Search

Prògram Choinnich

Date 21 February 1995
Track ID 1947
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 21.02.1995

Summary

Gaelic at the Inverness Music Festival.

Inverness Music Festival now includes a Gaelic Section. Further information about the festival from Janet MacGregor.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Inverness

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Fad na seachdain sa, tha ceòl gu leòr ri chluinntinn ann an Inbhir Nis ann an grunnan math àitichean, oir fad na seachdain sa tha Fèis Ciùil Inbhir Nis ri chluinntinn agus ri fhaicinn anns na h-àitichean a tha sin. Bidh dà chuirm mhòr aca aig deireadh na seachdain ann an Eden Court. Còmhla rium an Inbhir Nis gus beagan dhomh innse mu dheidhinn na tha a' dol, tha Seònaid NicGriogair. Madainn mhath, a Sheònaid.

Seònaid NicGriogair (SN): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Uill, 's e seachdain gu math cudromach a th' ann an seachdain na fèise do luchd-ciùil Inbhir Nis, nach e?

SN: 'S e gu dearbh.

CM: Dè seòrsa rudan a tha a' dol air adhart?

SN: Uill, mar a thuigeas mi... tha farpaisean ann airson ceòl dhen a h-uile seòrsa. Thòisich e Disathairne, tha mi a' smaoineachadh, le farpaisean fìdhle agus ceòl Albannach dhen a h-uile seòrsa, tha mi a' smaoineachadh. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil farpaisean ùra ann am-bliadhna - bha mi a' leughadh ann am fear dhe na h-aithisgean a chuir iad a-mach - airson ceòl Gàidhealach. Scottish no Highland music a chanadh iad ris, cha chreid mi. Agus tha mi a' smaoineachadh gun robh duaisean àraid gan toirt seachad airson na rudan sin Disathairne.

CM: Tha beagan de Ghàidhlig ann a-nise, agus cha robh.

SN: Uill, bha o chionn fhada, bha Gàidhlig ann. Nuair a bha mise anns an sgoil an seo an Inbhir Nis bha farpaisean Gàidhlig ann, ach cha chreid mi gun robh riamh inbhe uabhasach àrd aig a' Ghàidhlig anns an fhèis a bha seo, ach bha e ann. Ach an uair sin, bho chionn beagan bhliadhnaichean, shìolaidh a' Ghàidhlig às uile-gu-lèir. Tha mi a' smaoineachadh... 's e mo bheachd fhèin a tha seo - chan eil fhios a'm a bheil mi ceart - ach tha mi a' smaoineachadh gur e a chionn 's gun do dh'ath-nuadhaich iad mòd ionadail ann an Inbhir Nis bho chionn beagan bhliadhnaichean a-nise, gur dòcha gun robh iad a' smaoineachadh, a bheil fhios a'd, gun dèanadh sin a' chùis airson na Gàidhlig, a bheil fhios a'd. Agus... ach o chionn dà bhliadhna a-nise, seo an dàrna bliadhna ma-thà, tha iad air na co-fharpaisean seinn Gàidhlig a thoir air ais a-rithist.

CM: Agus a bheil dad a' dol ann?

SN: Cha chreid mi gu bheil. Cha chreid mi gun robh duine idir ann an-uiridh. Cha robh fhios a'm fhèin gun robh na farpaisean air tilleadh ann an-uiridh. Cha robh iad air fios... uill, ma chuir iad fios, cha tàinig e chun na h-àiteachan ceart... cha tàinig e dha na sgoiltean co-dhiù ann an tìde, so cha do chuir mise duine a-staigh an-uiridh, ach bha fios a'm, a bheil fhios a'd, gun robh na farpaisean air a bhith ann, so bha mi deiseil air a shon am-bliadhna. Ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil mòran de sgoiltean ach an sgoil agam fhèin air duine a chur a-staigh.

CM: Carson nach eil am fiosrachadh, a-rèiste, a' dol a-mach, an dùil?

SN: Uill, tha am fiosrachadh a' dol a-mach, ceart gu leòr, ach chan eil e... cha chreid mi gu bheil e a' tighinn... chan eil e a' tighinn gu na roinnean Gàidhlig, a bheil fhios a'd. 'S e an dòigh gun d' fhuair mise e, 's e gur aithne dhomh feadhainn a tha an sàs anns an fhèis chiùil, a bheil fhios a'd. Feadhainn... luchd-Beurla, mar a chanas iad. Dìreach daoine air a bheil mi eòlach. Agus 's iad sin, mar gum b' eadh, a tha ag innse dhòmhsa gu pearsanta, ach chan eil fhios a'm a bheil am fiosrachadh a' dol dha na roinnean Gàidhlig... tha e a' dol dha na sgoiltean, gu na roinnean ciùil, ach uaireannan chan eil iad sin a' cur fios a-mach, fhios a'd, gu na tidsearan Gàidhlig. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil... 's dòcha gu bheil seo mar fear dhe na h-adhbharan.

CM: Agus carson a thug iad a' Ghàidhlig a-steach, a-rèiste? An e gu bheil an fhèis a' dol air ais, agus gun robh iad a' feuchainn ri rudeigin a dhèanamh a bheireadh piseach air cùisean a-rithist?

SN: Uill cha chreid mi nach robh an fhèis a' dol air ais. Tha sin ceart. Bha an fhèis a' dol air ais. Cha chreid mi gun robh mòran a' gabhail pàirt ann, a bheil fhios a'd, ann an co-fharpaisean sam bith. Ach cha chreid mi nach eil piseach air tighinn oirre. Chan eil fhios a'm an e a' Ghàidhlig bu choireach ris a sin, ach tha iad air rudan às ùr a thoir a-staigh. Tha iad air farpaisean... no barrachd fharpaisean a thoir a-staigh, 's tha iad a' feuchainn, tha mi a' smaoineachadh, ris... ri inbhe nas àirde a thoir dhan an fhèis air fad. Ach mi a' smaoineachadh, a bheil fhios a'd, mar a tha sgoiltean an-diugh, tha fhios a'm gum bi sinn a' gearan, ach tha cho beag a thìde aig tidsearan gus clann ullachadh airson rudan dhen t-seòrsa sin, nach eil a h-uile duine a' gabhail pàirt. Tha fios a'm fiù 's tidsearan ciùil as aithne dhomh fhèin, tidsearan a tha a' dol timcheall nan sgoiltean, can, a' teagasg fidheall 's pìob mhòr, tha tòrr dhiubh sin chan eil iad... chan eil sùim sam bith aca ann am farpaisean 's ann a bhith a' cur clann air adhart gu farpaisean.

CM: Ach chan e a-mhàin farpaisean a tha an seo. Cuideachd tha dà chuirm mhòr gu bhith ann an Eden Court, mar a thuirt mi aig an toiseach, Diardaoin agus Dihaoine.

SN: Tha sin ceart. Tha mi a' smaoineachadh o chionn fhada, b' àbhaist aon chuirm mhòr a bhith ann air oidhche Dihaoine airson an fheadhainn a bhuannaich. Fhios a'd, mar a bhios aig a' Mhòd, can. Ach chan eil mi a' smaoineachadh gun robh daoine... cha robh cus ùidh aig daoine ann a bhith a' dol gu rud mar sin, agus... so dh'fheuch iad o chionn dhà no trì bhliadhnaichean air, man tuirt iad fhèin, gala concert. Dà chonsart mòr a chur air adhart oidhche Diardaoin 's oidhche Dihaoine. Agus aig a' chonsart sin, bidh buidheannan ciùil dhen a h-uile seòrsa, dìreach bho Inbhir Nis 's timcheall air a seo fhèin, a' gabhail pàirt. Bidh orchestra, bidh còmhlan brass, bidh còisirean, 's tha Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis, feumaidh mi ràdh, tha sinn a' gabhail pàirt oidhche Dihaoine. Ach an lùib sin, bidh duine no dithis a bhuannaich farpaisean cuideachd a' gabhail pàirt.

CM: Uill, a Sheònaid, tha mi an dòchas gun tèid gu math dhuibh, dha na sgoilearan agad fhèin a tha gu bhith a' gabhail pàirt ann, agus cuideachd dhut fhèin aig a' chuirm oidhche Haoine. Chan eil thu fhèin gu bhith a' seinn leat fhèin ann, a bheil?

SN: Chan eil. Chan eil. Taing do shealbh.

CM: Ò cha chanainn sin idir. Cha chanainn sin idir. Ach mo thaing dhutsa an-dràsta airson a thighinn air a' phrògram a dh'innse dhuinn beagan mu dheidhinn an fhèis a tha sin, agus 's dòcha gun coimhead sinn ris na pàipearan 's ris na deilbh le beagan de bharrachd de chiall againn às dèidh a bhith a' cluinntinn a' mhìneachaidh a tha siud. Tapadh leatsa, a Sheònaid.

SN: Tapadh leat fhèin.

CM: Seònaid NicGriogair an sin air an loidhne ann an Inbhir Nis.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good