Search

Prògram Choinnich

Date 03 June 1998
Track ID 15621
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 03.06.1998

Summary

The re-opening of the Exhibition Centre at the Johnstons of Elgin mill.

The Exhibition Centre at the Johnstons of Elgin mill will be officially opened by Lord MacFarlane. Floods badly destroyed the mill and as a result it has been closed for up to a year. Donald Montgomery, one of the directors, talks about the destruction caused by the flood and how they handled the situation.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Moray

Parish - Elgin

Village/Place - Elgin

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Fosglaidh ionad-taisbeanaidh aig Muilinn MhicIain ann an Eilginn gu h-oifigeil an-diugh, às dèidh a bhith dùinte airson faisg air bliadhna. Rinn tuiltean uisge call mòr uabhasach air a' mhuilinn, mar a chuala sinn air a' phrògram seo fhèin aig an àm. Bha a h-uile càil fodha ann an ceithir troighean de bhùrn. Bha uidheaman, snàth agus clò gun fheum. Fiach fichead millean not de chall air fad. Ach tha iad an-diugh a' comharrachadh gu bheil iad air faighinn thairis air a sin, agus 's e àite chudromach a th' anns a' mhuilinn do dh'Eilginn. Tha còrr agus ceud mìle duine a' tadhal air a' mhuilinn gach bliadhna. Tha fear dhen luchd-stiùiridh agam air an loidhne an-dràsta. 'S esan Dòmhnall MacGumaraid. A Dhòmhnaill, ciamar a tha thu? Na do chabhag, tha mi a' tuigse, anns a' mhadainn an-diugh.

Dòmhnall MacGumaraid (DM): Madainn mhath, a Choinnich, [???] chabhag.

CM: 'S e sin a th' ann. Na do mhàl, tha mi cinnteach...

DM: Na mo mhàl, ach chan eil... chan eil ceithir troighean de dh'uisge againn an-diugh.

CM: Chan eil. Uill, thoir air ais sinn. Bha e... bha e uabhasach, nach robh?

DM: Bha. Fhios a'd, 's e droch latha a bha... a bh' againne air a' chiad latha de July an-uiridh. Droch latha.

CM: Dè a' chuimhne a th' agad air?

DM: A' tighinn a-steach oidhche Luain... chan ann - oidhche Mhàirt, air a' chiad latha de July an-uiridh, agus pìosan cashmere, bèilichean de chashmere, orders a bha deiseil airson falbh... airson an cur air falbh chun na... chun na customers againn, 's iad... iad fo trì... trì 's ceithir troighean de bhùrn. Bha... 's e droch, droch latha a bh' ann. Bha sinn a' bruidhinn air an latha eile, gur e an rud a b' fhasa dhuinn a dhèanamh an latha seo, coiseachd air falbh, agus fhàgail. Ach bha trì cheud gu leth duine nan seasamh aig a' gheata, agus bha iadsan a' smaoineachadh an aon rud, gun robh a h-uile càil a bh' ann air a dhol sìos an abhainn. Agus sin an latha bu mhiosa dhen a' bhliadhna a chaidh seachad.

CM: Agus ann an ùine gu math goirid, thuig sibh nach e a-mhàin na bèilichean, an stuth a bha sibh air ullachadh airson a dhol air falbh a bha sibh air a chall, ach gun robh sibh air a' mhòr-chuid dhe na h-uidheaman a bh' air a h-uile càil a bha sin a dhèanamh a chall cuideachd, agus cuid dhiubh gu math daor, cuid dhiubh gu math ùr iad fhèin, nach robh?

DM: Bha gu dearbha, agus 's e... 's e na... 's e an call a chaidh a dhèanamh, a h-uile càil, chaidh na... chaidh na beartan 's... chaill sinn a h-uile càil a bh' againn, ach na buildings, agus 's e dè man a bha sinn a' dol thòiseachainn cur sin ri chèile a-rithist airson... airson na daoine a bha... na daoine a bha a' feitheamh airson an stuth aca fhaighinn airson a chur dha na bùithtean, gu h-àraidh aig an àm ud a bhliadhna, bhon 's e an t-àm ud a bhliadhna, bha an stoc againn cho àrd 's a tha e uair sam bith eile dhen a' bhliadhna.

CM: Agus dè thachair? An robh e comasach dhuibh faighinn... an stoc a tha sin fhaighinn à badeigin eile? An robh e comasach dhuibh gu leòr a dhèanamh a shàsaicheadh luchd nam bùithtean gus am faigheadh sibh sibh fhèin air dòigh?

DM: Ò thàinig... thàinig oirnn tòiseachainn air ais. Thàinig oirnn... bha sinn... bha sinn a' toirt cashmere à China, 's àbhaist dha a bhith a' tighinn air na bàtaichean, 's bidh e a' toirt sia seachdainean a' tighinn. Agus a' chiad rud a thàinig oirnn... uill, a' chiad rud a thàinig oirnn a dhèanamh, 's e telephones fhaighinn, agus gus am faigheadh sinn a bhith a' bruidhinn ri daoine air feadh an t-saoghail, 's ag innse dhaibh dè b' urrainn dhaibh a dhèanamh airson ar cuideachadh. Agus bha sinn an uair sin, an àite a bhith a' feitheamh sia seachdainean, bha sinn ga fhaighinn ann an trì latha. Chuir sinn air... thàinig e air an adhar.

CM: 'S an d' fhuair sibh gun robh daoine... na daoine aig an robh stuth airson a thoirt dhuibhse, an robh iadsan cuideachail?

DM: Ò, bha. Fhuair sinn cuideachadh bhon an t-uabhas dhaoine. Daoine... daoine... daoine a bhios a' dol nar h-aghaidh a' reic, bha iadsan a' fònaigeadh an-àirde 's a' faighneachd dè b' urrainn dhaibh a dhèanamh airson ar cuideachadh, agus bha sin... fhuair sinn toileachadh uabhasach às a sin, daoine anns an industry againn a bha airson... bha iad deiseil airson ar cuideachadh. Rud sam bith a b' urrainn dhaibh a dhèanamh. Agus bhon an latha sin, bha na customers againn, bha iad gu math foighidneach, a' chuid as motha dhiubh, agus tha iad againn fhathast.

CM: 'S e suidheachadh annasach a bh' ann, a-rèiste. Cha mhòr nach robh e air a bhith cho saor dhuibhse, 's dòcha na bu shaoire, a dhol gu àite ùr agus àite ùr a thogail agus fhosgladh, an robh?

DM: Bhiodh e na b' fhasa ann an iomadach dòigh, ach bhiodh e... bhiodh e... cha bhiodh sinne far am bitheadh sinn an-diugh nan robh sinn air tòiseachadh air ais.

CM: Dè thachair dha na bha sin de bheartan 's na bha sin de chlòimh 's na bha sin de dh'aodach?

DM: Bha làraidhean, a Choinnich, bha làraidhean a-mach... a-mach 's a-steach às a seo. Chunnt mise còrr air leth-cheud làraidh, làn de chashmere 's de chlòimh 's de mhachinery, a' dol a-mach an geata dhan a' scrapyard. Cha mhòr nach tug e orm gal, a' faicinn na bh' againne a' falbh dhan an dump. Ach, a bheil fhios a'd, 's e sin... 's e sin san daoine againn fhìn, a' tighinn a-steach 's iad ag obair fad latha, fad oidhche, a' glanadh 's na b' urrainn dhaibh a dhèanamh airson an t-àite... airson tòiseachainn air ais, agus 's e sin a rinn sinn.

CM: Tha a-nise, ma-thà, tha sibh... tha sibh air a bhith ag obair 's tha an t-àite air a bhith a' dol, tha fhios agam, bho chionn greiseag a-nise, ach 's e... tha an-diugh, 's e latha oifigeil a th' ann. Tha sibh... am Morair MacPhàrlain, tha esan ri fosgladh an t-àite ùr a tha seo agaibh. Dè tha sin a' ciallachadh dhuibh?

DM: Tha sinn air na bòtannan 's na waders a chur air falbh 's tha na brògan spaideil a-muigh air ais.

CM: Och, tà, seach gun robh sibhse spaideil, bha na waders agaibh co-dhiù - bidh sibh a' dèanamh tòrr iasgach.

DM: Tha e a' minigeadh tòrr dhuinn, a Choinnich, an t-àite a chur air ais far an robh sinn. Agus na tha de dhaoine, mar a thuirt thu, tha còrr air ceud mìle duine a' tighinn a-steach an doras a h-uile bliadhna a dh'fhaicinn dè tha sinn a' dèanamh, 's a' ceannach pàirt dhe na tha sinn a' dèanamh.

CM: Tha sibh a' fosgladh an-diugh. Latha mòr agaibh ann an sin an-diugh, a-rèiste. Còrr 's trì cheud duine ag obair ann an sin. Na mìltean mòra a' tighinn... a' tadhal oirbh gach bliadhna. Uill, tha mi an dòchas, gu dearbha, gun tèid an latha gu math dhuibh, agus dh'fhaodadh sinn a bhith air tòrr na b' fhaide a thoirt a' cluinntinn dìreach beagan mu... beagan a bharrachd mu dheidhinn dìreach na duilgheadasan a bh' agaibh ann a bhith a' tòiseachadh a-rithist. Ach 's e latha a tha seo airson a bhith a' coimhead air adhart, tha mi cinnteach, agus tha sinn a' guidhe iomadh latha eile soirbheachail dhuibh ann an sin ann an Eilginn, do mhuinntir a' bhaile agus dhan obair agaibh fhèin anns a' mhuilinn cuideachd. A Dhòmhnaill, tapadh leatsa gu dearbha airson dhà no thrì mhionaidean, agus tha fhios agam gu bheil thu gu math trang, 's faodaidh... gu bheil cabhag ort 's gum feum thu falbh a-nise a-rithist...

DM: Mòran taing... mòran taing dhut fhèin, a Choinnich. Tha fhios a'm gu bheil thu air a bhith a' bruidhinn rinn bho thachair seo, 's tha... mòran taing a-rithist.

CM: 'S e do bheatha. Dòmhnall MacGumaraid ann an sin, aig Muilinn MhicIain ann an Eilginn. Latha mòr acasan ann an sin an-diugh, agus carson nach bitheadh gu dearbha, às dèidh na chunnaic iad agus na thachair riutha anns a' bhliadhna a chaidh seachad.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good