Search

Mar a dh'fhàs clòimh air each.

Contributors
Date 13 May 1976
Track ID 18558
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1976.95.A1

Original Tape ID

SA1976.095

Summary

The horse that grew wool.

A story about a man who sought a witch's help to bring his dead mare back to life. She gave him a potion which was to be poured over the dead animal. Unfortunately, his wife had sold the hide to the travellers. The potion accidentally spilt on the mare, which came back to life. Having no hide, the man put sheepskins over the animal. These began to grow and had to be sheared twice a year.

The contributor heard this story from his uncle.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Lachlann Dick (LD): Uair a bha siud, bha bodach a' còmhnaidh ann an Uibhist, agus mar a bha cumanta aig an àm, bha teaghlach gu math mòr aca, agus gu dearbha chan e saoghal furasta a bh' ann. Mar a bhiodh am bodach fhèin ag ràitinn, 'Cha tric a bha sinn dà uair riamh cho tur'.

Ach co-dhiù, a' bhliadhna a bha seo, suas mu thoiseach an earraich, dh'èirich am bodach gu math tràth sa mhadainn, mar a bha an cleachdadh ann, agus sùil gun tug e a-mach dè ach bha an làir aige agus i na sìneadh ann a shin, anns an achadh, marbh. Ò uill, an duine bochd, 's e bha na èiginn, agus obair an earraich cho dripeil 's gun beothach eile ri fhaighinn. 'S ò, cha robh fhios aige idir dè a dhèanadh e, an duine bochd, 's na bha aige de theaghlach ri am beathachadh.

Ach co-dhiù, bha e ann a shin a' tachas a chinn car greiseag, agus 's ann a smaoinich e gur ann a ghabhadh e cuairt suas Bràigh Glinne far an robh ainm air seann chaillich a bh' ann a shin a bhith na bana-bhuidseach, agus thog e air gun ghuth a ràdh ri duine. 'S mu dheireadh thall ràinig e, 's chaidh e a-staigh, 's bha iad ann a shin a' còmhradh air ais 's air adhart car... Agus ars esan rithe:

"Thàinig mi a' feuchainn an dèanadh sibh cobhair orm."

"Ò uill, dè sin a tha a dhìth oirbh?" ars ise.

"Ò tha dìreach," agus dh'innis e dhi mar a bha air èirigh dha. "Agus thàinig mi an rathad," ars esan, "feuch an dèanadh sibh snàithle dhomh."

Ò cha robh i idir airson seo, ach co-dhiù, chùm e rithe, agus mu dheireadh thuirt i:

"O uill, on a tha seòrsa de chàirdeas eadarainn, nì mi snàithle dhut."

Rud a rinnear. Agus anns an dealachadh ars ise ris:

"Seo agad a-nist crogan, agus an rud a th' anns a' chrogan, nuair a ruigeadh tu an taigh, crathadh tu seo air a' chlosaich."

Ò uill, bu toilichte e a' falbh seach mar a bha e nuair a bha e a' ruighinn, 's thog e air. Ach co-dhiù, dè bha air tachairt fhad 's a bha e air falbh ach gun tàinig pannal cheàrd an rathad, agus thug iad an aire dhan chlosaich anns an achadh, 's siud iad suas chun an dorais. 'S ò, bha iad a' bruidhinn air ais 's air adhart ri bean a' chroiteir ann a shin, 's mu dheireadh thàinig iad gu chèile agus 's ann a phàigh na ceàrdannan not air seiche na làire. 'S cha do chuir iad seachad mionaid siud am bad na làire iad 's iad ga feannadh, 's dh'fhalbh iad gu toilichte le seiche na làire.

Co-dhiù, an ceann greiseag, cò nochd ach am bodach, 's a' chùis gu dòigheil gu 'n tug e an aire dhan a' chlosaich ann a shin dìth seiche. Ò, 's e ghabh an fhearg. Bha e ann a shin dìreach air chrith, làn feirge. Agus leis mar a bha e air chrith, dè ach dhòirt na bha sa chrogan air a' chlosaich, 's ann am priobadh na sùla siud an làir air a casan, agus i ann a shin air chrith le fuachd 's gaoth iar an earraich a' sèideadh mu timcheall. Ò uill, ma bha an truaighe air roimhe 's ann a bha an truaighe air a-nis 's gun fhios aige dè dhèanadh e leis a' bheothach.

Ach co-dhiù, a-staigh dhan stàball, 's e a' toirt sùil timcheall ann a shin 's am beothach aige a-staigh, 's dè ach laigh a shùil shuas air na sparran agus dè bha an sin ach rùsg no dhà nach robh iad air a chur fhathast gu feum, 's chan fhaca e dad a b' fheàrr na na rùsgan a bha sin a shuaineadh timcheall air a' bheothaich. A-staigh a chaidh e, 's abair thusa gun d' fhuair a bhean bhochd deagh throd nuair a chaidh e a-staigh.

Ach co-dhiù, bha e ann a shin, 's latha às dèidh latha a' coimhead às dèidh na làire, 's an ceann seachdain no dhà dè ach thug e an aire gur ann a bha an rùsg caran na b' fhaide 's caran na bu tiugha na bha e. Agus latha às dèidh latha 's ann a bha a' chùis a' dol air adhart mar sin. Suas meadhan an t-samhraidh 's ann a bha an rùsg a' fàs cho fada 's gur ann a b' fheudar dha teannadh ri bhith a' rùsgadh an eich. Agus an uair sin a-rithist suas toiseach na bliadhna b' fheudar dha an aon rud a dhèanamh a-rithist.

Agus sin agaibh mar a dh'èirich dhan chroitear agus 's ann mar sin mar a dh'fhàg mise e. Tha e ann a shin 's e a' rùsgadh an eich dà thuras sa bhliadhna agus e gu math nas fheàrr dheth nar a bha e nuair a thòisich e an toiseach.

Iain Peatarsan (IP): Saoil a-nise an innseadh tu dhomh cà an do dh'ionnsaich thu i seo no cò aig a chuala thu an toiseach i no...?

LD: Uill, mas math mo chuimhne 's ann aig bràthair mo mhàthar-sa ann an Uibhist a Tuath, fear ris an canadh iad Dòmhnall Iain Lachlainn Tàilleir. 'S ann ann am Màlacleit a bha esan a' còmhnaidh, agus 's ann am Màlacleit cuideachd a bha athair, Lachlann Tàillear. Tha... 's ann a... mo mhàthair, 's ann an Grèinetobht a bhuineadh i; bhuineadh i do Chlann an Tòisich ann an Grèinetobht, agus mar sin chan eil fhios a'm dè an taobh don tàinig an sgeul thuige; an ann anns an teaghlach a bha i, no càit an cuala e i.

IP: Seadh, dìreach. Seadh, chan eil thu cinnteach cà an cuala e i? An ann aig athair no aig a mhàthair, no cò aig... no an robh i am measg nan daoine co-dhiù?

LD: Cò aige tha fios.

IP: Sin agad e. Glè mhath.

LD: Chan aithne dhomh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good