Search

Prògram Choinnich

Date 06 May 1998
Track ID 14592
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 06.05.1998

Summary

A history of the Beatons.

A book about the history of the Beatons by John Bannerman has been re-printed. Alasdair Beaton gives his opinion about the book and talks about the history of the Beatons, who have been famous doctors for many generations.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha leabhar mu na Peutanaich air nochdadh sna bùithtean na làithean seo. Leabhar a th' ann a nochd an toiseach bho chionn dà bhliadhna dheug. Ath-fhoillseachadh a tha seo. Iain Mac Ille na Brataich a sgrìobh e, far a bheil e a' toirt sùil air eachdraidh nam Peutanach, gu sònraichte mar a bha e dualach dhaibh a bhith nan lighichean thairis nan ginealaichean. Bha meuran dhe na Peutanaich air a' mhòr-thìr agus anns na h-eileanan. Tha Peutanach agamsa air an loidhne a tha eòlach air an eachdraidh sin, gu sònraichte Peutanaich an Eilein Sgitheanaich. 'S esan Alasdair Peutan. Ciamar a tha thu, Alasdair?

Alasdair Peutan (AP): Chan eil guth ri ràdh, a Choinnich.

CM: Chan e naidheachd ùr a tha seo dhutsa idir, gun robh na Peutanaich nan lighichean thairis nan linn, an e?

AP: Ò chan e. Bha iad nan lighichean o ghinealaich air ais.

CM: Far a bheil thu fhèin eòlach orra gu sònraichte, anns an Eilean Sgitheanach ann an sin, dè cho fada air ais 's a tha seo a' dol?

AP: Chì mi am balach seo, nuair a sgrìobh e an leabhar, sgrìobh e e, 's rinn e dà threubh dhe na lighichean sin a bha nam Peutanaich - treubh nan eilean agus treubh tìr-mòr. Nise, chuir e an t-Eilean Sgitheanach, Peutanaich Hùsabost gu h-àraidh, chuir esan a-staigh iad còmhla ri Peutanaich na tìr-mhòir - shin agad Peutanaich Cùl na Sgèith, Delny, Melness agus àite no dhà eile. Agus Peutanaich nan eilean, sin Peutanaich Uibhist, Uibhist a Tuath 's Uibhist a Deas, Slèite, Port Rìgh, Cinn t-Sàile, Killilan, Dearbhaig, Conasta ann an Tròndairnis, agus Colonsay. Shin agad treubh nan eilean. Ach chaidh am balach seo gu math domhainn ann an eachdraidh nam Peutanaich feadh Alba uile-gu-lèir.

CM: Agus a bheil càil ùr... an robh càil ùr anns an leabhar dhuibh fhèin, a' chiad turas a leugh sibh e?

AP: Ò tha gu leòr ùr ann. Rinn e sgrùdadh uabhasach domhainn air eachdraidh nam Peutanaich, gu h-àraid mu na leabhraichean a sgrìobh iad nach eil an-diugh rim faighinn.

CM: Dè seòrsa leabhraichean mum bheil sinn a' bruidhinn ann an seo?

AP: Bha iad ainmeil airson leabhraichean a sgrìobhadh airson gnothaichean a thaobh leigheas, gu h-àraid Peutanaich Mhuile. Bha iad a' ràdh gun robh an t-uabhas de leabhraichean acasan, agus tha iad an-diugh feadhainn dhiubh air chall. Ach ged a tha mi a' ràdh sin tha dà leabhar ann an Taigh-leabhraichean Dhùn Èideann ann a sheo a chaidh a sgrìobhadh, tha iad a' ràdh co-dhiù, le Peutanaich an Eilein Sgitheanaich. Am fear mu dheireadh dhiubh chaidh a sgrìobhadh le fear Aonghas Peutan, air ais ann an sixteen twenty.

CM: 'S e rud a tha annasach cuideachd, ge-tà, mun deidhinn, na cànain meidigeach a bh' ann aig na h-amannan sin - a' Ghreug, Laidinn, cànan nan Arabach, ach thug iadsan a' Ghàidhlig a-steach cuideachd mar chànan meidigeach na h-ama, nach tug?

AP: Uill, bha aon leabhar bha gu h-àraidh... fear ris an canadh iad anns a' Bheurla, The Lily of Medicine. Nise, dh'eadar-theangaich iad an leabhar sin o Arabic dhan a' Ghàidhlig, ach tha e brùideil doirbh a leughadh. Tha iad a' ràdh, an duine mu dheireadh a leughadh e, 's e fear a bha na mhinistear ann am Bràcadal, fear Seonaidh Peutan, 's bha iad a' ràdh gun leughadh esan e, ach chan eil duine ann on uair sin a leughas e. 'S e Gàidhlig Èireannach a th' ann, agus bha iad a' ràdh gun do... airson an obair sin eadar-theangachadh, gun do chosg e trì fichead mart, bith dè a' phrìs a bha iad a' cur air mart an uair sin.

CM: Tha e follaiseach nach e doctairean no lighichean cumanta a bh' annta idir, a-rèiste, ach daoine a bha fìor ionnsaichte co-cheangailte ri obair leighis.

AP: Bha, 's bha iad ionnsaichte air taobh an lagh cuideachd. Chan eil fhios a'm am biodh daoine a' toir pàipearan laghail dhaibh airson an sgrùdadh, ach bhiodh iad a' cur an ainm ri tòrr dhe na bileagan lagh.

CM: A rèir an leabhair a tha seo, 's e leigheas Gàidhealach clasaigeach a bh' ann. Dè tha sin a' ciallachadh?

AP: Uill 's e... 's e leigheasan le lusan 's gnothaichean mar sin. Bhiodh iad... fios a'd, an-diugh tha e gu math fasanta do dhotairean a bhith a' cur tuthag air craiceann dhaoine, agus tha an craiceann a' sùghadh a-staigh am mathas a th' anns an tuthag, 's e a' dèanadh daoine nas fheàrr. Anns an t-seann aimsir sin, bhiodh na Peutanaich a' cleachdadh seo gu math tric. Bhiodh iad a' cur duilleagan 's rudan mar sin air craiceann dhaoine, 's bha iad a' faighinn faochadh. Can nam bitheadh tu daonnan dona le ceann goirt, bhiodh iad a' cur... a' dèanadh crùn de dhraigheann 's de lusan, agus tha iad a' ràdh nuair a chuireadh tu sin air do cheann, gum faigheadh tu faochadh ann am beagan ùine.

CM: Mar sin dheth, bha iad a' cleachdadh na bha a' Chruitheachd a' toirt dhaibh timcheall orra air a' Ghàidhealtachd, an robh?

AP: Bha. Shin agad dìreach mar a bha iad a' dèanadh. Bha iad a' cur feum lusan tha mi cinnteach a tha a' fàs an-diugh agus nach eil sìon a dh'fhios againne dè feum a th' annta. Ach bha iadsan gu math fileanta a thaobh na h-obrach sin.

CM: A bheil beachd againn cuin a dh'fhalbh a h-uile càil a bha seo? Cuin a sguir na Peutanaich a bhith a' leantainn càch a chèile leis an t-eòlas a bha seo co-cheangailte ri leigheas, a bhith a' coimhead às dèidh dhaoine?

AP: Nise, sguir sin, can, a-mach 's a-staigh mu seventeen o eight, no seventeen ten. Dh'fhalbh an t-ionnsachadh sin a-mach às na daoine, 's tha e gu math àraidh gur ann aig an aon àm ann am Muile agus anns an Eilean Sgitheanach, gur ann an uair sin a dh'fhàg an t-ionnsachadh sin na daoine, agus thòisich iad air dhol a-staigh dhan an eaglais, agus tòiseachadh air teagasg sgoile.

CM: Bha seo a-rèiste timcheall air, dè? Ceithir cheud bliadhna, ceithir cheud gu leth bliadhna.

AP: Shin agad e. Nuair a thàinig na Peutanaich a thàinig gu ruige an t-Eilean Sgitheanach co-dhiù, thàinig iadsan ann an, can, ann an... eadar fourteen fifty agus fifteen hundred. Ach bha iad anns na h-eileanan eile greis ro sin. 'S ann à Èirinn a thàinig iad, tarsainn gu Earra-Ghàidheal, agus bha iad gu math bitheanta ann an Earra-Ghàidheal aig rìghrean Alba, aig seann rìghrean Alba. Bha an t-uabhas dhiubh nan lighichean aca.

CM: Nise, anns an leabhar a tha seo, 'The Beatons: A Medical Kindred in the Classical Gaelic Tradition', tha e a' dol gu math domhainn ann an seo, a' toirt dhuinn tòrr de dh'ainmean nan lighichean a bha sin, a' toirt dhuinn tòrr de dh'ainmean nam pàipearan bhon deach an eachdraidh a tha sin a thoirt, a' toirt dhuinn tòrr de dh'ainmean nan sgrìobhaidhean a dh'fhàg iad às an dèidh. Dè do bheachd air an leabhar?

AP: Ò tha an leabhar, tha e... tha an leabhar math dha-rìribh. Tha e air a sgrìobhadh gu math pongail cuideachd, 's chan eil e doirbh a dhèanadh a-mach. Agus leanaidh tu an sgrìobhadair gu math. Tha e gu math soirbh a leanail.

CM: Uill Alasdair, tha e follaiseach dhòmhsa gu bheil tòrr fiosrachaidh agaibh fhèin air a' chuspair a tha seo cuideachd. Ceud mìle taing dhuibhse airson bruidhinn riumsa ann an seo an-diugh. Alasdair Peutan ann an sin air an loidhne às an Eilean Sgitheanach 's sinn a' bruidhinn air an leabhar a tha Iain Mac Ille na Brataich air a thoirt dhuinn, agus e air nochdadh a-rithist airson an dàrna turas. Tha e air a chur a-mach an turas seo le John Donald, agus a' phrìs sia nota deug.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good