Search

Prògram Choinnich

Date 01 September 1998
Track ID 15923
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 01.09.1998

Summary

A description of the landscape and some of the history around the River Snizort in the Isle of Skye.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Snizort

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): 'S ann dhan an Eilean Sgitheanach a tha sinn a' dol airson abhainn na seachdain seo. Abhainn far am bi corra bhradan a' tadhal, ceart gu leòr, ach abhainn a tha airidh air cliù cuideachd a thaobh eachdraidh. Tha an Dotair Alasdair MacIllEathain gu math eòlach air an abhainn. Tha e còmhla riumsa anns an stiùidio ann am Port Rìgh. Ciamar a tha sibh?

Alasdair MacIllEathain (AM): Tha mi gu math, taing. 'S ciamar a tha sibhse?

CM: Ò chan eil adhbhar gearain againn idir. Càit a bheil Abhainn Sgeuboist a' tòiseachadh?

AM: Uill, ri ceartas 's e Abhainn Shnìothasort a bu chòir a ràdh rithe, ceart gu leòr, ach tha i, fhios agaibh, tha i ag atharrachadh a h-ainm gu math tric, agus 's e fìor thoiseach-thòiseachaidh 's ann an Gleann... Gleann Thungadail a tha sin, agus tha sin gu math fada deas, agus tha i a' tighinn... mar a tha i a' tighinn a-nuas dhan... gu Snìothasort, tha i ag atharrachadh a h-ainm dà thuras co-dhiù. Ach anns a' mhòr-chuid bidh an abhainn, bidh i mu dhusan no ceithir mìle deug a dh'fhaid, a' cunntas nan lùban a th' innte.

CM: Agus tha i a' tighinn... tha i a' dol tro loch no dhà, nach eil?

AM: Uill, tha pàirt dhith ag èirigh às loch ris an can iad Loch Dubhagraich, ceart gu leòr, ach tha Abhainn Thungadail ga... a' dol a-staigh innte cha mhòr cho luath 's a dh'èireas i às an loch sin.

CM: Agus càit a bheil i a' dol dhan a' chuan?

AM: Uill tha i a' dol dhan a' chuan ann an Loch Snìothasort Beag, dìreach mu choinneimh Sgeubost.

CM: Agus an-diugh, 's ann leis an taigh-òsta a tha i, agus... ach bha i ainmeil airson bradain co-dhiù, nach robh?

AM: Ò bha. Bha i ainmeil airson bradain. Bha i math, fhios agad. Bha i... bha a h-uile duine a b' aithne dhòmhsa, bhiodh iad a' poidseadh oirre. Ach bha i ainmeil airson bradain, gu bho chionn bliadhnaichean air ais, dh'fhàs iad caran tearc, ach... agus chan eil fhios a'm ciamar a tha a' dol dhaibh aig a' cheart mhionaid, ach bha i ainmeil airson sin a bharrachd air iomadach rud eile.

CM: Uill gu dearbha, iomadach rud eile, agus nithean... nithean sin... cuid dhiubh gu math eachdraidheil, agus corra sgeulachd... uill, co-cheangailte ri eachdraidh, co-cheangailte ris an abhainn a tha seo, nach robh?

AM: Ò tha. Mòran... tha mòran de dh'eachdraidh timcheall oirre. Tha mi a' smaoineachadh, fhios agaibh, gur e an rud as eachdraidheil mu deidhinn, agus rud as cinntiche, 's e an t-eilean beag faisg air beul na h-aibhne far an robh prìomh eaglais Easbaig nan Eilean on an... co-dhiù o toiseach an dara linn deug suas gu deireadh na còigeamh linn deug, agus bha eilean beag an sin agus tha mòran de... mòran de thogalaichean ann, mainnearach dhiubh, agus tha sin far an robh... bha caibeal adhlacadh aig Clann 'ic Neacail ann, agus tha iad a' ràdh gun robh sin, gun robh ochd air fhichead de chinn-feadhna Chlann 'ic Neacail air an tiodhlacadh an sin. Agus cuideachd tha seann treubh eile a bhuineadh dhan Eilean Sgitheanach, Clann 'ic Suain Ròdhag, tha iadsan air tiodhlacadh ann, agus tha leac... uill, 's e ìomhaigh a th' air fear dhiubh anns a' chladh, agus bhuineadh ise dhan a' chòigeamh linn deug. Chaidh a snaigheadh anns a' chòigeamh linn deug, an ìomhaigh, aig Clann 'ic Suain.

CM: An e seo Eilean Chaluim Chille mu bheil sinn a' bruidhinn?

AM: Eilean Chaluim Chille, 's e.

CM: Agus tha cuid a' cumail a-mach gun robh Calum Cille fhèin ann an sin aig aon àm, ach chan eil dearbhadh air a sin, a bheil?

AM: Uill chan eil dearbhadh sam bith ann, ach tha e, fhios agaibh, anns an eachdraidh a dh'fhàg Adamnan air Calum Cille, ach cuimhnich gur e sin a chaidh a sgrìobhadh mu cheud bliadhna às dèidh a bhàis. Tha esan a' ràdh gun robh e co-dhiù dà thuras anns an Eilean Sgitheanach, agus gun do thachair e air torc fiadhaich agus gun robh e ann an cunnart bhuaithe, agus gun do ghuidh e air stad far an robh e agus bàsachadh anns an spot. Niste, as faisge air... anns a' bhaile ud ris an can iad an Tobhta, shuas os cionn an eilein seo, tha creag ann agus tha làrach ladhair mar gum b' eadh torc anns a' chreig, agus tha iad a' ràdh, fhios agad, gur e sin far an do dh'iarr an duine... an duine beannaichte seo air an torc bàsachadh far an robh e. Agus... ach co-dhiù, a bharrachd air sin, fhios agad, tha beagan de bheul-aithris ann, ach chan eil sìon... chan eil sìon cinnteach gun robh Calum Cille riamh ann an Snìothasort, agus ann an dòigh bhiodh e... bhiodh e mì-choltach, oir bhiodh e cus na b' fhasa dha tighinn à Ì gu taobh an iar an eilein na dhol timcheall Rubha Bhatairnis 's na h-àitichean sin 's a' tighinn a-staigh a Loch Snìothasort.

CM: Nise, dh'ainmich sibh cuideachd ann an siud a' phrìomh eaglais a bh' aca, an Eaglais Easbaigeach ann an sin...

AM: Uill 's e eaglais Chaitligich a bh' ann. 'S ann ron an Ath-leasachadh a bha sin.

CM: Ò seadh.

AM: [???] treis ron an Ath-leasachadh.

CM: Nach ann... uill, bha sgeulachd no dhà gu math borb co-cheangailte ris a seo cuideachd - daoine a bhith 's na sùilean air an toirt asta, 's rudan dhen t-seòrsa sin, nach robh?

AM: Ah uill. 's e rud eile... bha... thachair sin anns a' bhliadhna dà cheud deug agus trì air fhichead. Bha fear Goraidh Donn, mac Rìgh nan Eilean - rìgh Lochlannach a bha sin, fhios agaibh, Rìgh nan Eilean - chaidh a ghlacadh air Eilean Chaluim Chille le bràthair athar, Allghar Dubh, agus chaidh a h-uile duine nach fhaigheadh a-staigh a chombraig na h-eaglais, chaidh am marbhadh, ach chaidh beatha Ghoraidh Dhuinn fhèin, chaidh a ghleidheadh, ach chaidh na sùilean a chur às.

CM: Ò uill.

AM: Daoine gasta.

CM: Uill, daoine gasta, agus mana robh sin gu leòr, tha mi a' smaoineachadh gur ann... an ann san t-sia linn deug a bha sgeulachd ann, agus bha na cinn air an toirt bhon a h-uile duine a bha timcheall?

AM: Uill 's e mar a thachair sin, fhios agad, bha anns a' bhliadhna còig ceud deug 's naoi deug air fhichead, fifteen thirty-nine, bha batal eadar Clann 'ic Leòid agus na Dòmhnallaich far an deachaidh... an do chuir na Dòmhnallaich, chuir iad... sgiùrs iad Clann 'ic Leòid a-mach às Tròndairnis, agus riamh on uair sin, fhios agaibh, gu... uill, gu bho chionn ghoirid, 's e Abhainn Sgeubost a' chrìoch a bha eadar na Dòmhnallaich agus na Leòdaich anns an Eilean Sgitheanaich, ach tha iad a' ràdh gun robh... bha am batal a bha seo ann, agus air an abhainn sguir iad mu dheireadh, fhios agaibh, a shabaid, ach chaidh a leithid a mharbhadh agus gun robh na cinn aca, gun do chruinnich iad ann an glumag ris an can iad Corran nan Ceann, agus b' fheudar... aig uair air choreigineach chaidh... chaidh an toir às a sin agus chaidh an tiodhlacadh aig àite ris an can iad Càrn nan Ceann ann an Tobhta.

CM: Sin agad e. Daoine gasta.

AM: Ò, shin agad e. Bha an t-ainm Tobhta, mar a thuir-... mar a dh'ainmich mi mar-thà e, 's am baile os cinn an eilein seo, tha mi gu math cinnteach gura bheil sin a' toir an ainm o tobhta na h-eaglais, fhios agaibh. Bha e... bhiodh i... ged nach robh i ro mhòr a rèir eaglaisean eile, bha i gu math mòr an coimeas ri taighean eile a bha timcheall, agus 's e an Tobhta a chanas ris a' bhaile fhathast.

CM: Agus a bheil lorg air an tobhta far an deach na claiginn a thiodhlacadh?

AM: Ò tha. Uill 's ann ann an... tha càrn beag an sin. Tha càrn beag an sin far an deachaidh na claiginn a thiodhlacadh.

CM: Uill mar sin, 's dòcha nuair a tha sinn a' bruidhinn air aibhnichean cudromach, nuair a tha sinn a' bruidhinn air an abhainn seo, Abhainn Sgeuboist, no Abhainn Shnìothasort, a rèir dè th' agad oirre, 's dòcha nach eil i air tè dhen an fheadhainn as fhaide, ach tha i air tè a tha gu math cudromach nuair a thig e gu eachdraidh an Eilein Sgitheanaich.

AM: Ò gu math. Uill 's i as fhaide cuideachd anns an Eilean Sgitheanach. 'S i an abhainn as fhaide a th' ann. Ach ò, tha i eachdraidheil. Tha i, fhios agad, tha an ceàrn a tha sin dhen Eilean Sgitheanach, 's e an t-àite as eachdraidheil dhen an... anns an eilean uile-gu-lèir.

CM: Nise, dh'ainmich sinn Eilean Chaluim Chille, ach tha eileanan eile ann cuideachd, nach eil? A bheil eilean beag eile timcheall an sin cuideachd?

AM: Uill tha trì eileanan anns an Eilean Sgitheanach ris an can iad Eilean Chaluim Chille. Tha fear am Port Rìgh, agus tha fear an Cille Mhoire. Uill, chan e eilean e ann an Cille Mhoire - bha e ann an Loch Chaluim Chille agus chaidh an loch a thràghadh, ach tha e... far an robh an t-eilean fhathast ann, agus bha mainnearaich tobhta air choreigineach an sin. Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil e... nach eil e ro choltach gun robh Calum Cille anns a h-uile fear dhe na h-eileanan sin, ged a tha iad air an ainmeachadh às a dhèidh.

CM: Uill sin agad e ma-thà. Agus abhainn... uill, chan eil fhios agam ciamar a tha i an-diugh, ach na làithean a chaidh seachad an siud, tha mi cinnteach gun robh a' mheanbh-chuileag... gu leòr timcheall na bruaichean aice.

AM: Ò tha 's fhathast. Chan eil sìon a ghaiseadh anns an fheadhainn sin.

CM: Uill, mo thaing dhuibhse gu dearbha airson a thighinn a-steach ann an seo a dh'innse dhuinn beagan mu dheidhinn eachdraidh co-cheangailte ri Abhainn Sgeuboist ann an sin. Tapadh leibhse gu dearbha. An Dotair Alasdair MacIllEathain còmhla rinn ann an sin ann am Port Rìgh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good