Search

Prògram Choinnich

Date 02 June 1998
Track ID 15434
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 02.06.1998

Summary

The Museum of Transport in Glasgow.

Donald Cameron gives a tour of the Museum of Transport in Glasgow, talking about the different vehicles which can be seen and a little about their history.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Lanarkshire

Parish - Glasgow

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Uill, tha fear còmhla riumsa an-dràsta agus chan eil e fhathast trì fichead 's a deich idir. 'S esan Dòmhnall Camshron. Tha e air a bhith an t-seachdain sa a-rithist ann an togalach inntinneach ann an Glaschu. Ciamar a tha thu, a Dhòmhnaill?

Dòmhnall Camshron (DC): Tha mi gu dòigheil, a Choinnich. Madainn mhath.

CM: 'S e sin a th' ann, gu dearbha. Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail, Museum of Transport. Càit a bheil e?

DC: Tha e air Sràid Dumbarton, dìreach anns a' Khelvin Hall, no co-dhiù ann am pìos dhen a' Khelvin Hall. Am pìos a th' air... ri Sràid Dumbarton, Dùn Bhreatainn, dhen a' Khelvin hall, 's e ionad-spòrs a th' ann. Tha thu a' dol an uair sin timcheall taobh na togalaich, ris an abhainn dhith, Abhainn Khelvin... Abhainn Khelvin, agus a' dol a-staigh an doras ann a shin air Rathad Bunhouse, agus sin a-nist far a bheil an taigh-tasgaidh seo.

CM: A bheil e air a bhith ann an sin bho chionn fhada?

DC: Tha mu fhichead bliadhna bho thàinig e ann a shiud. Ron a sin, bha e thall air taobh a deas na h-aibhne.

CM: Tha. Bha mi a' smaoineachadh sin.

DC: An tramway, an taigh-ealain air a bheil an tramway an-diugh, sin far an robh e o thoiseach, ach tha còrr 's fichead bliadhna o thàinig e a-nall à siud. Agus tha e gu snasail far a bheil e cuideachd.

CM: Uill, tha, agus goireasach faighinn ann, agus tha sin gu math cudromach nuair a tha duine a' dol gu àite dhen t-seòrsa sa far a bheil thu ag iarraidh beagan ùine a chur seachad ann, nach eil?

DC: Uill seo an rud, agus gu deimhinne, chuireadh tu seachad latha a-staigh an siud gu furasta. Tha uiread ann ri fhaicinn. Agus nuair a tha thu a' dol a-staigh an toiseach, chomhairlichean-sa do dhaoine, tha mi a' smaoineachadh, a dhol chun an làmh chlì an toiseach. 'S ann a... sin an taobh a chaidh mise, agus chòrd am pìos a bh' air an làimh chlì rium gu h-àraidh. Agus 's e tha seo ach tha iad air sràid ann an Glaschu a chruthachadh às na deich air fhicheadan dhen an linn seo, agus tha mi fhèin 's tu fhèin fada ro òg airson cuimhne a bhith againn air a sin.

CM: Ò uill, tha gu dearbha, a Dhòmhnaill.

DC: Ach bha gu leòr a-staigh an latha ud aig an robh deagh chuimhne air na h-amannan sin, agus bha e dìreach iongantach a bhith gan cluinntinn a' ràdh, ò, tha cuimhn' a'm air a siud 's air a seo 's dè rud eile. Tha an t-sràid dìreach mar a bha i a thaobh solais, a thaobh nan càraichean a bh' air an t-sràid, a thaobh nam bùithtean a th' air an t-sràid, a thaobh, bheil fhios agad, 's e cobbles chloiche a th' oirre cuideachd, agus leacan cloiche cuideachd air a' chabhsair, agus dìreach sgaoileadh de bhùthan anns an earrann seo 's a bh' ann nuair a bha an t-sràid... nuair a bha an t-sràid... sràidean mar siud againn. Bùth a' bhùidseir, 's a' bhèiceir, 's banca 's post office, a h-uile bùth a bha goireasach, 's bùth... aodach bhoireannach, thug mi an aire, ach cha robh aodaich fireannach ann idir. Dòcha gu bheil sin a' ràdh gun robh boireannaich a' ceannach barrachd aodaich anns na deich air fhicheadan. Agus cuideachd stèisean subway. Tha stèisean subway ann, agus na seann trèanachan a bha a' dol, agus a chaidh a thoirt... nuair a chaidh an subway a dhèanamh suas bho chionn mu fhichead bliadhna a-rithist, tha iad sin ann cuideachd. Agus bha sin anabarrach inntinneach, agus bha thu... bha thu caran air do... air do ghlacadh anns an àm, mar gum b' eadh.

CM: Uill, nam bithinn-sa a' dol a-steach an sin an-dràsta, an aon dòigh a dh'aithnichinn-sa gun robh e fuadan, 's e sin mana biodh... bha fàileadh sònraichte às an subway. A bheil sin aca?

DC: Tha eagal orm nach eil.

CM: A bheil fhios agad an rud a tha mi a' ciallachadh?

DC: Tha [???] ann fhathast, anns an dearbh [???] fhathast. Ach feumaidh nach eil... cha bhi inneal ann a chruthaicheas an t-àileadh a tha sin. Cha ghabh e cruthachadh gu mì-nàdarrach.

CM: Uill, chan eil fhios... chan eil fhios agam. Bhiodh e inntinneach. Tha cuimhn' a'm a bhith ann an taigh-tasgaidh ann am Vancouver, agus bha e annasach na fàilidhean a bha iad a' faighinn air a chruthachadh, agus...

DC: Bha àilidhean acasan ann a shin?

CM: Bha.

DC: Ò uill.

CM: Co-dhiù, co-dhiù, chan eil mi... chan eil mi airson do sgeulachd a mhilleadh ann an sin.

DC: Tha e ceart gu leòr.

CM: Bha thu ann an sin a-rèiste, 's bha an t-sràid sin ann, agus...

DC: Bha an t-sràid sin ann, agus bha i inntinneach dha-rìribh. Agus an uair sin, mus tèid sinn gu prìomh sheòmar na taigh-tasgaidh, dìreach, tha rud beag eile ann, taisbeanadh de dh'eachdraidh togail rathad mòr an M eight tro Ghlaschu, agus bha sin gu math snasail 's air fhìor dheagh dhèanamh. Taisbeanadh gu math ùr, tha mi a' smaoineachadh, agus... ach tha gu leòr... a-rithist, bha sin a' faighinn tòrr aire... aire gu leòr aig na bha a-staigh anns an àite sin. An uair sin, a' gluasad a-staigh gu mar gum b' eadh cridhe an àite, agus a' chiad rud dha bheil thu a' tighinn, 's e seann innealan-smàlaidh, agus tha iad sin cho fìor shean. Tha feadhainn ann bho deireadh na linn seo chaidh. Feadhainn, gu deimhinne, a bhiodh air an tarraing le daoine agus air am pumpadh le làimh. Bha iad cho fìor sean sin. Cha robh... cha robh uidheam annta idir, agus tha sgaoileadh de dh'aoisean ann a shin bho na fìor fheadhainn... feadhainn fìor shean a tha sin. Agus tha na feadhainn eile a th' ann, tha iad... tha iad mun... aois nan deich air fhicheadan a-rithist. Ach tha iad sin nas coltaiche ri na feadhainn air a bheil sinn eòlach an-diugh.

A' cumail ort suas às a sin, agus tha thu a' tighinn gu busaichean, agus gu na trams an toiseach, agus tha na trams inntinneach. Feumaidh mi aideachadh gu bheil mi fhèin dìreach... o, chan eil... uill, tha cuimhn' a'm air trolleybuses. Cha chreid mi gu bheil cuimhn' a'm air trams idir, ach tha cuimhn' a'm air na trolleys. Agus gu deimhinne, tha bus-troilidh ann, bus singilte troilidh. Tha mi a' smaoineachadh... tha mi a' smaoineachadh gun robh bus-troilidh a' ruith suas gu trì fichead 's a h-ochd, rudeigin mar sin. Tha e iongantach cho fad 's a mhair am bus-troilidh an Glaschu. Agus gu deimhinne, an taisbeanadh air togail nan rathaidean, thathar a' bruidhinn, of course, air na trams a thilleadh, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheilear... gun gluaisear thuige sin fhathast.

CM: Uill, tha e inntinneach gu dearbha, agus tha e feumail gu bheil na trams agus na seann bhusaichean aca ann an sin fhathast, airson, ma bhios iad a' beachdachadh air a bhith a' dealbhachadh feadhainn ùra, faodaidh iad a dhol ann an sin a dh'fhaicinn dè dh'obraich agus dè nach do dh'obraich anns na làithean a dh'fhalbh.

DC: Uill, 's e seo an rud. Agus bha e iongantach gun robh tram a thòisich dìreach ann an naodh ceud deug fhèin, dìreach toiseach na linne, agus bha dà ùrlar air, 's bha sin ùr aig an àm, agus bha i a' dol aig ochd mìle deug san uair, agus tha i ann a shiud cho snasail. Gun teagamh, ged a chì thu iad, chan fhaigh thu a-staigh nam broinn.

CM: Ò, nach fhaigh?

DC: Chan fhaigh. Sin aon rud. Dòcha, gun teagamh, gum biodh clann a' dol a-staigh 's gum biodh iad dìreach a' dèanamh... chan e damaiste, ach dìreach a' bocadaich air na suidheachain 's rud mar sin. 'S dòcha gum biodh iad a' dèanamh beagan milleadh, 's mar sin, chan fhaigh thu a-staigh nam broinn idir.

CM: Nise, tha na trèanaichean ann cuideachd, nach eil?

DC: Tha trèanaichean ann. Tha trèanaichean ann. Trèanaichean-smùide a th' ann air fad. Agus a-rithist, tha eachdraidh fhada mu gach trèan. Tha e ro fhada innse an-dràsta, ach tha bùird ann far am faigh thu an eachdraidh, 's tha an eachdraidh inntinneach, agus tha e iongantach a' bheatha a bh' aig na seann trèanaichean sin.

CM: Agus an fheadhainn a bha ag obair orra.

DC: Tha, gu deimhinne. Gu deimhinne, tha. Tha fiosrachadh... 's e seo an rud, a bheil fhios agad, tha de dh'fhiosrachadh ann gun toireadh tu ùineachan nan ùineachan a-staigh ann, agus bha a choltas gun robh e air a dheagh chleachdadh, 's bha iad a-staigh dhe gach aois, agus à gach dùthaich. Bha iomadh cànan à dùthchannan cèin ri chluinntinn cuideachd.

Agus an ath rud a chunna mi, agus bha cuimhn' a'm fhèin air, agus bidh cuimhn' agadsa air cuideachd, a' bhan dhearg, bhan dhearg a' phuist. Morris a thousand. Tha tè dhiubh sin ann, agus rinn mi toileachas rithe, feumaidh mi ràdh. Agus an tè a bha siud, 's ann an Eilean Arainn a bha i, agus rinn i ceud gu leth mìle mìle mun do chuirear... mun do chuirear a-staigh dhan taigh-tasgaidh i. Agus rinn mi toileachas rithe, feumaidh mi ràdh.

CM: Bha tòrr charbaidean eile ann, ge-tà, nach eil, agus gu sònraichte feadhainn a chaidh an togail aig diofar amannan an Alba fhèin, nach robh?

DC: Tha. Tha feadhainn ann à Alba. Tha iad uile uabhasach sean.

CM: A bheil a' Hillman Imp ann idir?

DC: Ò, tha. Tha thu ceart, tha thu ceart. A bharrachd air na feadhainn shean, tha Hillman Imp ann a chaidh a thogail ann an Linwood, agus tha sin ann gun teagamh. Ach 's e na feadhainn as motha a th' ann, as pailte a th' ann de charbadan Albannach, 's e feadhainn fìor shean, agus a' Hillman Imp fhèin, cha mhòr nach e sin e. Agus [???] ann an sin, tha dìreach garaids, mar a bha garaids, agus a-staigh an sin, tha a h-uile seòrsa càr, a bheil fhios agad, bho feadhainn dhaor, dhaor Rolls-Royce 's Jaguars, gu Hillman Minx 's Ford Anglia 's feadhainn a tha sin. Dìreach sgaoileadh farsaing, farsaing de charbadan. Agus a-muigh bhon a sin... tha sin ann a... caran ann an iomall beag dha fhèin, agus a' tilleadh gu... caran gu meadhan an àite, tha seann... seann tractar, smùid a-rithist, agus seann mhuileann-froisidh, 's rud no dhà co-cheangailte ri tuathanas. Agus an uair sin gigeachan. Tha tòrr ghigeachan 's coidseachan 's na caravans a bhiodh air an tarraing le eich, na feadhainn a bh' aig na feadhainn a bhiodh a' siubhal feadh an àite, agus tha iad sin, tha feadhainn dhiubh a tha fìor shnasail, dathte, agus fìor 's d' fhiach am faicinn.

CM: Uill, abair taisbeanadh gu dearbha. Agus dh'fheumamaid a ràdh, ged nach tuirt sinn mòran mu dheidhinn seo fhèin, an togalach fhèin, 's e togalach inntinneach a th' ann, togalach eireachdail cuideachd, nach e?

DC: Togalach eireachdail dha-rìribh, agus a bheil fhios agad, tha... bidh beatha fìor fhada aice, thoradh tha mòran ga cleachdadh, eadar an taigh-tasgaidh agus an ionad-spòrs, agus tha tlachd innte. Agus a bheil ùine agam bruidhinn... a bheil ùine agam bruidhinn air rud beag eile?

CM: Tha.

DC: Tha thu an uair sin a' dol suas, tha staidhre a' dol suas, agus tha mar gum b' eadh leth-ùrlar letheach suas na cliathaich, agus shuas an sin tha seòmar air a bheil Seòmar Cluaidh, no Seòmar a' Chluaidh, agus chan eil a-staigh sin a-mhàin ach models, ìomhaighean beaga de bhàtaichean, dhe gach seòrsa. Tòrr dhe na bàtaichean a chaidh a thogail air a' Chluaidh fhèin, bàtaichean bhon a' Chabhlach Rìoghail, seann bhàtaichean cogaidh bho linntean ron a seo, gheataichean mòr 's beag, dìreach a h-uile seòrsa bàta. 'S a-rithist, cha mhòr nach cuireadh duine seachad latha a-staigh sin fhèin. Tha uiread ann. Agus mu dheireadh, taobh a-muigh an àite sin, tha baidhsagalan dhe gach seòrsa, eadar motar-baidhsagalan agus na rothairean cumanta.

Agus tha naidheachd bheag agam anns an dealachadh dìreach air... 's e Albannach a thog am baidhsagal as sine a th' ann, fear à Dumfries, Dumfries a bha e, agus thog e seo ann an ochd ceud deug dà fhichead 's a dhà, baidhsagal fiodha, agus bha stiùir air an toiseach, agus chuir e... cheangail e pedals agus... agus... ceangal ris an roth chùil. Thàinig e a Ghlaschu leis, agus bha stir eagalach ann, thoradh leag e... leag e leanabh 's land e sa phrìosan, thoradh bha an t-uidheam a bha seo, feumaidh gun robh e a' dol sìos leathad no rudeigin, 's leag e... leag e leanabh agus bha e dìreach sa phrìosan air sgàth seo. Ach bha e inntinneach gur e Albannach a dhealbh am baidhsagal anns a' chruth anns a bheil sinn eòlach air an-diugh.

CM: Uill uill.

DC: Seo a-nist.

CM: Sin agad e. Inntinneach gu dearbha. Agus àite eile... an robh thu air a bhith ann a-riamh ron a sin, a Dhòmhnaill?

DC: Bha mi ann nuair a bha e thall air taobh eile na h-aibhne.

CM: Ach tha e air a bhith ann an sin còrr 's fichead bliadhna 's cha robh thu a-riamh ann?

DC: Nach e sin an truaighe. Cò chreideadh e. Ach bidh gu leòr coltach rium.

CM: Uill, seo rud a tha inntinneach mu dheidhinn an t-sreath a tha seo, na tha de thogalaichean inntinneach ann an Glaschu 's de thaisbeanaidhean nam broinn, mòran dhiubh, agus mòran, dhe do sheòrsa fhèin, 's a sheòrsa Iain MhicNèill, nach robh a-riamh annta.

DC: Agus ma tha sinn... ma tha sinn gann san sporan, rud nach eil sinn, ach nam bitheadh, tha iad saor 's an-asgaidh cuideachd. Chan eil leisgeil sam bith aig duine.

CM: Chòrd e riut.

DC: Chòrd fìor, fìor mhath.

CM: Uill, a Dhòmhnaill, tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach a dh'innse dhuinn mu dheidhinn. Dòmhnall Camshron ann an sin, agus e an t-seachdain sa ann an Taigh-taisbeanaidh na Còmhdhail ann an sin ann an Glaschu.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good