Search

Prògram Choinnich

Date 10 July 1998
Track ID 15744
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 10.07.1998

Summary

The week's local, national and international news.

Mairi Bremner gives her opinions on the week's local, national and international news.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Benbecula

Village/Place - Liniclete

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Uill, chan ann à Cille Pheadair a tha an tè a tha a-staigh còmhla riumsa an seo idir an-dràsta. 'S ann a tha i a' fuireachd dìreach beagan mhìltean deas air Lìonacleit ann an seo, ann a... càit a bheil thu a' fuireachd? Màiri Bremner.

Màiri Bremner (MB): Air a' Chàrnan.

CM: Air a' Chàrnan. Ach cha b' ann às a' Chàrnan a tha thu bho thus, an ann?

MB: Chan ann.

CM: Loch a' Chàrnain, an ann?

MB: Chan ann, chan ann, gu dearbh fhèin e.

CM: Càirinis?

MB: Ist, dùin do bheul. Rugadh 's thogadh mise ann an Gèirinis. Baile beag snog, às an tàinig a h-uile duine ceart.

CM: Nise, tha thusa air a bhith a' cruaidh-rannsachadh nam meadhanan airson naidheachdan na seachdain sa.

MB: Uill, a m' eudail, chan eil, a chionn 's... innsidh mi seo dhut. 'S e fìor, fìor dhroch sheachdain a thagh thu airson mise a bhith a' leughadh phàipearan, a chionn 's tha a leithid a' dol ann an Uibhist a Deas an-dràsta. Ach tha mi a' smaointinn mun tòisich mi, chuala mi dìreach criomag bheag an-diugh sa mhadainn, 's tha mi airson fhaighinn a-mach an e thu fhèin fear dhe na ceithir monties a th' aca sa phàipear an-diugh, an dealbh aca? Tha thu air a bhith air chall air feadh na seachdain, chuala mi. Cha robh thu an Leòdhas idir, 's bha sinn a' sùileachadh an tu fear dhe na monties a tha dearg rùisgte mar a rugadh iad ach am brògan.

CM: Càit... càit, a bhoireannaich, an robh thu a' leughadh sin?

MB: Uill, cha do... 's ann a chuala mi e an-diugh sa mhadainn. Feumaidh mi a-nist falbh a' sgrùdadh phàipearan an-diugh fhathast ach am faic mi an tu a th' ann.

CM: Uill, man a chì thu fhèin, tha a h-uile stiall ormsa ann an seo...

MB: Tha an-dràsta, ach an robh nuair a chaidh an dealbh a tharraing?

CM: Ò uill, chan eil fhios agamsa. A bheil... a bheil càil a choltas air mo chumadh leis an fheadhainn a bha san dealbh?

MB: Uill, chan fhaca mi e, ach nach fheum mi falbh a dh'iarraidh nam pàipear an-diugh ach am faic mi an tu a th' ann.

CM: Ò, an e sin an seòrsa...

MB: Leòdhasaich a th' ann. Ceithir Leòdhasaich, 's bha mi a' beachdachadh an tu fhèin fear dhiubh.

CM: Uill, a Mhàiri, a h-uile h-amaideas a thàinig orm, chan eil mi na mo mhonty fhathast. Tha mi na mo MhacÌomhair ceart gu leòr. An e sin an rud as cudromaiche a bha sna naidheachdan an t-seachdain sa?

MB: Uill, bha siud uabhasach annasach, 's bha mi dìreach a' beachdachadh cà robh thu. Ach co-dhiù...

CM: Bha... fuirich anns an tìr agad fhèin mus tòisich thu air na naidheachdan a th' agadsa ann an sin. Bha e inntinneach a bhith a' cluinntinn na beachdan misneachail a bha sinn a' cluinntinn mu shuidheachadh Bhaile a' Mhanaich, Bheinn a' Bhadhla, ann an seo na bu tràithe anns a' phrògram, nach robh?

MB: Bha. Agus tha mi a' dol leis a sin gu mòr, agus tha mi a' smaointinn gur e sin an dòigh air am feum sinn coimhead air n-adhart. Tha mi a' smaointinn gu bheil sinn air tighinn chun na h-ìre a-nist gu bheil an t-arm air tighinn gu buil, agus feumaidh sinn coimhead air gnothaichean sam bith, air rudan eile a tha a' tachairt. Agus tha buidheann ag obair gu math cruaidh anns a' choimhearsnachd, leis an dearbh feallsanachd a tha sin, agus tha mi an dòchas gur ann mar sin a thèid iad air n-adhart.

CM: Dè bh' anns na pàipearan?

MB: Uill, mar a tha thuirt mi riut, 's e seachdain truagh, trang, trang a bh' ann, ach co-dhiù, tha mi a' smaointinn gur e a' chiad a laigh ri mo shùil-sa, 's e seachdain ann am beatha Emma Noble. Tha fios gu bheil...

CM: Cò?

MB: Emma Noble. Tha fios gu bheil fios agad cò an tè a tha sin. Agus bha e uabhasach...

CM: Ò tha.

MB: A bheil fios agad a-nist cò i?

CM: Chan eil. Cò th' ann an Emma Noble.

MB: Ò uill, innsidh mi dhut aig deireadh na sgeulachd, ach 's e rud a ghabh mise annas mòr dheth. 'S e seachdain anns a' bheatha aice às dèidh na fhuair i a dh'airgead. Car [???] bhios tu fhèin a' faighinn de dh'airgead a fhuair i. Tòrr mòr, mòr airgid. Ach co-dhiù, 's e aon rud annasach a rinn i, dh'èirich i tràth sa mhadainn, chaidh a còmhdachadh uile-gu-lèir gu lèir ann an stuth steigeach air choreigin, agus an uair sin chuir iad oirre, o h-amhaich sìos gu sàilean, na grìogagan beaga a tha siudach, hundreds and thousands, agus nochd i a-mach an uair sin 's i air a còmhdachadh ann a shineach, agus na cairtean Crannchur Nàiseanta aice 's i a' feuchainn ri reic... a' toirt oirnne, fhios agad, a' reic...

CM: A bheil i tapaidh?

MB: Ò, tha i snog. A bheil fios agad idir cò i?

CM: Chan eil. A bheil i... a bheil i mòr?

MB: Uill, tha i tacsail, tha i snog. Chuireadh tu fo d' achlais i.

CM: Am feumadh i tòrr ghrìogagan airson a còmhdachadh, tha mi a' ciallachadh?

MB: Ò uill... uill, chan fheumadh i na h-uimhir sineach, ach bha gu leòr a ghrìogagan oirre a dh'aindeoin sin. 'S tha thu ag innse dhòmhsa nach eil fios agad cò i?

CM: Chan eil.

MB: 'S tu a' suidhe còmhla ri Zena an seo a h-uile seachdain.

CM: Ò, cha chuala mi Zena a' bruidhinn mu dheidhinn rud cho amaideach a-riamh, gòrach 's gu bheil i aig amannan.

MB: Ò, tha i miadhail, ge-tà, air... air an fheadhainn dham buin i, no an fheadhainn a tha cleamhnas aice leotha. 'S i am bràmair aig Seumas Major.

CM: Ò, an e? Sin agad e.

MB: Seo a-nist.

CM: Ò uill, bhiodh fhios aig Zena, a-rèiste, ceart gu leòr.

MB: Bhiodh fios aig Zena cò bh' ann an Emma Noble.

CM: Tha a thrioblaidean fhèin aig Iain, a-rèiste, ceart gu leòr, ach cha chreid mi gu bheil iad cho mòr ris na trioblaidean a th' aig Tony an t-seachdain sa. Bha Uilleam bochd, thug e dha latha dubh an latha roimhe anns a' phàrlamaid, nach tug?

MB: Ò, nach e Zena a bhiodh air a dòigh anns a' chathair seo an-diugh, nach bitheadh?

CM: Thug e dha màladh, ge-tà.

MB: Ò, thug, thug, thug. Ach na dhèidh sineach, tha Tony bochd air seachdain eagalach a chur seachad, eadar na Mandy's Muppets a bha sa phàipear air an t-seachdain seo, 's gach duine a bha crochte ris an sàs ann an slìomhaireachd an sin.

CM: Gu dearbha, agus...

MB: Am faod sinn rud beag a ràdh mu dheidhinn?

CM: Faodaidh, gu dearbha. 'S ann airson sin a tha thu ann an seo.

MB: An ann? Ò uill. Uill, tha car de thruas agam ri Tony, agus...

CM: A bheil?

MB: Rud beag.

CM: Carson?

MB: An fheadhainn a tha mu thimcheall. Daoine mar a tha thu... fhios agad, daoine mar a tha thu fhèin, a tha keen air an sgillinn.

CM: Uill, 's e an rud a tha ceàrr air a sin, tha mise a' cosnadh a h-uile sgillinn a tha mi a' faighinn. 'S e an rud a tha iadsan a' dèanamh, cha b' ann air sgàth... air sgàth càil a tha iad a' dèanamh, ach tha iad a' cleachdadh an eòlais a th' aca air na daoine sin 's ag ràdh, 'Ma phàigheas tu mi, nì mise cinnteach gum faigh thu cothrom bruidhinn ris na daoine sin.' Sin an rud nach eil ceart, nach e?

MB: Uill, 's e. Chan eil sin ceart idir. Agus tha mi a' smaointinn gu bheil iad air brath a ghabhail air an t-suidheachadh anns an fharsaingeachd a thaobh sin cuideachd. Agus tha truas... mar a thuirt mi riut, tha truas agam ris. Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' feuchainn ri a dhìcheall a dhèanamh, ach nuair a tha rudan mar seothach a' nochdadh, agus na daoine a tha sineach, 's tha iad bragail, 's tha iad bragail air sgàth 's gu bheil... gu bheil a' Phàrtaidh Làbarach cho làidir ann an Taigh nan Cumantan an-dràsta. Tha mi a' smaointinn gu bheil sin... roinn dhen sineach ann cuideachd.

CM: Cò tha a' feumachadh Tòraidh nuair a tha nàimhdean mar sin agad na do mheasg fhèin.

MB: Chan eil mi a' dol leis a sin idir. Tha mise a' coimhead air na naidheachdan anns an fharsaingeachd, agus tha mi truasail ri duine sam bith a th' ann an staing.

CM: Aidh aidh.

MB: Uill, a Choinnich, naidheachd eile a laigh ri mo shùil-sa aig deireadh na seachdain, 's e an duine a b' àirde anns an t-saoghal. Tuathanach thall ann am Pagastan. Agus bha e uabhasach truagh an deireadh a bh' aige, a chionn 's bhathar a' dèanamh [???] ciamar... cò phàigheadh airson... air sgàth e a bhith meadhanach, ach bha e aig aon àm, bha seachd troighean 's seachd òirlich ann, bha e aig aon àm a-bhos ann an Lunnainn, agus bha e cho àrd agus gum faodadh e crathadh làimh a thoirt do dhaoine a bh' air na busaichean dà fillte ann an Lunnainn, an fheadhainn a bh' air an làr a b' àirde, agus... ach mar a thuirt mi riut, air sgàth 's gur ann am Pagastan 's nach robh mòran airgead aige, cha d' fhuair e cothrom sìon a dhèanamh ris a sineach. Ach coimhead ris an naidheachd a bha seo cuideachd. Bha am fear a bu lugha anns an t-saoghal, 's bha e gu bliadhna air fhichead air dèanamh... tighinn suas gu bhith a' gabhail ris nach robh ann ach dìreach a' dol a bhith ann ach trì troighean a dh'àirde, agus nuair a bha e bliadhna air fhichead, thòisich e air fàs, agus bha seachd troighean 's seachd òirlich ann... ochd òirlich ann mun do bhàsaich e. 'S bha sin annasach, a bhith aig bliadhna air fhichead, air do bheatha... a' chuid bu mhotha dhe d' bheatha a chur seachad.

CM: Tha sin a' toirt na mo chuimhne sgeulachd a bhios sinn a' cluinntinn bhon a... deireadh na linn a chaidh seachad, mu dheidhinn am fuamhaire MacAsgaill, a bhuineadh do dh'eilean Bheàrnaraigh, agus am fear beag bìodach, Tom Thumb, agus rinn iad sin cosnadh às. Bha iad a' falbh timcheall gan taisbeanadh fhèin anns na Stàitean Aonaichte 's an Canada.

MB: Uill, 's e dìreach brìgh na stòiridh a bha seothach nach robh... an duine seo, bha e cho bochd far an robh e a' fuireach 's nach d' fhuair e cothrom a dhèanamh dhen... dhen àirde a bh' ann an sineach. Dh'fhaodadh e a bhith air a dhèanamh. 'S aig deireadh an latha, bhathar a' straighlich feuch cò phàigheadh airson nuair a bha e meadhanach, nuair a dh'fheumadh e a bhith anns an ospadal. Bha sin truagh. Chuir e truas... truas orm.

CM: Naidheachd mhath a chunnaic mi dhut fhèin an t-seachdain sa, a Mhàiri. Chan e na models thana air a bheil fèill tuilleadh ann.

MB: Abair gun robh mi air mo dhòigh nuair a chunna mi sin. Saoil am bi teans agam?

CM: Uill, gu dearbha, tha, mar a chanas iad, a h-uile qualification agad airson an stoidhle ùr.

MB: Uill, dè chanas mi riut, ach gheibh mi... gheibh mi... gheibh mi... gheibh mi air n-ais thugad, a bhalaich. Ach tha mi toilichte sin a chluinntinn, a chionn 's tha dà thaobh air cuideachd, nuair a tha daoine... nuair thathar a' faicinn, 's bha mi a' leughadh cuideigin, dotair a bha a' bruidhinn air cho buileach fhèin caol 's a tha daoine, 's tha òigridh ann a tha a' smaointinn gur e sin mar a tha còir agad a bhith, 's, uill, coimhead cho snog 's a tha mi fhìn ann a sheo an-dràsta - tacsail, cofhurtail, deagh làn deagh achlais an sineach...

CM: An dithis againn.

MB: Uill, cuideachd, cuideachd.

CM: An aon sheòrsa.

MB: Nach e sin.

CM: Agus... ach...

MB: Ach tha ceist gu math cudromach an cois sin cuideachd, agus tha mi a' smaointinn gu bheil làn àm aig na pàipearan beachd a ghabhail air dè tha an saoghal meidigeach a' ràdh mu dheidhinn sin.

Rud beag Leòdhasaich a-rithist. Chunna mi gun robh triùir Leòdhasaich a' falbh air feadh na h-eileanan, a' cluich golf, agus bha mi a' gabhail... ghabh mi beachd nach deach iad an còir Èirisgeigh. Chuala mi air a' phrògram agad fhèin an-diugh sa mhadainn nach eil an raon-goilf ann an Èirisgeigh a-nist a' dol idir, so bidh am prògram agad a' dèanamh feum an-dràsta 's a-rithist...

CM: Cùm thusa ag èisteachd.

MB: Bidh e a' toirt dhuinn fiosrachadh...

CM: Cuiridh e leud air do chuid foghlaim.

MB: Ach a-rithist, tha rud... tha mi a' smaointinn gu bheil rud an seo 's tha thu a' bruidhinn air... air eaconamaidh na h-eileanan 's a h-uile sìon, ach an rud a tha sinn a' cluinntinn gu math tric, ghabhadh feum dèanamh dhen seo, a chionn 's tha na raointean-goilf ann. Tha fear Àisgearnais cho math 's a tha fear a th' air an t-saoghal, 's tha e ainmeil air feadh an t-saoghail, agus ghabhadh seo reic ri luchd-turais, a' falbh às gach àite, a thaobh sin.

CM: A' bruidhinn air eaconamaidh, agus poilitigs, fear a tha a' cur pàrlamaid ùr na h-Alba...

MB: Ò, am faca thu sin?

CM: ...an t-ailtire Spàinnteach. Dè do bheachd?

MB: Uill... ach am faca thu an toiseach an cumadh a tha e a' dol a thoirt air a... air a sin? Ach am faca thu an uair sin an togalach a thuit 's dh'fhalbh am mullach dheth buileach glan? Dè ma dh'fhalbhas na bàtaichean a tha siudach mu Dhùn Èideann? Cuiridh iad...

CM: Tha aon rud mu dheidhinn bàta a tha air a... air a beul fodha, rud mu deidhinn... mu dheidhinn bàta mar sin, chan urrainn dhi a dhol fodha ann.

MB: Uill, chan eil fhios cà am fàgar na bàtaichean a tha siudach. Nach robh siud annasach?

CM: Bha e caran annasach, ceart gu leòr. 'S dòcha nach e rud a th' ann a bhiodh sinn... a bhiodh sinne a' smaoineachadh a bhith...

MB: Chan fhaod e bhith, ge-tà, nach eil cuideigin againn fhìn cuideachd a dh'fhaodadh dealbhadh...

CM: Uill, a rèir coltais, rinn iad siud anns an dòigh cheart, ge-tà. Thug iad cothrom do dhaoine. Chuir iad tagradh a-mach a rèir na riaghailtean, agus siud man a dh'obraich e a-mach. Ach tha mi ag aithneachadh nach eil e a' còrdadh ri Màiri Bremner idir.

MB: Ò chan eil, gu dearbh fhèin e. Chan eil. Trobhad ort, am faic mi thu fhèin air do shlìobadh mar a tha John Travolta, 's am falt agad air a slìobadh sìos le... an sineach? Nach eil mi a' cluinntinn gu bheil John a' dèanamh... gu bheil e a' dèanamh tilleadh air n-ais, e fhèin 's...

CM: Olivia Newton-John.

MB: Seadh.

CM: Uill, chan faic thu mise... an aon uair a chì thu mi mar sin, 's ann nuair a tha mi trì latha gun m' fhalt a nighe.

MB: Uill, uill, ceart gu leòr. Seadh, seadh. Chuala mi gun cuala thu... faca thu am bàta ùr aig Mac a' Bhruthainn.

CM: Chunnaic, gu dearbha, an Clansman, nuair a bha i a' tighinn a-steach an sin...

MB: A bheil i snog?

CM: Uill, tha. Ach cha d' fhuair mi tòrr tìde a faicinn, a dh'innse na fìrinn. 'S ann a bha i dìreach a' tighinn fhad 's a bha am prògram a' dol a-mach an-dè.

MB: Beag an t-iongnadh ged nach fhaigheadh tu mòran ùine airson coimhead oirre. Chan eil bàtaichean aca. Sin an trioblaid a th' air a bhith againn fad an t-samhraidh a tha seothach. Tha mi an dòchas gun dèan i sin beagan leasachadh.

CM: Uill, gu dearbha, agus mus tòisich thu air a siud, ma thòisicheas tu air a siud, cha chluinn mi a chòrr bhuat an-diugh gu dearbha.

MB: Ò cha chluinn. 'S fheàrr dhomh sin fhàgail, 's fheàrr.

CM: Bha naidheachd anns na pàipearan mu dheidhinn an nighean aig a' Bhana-phrionnsa Anna, nach robh?

MB: Bha, gu dearbh fhèin e, 's bha i uabhasach annasach, na... an luchd-naidheachd a' feuchainn ri fhaighinn a-mach, fhios agad, mar a bhios daoine a' cur eilbheagan air feadh an colainn, shìos, shuas, thall 's a-bhos, agus tha iad a' smaointinn gu bheil eilbheag anns an teangaidh aca... aice, agus bha iad ga brodadh 's ga feuchainn ach an toireadh iad oirre a bhith feargach, car mar a bha a màthair nuair a bha i aig a h-aois, agus a teanga a chur a-mach feuch am faiceadh iad sìon, ach cha do rinn iad an gnothach oirre idir, a bhalaich.

CM: Ò, cha do chuir iad a màthair na tost a bharrachd.

MB: Abair e. Trobhad ort, am faca thu mun phàrtaidh mhòr a bh' aig ochdar air an t-seachdain sa chaidh? Ghlèidh iad airgead air a' Chrannchur Nàiseanta...

CM: Chan fhaca. Càit an robh e?

MB: ...'s rinn iad pàrtaidh mhòr... An àiteigineach shìos mu Dhùn Èideann an àiteigin, 's bha salmon aca, breac aca air a smocadh, 's bha... bha champagne aca, 's bha stretched limo aca, 's dè nach robh aca, 's rinn iad... chosg e dhaibh trì mìle not, a' phàrtaidh a bh' aca.

CM: Sin agad e.

MB: Fhios a'd dè ghlèidh iad?

CM: Chan eil.

MB: Deich notaichean. Ach rinn iad a dh'aona ghnothach e. Chan e idir... 's ann le plòigh. Bha iad a' ràdh riutha fhèin, tha iad air a bhith an sàs ann a sheothach on a thòisich an Crannchur Nàiseanta.

CM: Chòrd am pàrtaidh riutha.

MB: Chòrd a' phàrtaidh riutha.

CM: Dè do bheachd air Daniel O'Donnell? Tha e air bràmair fhaighinn.

MB: 'S mi tha toilichte. Tha mise coma co-aca. Ach am faca thu am fear... am fear a bha às a dèidh, ge-tà, an làrna-mhàireach, 's e pòsta le bean 's triùir. Dè? Daniel bochd. Cha robh [?fianadh] orm gun robh Daniel idir gun bhoireannach thuige seo. 'S fheàrr leam fhìn... 's fheàrr leam Dominic Kirwan. Tha e fada nas duineadail 's nas... coltas duine air, mar gum b' eadh.

CM: Seadh, seadh. Cha chan mi càil.

MB: Trobhad ort, mum falbh mi, am faod mi fhaighneachd...

CM: A bheil thu a' falbh mar-thà?

MB: Ò chan eil fhathast, chan eil fhathast. Am faca thu gu bheil plàigh sheilcheagan... an toigh leat seilcheagan? An do dh'ith thu riamh iad?

CM: Cha do dh'ith.

MB: Ò, tha iad math.

CM: Na h-escargots?

MB: Dè rud a tha fios agamsa. Chan eil... chan eil a' Ghàidhlig sin againn a-bhos an seo idir. Ach tha plàigh sheilcheagan air feadh Sasainn gu h-àraid an-dràsta, agus tha seilcheag air nochdadh, an t-seilcheag Ròmanach nach fhaca iad o... o chionn bhliadhnaichean a-nist, agus tha iad a' ràdh gur ann air sgàth na sìde a th' ann, gu bheil an t-sìde againn air a dhol troimh-a-chèile.

CM: An e sin an tè a dh'fhaodas tu a h-ithe?

MB: Faodaidh tu i sin ithe.

CM: Chan fhaod thu an tè eile ithe, am faod?

MB: Chan fhaod, chan fhaod, chan fhaod. An fheadhainn slìomach a bhios sinne a' faicinn, fhios agad.

CM: Seadh.

MB: Ò, Bhochain.

CM: An do dh'fheuch thu fhèin a-riamh iad?

MB: Ò gu dearbh fhèin cha do dh'fheuch.

CM: Sin agad e. Agus dè a-nise an rud eile a bha mi fhìn a' faicinn ann an seo, 's thuirt mi, ò, bidh... bidh... feumaidh mi seo a chantainn nuair a thèid mi dhachaigh. Aithisg a nochd, mas e agus gu bheil a' chlann ga do chuideachadh leis a... le bhith a' nighe na soithichean, gu bheil... gu bheil iad gu bhith tòrr nas cliobhair anns an sgoil 's rudan mar sin. An cuala tu a leithid a-riamh?

MB: Còrdaidh sin riutsa, nach còrd? Tha fios nach do nigh thu soitheach riamh nad bheatha.

CM: Ach... uill, chan eil mi anns an sgoil a-nise, ach tha aon nì cinnteach, chan eil mi a' smaoineachadh gum bi an fheadhainn òg a th' anns an taigh againn air am mealladh idir.

MB: Ò, cha bhi no ann an taigh sam bith eile, dè? Cha bhi. Ach fhios agad gur e... 's e... bidh sin annasach, ach am faca thu gu bheil iad a' dol a chosg trì millean not air a sineach, a dhearbhadh.

CM: Dè tha thu ag ràdh?

MB: Trì millean not aca airson 's gun dearbh iad am feallsanachd a tha sin. Sin far a bheil... an rud a tha annasach leamsa.

CM: Tha e coltach gur e an dòigh anns a bheil thu a' faighinn foghlam troimhe, gum bi do mhàthair a' cantainn riut, sia sgeinean, còig greimearan...

MB: Tha rud eile air cùl sin cuideachd, ge-tà.

CM: Dè?

MB: Cuimhnich thusa na bhristeas a' chlann de shoithichean, fhios agad, de chupannan 's de shàsaran 's de thruinnsearan, cuidichidh sin an eaconamaidh againn.

CM: Bha sia againn, bhris thu aon, cia mheud a th' againn air fhàgail a-nis?

MB: Sin agad e. 'S feumaidh tu an uair sin falbh às dèidh... Cosgaidh e dhut, a Choinnich. Cosgaidh e dhut, m' eudail.

Am faca thu... am faca thu Port-adhair Honk Kong, am port-adhair ùr? Chuireadh tu Port-adhair Heathrow ann aon cheithir no còig a thursan. Ach am faca thu an trioblaid a bh' aca air an t-seachdain seo?

CM: Chan fhaca. Bha mise ann am Barraigh.

MB: Ò, an e sin an rud a thachair dhut? Seadh, seadh.

CM: Dè thachair?

MB: Nach robh iad... cha robh sgeul aca air bagaichean 's cha robh sgeul aca cà robh iad a' dol, 's cha robh sgeul... bha bug air a' choimpiutair.

CM: Tha mi a' cluinntinn, 's bha mi a' leughadh, a Mhàiri, gu bheil na boireannaich a' dol gun a' viagra a-nis cuideachd.

MB: Uill, trobhad ort, tha mi dìreach a' coimhead air a' chloc, agus tha mi a' gabhail fadachd. A bheil thusa a' dol a dh'fheuchainn am pile beag liath?

CM: Carson?

MB: Chan eil feum agad idir air?

CM: Cha tuirt mise càil, ach dh'fhaighnich mi carson a dh'fheuchainn e.

MB: Uill, tha mi fhìn a' faighneachd dhìot a bheil thu a' dol ga fheuchainn.

CM: Carson a dh'fheumainn?

MB: Ò uill, faighneachdaidh mi do dh'Iseabail a' chiad triop a chì mi i.

Tha na boireannaich a' dol thuige. Dè do bharail? Agus dè do bharail air na tha e a' dol a chosg dhan rìoghachd againn, mas e 's gun tig e.

CM: Uill, 's e mo chei-... 's e sin... ma tha iad ga iarraidh, dèanadh iad e, ach na iarradh iad ormsa pàigheadh air a shon.

MB: Uill, nach e sin e. Ach am feuch thu fhèin am pile beag liath?

CM: Nam biodh feum agam air.

MB: Gheibh sinn a-mach. Gheibh sinn a-mach.

CM: Ò uill, 's dòcha gum faigh. A bheil càil eile... càil eile agad ann an sin? Tha ultach agad ann an sin.

MB: Uill, tha. Chunna mi...

CM: Thàinig thu a-steach ann an seo le barrachd ultach na bhitheas aig Zena uair sam bith, saoilidh mi.

MB: Nach bithinn-sa math còmhla rithe? [?Bhiodh] mi fhìn 's Zena math air madainn Dihaoine. Chuirinn thu nad àite fhèin, a bhalaich.

CM: Cha bhiodh feum ormsa ann.

MB: Am faca thu... trobhad ort, trobhad ort. Chan eil fios agamsa. Innis tusa dhòmhsa cò fear a bh' ann an Otto von Bismarck. Chan eil mi cho ionnsaichte riutsa ann, a bheil thu a' tuigsinn. Ach am faca thu nuair a bhàsaich e, agus bidh sinn a' cluinntinn an-diugh mar a...

CM: Cha robh mi ann aig an àm.

MB: Cha robh thu ann aig an àm idir, ach bidh fhios agad air. Cuimhn' agad, fhios agad, nuair a bhios iad an-diugh, na... luchd nan dealbhan a' feuchainn ri dol às dèidh daoine shìos, shuas, thall 's a-bhos, ach co-dhiù, anns an t-saoghal a bha siudach bho chionn còrr math 's ceud bliadhna, bhàsaich e, bha geàird taobh a-muigh an doras aige an dòchas nach fhaigheadh duine a dhealbh, ach ge b' oil leotha, fhuair dà... dithis a-staigh le camara, thug iad air a' ghàirnealair bhochd a cheann a thionndadh an taobh eile, a-staigh air an uinneig a chaidh iad, agus chan e a-mhàin gun do ghabh iad a dhealbh, ach thog iad suas anns an leabaidh e, 's chuir iad cluasag fo cheann, 's e marbh a bheil thu a' tuigsinn, an dòchas gum faigheadh iad dealbh cheart dheth, ach 's ann sa phrìosan a chaidh iad air a' cheann mu dheireadh.

CM: Cha robh... cha robh an Sun ann aig an àm sin, an robh?

MB: Cha robh, cha robh. Ach feumaidh gun robh buntanas aca. Agus ann an cabhag, dè mu dheidhinn na h-èilidhean a chaidh a-null dhan Fhraing?

CM: Dè mun deidhinn?

MB: Uill, tha iad ann an trioblaid eagallach. Tha iad air an sracadh. Tha iad làn de rudan neònach orra. Chan eil fios dè bh' ann. Tha e coltach gun do ghabh an òigridh thall anns an Fhraing ann a shineach, gun do ghabh iad nòisean eagallach dhe na gillean againn thall leis na h-èilidhean 's gum feuch am faiceadh iad dè bh' orra.

CM: Seadh.

MB: Fo na h-èilidhean cuideachd.

CM: Seadh.

MB: 'S e, 's e. Agus chan eil math dhomh falbh gun ise a thoirt... nach eil iad air ise a thoirt a-mach às a' phreasa a-rithist.

CM: Cò?

MB: Camilla. Dè do bharail oirre? Am blonde bombshell a tha siud.

CM: A bheil i blonde, mo cheist. Agus leis a' cheist sin, tha sinn a' dol gur fàgail. A Mhàiri, tapadh leatsa airson a thighinn a-steach, airson a thoirt sùil air feadhainn dhe na naidheachdan a bha a' dol an t-seachdain sa. Tapadh leatsa gu dearbha. Màiri Bremner ann an sin le naidheachdan na seachdain sa.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good