Search

Prògram Choinnich

Date 04 May 1998
Track ID 14288
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 04.05.1998

Summary

Three new facilities officially opened in Lochmaddy, North Uist.

Norman Johnson talks about three new facilities that officially opened in Lochmaddy and tells how they will benefit the village. The facilities are the children's play park, the upgraded small pier, and a place near Taigh Chearsabhagh for walks by the shore.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Village/Place - Lochmaddy

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Bha latha mòr aca ann an Loch nam Madadh an Uibhist a Tuath Dihaoine a chaidh. Chaidh trì goireasan am fosgladh a thathas an dòchas a chuireas ri ìomhaigh a' bhaile, do mhuinntir an àite fhèin agus do luchd-tadhail. Tha Tormod MacIain air an loidhne còmhla riumsa à Loch nam Madadh an-dràsta airson innse dhomh dìreach dè bha a' dol ann an sin Dihaoine. Ciamar a tha thu, a Thormoid?

Tormod MacIain (TM): Tha mi gu math, a Choinnich.

CM: Uill, dè na trì goireasan a chaidh am fosgladh?

TM: Uill, a' chiad àite, 's e seòrsa de raon-cluich beag dhan chloinn, agus tha a h-uile seòrsa inneal an seo a chumadh air an... air an dòigh iad, airson cluich, agus 's e a' chlann fhèin a dh'fhosgail e, clann na sgoile, agus bha muinntir an àite timcheall air. Agus an dàrna h-àite, 's e leasachadh leis an laimrig, leis a' chidhe bheag ann an Loch nam Madadh, far am bi iasgairean ag obair agus daoine eile a bhios a' seòladh. 'S an treas àite, uill, an oir a' chladaich ri taobh Taigh Chearsabhagh, far a bheil taigh-tasgaidh againn agus ionad-ealain an-dràsta, agus chaidh leasachadh a dhèanamh ann a shin airson daoine a bhios a' seòladh agus a' coimhead timcheall.

CM: Uill, annasach a h-uile càil a tha seo a bhith a' tachairt air an aon latha ann an Loch nam Madadh, nach robh?

TM: Tha. Tha e uabhasach annasach, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil fhios aig na daoine cho fortanach 's a tha iad, agus tha e a' toirt togail dhan bhaile cuideachd.

CM: Uill tha, agus bha gu leòr 's bha iad a' faireachdainn gun robh feum aig a' bhaile air beagan togail, nach robh?

TM: Bha. Tha mi a' smaoineachadh gun robh daoine a' smaoineachadh gun robh... gun robh am baile air obraichean a chall bho chionn bhliadhnaichean, agus tha e... tha e air an cridhe a thogail, tha mi a' smaoineachadh, gun do thachair seo.

CM: Uill, gu dearbha, tha e sgoinneil an t-àite sin a bhith aig a' chloinn airson a bhith a' cluich ann gu dearbha. A bheil iad air tòiseachadh air cluich ann mar-thà?

TM: Ò, tha iad... tha iad ann mar-thà. Tha.

CM: Nise, nuair a bha thu ag ràdh laimrig an sin, cò bhios ga cleachdadh?

TM: Uill, bidh duine sam bith a bhios... uill, duine sam bith a bhios airson eathar a chur dhan t-sàl, agus... uill, bidh na h-iasgairean a' dèanamh sin o àm gu àm, agus tha tòrr de dh'eathraichean faisg air. Niste, fhios a'd, ged a tha i... ged a tha an leasachadh mòr a tha seo, an rud a chaidh fhosgladh Dihaoine, chan eil seo ach a' chiad cheum. Tha dà cheum eile ann fhathast, nuair a... nuair a bhios an t-airgead air a chruinneachadh, airson leasachadh nas motha a dhèanamh air a' chidhe a tha seo. Cha robh seo ach a' chiad cheum. Agus... uill, duine sam bith a bhios a' seòladh no... no a' cur inflatables dhan uisge gu h-àraid.

CM: Mar sin dheth, 's e leasachadh cidhe a th' ann airson cur-seachad. Chan e cho mòr leasachadh cidhe airson iasgach mar a bh' ann aig aon àm, an e?

TM: Uill, tha mi a' creidsinn gum bi daoine a bhios ri cur-seachad a' dèanamh barrachd feum dheth, ach bidh e... bidh e feumail dha na h-iasgairean cuideachd.

CM: Dè a-nise mu dheidhinn Taigh Chearsabhaigh? Ionad a tha sin a tha gu dearbha air cliù a chosnadh dha fhèin, agus air... cha mhòr an-diugh na chridhe aig Loch nam Madadh. An leudachadh 's an leasachadh a chaidh a dhèanamh ann an seo, dè feum a nì sin?

TM: Uill, tha e a' cur maise air an àite sa chiad àite, agus tha e... tha e gus... tha e a' dol a bhith feumail airson duine sam bith a tha a' dol dhan taigh-tasgaidh, tha iad a' faicinn gu bheil àite annasach ri thaobh an oir a' chladaich, agus tha seòrsa de starsach a' dol a-null seachad air far am bi na h-eathraichean aig muinntir seòlaidh, agus 's e starsach air a thogail le fiodh, agus tha rud annasach an sin an-dràsta - nuair a choisicheas tu seachad air àite àraid far a bheil sensor, tha ceòl pìobaireachd a' tòiseachadh a' tighinn a-mach fon talamh, agus bàrdachd ga aithris aig an aon àm.

CM: Gu sealladh, nan dèanadh iad sin air duine aig meadhan-oidhche, 's iad a ghabhadh an eagal.

TM: Uill, bha e... bha e rudeigin... bha... chaidh mise sìos am beul na h-oidhche, agus feumaidh mi aideachadh gun robh e annasach.

CM: Cò bha a' cluich a' phìob? Thu fhèin?

TM: Cha mhi. Cha mhi. Cuideigin eile a bh' ann.

CM: Uill, tha sin inntinneach dha-rìribh, agus mo thaing dhut airson a thighinn air a' phrògram an-diugh a dh'innse dhuinn beagan mu dheidhinn, agus tha mi cinnteach gu dearbha gum bi muinntir Loch nam Madadh a' dèanamh toileachas ris a sin, agus an ìomhaigh ùr a tha e a' dol a thoirt, agus cuideachd a' tòiseachadh a' toirt dhan bhaile. Tapadh leatsa, a Thormoid.

TM: 'S e do... 's e ur beatha.

CM: Tormod MacIain ann an sin air an loidhne à Loch nam Madadh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good