Search

Prògram Choinnich

Date 14 July 1998
Track ID 16139
Part 1

Track Information

Summary

Information about Highland cattle.

Two people who are very knowledgeable about Highland cattle share some of their knowledge on the breed.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Màiri Anna NicDhòmhnaill (MN): Chan aithne dhomh fhèin duine nach eil measail air crodh Gàidhealach agus toilichte am faicinn. Bidh deagh chothrom air a sin ann am Muile aig an deireadh-sheachdain nuair a tha tuathanas Ach na Creige a' comharrachadh leth-cheud bliadhna on a thòisich iadsan air an àrach. Ach bha an crodh Gàidhealach air feadh na dùthcha linntean mòra ron a sin, ged nach eil ach beagan 's ceud bliadhna on a thòisich Comann a' Chruidh Ghàidhealaich air sgeul ceart a chumail orra. Còmhla riumsa air an loidhne airson barrachd innse mun deidhinn tha Aonghas Dòmhnallach à Uibhist a Tuath a tha gan àrach agus cuideachd Dòmhnall Moireasdan a tha na auctioneer anns an Òban agus gu math eòlach air a bhith gam faicinn agus a' dèiligeadh leotha aig na fèilltean reic. Madainn mhath dhuibh le chèile.

Dòmhnall Moireasdan (DM): Madainn mhath leibh.

MN: Ma dh'fhaodas mi a dhol gu Aonghas an toiseach. Tha sibhse air a bhith gan àrach o chionn... dè cho fada, Aonghais?

Aonghas Dòmhnallach (AD): Tha mi air a bhith an sàs annta [???] cuide ri m' mhàthair, uill, ò thòisich an gnothaich ann an... tha mi a' creidsinn gu bheil suas ri fichead bliadhna ann a-nist, agus tha mi uabhasach measail orra, agus 's toigh leam a bhith ag obair annta, 's an sàs annta a h-uile latha.

MN: A bharrachd air a sineach, a bheil ùidh agad fhèin, can, anns an eachdraidh aca, agus cò às thàinig iad 's dè dh'fhàg iad cho... air feadh na h-Alba 's a leithid sineach?

AD: Uill, tha e... ann an seann leabhraichean eachdraidh tha e ri fhaicinn gun robh crodh, fhios agad, seadh mar a tha e air a chur 's e crodh beag dubh a bh' aca orra, agus tha sin a' minigeadh, fhios a'd, crodh beag dubh a bh' air an taobh an iar de dh'Alba 's a-muigh sna h-eileanan, agus bha seo anns na, fhios a'd, seventeen hundreds 's na h-amannan a bha sineach. Bhathar a' bruidhinn air small black cattle, agus 's e sin agad an crodh Gàidhealach. 'S bha iad uile dubh an uair sin. Ach an uair sin chuir iad rudeigin eile, feumaidh, annta, 's dòcha anns na... anns an century mu dheireadh, agus dh'atharraich iad an dath 's dh'fhàs iad mar gum b' eadh dearg 's dathan eile a' dol annta, 's mu dheireadh cha mhòr nach robh iad uile dearg 's cha robh cha mhòr gin dhubh ann o chionn car fhichead bliadhna air ais. Ach tha an fheadhainn dhubh a-nist a' fàs nas bitheanta na bha iad.

MN: Sin dìreach a bha mi a' dol a ràdh. Chan fhaca mi fhèin beothach dubh riamh, ach ruadh ruadh an-còmhnaidh. Nam bithinn a' leughadh leabhar 's e ag ràdh crodh beag dubh chanainn gur e Aberdeen Angus bheag bhìodach bhochd air choreigin a bh' ann.

AD: Ò chan e. 'S e an crodh Gàidhealach a bh' ann gun teagamh, ach bha iad gu math nas lugha cuideachd an uair sin, agus fhathast tha mar gum b' eadh feadhainn air taobh an iar de dh'Alba 's an fheadhainn... beothaichean na h-eileanan, tha iad mar as trice beagan nas lugha, ach tha cuideachd, tha na... tha iad nas cruaidhe. Tha iad nas cruaidhe - mairidh iad nas fheàrr air an droch thalamh - agus tha iad cuideachd a' cumail barrachd bainne ris na laoigh, ged nach eil a' mhart mòr, togaidh i laogh math, agus mairidh iad gu math nas fhaide aig a' cheann mu dheireadh. Tha feadhainn dhen chrodh ann a sheo 's tha iad còrr 's fichead bliadhna a dh'aois agus tha iad fhathast a' breith laogh, agus cha chluinn thu guth, cha mhòr, air sineach air tìr-mòr air an talamh ìseal 's nuair a ruigeas iad mu dhusan bliadhna tha iad dìreach ullamh, agus tha na casan aca air falbh 's tha an stamag aca air a mhilleadh le tuilleadh 's a' chòir a dh'fheur math.

MN: Mar sin, tha iad na b' fheàrr dìreach a-muigh air a' mhòinteach agus... chan eil sibh gan toirt a-staigh, tha mi cinnteach, ann?

AD: Chan eil. Chan eil iad a' tighinn a-staigh idir. Tha iad... tha iad mi a-muigh sa mhòintich agus anns na... an talamh a th' air beagan reseeding a dhèanamh ris as t-samhradh, 's tha iad an uair sin air... anns a' gheamhradh air an toirt a-nuas gun a' mhachaire, 's tha beagan fasgadh aca anns na coilleagan 's tha iad a' faighinn fodar ann a shineach 's a' faighinn am feed-adh car a-null car mu shia mìosan dhen gheamhradh, 's tha iad an uair sin a' tilleadh air ais dhan bheinn as t-samhradh a-rithist.

MN: Ach mar a thuirt sibh fhèin, feumaidh, mar a dh'atharraich iad tro na linntean, chan eil àite, tha mi cinnteach, an Alba nach eil a' reic postcard agus beothach Gàidhealach air, agus tha mi cinnteach gu bheil an luchd-turais bhochda a' smaoineachadh... bha na beothaichean seo le na h-adhaircean mòra 's iad a' coimhead cho fiadhaich, bha iad ann o chionn mìle bliadhna, ach a rèir 's mar a tha sibhse ag ràdh, 's e na breeders anns an naodhamh linn deug a dh'atharraich iad?

AD: 'S iad gun teagamh. Chan eil doubt sam bith an sin. An-dràsta fhèin tha feadhainn dhe na briodairean a' feuchainn ri 'n atharrachadh, agus chì mi sin nas trice a h-uile triop a bhios mi air falbh air tìr-mòr aig sale no aig show no rud sam bith, 's tha an crodh, tha iad a' feuchainn ri 'n dèanamh gu math nas motha na tha còir aca a bhith, 's gan dèanamh gu math nas reamhra na tha còir aca a bhith, 's tha mise fada, fada an aghaidh sin, airson chan eil a' mhart Ghàidhealach, chan eil còir aice a bhith mòr 's reamhar. Chan ann airson sin a chaidh a dèanamh. Bha i air a dèanamh airson droch thalamh agus airson gun d' rachadh aice air a bhith beò air beinn sam bith, ach chì mi gu bheil tuilleadh 's a' chòir dhaoine a' cur tuilleadh 's a' chòir a bhiadh nam broinn 's tha iad dìreach fada, fada ro reamhar, 's tha na characteristics mhath aca uile air an toirt bhuapa.

MN: Ò 's e sin, tha mi cinnteach, ach daoine ag iarraidh prìs, agus 's ann aig Dòmhnall Moireasdan a bhios fios air a sineach tha mi cinnteach, a Dhòmhnaill. Am bi sibhse gam faicinn aig na fèilltean reic?

DM: Bidh, agus feumaidh mise aontachadh le dè bha Aonghas a' cantail. Nuair a thòi-... aig aon àm cha robh na h-uiread de dhaoine air Galltachd agus air an taobh an iar dhen dùth-... an taobh an ear dhen dùthaich an sàs anns a' chrodh Gàidhealach. 'S ann anns na h-eileanan agus a h-uile h-àite bu chruaidhe na chèile 's ann a bha iad. Tha sineach a' dol air ais o chionn ceud bliadhna. Ach nuair a thòisich, mar a chanas sinn anns a' Bheurla, na hobby farmers orra, thòisich iad sineach air an toirt gu talamh ìseal, agus a' toirt dhaibh a h-uile seòrsa biadh a b' fheàrr na chèile, 's gan toirt a-mach gu show-aichean 's a' feuchainn cò a b' fheàrr na chèile. 'S tha mi ag aontachadh le Aonghas. Thachair gu leòr dhe sineach. Dh'fhalbh na characteristics, agus dh'fhalbh am mathas a bha... a bu chòir a bhith anns na beothaichean Gàidhealach, dh'fhalbh e asta an uair sin.

Tha cuimhn' agam cuideachd nuair a bhiodh màthair Aonghais a' tighinn a-mach ann a sheothach a reic beothaichean dhan Òban. Bhiodh fear eile à Muile, Eairdsidh MacCuish, agus an t-àite sineach a bha sinn a' bruidhinn air mar-thà, Achnacraig. Faodar nach biodh na beothaichean aca sineach a' coimhead cho fìor mhath, a chionn 's gun robh iad air an àrach nàdarra, ach cha robh sin a ràdh nach robh iad a' faighinn deagh phrìs orra, a chionn 's far an robh na daoine a bha gan ceannach airson an toirt air falbh gu feuraichean eile, bha fios aca sineach o na bliadhnaichean roimhe sineach cho math 's a thigeadh iad air adhart, agus chan e idir am beothach as fheàrr a tha a' coimhead latha an t-sale am beothach as fheàrr a thig air adhart dha na daoine a tha gan ceannach.

MN: Bha iad cuideachd ag ràdh gur e a dh'fhàg crodh Gàidhealach an àitichean mar Muile 's 's dòcha eileanan eile gur e dròbhairean a' dèanamh air deas agus 's dòcha a bhith a' fàgail beothach no a' reic beothach an siud 's an seo. A bheil sgeul agaibh fhèin ciamar a thàinig iad gu Muile?

DM: Uill, chan eil. Tha mi a' smaointinn gun canainn-sa gun robh roinn mhòr dhen dòigh 's gun tàinig iad a Mhuile 's dha na h-Uibhistean 's dhan Eilean Sgitheanach 's na h-àiteachan eile, gura h-e an seòrsa talamh a bha sineach, gur e am beothach Gàidhealach a b' fheàrr a bha a' freagairt air. Bheir thusa beothach car bog de... dhe na briodaichean eile 's na briodaichean continental agus cha dèanadh iad... cha dèanadh iad... cha tigeadh iad air adhart. Cha bhiodh iad beò ann am pàirt dhe na h-àiteachan a tha sin. Agus sin cuideachd mun do... mun deach am ban a bha seo a chur oirnn, sin cuideachd an dòchas gun robh na Gearmailtich a' dèanamh... gun robh iad a' ceannach a leithid dhe na beothaichean Gàidhealach, a chionn 's e mo bheachd-sa, a rèir 's mar a tha mi a' tuigsinn, gun robh na beothaichean sin a' dol a-mach gu talamhan nach tigeadh beothach no caora no sìon eile beò às, agus chuireadh iad a-mach na beothaichean Gàidhealach ann a shin 's bha iad a' dèanamh glè mhath dhaibh.

AN: Ach a bheil... a bheil na h-uiread, can, gan ceannach às an dùthaich sa fhèin...

DM: Ò tha.

AN: Anns an latha a th' ann? A bheil iad fhathast pailt aig na fèilltean?

DM: 'S ann... 's ann... ma tha iad sìon idir chanainn-sa an-ceartuair 's ann ro phailt a tha iad, a chionn 's mar a chanar rithe anns a' Bheurla, mar a chanas sinn, 's e limited market a th' ann airson a' chrodh Gàidhealach ann an dòigh, agus nuair a thòisich iad air a dhol uabhasach fhèin daor o chionn bliadhnachan air ais, nuair a bha iad a' dol a-null dha na dùthchannan cèin, bha a h-uile duine a bh' ann an uair sin a' dol às dèidh nam beothaichean Gàidhealach 's gan cumail. 'S cha robh e gu diofar an uair sin gu dè an cumadh no gu dè seòrsa beothach boireann a bh' ann, bhathar ga chumail airson laoigh àrach, agus tha sin a' fàgail gu bheil... chanainn-sa gu bheil tuilleadh 's a chòir dhiubh ann anns an latha an-diugh, agus gu bheil an dà sheòrsa ann. Tha deagh... na faigheadh duine sam bith ceàrr mi, tha gu leòr ann de bheothaichean matha, ach tha tuilleadh 's a chòir ann de dh'fheadhainn dhona.

AN: Ma dh'fhaodas mi tilleadh thugaibhse, Aonghais. Tha tuilleadh 's a' chòir ann dhiubh? A bheil sibh ag àrach cus dhiubh?

AD: Ò tha. Tha tuilleadh 's a' chòir ann airson na th' ann de mhargaid mar a tha Dòmhnall a' ràdh. Feumaidh mi aontachadh ris a sineach. Tha e mar gum b' eadh tòrr, mar a thuirt e, dhe na hobbyists a tha sineach, cheannaich iad feadhainn nuair a bha iad daor 's cheannaich iad 's dòcha fichead beothach an duine 's chùm iad a h-uile gin a tha sin 's a h-uile beothach a thig bhuapa sineach, feumaidh iad a chumail airson mart no airson tarbh, 's tha sin a' lìonadh a' mhargaid le beothaichean 's tòrr dhiubh, feumaidh mi aideachadh, chan eil iad ro mhath, ach tha feadhainn math nan lùib gu dearbh fhèin. Ach tha e mar gum b' eadh a' phrìs aca a' tuiteam, agus an àite 's dòcha reic mar gum b' eadh beagan nas saoire, no feadhainn dhen fheadhainn bhoireann a mharbhadh airson feòil no rudeigin, tha iad dìreach gan cumail 's tha iad gan togail suas 's mu dheireadh thall tha dìreach tuilleadh 's a' chòir ann.

AN: Mar a tha sibh fhèin ag ràdh, na hobbyists a tha sin, sin mar gum b' eadh cuideigin a tha... feadhainn a' ceannach dhà no trì 's bidh iad a' coimhead brèagha anns a' phàirc aca 's a leithid sineach, ach airson tighinn gu ceist nas... chan eil fhios a'm, nas gràinde 's dòcha, an ann airson feòil a thathar gan àrach?

AD: Ò 's ann. Tha feòil... tha feòil orra, dìreach mar a tha iad a' ràdh, 's e an fheòil as fheàrr air an t-saoghal. Feòil mhath, mhath orra. Chan eil an t-uabhas feòil orra gun teagamh, agus bheir i treiseag a' fàs, ach tha feòil mhath, mhath orra, agus sin agad dìreach... tha e furasta, mar gum b' eadh, a dhèanamh. Nì iad feòil a-mach à fraoch... fraoch 's a-mach à droch thalamh, agus chan eil briod eile ann a nì sineach cho math riutha, ach ris na Gàidheil.

AN: So a dh'aindeoin 's mar a tha an luchd-turais agus na coigrich ag osnaich 's ag ràdh, seall am beothach brèagha a tha siud, 's na sùilean beaga brèige a' priobadh a-mach tron an logaidh aige, 's e aig deireadh an latha dhuibhse, 's duine sam bith a tha gan àrach airson... na obair, mar gum b' eadh, 's e dìreach deagh fheòil a th' ann, agus sin cnag na cùise?

AD: 'S e gu dearbha. Dìreach feòil mhath fhèin. Chan eil dad ceàrr orra siud co-dhiù.

AN: Dè mu do dheidhinn-sa, Dhòmhnaill?

DM: Tha feum eile anns a' chrodh Gàidhealach nach urrainn dhuinn a dhìochuimhneachadh cuideachd. Chan ann idir gan cumail pure. Chanainn-sa, an fheadhainn nach eil cho buileach math agus aig nach eil na characteristics aig a' bheothach Ghàidhealach fhèin, b' àbhaist dhaibh aig aon àm a bhith a' cur tòrr dhiubh sineach gu tarbh short horn, agus am beothach boireann aige bhuaithe sineach, sin agad mar a chanas sinn a-rithist anns a' Bheurla, an commercial stock a bh' aig tòrr mòr, mòr dhe na dùthchannan... tuathanaich air feadh na dùthcha anns a' Ghàidhealtachd, agus chan fhacas fhathast airson talamh àrd mart na b' fheàrr na an cross Gàidhealach, a thàinig on tarbh short horn agus a' bhò Ghàidhealach. Chaill sinn tòrr mòr dhiubh sineach nuair a thòisich am beothach Gàidhealach a' dèanamh airgead mòr 's iad a' dol a-null dhan Ghearmailt 's dha na dùthchannan eile. Mar a thuirt mi, bha a h-uile sìon a bh' ann ga chumail pure, 's ga reic, ach 's e mo bheachd-sa, tha mi a' faicinn gu bheil iad sin a' tòiseachadh a' tilleadh air ais a-niste o nach eil a' mhargaid airson a' chrodh Gàidhealach anns an fharsaingeachd cho math. Agus chan urrainn dhuinn a dhìochuimhneachadh gura h-ioma... gura h-ioma sprèidh... sprèidh mairt a th' air tuathanaich commercials, agus am foundation aig an stoc aca 's e... 's ann on mhart Ghàidhealach a dh'fhalbh e.

MN: Sin agaibh e. Uill, tapadh leibhse, a Dhòmhnaill agus Aonghais. Deagh chomhairle on dithis aca ann a shiud, agus ma ghabhas daoine an comhairle 's gum bi an crodh 's dòcha barrachd chrosaichean a' nochdadh, bidh adhaircean mòra air a' chrodh a th' anns a' cheò nas fìor na bha e riamh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good