Search

Prògram Choinnich

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 19.02.1998

Summary

The benefits of attending university.

Johan Graham and Dòmhnall Angaidh MacLennan, who both attended university, and Dr John MacInnes discuss what a person should get from attending university and whether it prepares them for what they are faced with then they leave.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha barrachd agus barrachd a dh'òganaich a' dol dhan an oilthigh làn dòchais gum faigh iad ionnsachadh a bheir iad gu obair agus cosnadh a bheir dhaibh ceum tòiseachaidh air àradh na beatha a tha romhpa. Sin an dùil, sin an dòchas, agus às dèidh làimh, tha gu leòr a' faighinn a-mach nach eil romhpa ach briseadh-dùil. Fhad 's a tha iad san oilthigh, tha iad còmhla ri daoine eile dhen aon seòrsa fhèin. Tha iad uile san aon suidheachadh. Tha iad an uair sin a' dol a-mach am measg a' chòrr dhen an t-sluagh agus a' faighinn a-mach nach do dh'ionnsaich iad dad a dh'ullaich iad airson obair làitheil, airson co-obrachadh còmhla ri daoine aig a bheil amasan diofraichte, agus gu bheil aca ri tòiseachadh a-rithist bhon an fhìor thoiseach. A bheil na h-oilthighean ag ullachadh nan oileanach, a-rèiste, airson na tha dha-rìribh romhpa? Còmhla rium, feadhainn a tha a' dol a thoirt dhomh diofar bheachdan, tha mi a' smaoineachadh. An toiseach, Johan Ghreumach. Do bheachd-sa. A bheil an t-oilthigh, an do dh'ullaich e thusa?

Johan Ghreumach (JG): Uill, gu ìre. Chan eil fhios a'm dè tha glic dhuinn a bhith a' sùileachadh bho oilthigh. Tha oilthigh gar h-ullachadh chun na h-ìre 's gu bheil luchd-fastaidh sam bith a' cantainn, 'Uill, 's fhiach obair a thoirt dhan an duine seo.' Tha mi a' gabhail ris gum feumar tòrr ionnsachadh aon uair 's gum faighear an obair. Ach chan eil mise buileach cinnteach dè... dè a' phrìomh amas a th' aig oilthigh. Chanainn-sa gur e dìreach do thoirt gu ìre far a bheil... far an canadh cuideigin a tha a' toirt obair dhut, 'Uill, tha mi a' faicinn gun do ràinig an tè no an duine a tha seo ìre shònraichte ann am foghlam, agus gu bheil na comasan aca, agus faodaidh sinne obrachadh air na tha iad air a dhèanamh gu ruige seo.' 'S an uair sin tuilleadh... uill, tuilleadh oideachadh a thoirt dhan an duine sin. Tha fhios a'm a thaobh na colaistean gu bheil cothrom ann a dhol a-mach agus 's dòcha ceala-deug no fiù 's seachdain no fiù 's mìos a chur seachad còmhla ri, fhios a'd, buidheann air choreigin ach am faighear beachd air cò ris a tha e coltach a bhith ag obair am measg dhaoine eile, agus cuideachd an seòrsa obair a tha thu, fhios a'd, a bhiodh tu fhèin a' miannachadh a dhèanamh. Rinn mise seo, mar gum b' eadh, dìreach air mo cheann fhèin. Chuir mi litir chun a' chomhairle aig an taigh ann an Steòrnabhagh, 's dh'fhaighnich mi dhaibh am b' urrainn dhomh obrachadh còmhla riutha airson treiseag bheag as t-samhradh, 's fhuair mi obair ann an roinn an fhoghlaim.

CM: Ach 's e a' cheist, a bheil an t-oilthigh gad ullachadh airson sin? An do dh'ullaich na bha thusa a' dèanamh anns an oilthigh thusa airson a dhol a-mach agus tòiseachadh ag obrachadh còmhla ri daoine, a bha gu math diofraichte bhuat fhèin, 's dòcha a bha a' tighinn bho... à diofar àitichean riut fhèin, 's dòcha mum feumadh tu a bhith a' bruidhinn 's a' conaltradh mu rudan diofraichte bho na rudan a bha thu fhèin... anns an robh ùidh agad fhèin?

JG: Chanainn-sa gun robh a cheart uimhir dhen a sin agamsa anns an oilthigh fhèin, a bhith ag obair còmhla ri daoine a bha, fhios a'd, gu math eadar-dhealaichte bhuam fhìn, diofar bheachdan 's à diofar àiteachan, airson aon uair 's gun d' fhuair mise obair, chanainn, bha mi ag obair còmhla ri daoine a bha na bu choltaiche rium fhìn, air sgàth 's gur ann ann an saoghal na Gàidhlig a bha mi ag obair, agus, fhios a'd, tha an cleamhnas sin ann co-dhiù gu nàdarrach. A thaobh an do dh'ullaich an t-oilthigh mi, cha chreid mise gu bheil... gun urrainn oilthigh sin a dhèanamh. Tha uiread a rudan a' tachairt co-dhiù, aon uair 's gun tòisich thu ag obair, 's nach urrainn duine d' ullachadh airson sin, oilthigh no colaiste no buidheann sam bith eile.

CM: Còmhla rium, Dòmhnall Angaidh MacIllFhinnein cuideachd. A bheil thu a' smaoineachadh gu bheil sinn a' coimhead ris na h-oilthighean 's ag iarraidh cus orra?

Dòmhnall Angaidh MacIllFhinnein (DM): Uill, a Choinnich, chanainn-sa gu bheil an t-adhbhar 's gu bheil duine a' dol gu oilthigh, tha e air dà ìre, mar gum b' eadh. Ceart gu leòr, tha thu a' dèanamh do dheuchainnean 's tha thu a' taghadh cuspair... a' taghadh cuspairean 's mar sin air adhart, ach mar a tha mise ga fhaicinn, chan eil deuchainnean 's chan eil ceum ach ag innse do cuideigin gu bheil an comas agad 's dòcha cuimhne a chumail air na dh'ionnsaich thu agus a chur sìos air pàipear aig deireadh an latha. Chanainn-sa gu bheil an ìre eile nas cudromaiche buileach. Mar a chanas iad sa Bheurla, the university of life. Mar a thachair dhòmhsa, mar... fhad 's a bha mise a' dol tro... tron oilthigh an Glaschu fhèin, bha e a' toirt misneachd dhomh gach bliadhna, agus leis a' mhisneachd sin... cha robh mi buileach cinnteach fiù 's aig deireadh ceithir bliadhna, dhòmhsa co-dhiù, dè dìreach a bha mi airson a dhèanamh, ach bha mi air diofar rudan a dhèanamh. Bha mi air a bhith ag obair fad dà samhradh an Glaschu fhèin, agus bha e a' toirt dìreach beagan eòlais ort air beatha daoine eile air an t-saoghal mhòr, agus an uair sin tha sin, chan eil e gu cron sam bith dhut co-dhiù nuair a tha thu deiseil agus a' feuchainn ri obair eile fhaighinn.

CM: Am faod mi a' cheist a thionndadh taobh eile, a-rèiste. A bheil thu a' smaoineachadh gu bheil daoine nach eil ann an oilthighean a' sùileachadh cus bho dhaoine a tha dìreach air a thighinn a-mach à oilthighean, a-rèiste?

DM: Uill, 's e deasbad eile a tha sin airson latha eile, ach tha mise ag aontachadh leis a sin, agus sin mar a thachair anns an t-suidheachadh agamsa co-dhiù. Fhuair mise, bha mise fortanach dha-rìribh, tha rudeigin aca, agus cha chreid mi nach eil e a' dol fhathast, leis an t-ainm the Milkround. Aig deireadh na bliadhna, tha companaidhean mòra a' tighinn a-steach dhan oilthigh agus tha iad a' taghadh daoine airson a bhith ag obair còmhla riutha, agus mar sin, bha mise fortanach obair fhaighinn leis a sin. Ach bha e... chuir e eagal mhòr orm an uair sin nuair a bha mi a' dol a-steach. 'S e obair factaraidh a bh' ann an toiseach, 's e... bha, mar gum b' eadh, bha mi a' trèanadh fad bliadhna, agus bha daoine càirdeil gu leòr dhut an toiseach, ach an uair sin nuair a fhuair iad a-mach gur e cuideigin à oilthigh a bh' annad 's gun robh thu air ceumnachadh, bha iad an uair sin, airson adhbhar air choreigin, bha iad a' dùnadh riut, agus bha iad an dùil 's dòcha gur e dìreach cuideigin bragail, mas fhìor 's gun robh fios aca air a h-uile rud, a bh' annad, agus bha agad a-rithist, dìreach mar a thuirt thu fhèin aig an toiseach, cha mhòr ri tòiseachadh a-rithist, agus eòlas a chur air daoine. Ach sin mar a tha an t-saoghal co-dhiù. Tha againn ri sin a dhèanamh a h-uile latha dhe ar beatha, agus cha chreid mi gur e droch rud a tha sin.

CM: Thug an t-Ollamh Iain MacAonghuis iomadh bliadhna a' dèiligeadh ri oileanaich, co-cheangailte ri Oilthigh Dhùn Èideann gu sònraichte. A bheil sinn... a bheil thu a' smaoineachadh gu bheil sinn a' coimhead air a seo, 's dòcha, ann an dòigh ro chumhang, Iain?

An t-Ollamh Iain MacAonghuis (IM): Uill, nuair a thuirt sibh, a bheil fhios agad, nach b' urrainn do dh'oilthigh a leithid seo a dhèanamh, tha mi a' smaoineachadh gu bheil... gur e sin 's dòcha cnag na cùise. Mar a tha mise a' faicinn a' ghnothaich, a bheil fhios agad, tha e a rèir dè... dè tha thu a' ciallachadh. Tha iomadach ceist, saoilidh mise, no grunn cheistean air am figheadh ri chèile anns an t-suidheachadh a tha seo. Seall, tha oilthigh no colaiste no ge brith dè chanas tu ris, a thaobh dotaireachd, tha sinne a' sùileachadh, ma thèid duine tron a' chùrsa sin, gum bi a' cholaiste air ullachadh airson gun leighis e no i daoine a tha tinn. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e... gur e an gnothach seo, gu bheil dà sheòrsa foghlaim ann, ris an can sinn foghlam. Tha foghlam ann a tha gad ullachadh airson dreuchd air choreigin. Nise, tha mi coma an e clachair no fear-lagha no saor no dotair no ge brith dè th' annad, no sgiobair, 's e dreuchdan 's ciùirdean a tha sa h-uile dad dhe na... dhe na h-obraichean sin, agus tha colaistean no sgoiltean ag ullachadh dhaoine airson sin. Ach tha foghlam nas farsainge na sin ann - am foghlam a tha a' cur nan ceistean, cò às a thàinig sinn, dè tha sinn a' dèanamh an seo, cà 'il sinn a' dol, na seann cheistean mòra, mar a... mar a bhiodh iad a' ràdh. Nise, chan fhuasgail foghlam sam bith na ceistean sin, agus cha bu chòir do dhaoine a bhith a' feuchainn ri a leithid a dhèanamh. Ach tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhaibh a bhith a' cur air shùilean do dhaoine cò às a thàinig iad a thaobh an dualchais fhèin, an sluagh on tàinig iad agus a leithid, agus a' fàgail na h-inntinn nas farsainge, nas sùbailte, agus mar gum b' eadh, am mac-meanmhainn nas doimhne.

Nise, 's e a' cheist, a bheil sinn a' dol a ghearradh às, à foghlam, a h-uile nì ach dìreach ullachadh airson ciùird no dreuchd shònraichte? 'S ma thig airgead... ma thigeas, can, gum bi airgead gann, dh'fhaodadh gur e sin a thachras, agus gum faigh thu an seòrsa foghlaim a tha sin. Eachdraidh nan daoine agad 's do dhualchas, rud a tha a' dèanamh na h-inntinn farsaing, mar gum b' eadh, gum faigh sinn ann a... ann an àite eile e agus gum bi gach colaiste a th' ann dìreach ag ullachadh dhaoine gu mean airson dreuchd shònraichte.

CM: A bheil thusa a' smaoineachadh, Johan, gur e mearachd a bhiodh an sin, nan tachradh sin?

JG: Tha mi a' smaoineachadh gur e. Man a... man a thuirt Iain MacAonghuis fhèin, 's e pàirt dhen adhbhar as coireach gu bheil daoine a' dol gu oilthigh, 's e, fhios a'd, gu bheil sinne a' faighinn, mar gum b' eadh, farsaingeachd chuspairean agus tha e a' toirt oirnn... fhios a'd, tha e a' toirt oirnn a' smaoineachadh air ar son fhìn. Tha sinn a' coinneachadh ri... ri daoine à diofar àiteachan. Tha a' dol chun oilthigh, tha thu a' foghlam san t-seagh 's gu bheil thu a' dèanamh cuspairean 's suidhe nan deuchainn, mar a thuirt Dòmhnall Angaidh. Ach a bharrachd air a sin, tha e cuideachd a' fosgladh do shùilean gu tòrr rudan eile, ged nach bi ann ach gu bheil thu air falbh bhon taigh, gu bheil thu air falbh bhon dachaigh, far an robh thu a' faighinn a h-uile càil air a dhèanamh dhut. Cha chreid mi nach eil barrachd spèis agad dha daoine 's dha diofar seòrsachan de dhaoine cuideachd, aon uair 's gum falbh thu bhon taigh. Chan eil do... do lèirsinn buileach cho cumhang.

CM: A Dhòmhnaill Angaidh, bha thusa an-dràsta ann an sin a' feuchainn... a' dèanamh an seòrsa foghlaim mun robh Iain MacAonghuis a' bruidhinn. 'S e sin, bha thu ag ionnsachadh agus amas agad air obair air choreigin. An e call a bhiodh ann nam b' e sin uile 's a bhiodh ann an oilthigh?

DM: Gun teagamh fhèin, a Choinnich. Chanainn sin gu làidir. Fhuair mise tòrr a bharrachd a-mach à ceithir bliadhna ann an Oilthigh Srath Chluaidh na dìreach ceum aig an deireadh... aig an deireadh, agus gun robh mi deiseil airson obair sònraichte a dhèanamh. Agus tha an uimhir de chothroman ro na h-oileanaich fhèin agus tha e cudromach gum bi... gum bi iad a' gabhail na cothroman a tha romhpa, a chionn cho luath 's a tha thu a' tòiseachadh ag obair, ged as e 's dòcha obair mhath dha-rìribh, 's tuarastal math dha-rìribh a gheibh thu, tha thu a' call na cothroman a bh' agad 's saorsa, na caraidean 's dòcha a bh' agad, chan eil thu gam faicinn. Chan eil d' ùine fhèin agad mar a bha tron oilthigh, agus tha sin cudromach dha-rìribh ann a bhith dìreach a' dèanamh, mar gum b' eadh, neach nas fheàrr dhìot.

CM: Agus 's e sin an t-amas aig deireadh an latha, nach e, Iain MhicAonghuis? Neach nas fheàrr a dhèanamh dhìot, 's dòcha.

IM: Ò, 's e. Ò, 's e. A bheil fhios agad, tha mise a' smaoineachadh, chan e a-mhàin gum bu chòir foghlam, na rudan... uill, tha sinn uile... tha sinn, a h-uile... an triùir againn air a bhith a' ràdh seo, foghlam a bhith a' toirt leis nan rudan sin 's a' leudachadh na h-inntinn 's a' fàgail duine ann an seagh air choreigin nas fheàrr. Ach chuala mise daoine a' ràdh, far tìr-mòr na Roinn Eòrpa, chuala mi fear à Poland turas, thàinig mòran à Poland aig toiseach a' chogaidh mu dheireadh 's bha faculty a chaidh fhosgladh ann an seo dhaibh, ann an Dùn Èideann, agus ged a tha foghlam Alba nas farsainge na foghlam Shasainn, chuir e iongnadh mòr airsan cho beag de dh'fheallsanachd, philosophy, 's a bh' aca ri dhèanamh agus iad nan engineers. 'S e fear a thug a-mach ceum ann an einnseanaireadh a bh' annsan. 'S bha mise a' faighneachd dha an dèanadh einnseanair na b' fheàrr de dhuine nam biodh an fheallsanachd... chan e feallsanachd einnseanaireadh a-mhàin, ach dìreach anns an fharsaingeachd, air ionnsachadh dha, 's thuirt e gun robh e a' fàgail na h-inntinn na bu shùbailte, agus gun robh e na b' fhasa do dhaoine ann an einnseanaireadh duilgheadasan fhuasgladh nuair a choinnicheadh... ri linn an fhoghlaim a bha seo fhaighinn, a bheil fhios agad. Agus, ò, tha mise a' smaoineachadh gu bheil e anabarrach cudromach. Ach dh'fhaodadh e a bhith, nam biodh airgead gann ann an rìoghachd sam bith, gun canadh daoine, 'Ò, tha còir aig a' cholaiste d' ullachadh airson dreuchd sònraichte, agus a h-uile dad eile fhàgail às.' Ach 's e rud, bu mhòr am beud nan tachradh.

CM: Uill, bu mhòr gu dearbh. Agus 's dòcha gu bheil sibh air cuspair eile a thoirt dhuinn ann an sin co-cheangailte ri feallsanachd agus an t-àite a th' aige an einnseanaireadh agus an teicneòlas agus sna nithean eile. Mo thaing dhan an triùir agaibh airson ur beachdan a thoirt dhuinn ann an seo an-dràsta. Johan Ghreumach ann an Inbhir Nis, Dòmhnall Angaidh MacIllFhinnein anns an Eilean Sgitheanach, an t-Ollamh Iain MacAonghuis ann an Dùn Èideann.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good