Search

Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir agus na h-òrain aige.

Date February 1953
Track ID 2116
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.08.B9

Original Tape ID

SA1953.008

Summary

Donald MacIntyre with information on the sources of his songs.

Donald MacIntyre tells how his mother was the source of his songs, who in turn learnt a lot from a lady from the north end of Uist called Nighean Eachainn 'ic Ruairidh.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): 'S ann aig ur màthair a-nist a chluinneadh sibhse na h-òrain?

Dòmhnall Mac an t-Saoir (DM): Aig mo mhàthair a chuala mise na h-òrain. Aig mo mhàthair a chuala mise iad. Aig mo mhàthair a dh'ionnsaich dhomh... Ged a bhithinn-sa a' dol dhan taigh luaidh 's gan cluinntinn ann. 'S tha cuimhn' agam air an fheadhainn... fhios agad, an fheadhainn individual a bhith... bha iad ainmeil... Ach 's e mo mhàthair aig an robh na h-òrain. 'S ann aice... Agus 's e tè a mhuinntir a' chinn a tuath aig an do dh'ionnsaich i fhèin a' chuid bu mhotha dhiubh. Tè ris an canadh iad Nighean Eachainn 'ic Ruairidh.

CM: Seadh, às a' cheann a tuath.

DM: Às a' cheann... à ceann a tuath Uibhist. Agus bha i... bha mòran de dh'òrain aice. Agus bha a bharrachd air a sin, bha mo mhàthair a-rithist car eòlach air Bean Mhaighstir Ruairidh. 'S ann a mhuinntir a' chinn a tuath a bha i fhèin. Bean Mhaighstir Ruairidh a bh' ann an... 's e sin athair... fhios agad Maighstir Ruairidh Dòmhnallach a bh' ann an Stadhlaigearraidh. Bha athair-san, athair a' mhinisteir sin a bh' ann an Kiltarlity. Athair Mhaighstir Eairdsidh sin a bh' ann an Kiltarlity. Uill, tha cuimhn' agamsa glè mhath air. Agus a-niste... bha Bean Mhaighstir Ruairidh, 's ann aice a bha Dreumasdal; bha tac Dhreumasdail aca. Agus 's ann aice a dh'ionnsaich mo mhàthair... bha i na h-ighinn òig an uair sin, 's ann aice a dh'ionnsaich mo mhàthair banas-taighe mar gun canadh tu. A' dèanamh arain 's dèanamh ime 's dèanamh a' chàise 's a h-uile sìon. 'S e Bean Mhaighstir Ruairidh. Uill 's ann a mhuinntir a' chinn a tuath a bha e. Maighstir Ruairidh agus a bhean.

CM: 'S ann acasan a bha na h-òrain, an ann?

DM: Chan ann aca a bha na h-òrain idir. Chan ann, 's ann a bha na h-òrain aig mo mhàthair, agus aig tè ris an canadh iad, a mhuinntir a' chinn a tuath, Nighean Eachainn 'ic Ruairidh.

CM: Bha ise às a' cheann a tuath, an robh?

DM: 'S ann a mhuinntir a' chinn a tuath a bha i. Nighean Eachainn 'ic Ruairidh a chanadh iad rithe. Agus bha iadsan... bha iadsan a' tighinn a... 's ann... Bha mo mhàthair a-nist, bheil thu a' tuigsinn, na h-ighinn òig ann a shiud agus bha a leithid a nòisean aig Maighistir Ruairidh dha na h-òrain 's dhan bhàrdachd, agus bhiodh a h-uile duine a bhiodh a' gabhail òrain aige timcheall air. Bha mo mhàthair ann daonnan. 'S a-nist, bha ise a-nist a' cumail... neo-ar-thaing nach d' fhuair ise... nach robh òrain gu leòr aice fhèin, ach fhuair i dìreach mar gun canadh tu an atmosphere aig na h-òrain ann a shiud. Cha d' fhalbh iad às a ceann tuilleadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair