Search

Prògram Choinnich

Date 07 May 1998
Track ID 14758
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 07.05.1998

Summary

Peigi Màiri Nicholson from the RSPB speaks about the corncrake.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha Peigi Màiri NicNeacail bho Comann Rìoghail Dìon nan Eun a-staigh còmhla rium ann an seo, man a tha i a h-uile Diardaoin an-dràsta, agus thuirt i rium an t-seachdain a chaidh gun robh i a' dol a bhruidhinn mu dheidhinn an traon an-diugh. Uill, a Pheigi Màiri, dè th' agad ri ràdh mu dheidhinn an traon? An do nochd e am-bliadhna sa?

Peigi Màiri NicNeacail (PMN): Uill cha... cha chuala mise fear fhathast. Cha chreid mi gu bheil... tha mi a' smaoineachadh gu bheil dhà air a bhith air an cluinntinn ann an Leòdhas.

CM: Ò, a bheil?

PMN: Tha iad ann an Uibhist. Tha iad air an t-slighe a-nuas. Tha.

CM: Nise, do dhaoine nach eil fhios aca dè tha san traon, dè seòrsa fuaim a bhios e a' dèanamh... a bheil thusa a' dol a dh'fheuchainn air?

PMN: A bheil thu a' dol ga fheuchainn?

CM: Tha e a' dol rudeigin man: [Nì e ath-aithris air an traon]. Rudeigin mar sin.

PMN: Uill... rudeigin... chan eil... chan eil fhios a'm buileach. Tha e rudeigin nas àirde na sin, cha chreid mi.

CM: Ò uill, tha, ma thèid... chan eil mise a' dol nas àirde na sin idir, ach...

PMN: Chan eil.

CM: Bidh iad anns a' bhaile againne.

PMN: Bithidh. Bithidh. Tha aon leth-dusan a' tighinn a Chol Uarach a h-uile bliadhna, cha chreid mi.

CM: Agus innsidh mi dhut rudeigin. Tha fhios agam gu bheil sibhse a' feuchainn ri an dìon, ach nuair a tha iad a' dèanamh a' fuaim a tha siud aig meadhan-oidhche agus daoine a' feuchainn ri a dhol a chadal...

PMN: Tha e gu math duilich, nach eil?

CM: Cha b' e an dìon a dhèanadh duine idir.

PMN: Chan e. Och, tha sinn a' cluinntinn seo gu math tric, tha. Ach tha mi a' smaoineachadh... ged a bhios sin mar sin, tha mi a' smaoineachadh gum biodh daoine gu math duilich mana cluinneadh iad tuilleadh iad. 'N dùil?

CM: Anns a h-uile h-àite ach Col Uarach. A' bruidhinn... ach a-nis, 's e an
t-adhbhar gu bheil sinn a' cluinntinn mu dheidhinn an traon... chaidh sinn ar togail leis an traon, bha sinn eòlach air bho riamh. Ach bha àitichean eile, bha iad mar sin, ach dh'atharraich sin. Dè thachair?

PMN: Bha. Uill, ma sheallas tu an-dràsta, tha mapa agam ann a sheo dha Breatainn. Chì thu ann an sin, ann an... aig àm a' chogaidh, gun robh Breatainn gu lèir le traoin annta... traoin ann, ach ceann a deas Shasainn, agus ceann an ear Shasainn. A-nise chan eil... chan eil iad air am fàgail ach anns na h-Eileanan an Iar agus na h-Eileanan A-staigh, agus Arcaibh 's Sealtainn, agus bìdeagan beag' de dh'Èirinn.

CM: Dè as coireach?

PMN: 'S e an rud as motha, 's e man a tha tuathanas air atharrachadh. Bha sinn a' bruidhinn an t-seachdain a chaidh air dòighean tuathanas, agus ciamar a tha... fhios agad, air atharr-... tacan air atharrachadh. Uill, 's e an dòigh anns am beil, thà, tuathanas, agus man a bhios iad a' gearradh an fheur 's mar sin air adhart, tha... tha e air cur às dha na traoin air tìr-mòr. Ach tha f-... tha dòchas againn gu bheil iad a' tòiseachadh a' tilleadh ann an sin fhèin a-nis. Bha na h-àireamhan a' dol sìos. Bha mìltean de thraoin ann am Breatainn bho chionn, can, chan eil fhios a'm, leth-cheud bliadhna. Agus bho chionn ceithir bliadhnaichean, bha iad an dèidh a dhol sìos gu mu ceithir cheud. Nise, 's e tha seo ach ceithir cheud eòin fireann... a' seinn. 'S e seinn a tha iad a' dèanamh nuair a bhios iad a' dèanamh an fhuaim sin.

CM: Dè?

PMN: Sin an seinn aig an traon.

CM: Agus an e dìreach am fear fireann a tha ga dhèanamh?

PMN: Am fear fireann a tha a' seinn, 's e. Chan eil an tè... chan eil an t-eun boireann a' dèanamh fuaim ach dìreach beagan de... fhios agad, le na h-iseanan aice. Ach... ach an-uiridh agus a' bhèan-uiridh, airson a' chiad uair, bha na h-àireamhan a' dol suas beagan. Tha, a-nise, còrr is sia ceud air an cunntadh ann am Breatainn. Man a thuirt mi, 's ann an ceann a tuath Alba a tha iad, anns na h-eileanan.

CM: Ach, 's ann... chan eil iad an seo fad na bliadhna, ge-tà, idir. Càit a bheil iad a' chòrr den bhliadhna?

PMN: Chan eil. Tha iad dìreach a' tighinn an seo, mar gum bitheadh, airson holidays an t-samhraidh. Tha iad a' tighinn a-nuas ann a sheo a neadachadh. Tha iad a' tighinn a-steach an-dràsta. Nise, tha iad an dèidh a thighinn pìos math - tha iad a' dol... tha iad a' dol... a' tighinn a-nuas à Afraga a Deas. Is beag a chreideas gu bheil. Bho chionn fhada... fhios agad, nuair a bhios iad ann a sheo, chan eil iad a' dèanamh mòran sgiathalaich ann. Tha iad a' falach fad an t-siubhail, a' feuchainn ri... fhios agad, falach nan neadan 's a' cumail shìos, fon a... agus tha iad am measg... am measg an fheur. Ach tha iad a' sg-... tha iad a' tighinn a-nuas à Afraga a De-... Afraga a Deas agus, thà... tha iad a' tilleadh ann, tha mi a' creidsinn, anns an Lùnastal. Tha iad a' tòiseachadh a' tilleadh, às dèidh dà àl a bhith aca as t-samhradh. Ach bho chionn fhada, bha... bhon a bha iad a' coimhead cho lag a-bhos ann a sheo, bhiodh a' chuid as motha a' smaoineachadh gun robh iad a' fuireach an seo fad a' gheamhraidh 's a' dol air falach - 's mathaid ann an dìgean no... Bha beachdan ann bho chionn fhad an t-saoghail gur mathaid gun robh iad a' dol a... a' cadal fon bhùrn fad an t-samh-... fad a' gheamhraidh.

CM: Ach tha iad a' dol air iteag. Agus tha iad math air iteag, nach eil?

PMN: Tha iad math dha-rìribh, ged nach... Cha shaoil thu à seo, fhios agad. Tha thu nam faicinn 's tha iad lag a' coimhead 's tha iad... chan eil iad glè luath, ach man as trice tha iad a' falbh tron oidhche, cuideachd, 's chan eil mòran nam faicinn.

CM: Uill, bhiodh e duilich. Tha e rudeigin dorch, mar as trice.

PMN: Tha e rudeigin dorch, tha.

CM: Ach tha mi a' tuigsinn, ge-tà, gum bi iad cuideachd a' neadachadh air mòr-thìr na Roinn Eòrpa, nach eil?

PMN: Bithidh. Tha iad fhathast ann an sin ann an tòrr a bharrachd a dh'àireimh na tha iad ann a sheo. 'S tha a' chuid as motha aca anns an àite anns am b' àbhaist a bhith air cùlaibh an 'Cùrtair Iarann', mar gum bitheadh - an Iron Curtain, 'eil fhios agad, anns an Roinn Eòrpa - taobh an iar na Roinn Eòrpa, ann an Ruisia, 's an Ukraine 's Latvia is am Poland 's na h-àitichean sin.

CM: Uill, 's ann tha tòrr aca an sin, tha iad a' cleachdadh nan seann dòighean àiteachais fhathast, nach eil?

PMN: 'S ann. Sin a... sin a... sin am freagairt. Cha robh iad air a thighinn air adhart cho mòr ann an àiteachas agus tuathanas 's a bha iad thall ann a sheo fhèin. Ach 's e am feagal a-nis gun tachair ann an sin na thachair ann am Breatainn dhan an traon.

CM: Cò air a tha iad beò? Dè tha iad ag ithe?

PMN: Tha iad ag ithe piolanan agus seilcheagan agus damhanan-allaidh agus rudan beaga... agus sìol cuideachd. Bidh iad ag ithe sìol bhon an fheur.

CM: Agus càit a bheil iad a' neadachadh?

PMN: Tha iad a' neadachadh ann am feur fada. Sin as coireach gu bheil iad cho ceangailte ri tuathanas. Feumaidh an fheur, chan e a-mhàin a bhith àrd airson am falach, ach feumaidh e a bhith furasta coiseachd troimhe. Chan eil càil a dh'fheum ann am pìos, fhios agad, achadh a tha le feur tiugh nach eil air ithe no air a ghearradh no càil, bhon chan urrainn dhaibh coiseachd tron an fheur. Tha iad gu math frionasach mu dheidhinn càit an tèid iad.

CM: Uill, bidh mise gam faicinn 's gan cluinntinn faisg air far a bheil seileastair. A bheil sin àbhaisteach no cumanta?

PMN: Tha, 's e sin... nuair a thig iad an toiseach as t-earrach, uill, mun àm sa fhèin, thà, chan eil an fheur fada gu leòr, man as trice, 's tha iad a' lorg rud sam bith a tha àrd gu leòr, is 's e seileastair agus deanntagan - sin rud eile a bhios a' fàs luath - 's gu math tric an-dràsta, 's ann ann an seileastair a chluinneas tu traoin. 'S ann.

CM: Chunna mise dà thraon an-uiridh airson a' chiad uair a-riamh. Chan fhaca mi traon a-riamh. Bha dùil agam nach gabhadh iad a bhith air am faicinn agus bha mi... agus an latha a bha seo anns a' chàr agus - mi fhìn is fear eile - agus stad mi an càr. Choisich fear tarsainn an rathad dìreach air mo bheulaibh.

PMN: 'S ann... 's ann... mar as trice, 's ann mar sin a tha daoine a' faicinn traon. 'S ann a' coiseachd tarsainn an rathad air am beulaibh, fhios agad... Nuair a bhios iad a' ruith... nuair a bhios iad anns an fheur, chan fhaic thu iad ann, fhios agad, tha iad a' falach.

CM: Agus dh'aithnicheadh tu anns a' bhad iad. Tha iad, mar gum biodh... cha mhòr man cailleach bheag 's a h-amhaich a' steigeil a-mach air choreigin.

PMN: Tha - amhaich a' steigeil a-mach 's tha iad ruadh air choreigin 's casan pinc... pinkish glas orra. Ach tha iad gu math shy. Ach aithnichidh mi cuideigin eile shìos air a' Bhac agus bha traon... thàinig e a-steach latha agus bha traon anns a' phoirds aige, na choimhead. Ach 's e traon òg, 's iongantas, gun comas itealaich aige, 's bha e dìreach a' gabhail cuairt.

CM: A bheil mi a' tuigsinn, a-rèist, gu bheil an traon air an t-slighe air ais agus nach eil eagal ann air a shon tuilleadh? No am feum sibh a bhith dìreach a' cumail sùil a-mach fhathast? Agus a bheil sibh a' toirt seachad cuideachadh do dhaoine fhathast gun a bhith a' gearradh feur aig amannan sònraichte?

PMN: Ò tha. Tha seo, mar gum bitheadh, 's e dìreach obair tòiseachaidh a tha sa ghnothaich gu seo. Tha sinn dìreach a' faicinn na h-àireamhan a' tionndadh, ach 's e... 's e tha nar sùil gum biodh e uaireigin air ais air tìr-mòr Bhreatainn, man a bha bho chionn fhada. Cha bhi e anns a h-uile h-àite man a bha, ach gun tigeadh e air ais. Agus tha, tha cuideachadh air a thoirt dha... dha daoine a bhios... anns an dòigh anns a bheil iad a' gearradh an fheur agus an t-àm den bhliadhna anns a bheil iad ga ghearradh. Agus, thà... 's e sin an aon rud a tha a' cuideachadh an traon. Mana bitheadh croitearan 's tuathanaich a' dol a-steach dha na sgeamaichean a tha sin, chan eil sinn a' smaoineachadh gum biodh an traon air a thighinn air ais idir.

CM: Uill, tapadh leat airson a thighinn a-steach a dh'innse dhomh beagan mu dheidhinn an traon, a-rithist, a Pheigi Màiri - a rèir coltais, naidheachd nach eil buileach ro dhona. Nise, cà 'il sinn a' dol an t-seachdain sa tighinn, a bheil fhios agad?

PMN: Uill, bha mi a' smaoineachadh gun sealladh sinn ri eòin eile, thà - feadhainn a bhios shìos air a' mhachair 's shìos aig an tràigh. Eòin grunnachaidh.

CM: Ò... glè mhath.

PMN: Eòin gr-... Waders a chanas iad riutha ann am Beurla.

CM: Ò, seadh, seadh, seadh - na bòtannan a bhios a' dol le oilisgin.

PMN: Sin iad.

CM: Uill, tapadh leatsa, gu dearbh, a Pheigi Màiri.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good