-diugh. Cha robh drochaidean 's cha robh rathad air a dhèanamh, agus seo an ceum a bhiodh daoine a' cleachdadh. Ach tha mi cinnteach, leis a bhith ga chur am feum cho mòr, dòcha gur ann a dh'fhàs e dòcha cunnartach 's sleamhainn.

Tha e sean. Tha e gu math sean, an ceum a tha seo. Tha an ceum seo, chanainn-sa, ceud gu leth bliadhna a dh'aois. Cha chreid mi nach ann ri àm gainne a' bhuntàta a chuir iad timcheall mu dheidhinn a dhèanamh, oir thòisich mòran bathair air tighinn air tìr aig an àm sin ann a sheo, agus bha daoine an uair sin ga chur am feum an-còmhnaidh, an staran a bha seo.

CM: Agus an robh e le duine sam bith? No an e dìreach muinntir an àite fhèin a dh'obraich cruaidh agus a chuir ri... a thog e?

LM: Ò, 's e muinntir an àite fhèin a dh'obraich cruaidh airson... airson a thogail, 's e. 'S e ceum... ceum annasach a th' ann. Fhios agad, chaidh saothair mhòr a ghabhail ris a' cheum. Tha na clachan air an càradh air an àite mar a chitheadh tu cabhsair ann an sràid uaireigineach, mar a chitheadh tu na seann chabhsairean anns na sràidean. Oirean air, agus tha a' chlach air a càradh le do làmh. Chaidh saothair mhòr... 's tha sàibhearan ann airson an t-uisge a thoirt air falbh, an t-uisge a bhiodh a' tighinn leis a' bhruthaich, oir nuair a bha an rathad a' gabhail a-null 's a-nall, bhiodh uisge an dàrna h-àite a' dol seachad air an àite eile, 's bha sàibhearan air an dèanamh, 's tha na sàibhearan sin a' ruith gun an latha an-diugh.

CM: Agus, uill, 's e as coireach gu bheilear ga leasachadh, nach eil feum air a bhith ga dhèanamh dheth anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Cuin a sguirear ga chleachdadh?

LM: Ò uill, tha mi a' creidsinn gun deach... nuair a chaidh a' chiad drochaid a thogail air rathad a' chladaich, agus an rathad a dhèanamh a-null gun an t-sliop a tha an-dràsta ann, aig àm tionndadh na linne. Tha mi a' creidsinn gun deach e an uair sin a-mach à feum. Bha beagan ga chur am feum airson aithghearr, ach cha robh feum uiread air idir 's a bh' air aig an àm nuair nach robh an rathad agus an drochaid idir ann. 'S mar sin... mar sin, fhios agad, thòisich cairtean air a bhith a' toirt a' bhathair air falbh on a' chladach, agus ron a sin, nuair a bha an ceum a bha seo agad ga chur am feum, 's e eich a bha a' tighinn a-nuas, agus 's e suic a bha iad a' toirt leotha air an druim. Bha seòrsa de dhìollaid air a chur orra 's ghabhadh dòcha dà shac a chur air an each, agus bha a' chuid mhòr, a bharrachd air sin, 's ann air an druim a bha daoine ga thoirt air falbh.

Niste, nuair a ruigeadh tu a-mach mullach bearradh na creige, bha àiteachan aca air a dhèanamh ann a shin far an leigeadh tu d' anail. Bha àiteachan aca air a dhèanamh ri oir na creige far am b' urrainn dhut, can, bobhla mine a leigeil dhìot agus suidhe 's d' anail a ghabhail, oir an dèidh dhut an t-eallach a bha seo a thoirt a-mach am bealach a bha seo, bhiodh tu gu math sgìth. Bhiodh d' anail nad uchd, bhitheadh.

CM: Agus dè an staid, a-rèiste, anns a bheil e an-dràsta, ma tha na tha sin de bhliadhnaichean bho bha daoine ga chleachdadh? Ged a tha e ann an sin fhathast, chan eil e ann an staid ro mhath, a bheil?

LM: Ò, chan eil e uabhasach dona idir.

CM: Nach eil?

LM: Innsidh mi dhut dè thachair. Thòisich am feur air fàs thairis air, agus chan fhaiceadh tu an ceum ach ann an àiteachan. Tha iad a-nist, dithis dhaoine, air a chur air leth airson a bhith ga thoirt air ais mar a bha e anns an fhìor... an toiseach. Tha beagan càradh air a dhèanamh air cheana. Àiteachan dòcha far an do dh'fhalbh an tuil leis na clachan - tha sin ga chàradh. Agus tha iad a' toirt dheth an sgrath, 's a' toirt ris a' chlach mar a bha i air a càradh, 's bidh i ri faicinn mar a bha e nuair a chaidh a dhèanamh aig an fhìor thoiseach, bidh.

CM: 'S a bheil feum sam bith gu bhith ann an seo do Stafainn anns an latha a th' ann an-diugh?

LM: Och uill, tha. Tha. 'S e... cha chreid mise gu bheil mòran dhen t-seòrsa staranan a tha seo ri fhaicinn anns an Eilean Sgitheanach idir. Ach, tha daoine ga chur am feum fhathast airson aithghearr chun a' chladaich, leithid luchd-turais - tha iad a' dèanamh mòran feum dheth. Agus gu h-àraid, tha mi a' dèanamh dheth nuair a thèid an t-àite ùr a tha seo fhosgladh, Columba Fourteen Hundred, bidh am barrachd luchd-turais a' tighinn dhan àite. Agus tha seo a' fosgladh suas, tha an ceum a tha seo a' fosgladh suas dìreach ri... gu math faisg air far am bi an togalach a tha seo air a thogail. Nuair a bhitheas daoine a' tadhal anns an àite a tha seo, chanainn-sa, na daoine a bhios ann, 's a' tighinn ann, bidh ùidh mhòr aca airson a bhith a' tadhal air a' chladach, a' faicinn iongantasan a' chladaich. Dòcha, pàirt dhe na daoine a tha sin, nach fhaca iad, dòcha, [?lùib] no cladach riamh. Ach chanainn-sa gum biodh e na aithghearr mòr dhaibh, 's bidh deagh theansa gum bi iad a' cur am feum a' cheum a tha seo nuair a bhios e deiseil, agus an togalach suas.

CM: Uill, Lachaidh, mòran taing dhut gu dearbha airson innse beagan de dh'eachdraidh a' cheum a tha sin dhuinn. An ceum sin a th' ann an Stafainn. Staran a th' ann, a bhathas a' cleachdadh anns an linn a chaidh seachad. Thathas a-nist a' dol ga dhèanamh suas mar a bha e anns na làithean a dh'fhalbh, agus a rèir coltais chan eil e ann an staid cho dona ri sin idir. Mo thaing do Lachaidh MacIllÌosa.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good