Search

Prògram Choinnich

Date 17 February 1998
Track ID 16218
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 17.02.1998

Summary

Israel's fear should a war break out in Iraq.

The people of Israel have been getting gas masks as they are afraid that war is about to break out in Iraq and that they will be the first place to be targeted by Saddam Hussein's army. Calumina Graham lives in Jerusalem and discusses the situation that they have at the moment and how worried the people are.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha dragh air gu leòr an-dràsta mun t-suidheachadh phoilitigeach san Ear-mheadhanach, agus a' mhì-chinnt mu dè tha no nach eil a' dol a thachairt ann an Iraq. Chan eil na dùthchannan mu thimcheall Iraq a' toirt mòran taic do dh'ionnsaigh sam bith a thoirt air Saddam Hussein. Tha beachd aca gur iadsan a dh'fhuilingeas air a sgàth ann an dòigh air choreigin ma thachras a leithid. An Israel, thathas air a bhith a' toirt uidheaman dìon bho ghas dhan an t-sluagh, do chuid nas luaithe na cuid eile. Tha fìor dhragh, ma thèid ionnsaigh a dhèanamh air Baghdad, gur e Israel a' chiad àite a thèid a thargaideachadh le armachd Saddam Hussein. Tha Calumina Ghreumach agam air an loidhne an-dràsta à Ierusalem. Uill, a Chalumina, dìreach dè seòrsa suidheachadh a th' agaibh thall an sin an-dràsta?

Calumina Ghreumach (CG): Uill, tha e rudeigin tense an-dràsta, a Choinnich. Man a thug... a dh'ainmich thu fhèin, tha iad air a bhith a' toirt dhuinn na gasmasks. Fhuair sinne an-dè... 's ann a... 's e na tourists an fheadhainn mu dheireadh, no feadhainn... luchd-obair bho rìoghachdan eile a tha a-staigh anns an rìoghachd, 's iad an fheadhainn mu dheireadh a bha gus fhaighinn, agus chan eil mi buileach cinnteach gun d' fhuair fhathast, gun deach sin fhathast a thoirt seachad, airson a' chailleach ris a bheil mi a' fuireachd ann an seo, tha dithis eile ag obair dhi, dà Filipino, 's chuir i a-mach an-dè e a cheannachd feadhainn dhuinn. Faodaidh tu a cheannachd. Tha iad gu math daor an ceannachd, ach bha i airson dèanamh cinnteach gum biodh feadhainn againn.

CM: Dè an suidheachadh a th' ann dhan a' mhòr-shluagh, a-rèiste? A bheil an riaghaltas gan toirt seachad saor 's an-asgaidh?

CG: Ò, tha. Tha iad gan toirt seachad, agus gheibheadh sinne iad an-asgaidh cuideachd nam biodh beagan foighidinn againn nam fuiricheadh sinn gu... gu an cuireadh iad a-mach iad. Bha iad a' coinneachadh an-dè airson dèanamh an-àirde cuin a bhiodh iad gan toirt seachad dha na... dha na tourists, 's dhan an luchd-obair...

CM: Fhuair, a-rèiste, na h-Iùdhaich fhèin iad an toiseach, an d' fhuair?

CG: Fhuair, fhuair.

CM: 'S dè mu dheidhinn na Palestinianaich a-nise? An d' fhuair iadsan iad?

CG: Uill, tha iadsan air a bhith gam faighinn anns na dhà no thrì làithean mu dheireadh anns na... tha iad mar gum b' eadh a' concentrate-adh air na h-àiteachan, na bailtean far a bheil mòr-shluagh an toiseachd, mus toir iad dha na... dha na bailtean beaga, seadh, air an dùthaich iad.

CM: Nise, tha thusa ag ràdh gun deach sibhse a-mach 's gun do cheannaich sibh an fheadhainn agaibhse. Dè chosg iad dhuibh?

CG: Uill, bha e suas ri còig cheud shekel. Tha sin, ann an sterling, faisg air ceud not.

CM: Co-dhiù, 's e rud a bh' ann agus rinn sibhse e airson gum biodh sibh sàbhailte. A bheil daoine cho iomagaineach gu bheil cùisean cho faisg ri sin, ge-tà, agus gun tigeadh oirbh a dhol a-mach gan ceannach?

CG: Uill, tha pàrlamaid a' feuchainn ri daoine, mar gum b' eadh, a' feuchainn ri defuse-adh. Tha panic eagalach air a bhith am measg an t-sluagh anns na... air an t-seachdain sa chaidh seachad, seachdain... bho chionn seachdain no dhà, a' dol a-mach 's... tha iad uaireachan a thìde nan seasamh ann an queue, 's uaireannan nach fhaigh iad... thàinig orra a dhol a-mach làrna-mhàireach. Bha na h-oifigean air dùnadh mus d' fhuair iad chun a... gu toiseachd a' qhueue. Ach... 's tha sinn a' smaoineachadh gu bheil iad a' feuchainn ri sin a... tha iad ag ràdh rinn, och, 's iongantach... 's iongantach gun cuir e càil taobh Israel, 's dhan [???]. Ged a... ged a chunna sinn am foreign minister aca, Tariq Aziz, ag ràdh sin air an telebhisean, chan eil sinn buileach... chan eil sinn a' cur mòran creideas anns a' ghealladh sin, tha feagal orm.

CM: Uill, chan eil mi a' tuigse buileach carson a tha sibh a' faireachdainn mar sin an-dràsta, oir 's e an rud, cha do thachair càil fhathast. Tha coltas gum bi greis ann mus tachair càil, ma tha e a' dol a thachairt. Gu bheil còmhraidhean a' dol air adhart. Agus mar sin, 's dòcha, tha e rudeigin duilich dhuinn a thuigse carson a tha sibh anns an staid a tha seo, leis an eagal a tha seo, dìreach aig an ìre a tha seo, agus a' chabhag mhòr a tha seo oirbh.

CG: Ò uill, saoilidh sinne, a' faicinn an dòigh a tha na h-Ameireaganaich 's sibh fhèin... na Breatannaich, uimhir a shoithichean 's man a tha iad ag ullachadh ann a shin anns a' Ghulf, tha sin a' cur feagal... nach eil fhios gu bheil sin a' cur feagal air daoine. Chan eil latha nach eil sinn a' cluinntinn mu dheidhinn, gu bheil an t-àm a' dol... a' tighinn nas fhaisge air, 's dòcha, Ameireagaidh a' dol a... a' dol a bhualadh orra. Ach tha sinn an dòchas an-diugh, le... am fear a tha os cionn na United Nations, Kofi Annan, tha e sin air an t-slighe a Bhaghdad an-diugh, 's tha sinn an dòchas gun dèan esan, 's dòcha, gun dèan e rian.

CM: Uill, an turas bho dheireadh a chuir iad beagan Scuds, ceart gu leòr, a-null thugaibhse ann an sin, ach cha robh na bha sin ann, dè tha a' toirt oirbh a bhith a' smaoineachadh gum bi e nas miosa an ath turas?

CG: Uill, tha feagal gun... an triop sa gun cuir e... 's e conventional weapons, man a chanas sinn, a bhios... an rud a chuir e ann an ninety-one, ach tha feagal a-nise gun tèid... gun cuir e biological no... tha sinn a' cluinntinn an-diugh anns a' mhadainn gur e... gur e Breatainn a reic sin... a thug... a thug an cumhachd sin dha, gun do reic iad bho chionn dhà no thrì bhliadhnachan air ais anthrax dha, agus tha tòrr dhen a sin nach... nach eil iad ag innse... bha còir gur ann airson medical purposes, ach tha e coltach gur ann... tha esan air a chleachdadh airson biological warfare. 'S e sin am feagal as motha, fhios agad, ma bhuaileas e... ma thèid... ma bhuaileas... gum buail e an turas seo leis a sin.

CM: Bha thu ag ainmeachadh na bu tràithe an-dràsta luchd-turais. A bheil luchd-turais a' tighinn a dh'Israel 's a' tighinn dha na ceàrnan sin a dh'aindeoin a h-uile càil a tha a' dol air adhart?

CG: Ò uill, tha, gu dearbha. Bha sinne an t-seachdain sa chaidh, chaidh sinn sìos airson dhà no thrì làithean a dh'Eilat, agus bha an t-àite air èaladh le Breatannaich 's Scandinavians. Tha daoine a' tighinn, ceart gu leòr. Chan eil teagamh nach eil feadhainn an dèidh 's... an dèidh 's cancel-aigeadh a thighinn, ach tha feadhainn a' tighinn a h-uile car, tha. Ach tha feadhainn eile a' fàgail. Tha sinn a' cluinntinn gu bheil... gu bheil feadhainn dhe na h-Iùdhaich, gu sònraichte an fheadhainn chràbhach, tha barrachd feagal orra, cha chreid mi, na th' aig càch. Tha feadhainn aca an dèidh teicheadh mar-thà, le feagal am beatha.

CM: 'S a bheil sibhse ann an Israel dhen a' bheachd, mana h-obraich an rud a tha seo le Àrd-oifigear a' UN, gum bi dha-rìribh cogadh ann? Airson 's e an rud a tha sinne a' cluinntinn ann an seo, ged a tha Breatainn 's Ameireagaidh gu math làidir, nach eil na tha sin... na tha sin de thaic aca bho na dùthchannan eile.

CG: Chan eil. 'S e an fhìrinn a tha sin. Chan eil an taic aca bho na... bho na rìoghachdan Arab man a... man a bh' aca anns a... ann an ninety-one, ceart gu leòr, bho thug Jordan an-dè, thuirt iad riutha nach fhaodadh iad... cha do leig iad dha Israel bualadh air ais ann an ninety-one, agus 's iongantach leamsa nan robh iad air leigeil dhaibh... chan eil fhios a'm am biodh Saddam beò an-diugh. Ach chan eil esan nan aghaidh idir an turas sa ma thèid am bualadh. Tha mi a' smaoineachadh, buailidh iad air ais, agus... ach thuirt Jordan, chan fhaod sibh a dhol thairis air an airspace againne airson bualadh Iraq.

CM: Uill, co-dhiù, chan eil cùisean ro chofhurtail.

CG: Chan eil, a Choinnich. Ach ma tha sinn ann an rùn an Tighearna ge air bith cà bheil sinn, tha sinn sàbhailte. 'S e sin a h-uile càil. 'S tha mise a' creidsinn gu bheil mi ann an sin. 'S e sin as coireach nach eil feagal cho mòr orm.

CM: Uill, tapadh leatsa gu dearbha, a Chalumina, aon uair eile. Calumina Ghreumach ann an sin air an loidhne à Ierusalem, agus cùisean, man a tha muinntir an àite ga fhaicinn co-dhiù, rudeigin cugallach.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good