Search

Prògram Choinnich

Interviewers
Date 10 April 1998
Track ID 14932
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 10.04.1998

Summary

Norman MacLean's 'Keino'.

Norman MacLean discusses his new novel 'Keino' which is due to be published in just over a week.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Catrìona NicDhòmhnaill (CN): Co-dhiù, seachdain Diluain sa tighinn tha leabhar ùr gu bhith air fhoillseachadh le Clò Loch Abar. An t-ainm a th' air an leabhar, Keino; an t-ùghdar, Tormod MacGill-Eain. Seo an dàrna leabhar aige ann an dà bhliadhna. Bha a chiad leabhar, Cùmhnantan, a' toirt sùil aotrom air saoghal telebhisean na Gàidhlig, ach 's e sgeulachd gu math eadar-dhealaichte a tha a' feitheamh an leughadair ann an Keino. Anns an stiùidio an Glaschu tha Tormod fhèin. Fàilte ort, a Thormoid.

Tormod MacGill-Eain (TM): Hello, a Chatrìona.

CN: Uill, bha mi ag ràdh an siud gur e cuspair gu math diofraichte a tha a' nochdadh ann an Keino, ach 's fheàrr dhut innse dhuinn an toiseach dè th' ann an Keino.

TM: Uill 's e cluich a th' ann, cluich Japanee. Tha an nighean agam, Tamora, tha i ag obair ann an Osaka, agus dh'ionnsaich i a' chluich a bha seo dhomh. Tha thu ga chluich le lasadairean. Tha iad air an cur a-mach ann an trì sreathan - seachdnar anns an t-sreath mhullaich, còignear anns an t-sreath mheadhanach, agus trì anns an t-sreath ìseal. Agus 's e an t-amas, gum feum thu do nàmhaid fhàgail leis an lasadair mu dheireadh, agus faodaidh tu dhà no trì a thogail fhad 's a chumas tu anns an aon shreath. Ach chan eil sin gu diofar. A bheil fhios agad, chan eil ann... tha car anns a' chleas, agus cho luath 's a thuigeas tu dè mar a chluicheas tu i, tha e gu math furasta. Ach 's e an àite... thagh mi siud thoradh cha robh mi airson gum biodh iad... gum biodh an dithis ghillean... uill, an dithis fhireannach a' dochann a chèile, agus mar sin 's e nàdar de symbol a th' ann de chogadh, mar gum biodh.

CN: Mar sin, tha fhios a'm... thug thu luaidh an siud air dithis agus sabaid agus mì-rian, pàirt dhen sgeulachd, ach [?thoir] geàrr-chunntas dhuinn air an sgeulachd. Dìreach gu leòr airson a bhith a' toirt aire dhaoine...

TM: Ò uill, 's e th' ann, tha gille òg a tha seo, Eachann MacPhàil. Buinidh a chuideachd do Thiridhe. Eachann MacPhàil agus am boireannach a tha seo, Ealasaid Beckett, tha iad ann an gaol. Seadh, aig amannan. An oidhche a tha seo tha iad a' coinneachadh ann an Dùbhlachd a' Gheamhraidh ann an seann taigh-sgoile aig ceann locha ann an àite iomallach air a' Ghàidhealtachd. Nist, 's e tidsear òg a th' annsan, 's tha e làn de dh'fhaireachdainnean a tha a' sìor chnàmh air an taobh a-staigh dheth, agus tha e deònach saoghal eile a chosnadh dha fhèin ann am Florida, 's feumaidh e seo innse dhan a' bhoireannach.

Nist, tha ise nas sine, agus tha cèile-pòsta agus dalta air a bheil gràin an uilc aice, agus tha Ealasaid cuideachd an dòchas gum bi a saoghal air ath-nuadhachadh. Thèid esan... coinnichidh iad còmhla san taigh-sgoile, agus tha esan deònach a ràdh gu bheil e airson falbh dha na Stàitean Aonaichte, agus tha naidheachd aice fhèin dhàsan. Tha ise a' dol a dh'fhàgail an duine aice.

An uair sin, brùchdaidh Ailidh, seo an ceàrd a tha pòsta aig Ealasaid, a-steach air a' chòmhdhail aca, agus teannaidh an triùir aca ris an iomairt sgaiteach ud, Keino. Ach tha geall gu math neònach ceangailte rithe. Am fear a bhuinnigeas, 's e a gheibh e ach a shaorsa. Am fear a chailleas, sin am fear a th' air fhàgail leis an lasadair mu dheireadh, gheibh e duais; gheibh e am boireannach. Agus tha a' chluich a' gluasad gu cabhagach gu crìch. Tha e gu math fòirneartach, agus tha an saoghal aig an triùir aca air a bhriseadh na mhìrean.

A bharrachd air a sin tha nàdar de fo-phlana, thoradh tha Eachann, mar a thuirt mi mar-thà, 's e gille gu math frionasach a th' ann dheth, agus tha thu a' faighinn sreathan dhen àm a dh'fhalbh agus dhen àm an làthair na bheatha. Agus tha mi a' feuchainn ri rannsachadh chuspairean mar chionta 's sàbhaladh, mar a tha i a' mìneachadh spàirn a' ghille, agus tha e a' feuchainn ri fhaighinn a-mach cò e.

Sin Keino

CN: Gu math eadar-dhealaichte, mar a thuirt mi aig an toiseach, bhon an leabhar Cùmhnantan. Dè thug ort atharrachadh an stoidhle sgrìobhaidh agad mar seo?

TM: Innsidh mi sin dhut. 'S ann a bha mi ag aithris air sgrìobhadair Canèidianach, fear Alasdair MacLeòid. Tha còrr air trì bliadhna bhuaithe. Bha mi fhìn 's Peigi air falbh a Venezuela air saor-làithean, agus thug tè as aithnte dhomh, Mairead NicKelvie, thug i dhomh leabhar a leughainn air a' phlèan, The Lost Salt Gift of Blood, agus ò, bha snodha-gàire ormsa ga leughadh. Bha mi a' ràdh rium fhèin... 'S aithne dhomh mu dheidhinn an duine a tha seo. Bha e a' fuireach an ath doras ri an gille aig bràthair mo mhàthar ann an Windsor ann an Canada, agus thog mi an rud, agus bha mi air mo bheò-ghlacadh. Agus dh'fheuch mi... tha mi cho farpaiseach, a Chatrìona, a bheil fhios agad. Cha chreid mi nach e Iùdhach a th' annam. Dh'fheuch mi ri stòiridh ghoirid a sgrìobhadh fo bhuaidh MhicLeòid, mar gum biodh, agus ann am Beurla a bha mi a' sgrìobhadh, 's nuair a leugh mi i, bha mi a' ràdh, 'Och tha seo cho Ameireaganach', agus cha robh e cho leth cho... cha robh e cho leth cho math ris an fheadhainn a sgrìobh MacLeòid, agus thuirt mi, 'Dè mar a chuirinn blas Gàidhealach air an stòiridh a tha seo?' Agus bhuail e orm sa bhad. 'Nach sgrìobh thu, a Thormoid, an sgeulachd anns a' Ghàidhlig an toiseach, 's an uair sin nach eadar-theangaich thu i gu Beurla'.

Agus seo an rud a rinn mi. Sgrìobh mi i ann an Gàidhlig, thoradh chan eil cus roghainn agad nuair a bhios tu... uill chan eil cus roghainn agamsa nuair a bhios mi a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig. 'S e guth mo sheanmhar a tha mi a' cluinntinn na mo chlaigeann, agus bha na faclan dìreach a' taomadh a-mach. An uair sin, chuir mi gu Beurla iad, agus bha blas caran Gàidhealach... cuiridh mi mar seo e - chan fhaod e bhith gun sgrìobhadh cuideigin a mhuinntir Ghlaschu sgeulachd mar seo.

CN: Agus daoine ag ràdh riut, tha thu a' sgrìobhadh... tha thu cleachdte ri bhith a' sgrìobhadh ach 's e rudan gu math eadar-dhealaichte, rudan èibhinn, rudan aotrom a bheir gàire air daoine. Chan eil mòran a bheir gàire air daoine ann an Keino, ach a bheil e nas dorra leabhar dhen t-seòrsa sa a' sgrìobhadh no dearbh nas fhasa?

TM: Tha mise a' smaointinn gu bheil e nas fhasa, thoradh bonn mo chridhe tha mi a' smaointinn gur e... gur e duine gu math dubhach, brònach a th' annam. Chan eil fhios a'm gu dearbh fhèin. Tha an dà rud ann, agus 's fìor thoigh leam a bhith a' feuchainn ri bhith èibhinn cuideachd, ach chan eil ann ach dìreach an aon ghalar. Feumaidh mi a bhith a' bruidhinn, agus feumaidh mi a bhith a' sìor chur asam, agus is coingeis leam mas ann a' feuchainn ri bhith èibhinn a tha mi, no a' feuchainn ri bhith... an t-eagal a chur air daoine. Agus chuireadh seo, chuireadh an sgeulachd a tha seo an t-eagal air an dearg mhèirleach. Tha i gu math dorcha.

CN: Am b' fheudar dhut mòran rannsachaidh a dhèanamh?

TM: Uill, seo rud a dh'fheumas tu a dhèanamh, tha mi a' smaointinn, ma tha thu a' dol a sgrìobhadh sgeulachd sam bith. Cho luath 's a gheibh thu an stòiridh, feumaidh tu, airson a bhith a' toirt a chreidsinn air daoine gur e an fhìrinn a th' agad, feumaidh tu a bhith gu math cinnteach às an t-suidheachadh, agus 's e an rannsachadh a rinn mise dìreach mar gum biodh trusadh a dhèanamh na mo chuimhne air rudan a thachair air a bha mi a' fuireach shuas aig Ceann Loch Airceig, ann an sgìre Loch Abar, air a bha mi nam ghille beag.

CN: A bheil pàirt dheth a' tighinn bho rudan a thachair ann an da-rìribh agus tha thu an uair sin a' fighe a-steach do mhac-meanmainn fhèin?

TM: Tha mi a' smaointinn gur ann mar sin a tha e. Rudan a thachair dha-rìribh. Bha cuideigin ann agus bha e ann an staing mar sin. Bha e a' falbh le boireannach pòsta mar sin, agus chaidh a ghlacadh gu salach leis an duine aice, agus chan eil an duine a tha siud, chan eil e ceud mìle air falbh à Glaschu an-dràsta fhad 's a tha mi a' bruidhinn...

CN: Agus a bheil fhios aige gu bheil thu air leabhar a' sgrìobhadh? An aithnicheadh e e fhèin anns an leabhar?

TM: Aithnichidh. Mi fhìn a bh' ann, a Chatrìona. Bidh cuimhn' a'm air a' ghunna a tha siud rim mhaireann. Ach gu dearbh fhèin, cha do chluich sinn air Keino. 'S ann dìreach bho chionn ghoirid a dh'ionnsaich mi a' chluich, mar a thuirt mi. Ach tha rudan mar sin, fhad 's... cho luath 's a gheibh thu grèim air an sgeulachd, 's e th' agad ri dhèanamh an uair sin a bhith a' trusadh fiosrachaidh. Agus tha e neònach, bidh tachartasan 's bidh daoine agus na rudan a tha iad a' cantail a' fuireach nad inntinn, 's latha brèagha air choreigin, tòisichidh mar gum biodh na smuaintean sin ri goil ann an coire do chuimhne, agus seo an rud a thachair air a... cho luath 's a thòisich mi air Keino a sgrìobhadh.

CN: Dè cho duilich 's a tha e faclan a chur a bheòil nan caractaran seach a bhith a' dèanamh dealbh air na h-àiteachan a tha iad a' cuartachadh?

TM: Uill 's e a' cheist a tha sin. Chanainn-sa, 's i a' bhuaidh as prìseile a dh'fhaodas a bhith aig sgrìobhadair a bhith cho comasach 's gun tuig e daoine, 's gun tèid aige air caractaran a dhèanamh, agus ged 's mi fhìn a tha ga ràdh, tha mi a' smaointinn gu bheil mi meadhanach math air a sin. Tha mi air a bhith a' coimhead air daoine fad mo bheatha, 's tha mi glè mhath gan leughadh.

Agus a' bruidhinn air caractaran, chan eil dad air an t-saoghal a dh'fhàgas leughadair iomagaineach mu dheidhinn caractar, no a bheir sgrios air caractar, cho luath ri droch chòmhradh. Mura bi daoine ann an dealbh-chluich, no ann am film, no ann an seanchas, no ann an nobhail a' bruidhinn gu nàdarra, chan e daoine nàdarra a th' annta. Mar as fhaisge a tha an còmhradh eadar daoine ann an stòiridh, 's ann as fhaisge do chlann... do chloinn a' chinne-daonna a dh'aithnicheas sinn uile a bhios na caractaran. So 's e rud gu math cudromach a th' ann an còmhradh. Ach chan fhaod e bhith gu bheil thu, mar gum biodh, a' cur sìos fhaclan mar gun toireadh tu far recorder, a bheil fhios agad, mar gum biodh tu gan clàradh. Tha sgil ann. Mas fhìor, tha na daoine a' bruidhinn gu nàdarra, ach chan eil gu dearbh fhèin, cha chuala mise daoine a' bruidhinn mar siud riamh. Ach bheir thu air an luchd-leughaidh a chreidsinn, a bheil fhios agad, gur e bruidhinn nàdarrach a th' ann.

CN: Agus gur e sin an cainnt a bhiodh aca. Dè cho fada 's a thug e bhon a' chiad fhacal?

TM: Ò uill, dh'fhaodadh duine breith agus bàs fhaighinn anns an ùine a bha siud, toiseach... cuin a bh' ann? Ceithir fichead 's a còig-deug a theann mi air an sgeulachd ghoirid. Ach bliadhna às dèidh siud, sheall mi dhut fhèin, a Chatrìona, ma tha cuimhn' agad, caibideil dhen an leabhar, agus 's e do chomhairle-sa dhòmhsa, thuirt thu:

"Thalla, a Thormoid, sìos gu Scottish Screen, no Scottish Film Production Fund. Bhiodh seo math air film."

Agus seo an rud a rinn mi. Agus mar a tha fhios agad fhèin, rinn sinn am film as t-fhoghar an-uiridh, agus mura bheil mi air mo mhealladh, 's mura robh am Paddy ro làidir, chunnaic an dithis againn am film air an sgàilein seachdain a-nochd ann an Trá Lí an Èirinn, cuimhn' agad?

CN: Tha. Tha dearbh chuimhn' a'm agus bha mi dìreach a' smaoineachadh, a Thormoid, gur dòcha... 's e sgeulachd eile a tha sin, agus tha mi cinnteach gum faodadh tu peann a chur ri pàipear agus 's dòcha leabhar a dhèanamh mu dheidhinn sin. Ach chanainn riut, a Thormoid, na bi ann an cus cabhag sin a dhèanamh.

TM: Glè mhath, alright.

CN: Cuir nar cuimhne a-rithist. Tha an leabhar a' tighinn a-mach seachdain Diluain fo Chlò Loch Abar, agus a' phrìs, a bheil mi ceart, ochd notaichean ach sgilling?

TM: Ach còig sgillinn.

CN: Ach còig sgillinn.

TM: Sin e.

CN: Tapadh leatsa, a Thormoid, dha-rìribh airson an tuilleadh innse dhuinn mu dheidhinn Keino.

Tormod MacGill-Eain an siud. Uill, tha mi air an leabhar a leughadh. Tha mi air fhaicinn. Saoilidh mi gu bheil mi eòlach air a h-uile duine a tha a' gabhail pàirt ann, ach... agus mholainn dhuibh e, dha-rìribh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good