Search

Prògram Choinnich

Date 19 February 1998
Track ID 15865
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 19.02.1998

Summary

An old Highland birlinn buried under the sand in Benbecula.

Asking whether there is an old Highland birlinn buried under the sand in Benbecula and, if there is, would it be worth searching for. Martin MacDonald speaks about the research that he has done on this and boatbuilder John MacAulay discusses what he knows about this type of boat.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Benbecula

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha birlinn Ghàidhealach air a tiodhlacadh fon a' ghainmhich mu chladach Bheinn a' Bhadhla. Sin a tha an sgrìobhadair Màrtainn Dòmhnallach a' cumail a-mach. Tha sin às dèidh rannsachadh a tha e air a bhith a' dèanamh anns na mìosan a chaidh seachad. Tha e dhen a' bheachd gum bu chòir beagan airgid a bhith air a chaitheamh gus rannsachadh a bheil a' bhirlinn dha-rìribh ann. Ma tha, gum biodh i prìseil. Uill, tha mi airson fhaighinn a-mach bho Mhàrtainn dè tha a' toirt air a bhith a' smaoineachadh gu bheil a leithid a bhàta ann, ach còmhla rium cuideachd tha Iain MacAmhlaigh, a sgrìobh leabhar mu eachdraidh nam birlinn. Tha mi airson a bheachd-san fhaighinn air na th' aig Màrtainn ri ràdh. An toiseach, a' dol thairis air, a Mhàrtainn, air na tha a' toirt ortsa a bhith a' smaoineachadh gu bheil a leithid a bhàta ann. Uill, dè thug ort anns a' chiad àite a bhith a' smaoineachadh gun robh?

Màrtainn Dòmhnallach (MD): Uill, dìreach am fasan a th' agam, a Choinnich, a bhith a' rùrachadh am measg seann phàipearan, mar a tha fhios agad. Bha mi anns an leabharlann an Inbhir Nis bho chionn ceithir bliadhna, a' coimhead air ais air pàipearan bho chionn ceud bliadhna a dh'aois. 'S e sin na pàipearan airson mìos na Màrt ann an ochd ceud deug ceithir fichead 's a ceithir-deug. Ceud 's ceithir bliadhna air ais a-nise. Agus ann a shin, ann an dà phàipear, an Scottish Highlander agus an Oban Times, fhuair mi naidheachd à Beinn a' Bhadhla. B' e an naidheachd gun robh sìde a bha air leth garbh air a bhith aca bho chionn ghoirid. Cha robh cuimhn' aig na seann daoine air a leithid a bhith ann riamh. Agus ri linn an droch shìde a bha sin, bha a' ghainmheach anns an fhadhail a deas, eadar Beinn a' Bhadhla 's Uibhist a Deas, air a bhith air a siabadh air ais 's air adhart le gaoth 's muir 's a h-uile càil a bh' ann, agus nach ann a nochd beul bàta aig sgeir a tha beagan fon a' chladach ann a... anns an fhadhail ann a shin ris an canar Sgeir na Birlinn, aig Àird an Eòin.

Agus a rèir a' phàipeir, a rèir an dà phàipeir sin, an ìre mhath an aon sgeul a bh' aca le chèile, bha... anns an Oban Times bha dà fhichead troigh de bheul na birlinn air nochdadh, agus anns an Scottish Highlander bha deich troighean fichead co-dhiù ann. 'S mar sin, cnapach mòr de bhàta.

Bha iad ag ràdh cuideachd gun robh naidheachd a' dol anns an àite gun robh birlinn air bristeadh air an sgeir ann a shin mu dhà cheud bliadhna na bu tràithe, bha iad a' smaoineachadh. Cha b' urrainn do dhuine cuimhneachadh air ais gu an dearbh àm a bh' ann. Cha robh fhios aca cò bu leis a' bhirlinn no sìon. Ach bha an naidheachd a' dol air beul an t-sluaigh gun robh birlinn air bristeadh ann a shin, agus gun robh an sgioba a bh' oirre air bàthadh agus gun deach an tiodhlacadh air lèanag ghorm ann an Àird an Eòin.

A bharrachd air sin, tha mi a' smaoineachadh gur e an rud a b' inntinniche a bh' ann anns an Oban Times, thuirt e gun robh am fiodh a bh' innte ann an deagh òrdan, air a dheagh ghleidheadh, agus air leth cruaidh: 'In an excellent state of preservation and is exceedingly hard.'

Agus sin dìreach an sgeulachd. Birlinn na laighe ann a shin fad dà cheud bliadhna fon a' ghainmheach. Nochd i aon turas, fhad 's as aithne dhuinn, agus cha do nochd a-rithist. Lìon a' ghainmheach a-staigh a-rithist, agus airson na tha fhios againn, tha a' bhirlinn ann a shin fhathast.

Aon rud eile a chuirinn ris. Bha mi a' bruidhinn ri Dòmhnall Iain Monk, a tha a' fuireach ann an Haclait shìos ann a shin, dìreach ri taobh Àird... ann an Àird an Eòin, gu dearbh, agus bha esan air an naidheachd a chluinntinn bho sheann bhodach a bha beò nuair a bha esan òg, fear MacCormaig a bha a' fuireach shìos dìreach am beul a' chladaich, agus bha cuimhn' aigesan cuideachd air a' bhirlinn fhaicinn nuair a nochd i bho chionn ceud bliadhna, agus bha naidheachd a bharrachd aigesan gun d' fhuair dà bhoireannach a bh' air bòrd, gun d' fhuair iad air tìr sàbhailte, a chionn 's gun do lìon na sgiortaichean drògaid aca leis a' ghaoith, agus chaidh an giùlan gu tìr mar sin, agus gur iadsan an aon fheadhainn a fhuair dhith.

CM: Uill, sin an sgeulachd mar a chuala tusa i, a Mhàrtainn. Tha Iain MacAmhlaigh agam air an loidhne an-dràsta. Sgrìobh esan leabhar mu eachdraidh nam birlinn. Dè cho coltach 's a tha an sgeulachd ud ris... ri rud air an tàinig thusa tarsaing, Iain, anns na rannsachaidhean agad fhèin?

Seonaidh MacAmhlaigh (SM): Uill, cha tàinig mise thairis air eachdraidh gun robh sgeul aig duine gun robh càil air fhàgail de bhirlinn ann am bad sam bith, agus chun an latha an-diugh chan eil aon tarrag no bioran ri fhaicinn, agus tha seo, tha mi a' smaoineachadh, air leth cudromach, gu bheil an eachdraidh seo a-nist air tighinn am bàrr, agus gum bu chòir 's dòcha oidhirp mhòr a dhèanamh airson feuchainn ri dèanamh a-mach le cinnt a bheil i ann dha-rìribh.

CM: Am b' urrainn dhi a bhith ann a rèir na bliadhnaichean mun robh Màrtainn a' bruidhinn ann an siud? Tha sinn a' dol air ais ann an seo, ò, trì cheud bliadhna, nach eil?

SM: Ò, tha. Tha thu dìreach ann an linn nam birlinn ann a shin, agus 's e an rud a tha annasach mu dheidhinn seo, a' dol air ais trì cheud bliadhna, tha seo a' tighinn a-steach air timcheall an aon àm 's anns an do rugadh am bàrd ainmeil, Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, a sgrìobh an t-òran, Birlinn Chlann Raghnaill. Rugadh esan anns a' bhliadhna sixteen ninety-five.

CM: Agus a bheil thusa a' smaoineachadh gu bheil barantas aig Màrtainn a bhith a' sm-... a bhith a' dèanamh dheth gu bheil birlinn ann an sin, fon a' ghainmhich ann am Beinn a' Bhadhla, a rèir mar a tha e fhèin air a bhith ag innse na sgeòil ann an seo?

SM: Tha. Creididh mi gu bheil. A chionn, na daoine a thug seachad an aithris dha na pàipearan aig an àm, agus na seann daoine a bha a' bruidhinn air aig an àm sin, bhiodh fhios aca glè mhath. Bha iadsan eòlach air bàtaichean dhen a h-uile seòrsa, agus bhiodh fhios aca glè mhath dìreach dè seòrsa bàta a bh' ann a sheo, agus dh'aithnicheadh iad gur e rud annasach mar birlinn a bh' ann.

CM: Agus an dealbh a th' againn ann siud, dhen an fhiodh, an fhiodh chruaidh, an fhiodh dubh, a bheil sin coltach ris an seòrsa fiodh a rèir an eòlais agad fhèin, a bhathas a' cleachdadh airson a bhith a' dèanamh nam birlinn?

SM: Ò uill, 's iongantach mur e fiodh daraich a bh' ann, fiodh cruaidh, agus bhiodh e air a ghleidheadh glè mhath fon a' ghainmhich, a chionn, mar a tha fhios agad, tha gainmheach làn sàil, agus bhiodh an salann a' gleidheadh an fhiodh, agus bha i air a glasadh bhon an èadhar. Cha bhiodh... fhios agad, cha robh i a' tighinn am bàrr ann, ach an aon uair a bha seothach nuair a chaidh a' ghainmheach a shiabadh, 's an còrr dhen an ùine bha i air a thiodhlacadh, agus sin mar a bha na luing Lochlannach a chaidh a lorg, [?far an] robh daoine air an tiodhlacadh annta, agus nuair a chladhaich iad a-mach iad bha iad, fhios a'd, an ìre mhath ann an deagh òrdan.

CM: Uill, a Mhàrtainn, Iain MacAmhlaigh ag ràdh ann an sin nach eil eisimpleir idir againn dhen an seòrsa birlinn a tha seo. Nam b' e agus gun robh a leithid a rud ann, bhiodh e fìor chudromach. Dè cho dearbhte 's a tha thu nad inntinn fhèin gu bheil a leithid a rud ann?

MD: Uill, tha mi a' dearbhte à aon rud. Bha soitheach air choreigin ann a shin bho chionn dìreach beagan 's ceud bliadhna, agus chaidh a gleidheadh ann a shin ùine mhòr. Bha iad a' smaoineachadh aig an àm sin faisg air dà cheud bliadhna. Chaidh a lìonadh suas le gainmheach a-rithist. Bha iad a' bruidhinn... thuirt aon phàipear: 'Whenever tide and weather permit, the boat will be excavated.' 'S ann mar sin a chrìochnaich an naidheachd anns an Scottish Highlander. Ach cha do thachair sin, thoradh bha sinn air cluinntinn mu dheidhinn, agus mar sin, 's fheudar gun do lìon e suas gu math luath a-rithist. Bha na... cuimhnich gun robh na stoirmean aig an àm sin bho chionn ceud bliadhna cho garbh agus nach robh cuimhne aig daoine air a leithid, 's mar sin, bha e dualach gun do lìon e suas a cheart cho luath.

An uair sin, chaidh an cabhsair a thogail faisg air sin. Chan eil e ach mu, chanainn, mu sia ceud slat, 's dòcha, bhon a' chabhsair, eadar Beinn a' Bhadhla 's Uibhist a Deas. Chaidh an cabhsair a thogail an toiseach aig àm a' chogaidh mu dheireadh, agus dh'atharraich sin na sruthan buileach glan anns an fhadhail, agus tha e a' ciallachadh gu bheil... dòcha gu bheil barrachd gainmheach air a h-uachdar an-diugh na bh' ann an uair sin, agus chan eil an fhadhail... tha e nas fhasgaich cuideachd an-diugh, agus mar sin, cha deach a gluasad on uair sin. 'S mar sin, ge be dè soitheach a bh' ann, tha an soitheach an sin fhathast, chanainn. 'S e a' cheist, an e birlinn a bh' ann, no an e soitheach eile a chaidh a bhristeadh air a' chladach a tha sin às dèidh linn nam birlinn.

Nise, dh'aontaichinn-sa le Iain, mar a bha e ag ràdh ann a shin, gum biodh fhios aig na daoine aig an àm sin. 'S fheudar nach robh... can gur e bàta a bh' ann a chaidh fodha anns an naoidheamh linn deug fhèin. Bhiodh fhios aca glè mhath dè am bàta a bh' ann, dè a' bhliadhna a chaidh i fodha an uair sin. Ach bha e fada roimhe sin, an rud a thachair. Agus mar sin, bhiodh e glè choltach gur e birlinn a th' ann. 'S e Sgeir na Birlinn an t-ainm a th' air an sgeir, agus fhad 's as aithne dhòmhsa, cha deach am facal birlinn a chleachdadh air seòrsa sam bith eile de shoitheach. Tha sinn a' cleachdadh iomadach facal, 's tha na faclan ag atharrachadh ciall bho àite gu àite uaireigin. Tha sinn a' cleachdadh long no soitheach no bàta no culaidh, ach cha deach birlinn, fhad 's as aithne dhomh co-dhiù, a chleachdadh air seòrsa eile de bhàta seach birlinn. 'S mar sin, chanainn gu bheil deagh theansa ann gur e birlinn a th' ann, ach tha soitheach air choreigin ann.

CM: Mas e birlinn a th' ann, am b' fhiach e na dh'fheumadh e a chosg airson feuchainn ri faighinn?

MD: Ò, chan eil dà dhòigh nach b' fhiach. Ma choimheadas tu air na tha an dùthaich seo fhèin a' dèanamh an-dràsta airson seann bhàtaichean dhe gach seòrsa. Bha mi a' leughadh stòiridh an latha roimhe mu dhrioftair a lorg iad ann an Sasainn, tè a chaidh a thogail dìreach ann an naoi ceud deug 's ceithir-deug, agus bha iad a' smaoineachadh gum b' fhiach ise a gleidheadh agus a cur air ais gu muir a-rithist, no a gleidheadh an àiteigin. Tha iad a' gleidheadh an t-uabhas de shoithichean eachdraidheil dhen t-seòrsa sin. Chan eil birlinn againn. Tha seo a cheart cho luachmhor ri... ris an long Lochlannach ann an Oslo, Long Gokstad. Tha i faisg air a' chladach. Tha mi cinnteach gun cosgadh e an t-uabhas a gleidheadh. 'S e an rud, aon uair 's gum faigh thu ga h-ionnsaigh, 's e am fiodh a ghleidheadh. Ach cha chreid mi gun cosgadh e an t-uabhas an taca ris na tha e a' cosg soithichean a thoirt à grunnd na mara. Cha chosgadh e an t-uabhas faighinn ga h-ionnsaigh idir. 'S e gainmheach a th' ann. Tha i faisg air a' chladach. Ghabhadh gainmheach a shèideadh às an rathad anns an latha a th' ann. Ach b' fhiach i... smaoinich nam biodh àite ann am Beinn a' Bhadhla ann a shin, far a bheil an aon bhirlinn a th' air an t-saoghal, far am faodadh tu ionad a thogail far am biodh tu ag innse eachdraidh nam birlinn air fad. Tha mise a' smaoineachadh gur e faodail dha-rìribh a bhiodh ann do dh'Uibhist 's do Bheinn a' Bhadhla.

CM: Pròiseact, 's dòcha, airson a' Chrannchur Nàiseanta?

MD: Uill, tha mi a' smaoineachadh gum feumadh tu buidheann de mhuinntir an àite a chur air dòigh an toiseach, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin cudromach, thoradh mura h-eil muinntir an àite a' dol a ghabhail brath air, creid thusa mise, tha gu leòr anns an dùthaich seo a ghabhadh brath air, agus 's dòcha gun tèid a' bhirlinn sin a sguabadh air falbh a dh'àiteigin eile gu math aithghearr. Tha mi a' smaoineachadh gur e an seòrsa rud aig am biodh ùidh anns a' Chrannchur Nàiseanta gun teagamh sam bith.

CM: Iain MhicAmhlaigh, am b' fhiach a dhol gu leithid seo a shaothair, leithid seo a chosgais, a dh'fhaicinn an e birlinn dha-rìribh a tha seo?

SM: Ò, gu dearbha, b' fhiach. Agus mar a thuirt Màrtainn, chan eil a leithid eile ri fhaicinn anns an t-saoghal, agus mas e gu bheil i ann, b' fhiach dhuinn a dhol gu cho fad 's a b' urrainn dhuinn airson feuchainn ri a toirt am bàrr, agus gum biodh i air a gleidheadh.

CM: Uill, cò aig a tha fhios nach e seo an latha a chluinneas cuideigin ar còmhradh agus a chanas iad riutha fhèin: 'Uill, gu dearbha, mas e 's gu bheil i ann, seo an t-àm dhuinn buidheann fhaighinn cruinn còmhla airson a' phròiseact a tha sin a chur air dòigh.' Mas e agus gun tachair sin, cha bhi sinn fada a' toirt an naidheachd thugaibh. Mo thaing a Mhàrtainn airson a bhith a' mìneachadh dìreach carson a tha thu fhèin a' smaoineachadh gu bheil a leithid a bhàta ann, agus mar as dòcha a dh'fhaodadh i a bhith air a togail, agus do dh'Iain airson beagan eòlais a thoirt dhuinn cuideachd co-cheangailte ris na birlinnean, agus e fhèin air leabhar a sgrìobhadh. Mo thaing dhan an dithis agaibh an-dràsta.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good