Search

Na Lochlannaich gan tiodhlacadh ann am Fùideigh

Date 20 March 1953
Track ID 2083
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.274.A11

Original Tape ID

SA1953.274

Summary

Vikings buried in Fuday.

Vikings were buried in Fuday, where their stronghold was. Their people in the Northern Isles were taken back to Norway for burial.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Fuday

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Agus an cuala sibh sìon a sheann naidheachdan aig na seann daoine mu bana-phrionnsaichean Lochlannach agus prionnsaichean Lochlannach, iad a bhith air an tiodhlacadh an àitichean sam bith thall no a-bhos an seo feadh na h-eileanan?

Dòmhnall MacAonghais (DM): Tha. Ò nach eile ann am Fùideigh ann a shiud, tha fhios agaibh, air an tiodhlacadh, na Lochlannaich. Chì sibh ann an geamhraidhean na cnàmhan aca a' tighinn a-mach ann an ceann an iar Fhùideigh mu choinneamh Eòlaigearraidh à aodann nam botaichean. 'S na cnotagan chlach, tha fhios agaibh, anns am biodh iad a' pronnadh a' ghràin, chì sibh iad a' tighinn a-mach fhathast ann a shin nam biodh gèile a ghaoth an iar ann. Sin agaibh dìreach far an robh na daoine. Sin far an robhar a' tiodhlacadh nan daoine, ann an ceann an iar an eilein bhrèagha a th' ann a shin, mu choinneamh Eòlaigearraidh ann am Barraigh. 'S ann. 'S ann, 's ann. Tha na claidh ann a shin. Ach, tha fhios agaibh, bha de dh'fhàgail aig an Norwegian, 's bha e riamh aig an fheadhainn a bh' air feadh nan eileanan a tuath, bha iad a' toirt nan corp leotha a Norway, ach an gearastan a bha seo. Bha. Bha siud na ghearastan aca, 's ghlèidh iad an stronghold a bha siud, tha fhios agaibh, gus an do [???] na droch dhaoine à deas air an [???] iad.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good