Search

Prògram Choinnich

Date 20 March 2000
Track ID 14996
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 20.03.2000

Summary

The Queen's visit to Australia.

Two people who live in Australia discuss the Queen's visit. They discuss the welcome that the people gave her and they comment on whether they think the people of Australia are in favour of the Queen.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha sinn a' dol air ais a-nis chun an dà chuspair a tha air a bhith againn bho dheireadh ann an seo an-drà-... an toiseach, 's e sin Astràilia agus an Teaghlach Rìoghail. A' Bhanrigh an-dràsta thall ann an Astràilia. Tha Màiri Nic an Tòisich air an loidhne còmhla rium; tha a' Bhanrigh a' dol a Mhelbourne ann an sin, tha mi a' smaoineachadh, ro dheireadh na seachdain. Tha Ceitidh Ghreumach air an loidhne còmhla rium; tha a' Bhanrigh air a bhith ann an Sydney. A Cheitidh, dè seòrsa fàilte a chuir sibh oirre, ma-thà?

Ceitidh Ghreumach (CG): Ò fàilte fhliuch dha-rìribh. Bha tuil uisge ann an-diugh. Ach bha... cha chreid mi nach d' fhuair i fàilte glè mhath. Bha an t-uabhas dhaoine a-muigh na coinneimh, ach cha robh an t-sìde glè mhath idir.

CM: Seadh. A bheil sibh ga h-iarraidh ann an sin fhathast?

CG: A bheil sinn na h-iarraidh? Uill, tha e duilich... tha e duilich sin... tha e duilich sin a fhreagairt. Man a sheall an referendum, tha a' mhòr-chuid, canaidh sinn, na h-iarraidh, ach chan eil... chan eil am media na h-iarraidh. Aithnichidh tu sin orra. Tha iad a' cumail a' chuairt a tha seo uabhasach ìosal anns na naidheachdan 's mar sin, agus man a tha fios agaibh, 's e tòrr dhaoine le tòrr airgead a bha ag iarraidh republic, 's bha iadsan a' dèanamh tòrr bruidhinn mu dheidhinn. Ach tha mi a' smaoineachdainn gu bheil an t-uabhas na h-iarraidh fhathast.

CM: Cha do chuir sibh a-mach brat-ùrlair dearg air a beulaibh idir, tha e coltach, nuair a ràinig i an sin?

CG: Ò chuala mi sin air na naidheachdan an-diugh, nach do chuir iad sin a-mach ann an Canberra idir. 'S iongantach gun do smaoinich daoine gu... math a bhios sin a bhith air a dhèanamh. Cò aig a tha fios.

CM: A Mhàiri, dè tha thu a' smaoineachadh an seòrsa fàilte a thèid a chur oirre ann am Melbourne?

Màiri Nic an Tòisich (MN): Tha mi a' smaointinn gum faigh i an aon fàilte 's a fhuair i ann an Sydney. Tha gu leòr a-bhos ann an seo a tha ag iarraidh an riaghaltas a chumail, agus an crùn a chumail an seo. Agus goirid dhan an àite far a bheil mise a' fuireach, bidh gu leòr a' cur fàilte air a' Phrionnsa, nuair a thig e gu Sandringham Yacht Club aig deireadh na seachdain.

CM: Ach 's e an rud, mar a thuirt thu fhèin na bu tràithe sa phrògram, tha an t-uabhas ann an sin an-diugh agus chan eil buntanas agus cha robh buntanas aca riamh ris a... ri Breatainn, agus mar sin, tuigidh daoine carson nach biodh iadsan ag iarraidh Banrigh Bhreatainn a bhith ann an sin, nach tuig?

MN: Ò tuigidh gu dearbh. Agus chan eil iad sin ag iarraidh na Banrigh. Ach tha gu leòr ann am Melbourne fhathast a thàinig à Breatainn, agus tha mi a' creidsinn gum bi iadsan a-muigh in force, mar a chanas iad.

CM: Uill gu dearbha, tha Sydney fhèin an aon dòigh ri Melbourne. Tha tòrr an sin cuideachd à dùthchannan eile, nach eil, a Cheitidh?

CG: Tha gu dearbh. Agus bha sinn a' coimhead air na naidheachdan a-nochd, agus chanadh tu gur ann às na h-Innseachan a bha e, agus bha esan cho dèidheil air a' Bhanrigh, agus uabhasach sìos air daoine nach robh na h-iarraidh. Ach tha mi a' smaoineachdainn, tòrr dhen fheadhainn a thàinig à rìoghachdan eile ann an seo, bha iad a' bhòtadh man a... man a bhathar ag iarraidh orra. Bha cuideigin àrd anns a' chommunity aca, man gun canadh tu, ag iarraidh orra: 'Seo man a bhòtas sibh.' Agus chan eil e a' ciallachadh cus dhaibh. Chan eil càil a dh'fhios aca. Bidh iad a' bruidhinn air 'Banrigh Shasainn'. Man a tha thu ag ràdh, cò tha sin? Dè an gnothaich a th' againn ri sin? Ach mar a tha Màiri ag ràdh, tha gu leòr ann fhathast, gu h-àraid de dhaoine [?meadhan-latha] 's nas aosta na sin, a tha ceangal aca ris an t-Seann Dùthaich.

CM: A bheil thu fhèin a' dol ga faicinn, nuair a ruighneas i Melbourne, a Mhàiri?

MN: Ò cha chreid mi gu bheil. Chan eil mi cinnteach cà 'il... cà 'm bi i, agus 's dòcha gum bi mi trang.

CG: Ò uill, sin man a bha mise an-diugh. Chan eil mise a' dol a-steach gun an Opera House airson sùil a tha seo.

CM: Uill...

MN: 'S dòcha gum faic mi am Prionnsa.

CM: Cò am prionnsa?

MN: Am Prionnsa... Prince Philip.

CM: Ò, a bheil esan gu bhith... 's e esan a tha gu bhith shìos aig a' yacht club, an e?

MN: Tha e a' dol a bhith sìos aig a' yacht club, 's chan eil sin ach trì... mu thrì mìle bhuainne. 'S dòcha gum faic mi e.

CM: Uill, mo thaing dhan an dithis agaibh airson a bhith a' toirt dhuinn beachd gu dearbha air turas a' Bhanrigh, turas a' Phrionnsa, an sin, a dh'Astràilia. Màiri Nic an Tòisich ann am Melbourne. Ceitidh Ghreumach ann an Sydney.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good