Search

Iomradh air leigheasan.

Date 17 February 1977
Track ID 18577
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1976.95.B3

Original Tape ID

SA1976.095

Summary

Mention of various cures.

People who were born feet first were supposed to have the ability to cure. A seventh son would cure scrofula. Silver water and sìoman ceàrr [rope twisted the wrong way] were used to cure sick cattle.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Lochs

Island - Lewis

Village/Place - Leurbost

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Murchadh MacLeòid (MM): Nise, bha mi a' dol a dh'innse dhuibh mu dheidhinn... bha a' phiuthar a bha seo agam, bha i sia bliadhna na bu shine na bha mise, agus bha an gibht leighis aice. Bha, do bhrìgh 's gun do rugadh i an comhair a cas. Agus bha daoine a' smaoineachadh, anns an àite anns an robh mise, daoine a rugadh an comhair an cas, gun leighiseadh iad galar ris an canadh iad na glaicean-clèibhe. Air a bhiodh druim goirt air duine, bha e a' dol na shìneadh air an làr, air a bheul fodha, agus bha an duine sa a rugadh an comhair a chas, bha e a' coiseachd air a dhruim suas, a' tòiseachadh ann an seo, ann an cùl an droma, agus suas gu cùl a' chinn, agus air ais a-rithist tha mi a' smaoineachadh. Uill, is cuimhne leamsa mo phiuthar a bhith a' dèanamh sin air banntrach a bha a' fuireach faisg oirnn. Banntrach Iain Dhòmhnaill Ruaidh, no Banntrach Tòmain a chanadh iad rithe. Agus 's ioma latha a rinn i fhèin dibhearsan an dèidh sin a-rithist. Tha cuimhn' a'm i bhith a' dol feasgar a-null ann agus i bhith ag innse dhuinn a-rithist man a rinn i. Bha i... dh'fheumadh i duine cumail taca rithe ach am faigheadh i coiseachd air an druim aice, ach bha [?aice ri cur] cuideam oirre. Tha mise a' smaoineachadh gur e rudeigin [?mun an gall] ris an can iad an-diugh slipped disc.

Iain Peatarsan (IP): Sin agaibh e. Uill 's e leum-droma a chanamaid-ne ris.

MM: 'S e a chanadh sibhse ris, tha mi a' creidsinn.

IP: Ach dè a-nis am facal a bh' agaibhse air a shon?

MM: Bha, na glaicean-clèibhe.

IP: Ò, na glaicean-clèibhe.

MM: 'S e.

IP: Agus 's e feadhainn a rugadh an comhair an cas. Nis, an cuala sibh riamh an seachdamh mac, no...

MM: Ò chuala. Èist, ò charaid ort, bha dithis dhiubh anns a' bhaile anns an do thogadh mi. Bha Iain Sheòrais Fhionnlaigh, 's e seachdamh mac. Agus Aonghas Thormoid Duinn, 's e seachdamh mac. 'S bha mi eòlach air an dithis. Agus bha iad... Ò bha demand mòr orra airson a bhith a' leigheas tinneas an rìgh, 's bha iad ga dhèanamh air dà dhòigh, a bheil fhios agaibh. Bha iad... cha robh iad... nam biodh an duine anns an nàbachd, an duine air an robh tinneas an rìgh, nam biodh e anns an nàbachd bha iad a' dol far an robh e agus bha iad a' nighe am bùrn... làmhan anns a' bhùrn agus ga chur... gan suathadh... a' suathadh an làmhan ris an at a bha seo. Ach nam biodh duine fad às, 's dòcha gun cuireadh iad... 's nach robh e comasach dha thighinn, 's dòcha gun cuireadh iad duine le botal a dh'iarraidh uisge bho na làmhan aige, agus bha... cha robh e a' dèanamh càil ach a' nighe a làmhan ann am bùrn glan 's ga chur dhan a' bhotal 's ga thilleadh thuca. Ò bha.

IP: Agus cha chuala sibh iad a bhith a' cur airgead dhan uisge a bha seo? Bonn airgid no sia-sgillinn no...

MM: Cha chuala mi iad a bhith a' cur airgead ann, ach 's ann a bhiodh iad a' cur airgead ann an uisge air a bhiodh... tinneas a bhiodh... air a bhiodh tinneas air crodh. Teas-broilein no rudeigin dhen t-seòrsa sin.

IP: Dè am facal a bha siud agaibh?

MM: Teas-broilein, no rudeigin dhen t-seòrsa sin.

IP: Dè a-nise, mar a... a chanas sibh... dè a' Bheurla a chuireadh sibh air a sin?

MM: Ò uill, chan eil fhios agamsa dè a' Bheurla a chuireadh tu air, ach tha mi a' smaoineachadh gur ann air a bhiodh an com aca a' stad no rudeigin dhen t-seòrsa sin.

IP: Ò seadh, seadh. Tiormachd a chanamaid-ne ris a sin.

MM: 'S e. Tha mi a' smaoineachadh gur ann airson sin a bha e, ach chan eil mi cinnteach. Ach chuala mi... chuala mi Leòdhasach ag ràdh... ag innse dhomh. Seann bodach ann an... cha b' e seann bhodach a bh' ann; 's e bh' ann an inspector sgoile, Angus L. MacDonald. Bha e eòlach air a sin. Bò a bh' aca a dh'fhàs tinn, agus thàinig nàbaidh a bha eòlach air crodh, thàinig e... thàinig e a shealltainn oirre, agus dh'iarr e uisge far airgid a chur oirre, agus corra-shìomain ceàrr a chur oirre. Sìoman ceàrr... sìoman a bh' air a thoinneamh an aghaidh an dòigh àbhaisteach, a bheil fhios agaibh. 'S ann deas a bha sibh a' toinneamh. Uill, thuirt e nan do chuireadh sìoman-fraoich oirre agus car dhen t-sìoman-fraoich oirre, agus chaidh am bùrn a ghoil agus airgead anns a' phrais anns an do ghoileadh e, agus nuair a dh'fhàs e cho fuar 's gun gabhadh e òl... gum b' urrainn dhan bhò òl thugadh dhi e, agus chuireadh an sìoman ceàrr oirre 's dh'fhàs a' bhò gu math. Chuala mi e ag ràdh sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good