Search

Prògram Choinnich

Contributors
Date 03 August 2000
Track ID 19989
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 03.08.2000

Summary

Gaelic conference in Aberdeen.

Richard Cox explains the aims of the first international conference to be held on Gaelic language, literature and history. The conference was organized by the Celtic Department at Aberdeen University and 60 papers were given on a variety of subjects.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Aberdeenshire

Parish - Aberdeen

Village/Place - Aberdeen

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Thairis air trì latha - an-dè, an-diugh agus a-màireach - tha cha mhòr a h-uile duine a tha an sàs ann an Gàidhlig ann an saoghal nan oilthigh an Obar Dheathain. Tha iad a' toirt seachad òraidean air iomadh cuspair, agus ag èisteachd ri òraidean luchd-acadaimigeach eile. Chan eil dòigh ann an uair a thìde as urrainn dhuinne ach blas fhaighinn air na tha de chuspairean a' dol, agus sin a tha sinn a' dol a dhèanamh. An toiseach, ge-tà, dè an t-amas a th' aig a' cho-labhairt a tha seo? Còmhla rium, fear dhen an fheadhainn a th' air a bhith an sàs anns an ullachadh, an t-Ollamh Ridseard Cox. Uill, Ridseard, an toiseach, cò às a thàinig an smuain a leithid a cho-labhairt a bhith ann? Carson a tha e?

Ridseard Cox (RC): Uill, mar a bha thu ag ràdh anns an ro-ràdh agad, tha an cuspair againn a-mach air cànan, litreachas 's eachdraidh muinntir na h-Albann, agus tha a' cho-labhairt cudromach air dà dhòigh. 'S e seo, cho fad 's is aithne dhuinn, a' chiad cho-labhairt dhe a leithid a tha air a bhith ann a tha a-mach a-mhàin air... air a' chuspair fharsaing seo, Rannsachadh na Gàidhlig. Air an làimh eile, tha i cudromach cuideachd seach gur e cothrom coinneachaidh a th' innte, bheil fhios agad, dhuinne. Mar as tric, bidh daoine ag obair air an ceann fhìn, agus tha e cudromach a bhith a' tighinn còmhla an-dràsta 's a-rithist gus a bhith a' deasbad 's ag èisteachd, 's a bhith ag òl 's rudan mar sin. Ach air cho mòr 's a tha i, tha e a' sealltainn cho beothail 's cho làidir 's a tha an cuspair againn anns an latha seo.

CM: Uill, gu dearbha, trì fichead òraid. Trì fichead pàipear ga lìbhrigeadh thairis air trì latha. Uill, ciamar a chaidh seo ullachadh? Dè... dè cho mòr 's a bha an t-ullachadh? Ciamar a fhuair sibh daoine cruinn còmhla? Ciamar a thàinig agaibh air a dhèanamh?

RC: Uill, sgrìobh sinn, chuir sinn a-mach litir gu na daoine a bha sinne eòlach air am biodh ùidh anns a' ghnothach, agus thàinig pàipearan a-steach mar sin. Mar a... mar a bha... mar a tha thu ag ràdh, tha trì fichead a phàipearan againn, a-mach air a h-uile seòrsa cuspair - seann bhàrdachd, pàipearan a-mach air Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, tha pàipear air nobhail ùr an latha an-diugh, agus pàipearan mu chànain, mar a bhios fuaimeannan ag atharrachadh, agus tha pàipear a-mach air mar a bhios daoine a' dol a-null gus a bhith a' bruidhinn na Beurla 's na h-adhbharan a tha an lùib sin. Tha a h-uile seòrsa cuspair ann.

Agus a thuilleadh air na trì fichead a phàipearan, tha trì làn-choinneamhan ann, trì plenaries. A-raoir, bha sinn a' cluinntinn bho Bhreandán Ó Buachalla a-mach à Baile Àtha Cliath. Bha esan a-mach air eachdraidh a' chànain, mar a tha a' Ghàidhlig ceangailte... dè an dòigh air a bheil a' Ghàidhlig ceangailte ri Gàidhlig na h-Albann 's Gàidhlig Eilean Mhanainn. Agus a-nochd, tha an t-Àrd-ollamh Dòmhnall Meek, à Obar Dheathain, gu bhith a' bruidhinn air cuspair air a bheil Bàird san Fhicheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail. Agus a-màireach, gheibh sinn pàipear bho... bhon Àrd-ollamh David Dumville à Cambridge. Tha esan gu bhith a' bruidhinn air... air eachdraidh muinntir na h-Albann agus an seòrsa suidheachaidh a bh' ann an Èirinn agus ceann a tuath na Breatainn, nuair a thàinig na Gàidheil a-nall a dh'Albainn air thoiseach.

CM: Cuspairean domhainn agus cuspairean gu math farsaing, ceart gu leòr. Ach ann a bhith a' feuchainn ri bhith a' ruith co-labhairt dhen t-seòrsa sa, far a bheil uimhir a phàipearan ga lìbhrigeadh taobh a-staigh ùine gheàrr, ciamar a tha sibh ga dhèanamh? A bheil barrachd air aon phàipear ga leughadh aig an aon àm?

RC: Tha trì a shreathan againn gach latha, agus mar sin, chan fhaigh duine air a h-uile pàipear a bhiodh iad a' miannachadh a chluinntinn a chluinntinn.

CM: Uill... ach, a-nise, tha mi cinnteach, a h-uile càil a tha sin, bidh e... bidh e aig na daoine sin sgrìobhte sìos. A bheil sibh gu bhith a' cur seo a-mach mar leabhar no càil mar sin?

RC: Uill, tha siud a rèir na tha agad a dh'airgead aig deireadh an latha, ach tha sinn an dòchas rudeigin a chur an clò, uaireigin co-dhiù.

CM: Uill, tha sibh ag ràdh gur e seo a' chiad uair, cho fad 's is aithne dhuibh, a thachair seo, a tha daoine air a thighinn mar a thui-... à Canada 's na Stàitean Aonaichte, Nirribhidh, Èirinn, agus diofar cheàrnaidhean ann an seo ann am Breatainn. A bheil sibh a' smaoineachadh gur e aon a th' ann? An tachair e a-chaoidh tuilleadh?

RC: Uill, tha sinn an dòchas gun tach-... fhios agad, gun tachair seo a-rithist, uair 's uair. 'S e tha air a bhith ann dhan a' Ghàidhlig ron a seo, àite aicese am measg chuspairean eile - a' Bheurla Ghallta, no Gàidhlig na h-Èireann - agus 's e sin as coireach gu bheil seo cho cudromach gu bheil e a' noch-... tha e a' sealltainn cho... cho... mar a bha mi ag ràdh, beothail, làidir 's a tha an cuspair againn san latha an-diugh, gum faod sinn co-labhairt cho mòr sin a chur ri chèile.

CM: Agus rud a tha mi a' smaoineachadh a tha cudromach a chaidh a ràdh rium le cuideigin an-dè, na trì fichead pàipear a tha seo, tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn trì fichead pàipear ùr.

RC: Uill, tha sin a rèir nan daoine fhèin. Cuid, bidh iad a-mach air an aon chuspair a tha... a tha iad air bhith ag obair orra fad greis, agus cuspairean ùra nam measg. A h-uile seòrsa rud.

CM: Uill, Ridseard, tapadh leat gu dearbha airson a thighinn a-steach. Tha a' chòrr dhen a' phrògram againn an-diugh a' tighinn à Obar Dheathain. Tha mise ann an Steòrnabhagh fad na tìde, ach tha feadhainn a tha an sàs ann a bhith a' toirt nan diofar òraidean ann a... còmhla rinn anns an stiùidio ann an Obar Dheathain airson dìreach beachd a thoirt dhuinn air farsaingeachd na th' againn ann an seo.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good