Search

Prògram Choinnich

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 18.07.2000

Summary

Discussion about depopulation on Harris.

Councillor Morag Munro, Tom MacLennan and Donald Martin discuss the depopulation of Harris and the reasons for it. There are more job opportunities in the Isles now and the work done by Harris Development Ltd gives cause for optimism. Although Harris lost a generation because of the lack of jobs, new businesses are moving into the old schools and so there is hope for regeneration.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Harris

Village/Place - Northton

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Harris

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): 'S e àite brèagha a th' anns na Hearadh. Taobh an iar na Hearadh co-dhiù, air latha mar seo. Ach cha chùm bòidhchead gun chosnadh daoine ann an àite. 'S e sin droch sgeul na Hearadh mar iomadh àite iomallach eile. Tha oidhirpean ga dhèanamh - mòran oidhirpean - gus cosnaidhean a thoirt dha na Hearadh, ach an dèidh sin tha na h-àireamhan air a bhith a' dol sìos. An e dìth cosnadh a-mhàin as coireach? Dè seòrsa beachd a th' aig an fheadhainn a dh'fhalbh air an eilean a dh'fhàg iad às an dèidh? Na h-àireamhan an toiseach. Còmhla rium tha Mòrag Rothach, an comhairliche Mòrag Rothach, air an loidhne an-dràsta. A Mhòrag, uill, dè th' air a bhith a' tachairt do dh'àireamh-sluaigh na Hearadh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad?

Mòrag Rothach (MR): Uill, mar a tha na h-àireamhan ann an àiteachan eile dhe na h-eileanan, tha na h-àireamhan air a bhith a' dol sìos, ach tha iad air a bhith a' dol sìos nas caise anns na Hearadh.

CM: Dè cho luath 's a tha iad air a bhith a' dol sìos?

MR: Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-àireamhan a tha air am breith anns na Hearadh air a dhol sìos gu mòr. Bha uair a bha tòrr a bharrachd a chlann air am breith agus na bh' ann a bhàis. Bha sin, can, nuair a thòisich iad a' gabhail records an toiseach ann an ochd ceud deug agus leth-cheud 's a còig. Bha an uair sin ann a dhà uimhir gam breith 's a bh' ann a bhàis. Ach mu nineteen... nineteen fifty, anns an linn a chaidh seachad, bha sin air atharrachadh gu mòr, agus bha na bu lugha ann a bhàis agus na bh' ann... na bu lugha ann a bhreith 's na bh' ann a bhàis, agus tha e air a bhith mar sin on uair sin. Agus a bharrachd air a sin, tha amannan anns na linntean sin a tha daoine air a bhith a' falbh às na h-eileanan, ach tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as duilghe leinn gu bheil an àireamh a th' air am breith anns na Hearadh air a bhith a' dol sìos. Tha na teaghlaichean tòrr nas lugha na bha iad uaireigin, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin an t-adhbhar as motha.

CM: Mar sin dheth, chan i a' ghearain ann an seo... chan i gearain a th' ann, chan e an duilgheadas as motha gu bheil daoine a' fàgail, ach nach eil iad ann an-diugh cha mhòr anns a' chiad àite?

MR: 'S e, 's e sin. Ged a tha sinn a' faicinn atharrachadh anns na h-àireamhan a tha gam breith. Mar eisimpleir, anns a' bhliadhna a dh'fhalbh, bha còrr 's fichead air am breith, ach a' bhliadhna ron a sin, cha deachaidh a bhreith ach aon-deug. 'S mar sin tha atharrachaidhean ann o bhliadhna gu bliadhna. Tha e doirbh a dhèanamh a-mach. Nis, a' bhliadhna seo fhèin, tha deich... deichnear air am breith mar-thà, so tha sinn an dòchas gum bi a' bhliadhna seo nas fheàrr. Saoilidh mi gu bheil 's dòcha cùisean a' dol beagan... beagan nas fheàrr.

CM: Uill, tha dithis còmhla rium a rugadh 's a thogadh anns na Hearadh, a dh'fhàg na Hearadh airson na h-adhbharan aca fhèin, mar a rinn iomadh duine eile. Tom MacIllFhinnein ann an Dùn Èideann. Tom, nuair a bhios tusa a' coimhead air ais air na Hearadh, nuair a thig thu air ais dha na Hearadh, dè seòrsa beachd a bhios agad air?

Tom MacIllFhinnein (TM): Tha dìreach mar a bha Mòrag a' ràdh, gu bheil na h-àireamhan a' dol sìos, agus tha a' choimhearsnachd anns an fharsaingeachd, 's ann nas sine a tha a' choimhearsnachd a' fàs a h-uile bliadhna, agus tha mi toilichte a chluinntinn gu bheil beagan misneachd a rèir na tha... gu bheil barrachd a' tighinn an-àirde, a rèir coltais, ach chan e sin ach dìreach beagan an taca ri na tha air falbh às na h-eileanan, an taca ri na bliadhnaichean a chaidh seachad.

CM: Uill gu dearbha, agus tha thu fhèin air fear dhen an fheadhainn sin. Tha thu ann an sin ann an Dùn Èideann, teaghlach òg agad, agus aon uair agus gun do dh'fhalbh thu, sin e. Chan eil càil ann an-dràsta a bheireadh ortsa tilleadh air ais dha na Hearadh, a bheil?

TM: Droch... fìor dhroch theansa. Tha sia bliadhna air fhichead, a Choinnich, o dh'fhalbh mise à Sgoil an Tairbeirt - a Sgoil Phort Rìgh an toiseach 's an uair sin a Ghlaschu, 's timcheall Obar Dheathain, a-nis a Dhùn Èideann. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud doirbh a th' ann do phàrantan anns na h-eileanan gu bheil iad a' putadh dhaoine airson foghlam fhaighinn, agus tha tòrr dhen a sin air a' Ghàidhealtachd gu h-àraid. Tha ùidh mòr aig daoine ann am foghlam agus faighinn air adhart, agus feumaidh daoine gabhail ris a sin, gum bi an òigridh a' falbh, agus gu bheil barrachd comas aca faighinn air adhart a-mach às na h-eileanan oir nach eil an obair ann. An obair a th' ann, chan eil e ach aig tuarastal gu math ìseal a rèir mar a gheibh duine air tìr-mòr.

CM: Agus gu dearbha, 's e gluasad a tha sin a bhathas an dòchas a dh'atharraicheadh nuair a thigeadh buidheannan mar Chomhairle nan Eilean anns na seachdadan, agus fear dhen an fheadhainn a thàinig air ais dha na h-eileanan, ged nach tàinig dha na Hearadh aig an àm a bha sin, Dòmhnall Màrtainn. A Dhòmhnaill, an seòrsa rud a tha Tom ag ràdh ann an siud, na duilgheadasan a tha Mòrag ag ràdh, tha iad sin a' coinneachadh rinn ann an seo fhathast, nach eil?

Dòmhnall Màrtainn (DM): Tha. Chan eil teagamh sam bith an sin. Ach a dh'aindeoin sin, dh'fheumainn-sa misneachd a thoir do Thòmas. Bha mi fhèin anns an aon t-suidheachadh anns an robh e mus tàinig a' Chomhairle, agus nuair a bha mi ag obair ann an Dùn Èideann, cha robh mi riamh dhen a' bheachd gum faighinn cothrom tighinn air ais dha na h-eileanan, agus chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh, 's chaidh tòrr cothroman a thoir do dhaoine mar mi fhèin tighinn air ais gu obraichean nach robh anns na h-eileanan gus an tàinig a' Chomhairle, agus fhuair mi cothrom tighinn air ais. Mar a thuirt thu, cha d' fhuair mi buileach air ais dha na Hearadh fhathast, ach tha mi gu math faisg air. Niste, tha buidheannan eile ann cuideachd a th' air an aon rud a dhèanamh, mar eisimpleir, na seirbheisean slàinte, agus tha mise a' smaoineachadh gu bheil misneachd ann do dhaoine mar Tòmas a th' air tìr-mòr, agus 's dòcha gum bi cothroman ann ann an dhà no trì bhliadhnaichean eile nach eil sinn a' smaoineachadh air an-dràsta.

CM: Uill, 's e aon dhe na rudan a thachair, nach e, ge-tà, ann an dòigh dha na Hearadh, bha na Hearadh cha mhòr air a dhìgeadh eadar Leòdhas agus Uibhist.

DM: Bha. Tha sin ceart ann an dòigh, ach a dh'aindeoin sin, nuair a bheir thu sùil air, nuair a bha mise a' dol dhan an sgoil, 's e glè bheag de dh'obraichean a bha ann an seirbheisean comhairle ionadail anns na Hearadh. Cha robh Taigh na Hearadh ann, mar eisimpleir. 'S e glè bheag de dh'obraichean a bh' ann airson boireannaich, agus cha robh ach glè bheag de dh'obraichean ann an oifisean Comhairle Siorrachd Inbhir Nis. Tha sin air atharrachadh a-niste, agus tha na cothroman mòra sin ann. Agus cothroman ùra cuideachd. Nuair a tha mise a' toir sùil air coimhearsnachdan anns na h-Eileanan an Iar seachd àraid, agus cuideachd air a' Ghàidhealtachd, tha mi a' toir mar slat-tomhais dè tha a' tachairt anns na h-àitichean far am b' àbhaist na sgoiltean a bhith, agus tha mi a' faicinn, mar eisimpleir, anns na Hearadh gu bheil an ionad snasail sin shìos air an Taobh Tuath, Seallam, a tha a' fosgladh an-diugh, agus far bheil... tha sinn air a bhith ag èisteachd ri triùir a tha gu bhith ag obair ann. Tha sin trì uiread 's a b' àbhaist a bhith ag obair nuair a bha an sgoil fosgailte. Tha cuideachd seann sgoil eile, no làrach seann Sgoil Àird a' Mhulaidh, far a bheil ionad snasail eile ann a shin an-diugh. Agus tha eisimpleirean mar sin shìos tro na h-Uibhistean agus ann am Barraigh cuideachd, agus tha sin a' toir dhuinn tomhais gu bheil rudan a' tachairt anns a' choimhearsnachd. 'S dòcha nach e sgoiltean a th' ann, ach chaidh na sgoiltean sin a thogail ann an linn nuair nach robh comas aig daoine siubhal ann an carbaidean gu sgoiltean na b' fhaide air falbh.

CM: Ach ann an sin... tha sin gar toirt air ais gu na h-àireamhan a bha Mòrag a' toirt dhuinn aig an toiseach. Tha sin glè mhath, ach bha clann ann nuair a bha thu fhèin agus Tom a' fàs suas. 'S e an rud a tha sinn a' cluinntinn a-nise, chan eil clann ann airson cha mhòr falbh, agus tha sin gar fàgail le dealbh rudeigin dubhach a thaobh obraichean agus nithean dhen t-seòrsa sin. [?Airson] an-dràsta, thàinig thusa air ais a Leòdhas thu fhèin, mar eisimpleir, ach cha tàinig thu air ais dha na Hearadh, agus 's e glè bheag dhe na daoine dhe do sheòrsa fhèin 's de sheòrsa Tom a thàinig, nach e?

DM: Tha sin ceart, ach a dh'aindeoin sin thàinig daoine eile air ais dha na Hearadh, agus chan eil mise a' smaoineachadh gur e saoghal uabhasach fallain a bhiodh ann nam biodh a h-uile duine a bh' air am breith agus ag èirigh an-àird a' fuireach anns an aon choimhearsnachd. Mar a bha Tom ag ràdh 's mar a bha daoine eile ag ràdh, feumaidh daoine falbh, feumaidh òigridh na Hearadh falbh gu tìr-mòr. 'S ann nuair a dh'fhalbhas iad gu tìr-mòr a choinneachadh ri suidheachaidhean eile 's a choinneachadh ri daoine eile, 's ann a chì iad an luach a th' anns an àite a dh'fhàg iad air an cùlaibh, agus 's ann an uair sin a bhios e nas tarraingiche a dhol air ais ann.

CM: A Mhòrag, tha Dòmhnall a' feuchainn ri dealbh misneachail a thoirt dhuinn ann an sin, agus tuigidh duine carson a bhiodh e a' dèanamh sin, 's tha e math a bhith a' dèanamh sin, ach chan eil rian nach eil e duilich do dhaoine dhe do sheòrsa fhèin, a dh'fhalbh airson foghlam, ach a thill dha na Hearadh agus a th' air a bhith a' strì anns na Hearadh do mhuinntir na Hearadh thairis air iomadach bliadhna, a bhith a' togail misneachd às an seòrsa suidheachadh a thug thu fhèin dhuinn aig an toiseach.

MR: Uill, tha mise air a bhith a' gabhail misneachd. Tha mise air a bhith a' gabhail misneachd o chionn, can, sia bliadhna air ais, on a thòisich Adhartas na Hearadh, mar eisimpleir, agus tha mi a' feuchainn ris a' mhisneachd sin a chur thairis. Bidh e a' cur caise ormsa uaireannan nuair a bhios mi a' cluinntinn daoine a' cantainn, 'Tha na Hearadh a' bàsachadh,' agus aig an aon àm nach eil iad a' faicinn na h-oidhirpean a tha air a bhith air a dhèanamh. Tha tòrr obraichean air tighinn a-staigh dha na Hearadh, mar a bha Dòmhnall a' cantainn, o chionn sia bliadhna, can, tro obrachadh Adhartas na Hearadh agus na buidheannan eile a tha an sàs ann a bhith a' feuchainn ri gnìomhachas a thoirt dhan àite, 's tha an t-uabhas airgid air a thoirt a-steach airson sin. Tha mi a' smaoineachadh, tha sinn dualach air a bhith dìreach a' coimhead air na h-àireamhan ud, agus a bhith a' cantainn, 'Tha na Hearadh a' dol a bhàsachadh,' agus, 'Tha na Hearadh a' dol nas miosa.' Tha na Hearadh a' dol nas fheàrr, mar a mhìnich Dòmhnall. Tha an t-uabhas dhe na gnìomhachasan sin a' tachairt, agus tha dà sgoil eile cuideachd ann a tha falamh agus a tha dòchas ann gum bi gnìomhachas a' tachairt ann. Aig Iomairt aig an Oir, mar a tha Drinisiadar, 's ann ann a shin a tha an co-ordinator nàiseanta airson Iomairt aig an Oir, tha na h-ochd àiteachan far a bheil Iomairt aig an Oir, 's ann a shin a tha an co-ordinator air a stèidheachadh, 's tha feum air a dhèanamh dhen an togalach sin, agus tha an Iomairt an dòchas gun dèan iad tuilleadh feum dhen togalach sin. Tha iad an dòchas cuideachd gun dèan iad feum dhen sgoil a chaidh a dhùnadh ann am Mànais. Agus tha cuideachd gnìomhachas eile a' dol a thighinn a Sgoil Chaolas Stocainis.

CM: Nam b' e, Tom, an seòrsa suidheachadh misneachail a tha Mòrag a' dèanamh dealbh dheth ann an siud dhuinn a bhiodh ann, can nuair a bha thu fhèin òg, nuair a bha Dòmhnall òg, am biodh sin gu leòr airson, can, duine dhe do sheòrsa a' cantainn, 'Uill, thèid mi agus ionnsachaidh sgilean a bheir dhomh cosnadh a bheir orm... a bheir dhomh cothrom a thighinn air ais dha na Hearadh.' A bheil thu a' smaoineachadh gun dèanadh e an t-atharrachadh sin?

TM: Ò cò aig a tha fhios. Tha mi ag aontachadh gu bheil oidhirp mhòr air a bhith air a dhèanamh bho chionn... na bliadhnaichean a chaidh seachad, na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Dh'fhuiling na Hearadh tòrr, tha mi a' smaoineachadh, o chionn fichead gu còig bliadhna air fhichead air a thòisich Comhairle nan Eilean, oir a bhith ro fhaisg air Steòrnabhagh 's ro fhaisg air Leòdhas, agus nach robh an t-uabhas aire air a thoirt dha na Hearadh aig an ùine sin. Tha aire air a thoirt a-nist agus oidhirp ga dèanamh airson obair a thoirt a-steach, agus 's e rud math a tha sin, ach chaidh tòrr dhaoine dhen a' ghinealach sin a bhiodh an-diugh deich bliadhna air fhichead, dà fhichead bliadhna, a-mach às na Hearadh nach till, agus sin far a bheil am beàrn mòr, daoine 's dòcha a bhiodh a' feuchainn gnìomhachasan a ruith dhaibh fhèin an-diugh, agus tha e gu math doirbh dhaibh tighinn air ais aig an ìre seo, agus 's dòcha cosnadh math a leigeil seachad agus mì-chinnt a ghabhail na àite. Sin an ginealach a chaidh a chall a rèir an oidhirp sin nach robh ann aig an àm sin.

CM: Agus a Dhòmhnaill Mhàrtainn, a bheil thu a' smaoineachadh na h-oidhirpean a tha sinn a' cluinntinn a thathas a' dèanamh, 's tha pròiseactan luach deich air fhichead millean not, air pàipear co-dhiù, an-dràsta air an cur air dòigh sna bliadhnaichean a tha romhainn, a bheil thu a' smaoineachadh gu bheil an oidhirp a tha sin gu bhith gu leòr airson stad a chur air an rud a tha sinn a' bruidhinn air ann an seo, 's e sin call sluaigh?

DM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gum bi. Cha leig sinn a leas ach coimhead air àitichean eile air a' Ghàidhealtachd far a bheil ath-nuadhachadh air a bhith ann am measg nan coimhearsnachdan le bhith a' tòiseachdainn le leasachaidhean, mar eisimpleir ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach air a... stèidhichte air Sabhal Mòr Ostaig, agus na gnìomhachasan a th' air a bhith ag èirigh a-mach às a sin. Thairis air na bliadhnaichean tha sinn a' faicinn gu bheil an sluagh a' tilleadh air ais agus chan eil mi a' faicinn adhbhar sam bith carson nach tachair e anns na Hearadh. Chan eil mi idir dhen a' bheachd gu bheil sinn a' dol a dh'fhaicinn an sluagh aig an ìre aig an robh e aig toiseach na linn seo, a chionn tha dòigh-beatha dhaoine air atharrachadh. Chan eil uiread de theaghlaichean aig daoine an-diugh 's a b' àbhaist a bhith ann, nuair a bha teaghlaichean le sianar 's seachdnar. Chan e sin an suidheachadh a th' againn an-diugh. Chan eil ann ach dithis no thriùir.

CM: Mo thaing dhan an triùir agaibh airson a bhith a' beachdachadh air a seo, gu dearbha. Dòmhnall Màrtainn, Mòrag Rothach agus Tom MacIllFhinnein.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good