Search

Bòrlanachd dhan uachdaran ann an Colbhasa.

Date 21 February 1969
Track ID 15120
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1969.07.A4

Original Tape ID

SA1969.007

Summary

Free labour for the laird in Colonsay.

There was no common land in Kilchattan. No one was evicted in Colonsay; people left of their own accord. The laird was unwilling to let some go as he wanted them to stay for the bòrlanachd [compulsory free labour], where tenants had to give the laird a set number of days on top of the rent - the contributor thinks they gave twelve days work.

Information on the types of work they were expected to do. They had to drop their own work and go to work for the laird whenever they were summoned. This stopped long before the contributor's day, but it was going when his father was young.

Item Location

County - Argyllshire

Parish - Colonsay and Oronsay

Island - Colonsay

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh cuideachd, cha robh, abair far an robh talamh machaire ann am baile ann a sheo, nam biodh talamh gainmheachadh, talamh machaire, an robh pàirt sam bith dhen talamh mhachaire far an robh... a bh' aig a' bhaile uile, far am biodh iad a' sèireadh? No an robh a chuid fhèin aig a h-uile duine?

Hugh Martin (HM): Ò bha a chuid fhèin aig a h-uile duine ann an Cille Chatain. Ò uill, cha robh talamh ghainmheachadh ann an Cille Chatain. Cha robh.

DE: Cha robh. Dè anns na machraichean? An robh iad a' sèireadh an talamh gainmheachadh ann a shin, saoil?

HM: Ò uill, 's e... 's e tuathanas a bha sin.

DE: Ò 's e tuathan-... tha, tha mi a' tuigsinn.

HM: 'S e, on is cuimhne linne co-dhiù.

DE: Chaidh na daoine... chaidh na daoine a chlìoradh a-mach às a sin, nach deach?

HM: Uill, cha chreid mi gun robh riamh an Clearance an Colbhasa. Chan eil e ann an sgrìobhadh gun robh co-dhiù.

DE: Nach robh a-nist?

HM: Dh'fhalbh na daoine, ach...

DE: Dh'fhalbh iad dhen toil fhèin, mar gum bitheadh?

HM: Dh'fhalbh. Chan fhaca mi riamh ann an sgrìobhadh e 's cha tuirt duine rium riamh gun robh e ann an sgrìobhadh.

DE: Cha tuirt duine riamh... cha robh e am measg nan daoine fhèin ann a sheo gun robh clearance riamh ann?

HM: Cha robh.

Mary Martin (MM): Ò cha chuala mi riamh. Bha iad dìreach a' falbh on their own accord.

HM: Dh'fhalbh iad on their own accord. Uill, chan eil fhios a'm dìreach nach biodh iad air an encourage-adh gu 'm falbhadh iad.

DE: Seadh, tha mi a' tuigsinn. Tha mi a' tuigsinn.

HM: Ach cha robh clearance ann mar a bha a-nuas sa chuid eile den [???].

MM: Bha na... chùm an laird air an... an dèidh dhaibh a' dol do Thobar Mhoire, mòran de na daoine, 's iad a' dol do dh'Ameireaga, uill chùm an laird air an aiseag. Chuir iad... chuir e fios nach robh feum aca air falbh ann, cho math 's a bha iad dheth an Colbhasa. Bha e gan cumail airson a' bhòrlantachd.

HM: Chan e - a' cheilp.

MM: Oh yes, the kelp.

DE: Seadh. Nist, nist, seo agaibh rud.

MM: Seòltachd a bh' ann. For the kelp.

DE: 'S e, dìreach. Nist, bha facal agaibh ann a shiud cuideachd. Thuirt sibh a' bhòrlanachd, nach thuirt. Nist, dè bha seo?

MM: Duty work.

HM: Bha sin, free labour.

DE: Bha. Nist, cò mheud latha a bhòrlanachd a bh' aig duine ri thoir dhan... dhan an uachdaran anns a' bhliadhna, a bheil fhios agaibh?

MM: A h-uile latha sa bhliadhna 's dà latha dheug a bharrachd.

HM: Tha cuideigin à seo a thuirt gun robh a h-uile latha sa bhliadhna agus dà latha dheug a bharrachd ann, ach chan eil fhios a'm dè mar a fhuair e sin a-mach. Cha chreid mi nach e dusan latha a bh' ann.

DE: Nist, an robh iad a' pàigheadh màl a bharrachd air a seo?

MM: Ò cha chreid mi nach robh.

DE: Bhiodh iad a' pàigheadh rent a bharrachd air... air a sin?

HM: Tha fhios gun robh. 'S e na croitearan a bhiodh a' dèanadh sin.

DE: 'S e. Agus dè seòrsa obair a dh'fheumadh iad a dhèanamh dhan a... dhan an uachdaran?

MM: Rud sam bith a bha ri dhèanadh, cha chreid mi.

DE: Dè, an e... an e treabhadh, no mòine, no...?

HM: Bhiodh mòine 's bhiodh feur 's bhiodh coirce, 's bhiodh cur a-mach feamainn 's bhiodh a h-uile rud.

DE: Nist, ged a bhiodh tu fhèin trang...

HM: Ò dh'fheumadh tu dol ann am bòrlantachd.

DE: Dh'fheumadh. Dh'fheumadh ged... nam faigheadh tu fios a dhol ann, dh'fheumadh tu a dhol ann.

HM: Nam faigheadh tu fios a dhol ann am bòrlantachd, dh'fheumadh tu dol ann.

DE: Agus a-niste, am biodh... am biodh a h-uile duine anns a' bhaile a' dol ann air an aon latha? Air neo...

HM: Uill, cha b' urrainn mi ràdh.

DE: Seadh. Ach an robh a' bhòrlanachd a bha seo a' dol ri ur cuimhne fhèin?

HM: Ò cha robh.

MM: No, not in my time.

MH: Ò, cha robh. Math dh'fhaodte gun robh ceud... chan eil fhios a'm an robh ceud bliadhna [???].

DE: Seadh. Seadh, seadh. Seadh. Ò glè mhath.

HM: Bha i... bha i ann nuair a bha m' athair na dhuine òg.

DE: Seadh. Agus 's e dà latha dheug sa bhliadhna, an e, a dh'fheumadh iad a thoir seachad? Agus uair sam bith nuair a bha feum orra?

HM: 'S e siud a thuirt an duine. Cha chualas riamh a leithid. Bòrlantachd a h-uile latha sa bhliadhna 's dà latha dheug a bharrachd.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good